Carragh-cuimhne do dhaoine co-sheòrsach a dh’fhulaing geur-leanmhainn nan Nàsach air a mhilleadh

Tha AP News anns a’ Ghearmailt ag aithris gun deach carragh-cuimhne do dhaoine co-sheòrsach a dh’fhulaing geur-leanmhainn nan Nàsach a mhilleadh.

Chaidh an carragh-cuimhne “Denkmal für die im Nationalsozialismus verfolgten Homosexuellen” a thaisbeanadh ann an 2008 ann am Pairc Tiergarten, Berlin.

Am-broinn an carragh tha fosgladh anns a chìthear bhideo de chàraid co-sheòrsach a’ pògadh.

Thathar ag aithris gun deach a lorg le geàrdan-faire Diluain gun deach am fosgladh a chòmhdachadh le peant rè na h-oidhche.

Tha am Poileas air ràdh nach eil duine sam bith fo amharas fhathast agus cha chanadh iad an deach an eucoir a chlàradh air CCTV.

Read more