Eòlaiche Sgaoileadh-ghalaran air iarraidh air Riaghaltas Innis Tìle crìoch a chur air a’ chasg a tha toirmeasg daoine gèidh bho bhith a’ toirt seachad fala

Tha Þórólfur Guðnason, aon dhe na prìomh Eòlaichean Sgaoileadh-ghalaran (Epidemiologist) ann an Innis Tìle, air iarraidh air an riaghaltas crìoch a chur air a’ chasg iomlan a th’ air fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala.

A-rèir The Reykjavik Grapevine, thuirt Guðnason:

“An toiseach, tha barrachd teans a-measg a’ bhuidheann seo air HIV no Hepatitis C san fhuil aca. “

“Tha daoine anns a’ bhuidheann seo a tha ri feise le dìon agus mar sin nach eil ann an cunnart, tha daoine eile ann ge-tà, aig a bheil dòigh-bheatha feiseil nas fosgailte, a tha buailteach air galaran mar seo a sgaoileadh.”

“Tha mi a’ creidsinn, mar a tha daoine eile anns an Roinn Eòrpa air a dhèanamh, gun urrainn sinn an casg iomlan a chur às agus grèis càtaidh airson grunn mhìosan a stèidheachadh.”

Anns na dùthchannan Lochlannach eile a leithid Nirribhidh agus an t-Suain faodaidh fireannaich fala a thoirt seachad mura h-eil iad air a bhith ri feise le fireannach eile fad 12 mìos.

Ged a tha casg iomlan ann an gnìomh san Danmhairg an dràsta, thèid an lagh atharrachadh ann an 2019 gus leigeil le fireannaich fala a thoirt seachad mura h-eil iad air a bhith ri feise le fireannach eile fad 4 mìos.

Read more