Buill SNP a’ càineadh a’ Prìomh Mhinisteir airson a seasamh a thaobh còirichean tar-ghnèitheach

Chaidh teachdaireachdan a fhoillseachadh air loidhne anns a bheil triùir BPA SNP a’ càineadh seasamh a’ Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, a thaobh còirichean tar-ghnèitheach agus ath-leasachaidhean air an Achd Aithne Gnè.

Chaidh na teachdaireachdan a lorg ann an còmhradh prìobhaideach air Twitter le seann neach-obrach an SNP a chur air adhart iad ri Phink Saltire.

Anns na teachdaireachdan, a ghabhas a leughadh gu h-ìseal, tha Ash Denham, Ruth Maguire agus Gillian Martin a’ deasbad ma tha Nicola Sturgeon a’ dol an-aghaidh faireachdainn a’ phàrtaidh a-thaobh ath-leasachaidhean gnè as dèidh i ràdh nach eil i a’ faicinn barrachd aithneachadh air còirichean tar-ghnèitheach mar chunnart dhi mar bhoireannach neo mar fheimineach.

‘S e Ruth Maguire BPA airson Coineagan a Deas agus ‘s i Neach-gairm Comataidh Co-ionannachd is Còireachan Daonna ann am Pàrlamaid na h-Alba. Bhiodh uallach oirre sgrùdadh èifeachdach agus cothromach air atharrachaidhean sam bith a mhol an Riaghaltas dhan Achd Aithne Gnè.

‘S e Gillian Martin BPA airson Siorrachd Obar Dheathain an Ear agus ‘s i Neach-gairm Comataidh na h-Àrainneachd, Atharrachadh na Gnàth-shìde agus Ath-leasachadh an Fhearainn.

‘S e Ash Denham BPA airson Dùn Èideann an Ear agus ‘s i na Ministear Chaibineat airson Sàbhailteachd Coimhearsnachd.

Ann an agallamh le Pink Saltire, thuirt an neach a lorg na teachdaireachdan:

“Chuir e iognadh orm an còmhradh fhaicinn. Cha toigh leam idir an dòigh anns a bhios daoine anns an SNP a’ bruidhinn mu dheidhinn daoine tar-ghnèitheach no na tha Joan McAlpine air a ràdh.”

“Chan eil cuid de dhaoine a’ faicinn na tha dha-rìreabh cudromach – gur docha gur e daoine tar-ghnèitheach am buidheann as iomallaiche anns a’ chomann-sòisealta an-dràsta agus gum bu chòir do na h-ìrean fèin-mharbhadh a-mhàin sealltainn gum bu chòir dhuinn dèanamh nas fheàrr.”

Tha eas-aonta mu na h-ath-leasachaidhean gnè air a bhith a’ fàs anns a’ phàrtaidh thairis na seachdainnean a dh’fhalbh le Joan McAlpine a’ càineadh buidhnean iomairt tar-ghnèitheach agus cuid de dhaoine ga càineadh airson beachdan oilbheumach a cho-roinn i air na meadhanan sòisealta.

Tha Riaghaltas na h-Alba, a tha air an stiùireadh leis an SNP, air dearbhadh mar-thà gu bheil iad airson laghan gnè ath-leasachadh gus am bi iad nas fhaisge air cleachdaidhean as fheàrr eadar-nàiseanta.

Mar fhreagairt air na teachdaireachdan thuirt neach-labhairt an SNP:

“Tha an SNP a’ toirt taic do chòirichean tar-ghnèitheach agus còirichean bhoireannach mar phàirt dhen dleastanas làidir againn airson còirichean daonna agus co-ionannachd.”

“Feumaidh daoine tar-ghnèitheach a bhith comasach air beathannan gun bhacaidhean neo-riatanach agus leth-bhreith.”

“Tha e cudromach gun tèid deasbad sam bith mu chòirichean tar-ghnèitheach agus còireachan bhoireannach a chumail le urram.”

Bho chaidh na teachdaireachdan a fhoillseachadh air loidhne tha buill eile an SNP, a leithid Mhairi Black, Stewart MacDonald agus Angela Crawley, air an taic aca do chòireachan tar-ghnèitheach a dhearbhadh air Twitter.

Dh’ iarr Pink Saltire air Ash Denham, Ruth Maguire agus Gillian Martin aithris a dhèanamh ach cha d’fhuair iad freagairt.

Read more