Riaghailtean ùra gus dèiligeadh ri gràin-tar-ghnèitheachd air Twitter
Tha Twitter air na riaghailtean aca ùrachadh gus dèiligeadh ri daoine a tha ri gràin-tar-ghnèitheachd.
Tha Gay Times ag aithris gun deach na riaghailtean ùrachadh san Dàmhair ach cha deach a mhothachadh ron a sheo.
Anns na Teirmean agus Cumhaichean ùra aca tha iad a’ soilleireachadh gum bi tòrr dhaoine LCDT+ a’ fulang droch-dhìol air loidhne.
“Tha sinn ag aithneachadh gum bi an droch-dhìol a bhios daoine a’ fulang air Twitter a’ toirt buaidh air an comas aca a bhith a’ cur iad fhèin an cèill.”
“Tha rannsachadh air sealltainn gu bheil cuid de bhuidhnean dhaoine air an cuimseachadh gu neo-iomchaidh le droch-dhìol air loidhne.”
“Nam measg: boireannaich; daoine de dhath; daoine leasbach, co-sheòrsach, dà-sheòrsach, tar-ghnèitheach, queer, eadar-sheòrsach & neo-sheòrsach; coimhearsnachdan air an iomall agus gun riochdachadh gu h-eachdraidheil.”
“Faodaidh droch-dhìol a bhith nas cumanta, nas dorra ann an nàdar agus a’ toirt buaidh nas àirde air daoine a bhios ag aithneachadh le iomadh buidheann dì-riochdaichte.”
A bharrachd air na Teirmean agus Cumhaichean tha iad air na riaghailtean atharrachadh a thaobh aithriseadh de chunntasan droch-dhìolach.
“Tha sinn a’ toirmeasg cuimseachadh air daoine le aithisean, tròpaichean no susbaint eile a bhios dì-dhaonnachadh, ìsleachadh no a bhios a’ daingneachadh gnàth-ìomhaighean àicheil no cronail mu bhuidhnean glèidhte.”
“Tha seo a’ toirt a-steach cuimseachadh a dh’aona-ghnothach air daoine tar-ghnèitheach le bhith a’ cleachdadh an gnè neo ainm ceàrr dhaibh.”