Ministear Eaglais na h-Alba air leisgeul a thoirt dhan a’ choimhearsnachd LCDT aig Fèis-pròise Pheairt

Tha ministear Eaglais na h-Alba air leisgeul a thoirt seachad aig Fèis-pròise Pheairt airson cron sam bith a tha an eaglais air a dhèanamh dhan a’ choimhearsnachd LCDT.

‘S e an t-Urr Scott Burton na chiad mhinistear aig Eaglais na h-Alba a-riamh gus fèis-pròise fhosgladh gu h-oifigeil.

Air thoiseach air an tachartas thuirt Mgr Burton:

“Tha mi air mo dhòigh glan a bhith a’ fosgladh an tachartas seo, ’s e urram iongantach a th’ ann.”

“Bidh mi a’ toirt an cothruim gus leisgeul a thoirt do bhuill dhen choimhearsnachd LCDT ma tha iad air a bhith air an goirteachadh, air an ailiseachadh agus air an diùltadh le Eaglais na h-Alba.”

Cuideachd ann an aithris ris a’ BhBC thuirt e:

“Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil an Eaglais a’ fàs nas mothachail gu bheil amannan air a bhith ann nuair a rinn sinn mearachdan a-thaobh na coimhearsnachd LCDT agus bu chòir dhuinn maitheanas iarraidh air a shon agus leisgeul a thoirt seachad air a shon.”

“‘S e sin aon dhe na ceumannan againn – a’ ruighinn a-mach ri ràdh gur e ar bràithrean agus ar peathraichean ann an daonnachd a th’ annaibh. Tha gaol againn oirbh. Tha sinn airson ’s gum bidh fios agaibh gu bheil gaol aig Dia oirbh agus gu bheil sinn airson coiseachd còmhla riut.”

Tha bhidio dhen òraid a rinn e aig an fhèis ri fhaicinn gu h-ìosal:-

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.