An t-Òban airson a’ chiad fèis-pròise aca a chumail an ath-bhliadhna
Thèid fèis-pròise a chumail anns an t-Òban an ath-bhliadhna airson a’ chiad turas a-riamh.
Chaidh ainmeachadh air Facebook ann an bhidio goirid le bànrigh draga ionadail, Crystal, anns a bheil i ag iarraidh air muinntir an àite tighinn gu sgrìonadh sònraichte dhen film God’s Own Country ann an Taigh-dhealbh Pheonix 26mh Dàmhair aig 7f. Cuideachd thuirt i gum bi oidhche làn ceòl agus fealla-dhà aig Bar na Seilear as a dhèidh.
Thuirt Gary Hamilton, neach-labhairt Fèis-pròise an Òbain ri Phink Saltire:
“Rugadh am beachd bho iomairt an aghaidh stiogma a bha a’ ruith anns an t-Òban ann an co-bhonn ri Waverley Care Scotland agus Taigh-dhealbh Pheonix. Tha sinn air ar brosnachadh leis na tachartasan a chaidh a chumail air feadh na dùthcha agus tha sinn airson taic a shealltainn dhan choimhearsnachd iomallach LGBT+ againn fhèin.”
Thathar an dùil ri barrachd fhiosrachaidh mun fhèis anns a’ bhliadhn’ ùr agus faodar cumail suas leis an naidheachd as ùire mu a dheidhinn air Facebook: https://www.facebook.com/ObanPride/