A' toirt thugaibh an naidheachdan LGBTQIA+ as ùire

Seirbheis ùr a' tabhann deuchainnean HIV tron phost

Crìstean MacMhìcheil Seirbheis ùr a' tabhann deuchainnean HIV tron phost

Alba, Breatainn, Slàinte

Tha HIV Scotland agus Waverley Care air seirbheis ùr a cur air bhog gus deuchainnean HIV a thabhann tron phost.

Tha HIV Self-test Scotland ag ràdh gu bheil iad airson dòigh shìmplidh fèin-dheuchainn a thabhann do dhaoine air feadh na h-Alba, gu h-àraid ri linn a’ Choròna-bhìoras nuair nach eil a h-uile duine comasach air siubhal.

Bidh na deuchainnean a’ sgrùdadh boinne-fala gus anti-cuirp HIV a lorg agus tha an stiùireadh aca ag ràdh gu bheil iad comasach air toradh a thoirt seachad ann an 15 mionaid agus gu bheil ìre-mionaideachd de 99.7% aca.

Faodar deuchainnean òrdachadh an-asgaidh bho hivtest.scot/order agus thèid an cur tron phost ann am pacaigeadh neo-nochdaidh taobh a-staigh 48 uair a thìde.