Tagraiche taghaidh Ghleann Rathais air cogadh a ghairm an-aghaidh na coimhearsnachd LCDTQ
Tha tagraiche taghaidh ann an Gleann Rathais air taic a’ Phàrtaidh Bhrexit a chall as dèidh dha cogadh a ghairm an-aghaidh na coimhearsnachd LCDTQ+.
Thàinig beachdan Victor Farrell am follais Diluain nuair a sgaoil BPA SNP, Jenny Gilruth, dealbhan-sgrìn de phuist a sgrìobh Farrell air Facebook ann an 2017 agus a tha fhathast rim faicinn air a’ phròifil phoblach aige.
Ann an aon phost sgrìobh Farrell gun robh e a’ gairm cogadh an-aghaidh na coimhearsnachd LCDTQ air fad.
Chuir Peter Grand, tagraiche an SNP a tha ag iomair an-aghaidh Farrell airson cathair Ghleann Rathais, ìmpidh air a’ Phàrtaidh Bhrexit a chur às a’ phàrtaidh.
Dhearbh neach-labhairt a’ Phàrtaidh Bhrexit ris The Courier gu bheil iad air an taic aca a tharraing bho Fharrell agus nach eil iad ag aontachadh leis a bheachdan.
Tha Farrell a-nis gu bhith na sheasamh mar thagraiche neo-eisimeileach ach tha e air na beachdan aige ath-dhearbhadh ann am post Facebook an-dè anns an tug e iomradh air muinntir LCDTQ Fìobha mar “choimhearsnachd pheacail”.