BBC News: Pìleat le HIV a’ cur an aghaidh stiogma
Nochd an sgeulachd seo air làrach-lìn a’ BhBC o thùs: Pìleat le HIV a’ cur an aghaidh stiogma
Dh’innis duine air a bheil HIV ’s dhan deach innse nach fhaodadh e trèanadh fhaighinn mar phìleat choimearsalta, cò e, an dèidh dha a thargaid a choileanadh.
Bha James Bushe air a bhith ag iarraidh ainm a chumail dìomhair roimhe, ’s e air an t‑ainm “Pilot Anthony” a chleachdadh air Twitter airson sgrìobhadh mun t‑strì aige a dhol na phìleat.
Tha e a‑nis na phìleat aig Loganair, agus bha a’ chiad turas aige eadar Glaschu agus Steòrnabhagh air an deireadh sheachdain seo.
Chaidh cead a dhiùltadh dha James, 31, trèanadh fhaighinn seach nach fhaigheadh e teisteanas meadaigeach.
Riaghailtean
Ach tha Ùghdarras an Itealaich Shìobhalta (CAA) a‑niste air cur às dhan riaghladh sin.
Tha James air a bhith a’ sgèith ri taobh chaipteanan trèanaidh Loganair bhon t‑Samhain, ach tha e a‑niste air an trèanadh aige a chrìochnachadh, ’s e a‑niste le teisteanas na h‑itealain Embraer 145 aig Loganair a sgèith a‑mach à Glaschu.
Tha sin a’ fàgail gur e a’ chiad phìleat ùr san Roinn Eòrpa air a bheil HIV.
B’ e an tuigse a bh’ aig an CAA roimhe air riaghailtean Eòrpach gum faodadh pìleatan aig an robh teisteanasan mar thà cumail orra a’ sgèith nam faigheadh iad HIV, nam faigheadh iad teisteanas meadaigeach.
Ach a rèir na tuigse sin, chan fhaodadh duine air an robh HIV mar thà teisteanas fhaighinn airson trèanadh a thòiseachadh.
Chaidh James, a bhuineas do Stoke‑on‑Trent, an aghaidh an CAA, ’s bhuannaich e.
Tha a’ bhuidheann a‑niste air na riaghailtean atharrachadh, gus nach diùltar teisteanas meadaigeach do dhaoine le HIV.
An àite sin, gheibh daoine le HIV teisteanas a leigeas leotha sgèith – ach ann an suidheachaidhean far a bheil barrachd is aon phìleat an a‑mhàin.
Thuirt a’ bhuidheann gur e sin uile ’s a dh’fhaodadh iad a dhèanamh gus an toireadh Buidheann Eòrpach Sàbhailteachd na h‑Itealaich atharrachadh air na riaghailtean acasan.
Fhuair James cead pìleat phrìobhaidich nuair a bha e 17 – mus d’ fhuair e cead‑dràibhidh. Chaidh HIV a dhearbhadh ann o chionn còig bliadhna.
Tha e air a bhith ag iarraidh a dhol na phìleat o bha e na bhalach bheag, ’s thòisich e a’ sgèith aig aois 15.
Ghabh e uabhas nuair a fhuair e a‑mach nach fhaodadh e trèanadh ri linn HIV a bhith air.
Leth‑bhreith
“‘S e miann a tha seo a bh’ agam fad mo bheatha, agus bha e dìreach uabhasach a chluinntinn nach robh e a’ dol a thachairt,” thuirt e.
An dèidh 18 mìosan de thrèanadh, thuirt James gun robh e a’ faireachdainn iongantach a bhith na phìleat mu dheireadh thall.
“Tha an toileachas a bha mi a’ faighinnn o bhith a’ sgèith nuair a thòisich mi an trèanadh air fàs nas motha an‑diugh, gu h‑àraid ri linn na buaidhe a thug mi a‑mach,” thuirt e.
Cha b’ e co‑dhùnadh furasta a bh’ ann dha “tighinn a‑mach” mar phìleat air a bheil HIV.
B’ e na thug misneachd dha a dhèanamh, mar a dh’innis an t‑seann chluicheadair rugbaidh Chuimreach, Gareth Thomas, gun robh HIV air as t‑Samhradh an‑uiridh.
Thuirt James gun robh e a’ faireachdainn gun robh a bhith a’ cleachdadh ainm fuadain air Twitter a’ cur ris an stiogma a tha a’ cuairteachadh dhaoine a tha a’ tighinn beò le HIV.
“‘S ann mar mi fhèin a tha mi a’ dèanamh seo an‑diugh, oir tha mi airson cur an aghaidh an stiogma sin,” thuirt e.
“Chan ann mu mo dhèidhinn‑sa a tha seo a‑mhàin. ‘S ann mu dhèidhinn duine sam bith a tha beò le HIV ’s a tha ag iarraidh a dhol nam pìleat. Tha mi airson teachdaireachd a chur a‑mach gum faod iad sin a dhèanamh.
“‘S e an teachdaireachd agam do dhuine sam bhith a tha beò le HIV ’s a tha mu choinneimh leth‑bhreith – cuiribh na aghaidh, agus ’s urrainn dhuibh buannachadh.”
Tha leasachaidhean ann an dòighean lèigheis a’ fàgail gum faod dùil a bhith aig daoine air a bheil am bhìoras a bhith beò cha mhòr cho fada ri duine sam bith eile.
Tha James ag ràdh nach ionnan a bhith beò le HIV an‑diugh agus mar a bha e sna 1980an ’s na 1990an.
“Cha bu chòir do HIV bacadh a chur air duine o bhith a’ coileanadh am mianna,” thuirt e.
Nochd an sgeulachd seo air làrach-lìn a’ BhBC o thùs: Pìleat le HIV a’ cur an aghaidh stiogma