Inbhe athair air a dhiùltadh do thar-fhireannach
Tha an Àrd-chùirt ann an Lunnainn air co-dhùnadh nach fhaod tar-fhireannach, Freddy McConnell, clàradh mar athair air teisteanas-breith an leanabh aige air sgàth ’s gun do rug e an leanabh.
Thuirt Mgr McConnell gu bheil e brònach mun cho-dhùnadh ach gu bheil e a’ beachdadh air ath-thagradh a dhèanamh na aghaidh.
Ann an agallamh le The Guardian, far a bhios e ag obair, thuirt e:
“Tha dragh orm mu na bhios seo a’ ciallachadh, chan ann a-mhàin dhomhsa, ach do dhaoine tar-ghnèitheach eile a tha airson a bhith nam pàrantan.”
“Tha buaidh mhòr aige air structaran teaghlaich neo-thraidiseanta. The e a’ daingneachadh a’ bheachd nach eil ach seòrsaichean teaghlaich traidiseanta air a aithneachadh gu ceart no air a làimhseachadh gu co-ionann. Chan eil e cothromach.”
Mhothaich McConnell gun robh e tar-ghnèitheach ann an 2010 agus tha e air a bhith a’ fuireach mar fhireannach fad iomadh bliadhna.
Ann an 2013 thòisich e air leigheasan teisteostaron fhaighinn agus fhuair e obair-lannsa gus stuth a chìochan a thoirt air falbh.
Ann an 2016 fhuair e comhairle bho chlionaig sìolachaidh mu fhàs trom agus stad e na leigheasan teisteostaron.
Dh’fhàs e trom ann an 2017 agus rug e an leanabh ann an 2018.
‘S e co-dhùnadh an àrd-chùirt gur e màthair a th’ ann an neach a tha air leanabh a bhreith ge b’ e dè an gnè laghail aca.
Thuirt Sir Andrew McFarlane, Ceann-suidhe Roinn Teaghlaich na h-Àrd-chùirte, gu bheil eadar-dhealachadh susbainteach eadar gnè neach agus an inbhe aca mar phàrant agus gur e màthair a th’ ann an neach a tha air dol tron phròiseas bith-eòlasach an-sàs ann an leanabh a bhreith.