Leigheas sìolachadh in-bhiotro air a thabhann do chàraid fhireannach ann an Alba
Thàinig e am follais Didòmhnaich gun deach leigheas sìolachadh in-bhiotro a thabhann do chàraid fhireannach co-sheòrsach ann an Alba airson a’ chiad turas a-riamh san Rìoghachd Aonaichte.
A-rèir The Mail on Sunday, bidh SNS a’ toirt maoineachadh dhan chàraid gus ugh a thorrachadh le sìol-ghinidh aon dhiubh mus tèid an suth a ion-phlanntadh ann an neach-ionaid gus a thoirt gu breith.
Chaidh stiùireadh SNS atharrachadh ann an 2013 gus cothrom a thoirt gu càraidean aon-sheòrsach agus boireannaich singilte air sìolachadh in-bhiotro a chleachdadh ann an Alba, Sasainn agus a’ Chuimrigh.
Aig an àm ge-tà bha e toirmeasgte luchd-ionaid a chleachdadh airson IVF, a’ ciallachadh nach robh càraidean fireannach comasach air a chleachdadh.
Dh’atharraich Riaghaltas na h-Alba am poileasaidh sin ann an 2017 gus leigheas sìolachaidh a thabhann an-asgaidh do chàraid sam bith ge bith dè an gnè no an aidmheil cleamhnais aca.
Dhearbh neach-labhairt Riaghaltas na h-Alba ris The Mail on Sunday gu bheil SNS a’ tabhann leigheas sìolachadh in-bhiotro do dh’fhireannaich ann an dàimhean aon-sheòrsach fiù ‘s ma bhios iad a’ cleachdadh neach-ionaid, ach chuir e cuideam air a’ phuing nach lorgadh SNS neach-ionaid dhaibh.