Dòchas ùr airson pòsadh aon-sheòrsach ann an Èirinn a Tuath
Tha dithis bhall-phàrlamaid Làbarach air plana a chur an gnìomh a dh’fhaodadh pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail ann an Èirinn a Tuath.
Tha Conor McGinn air a bhith a’ dèanamh iomairt airson co-ionannachd pòsaidh aig an aon àm ’s a tha Stella Creasy air a bhith a’ dèanamh iomairt airson còirichean casg-breith.
Tha an dithis a-nis air atharrachadh a thagradh do bhile a bhios a’ dol dhan Phàrlamaid Diciadain gus cumhachdan nan seirbheisich catharra ann an Èirinn a Tuath a leudachadh às aonais riaghaltas tiomnaichte san roinn.
Ma tha iad soirbheachail bhiodh an atharrachadh “Còirichean Co-ionann do Mhuinntir Èirinn a Tuath” a chur às dhan chasgan a th’ air pòsadh aon-sheòrsach agus casgan-breith.
Thuirt Mgr McGinn ris The Guardian:
“Tha a h-uile cunntas-bheachd a’ sealltainn gu bheil a’ mhòr-shluagh ann an Èirinn a Tuath, a’ mhòr-chuid dhe na pàrtaidhean poilitigeach agus an t-uamhas de BhP ann an Taigh nan Cumantan a’ toirt taic ri co-ionannachd pòsaidh.”
“Tha co-ionannachd do dhaoine LCDT ann an Èirinn a Tuath fada ro fhada agus tha an t-atharrachadh seo a’ toirt cothrom dhan Riaghaltas a bhith a’ maidseadh na thuirt iad ris na gnìomhan aca gus Èirinn a Tuath a thoirt gun aon ìre leis a’ chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte.”
Chur am buidheann Love Equality, a bhios a’ dèanamh iomairt airson co-ionannachd pòsaidh, fàilte air an naidheachd:
“Tha sinn a’ cur taic dhan ghluasad ùr seo leis na BP Conor McGinn agus Stella Creasy gus pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail ann an Èirinn a Tuath.”
“Leis nach eil dùil sam bith gum bi fèin-riaghladh a’ tilleadh tha sinn feumach air Buill-Phàrlamaid a chur stad air an leth-bhreith an-aghaidh càraidean LCDT ann an Èirinn a Tuath. Faighnichibh dhan BP agaibh taic a chur ris.”