Còrr ‘s 9000 mìle an lathair aig Fèis-pròise Ghlaschu ann am meadhan connspaid ùr
Thathar a’ meas gun robh còrr ‘s 9,000 duine an lathair aig Fèis-pròise Ghlaschu an-dè.
Thuirt Crìsdean Tait, cathraiche an fhèis:
“Thathar a’ meas gun tàinig còrr ‘s 9,000 neach còmhla fo bhràtach sìtheil agus toilichte ri càirdean, teaghlaich no mar phàirt de bhuidheann.”
“Tha e air a bhith gu math soirbheachail. Bha nas lugha na an-ùiridh an-lathair ach bha faireachdainn iongantach aig a’ chaismeachd.”
A dh’aindeoin sin tha an tachartas ann am meadhan connspaid ùr as deidh dhan aonadh-ciùird Unite dearbhadh Diardaoin nach biodh iad an-làthair air sgàth malairteachadh an tachartaIs agus air sgàth ‘s gu bheil companaidhean mòra a’ cleachdadh pride airson barrachd luchd-ceannaich fhaighinn.
Bha tiocaidean a’ cosg £120 do bhuidhnean LCDTQ+ agus £420 do bhuidhneana malairteach agus chosg e £600 airson carbad-fèille a chur anns a’ chaismeachd.
Tha tachartas Disathairne cuideachd air beagan deasbaid a thogail am measg na coimhearsnachd air sgàth carbad-tiodhlachaidh a nochd anns a’ chaismeachd ann an dathan a’ bhogha-froise.
Tha mòran daoine air Twitter ag ràdh gu robh an carbad-tiodhlachaidh mì-iomchaidh air sgath an àireamh de dhaoine LCDTQ+ a bhios a’ basachadh mar thoradh fèin-mharbhadh agus AIDS.
Tha seo a’ leatainn connspaid an-ùiridh nuair a chaidh cus tiocaidean a reic airson an tachartas a’ ciallachadh nach robh cuid de dhaoine comasach air a dhol ann. Cuideachd bha gearanan mu dheidhinn droch-làimhseachadh de chleasaichean agus luchd-aoigheachd.
As t-fhoghar chaidh a dhearbhadh gun robh am poileas a’ toirt sùil air ionmhas na buidhne agus aig coinneamh poblach as t-Samhain dhearbh Stiùirich na Buidhne, Chris Laing, gun robh £32,500 fhathast aca ri phàigheadh ris a’ chomhairle.
Anns an aithisg bliadhnail aca dhan riaghlaiche carthannais OSCR, a ghabhas a leughadh an-seo, dhearbh iad call còrr ‘s £46,000 an-uiridh, a’ toirt a-steach caiteachas mì-cheadaichte de £41,422.