Eaglais Dhùn Phrìs a' beachdachadh air taighean LCDT a leasachadh

Tha BBC News ag aithris gu bheil eaglais ann an Dùn Phrìs a’ beachdachadh air taighean ùra a leasachadh dhan choimhearsnachd LCDT air làrach Eaglais an Naoimh Bhrìghde.

Chaidh an eaglais a thogail anns na 1860’an agus tha i fhathast aon de na toglaichean as fhollaisiche sa bhaile.

Thuirt Dr. Belle Doyle, a tha a’ stiùireadh an sgioba dealbhaidh, ris a’ BhBC gu bheil Eaglais Anglach an Naoimh Brìghde air a bhith a’ coimhead air àm ri teachd na h-eaglaise.

“‘S e aon dhe na duilgheadasan a th’ ann gur e eaglais uabhasach mhòr agus cha bhi mòran dhaoine ga cleachdadh a-nis”, ars i.

“B’ e am beachd rudeigin a thogail aig a’ chùl a bhiodh a’ pàigheadh beagan de mhàl talmhainn no rudeigin gus an eaglais a chumail a’ dol.”

Mhìnich i gu bheil iad airson pròiseact rud beag diofraichte a dhèanamh agus iad a’ beachdachadh air taighean a leasachadh do dhaoine LCDT nas sine.

“Tha mi air a bhith an-sàs leis a’ bhuidheann LCDT ann an Dùn Prìs is Gall-Ghaidhealaibh fiù ’s mus robh LCDT air”, lean i air adhart.

“Tha mi eòlach air tòrr dhaoine, ged a tha iad ag iarraidh a bhith a’ fuireach san sgìre, tha daoine a’ fàs nas sine, tha iad a’ fàs beagan nas iomallaiche.”

“‘S e seo buidheann so-leònte a bhiodh airson greim a ghabhail air cothrom air dòigh-beatha nas bailteil.”

Airson barrachd ionnsachadh mun sgeulachd seo, tadhalaibh air BBC News: LGBT-friendly homes at Dumfries church could be ‘life-changing’.

Read more