Proud Ness gu bhith a’ cumail sreath de thachartasan LCDTE air feadh na Ghàidhealtachd
Chaidh a dhearbhadh le Fòram LCDTE na Gàidhealtachd an-diugh gun tèid fèis-pròise a chumail ann an Inbhir Nis 6mh An Dàmhair 2018.
Tòisichidh an tachartas le caismeachd tron bhaile gus an ruig e Cùirt an Easbaig far a bhios stanndaichean fhiosrachaidh, ealain & ceàirdean, bùthan-obrach agus luchd-labhairt a’ dèanamh òraidean agus bidh diosgo aig Taigh-òsta Mercure aig deireadh an latha.
A bharrachd air an tachartas ann an Inbhir Nis, thèid sreath de thachartasan nas beaga a chumail air feadh na Gàidhealtachd. Nam measg bidh tachartasan beaga air:
- 11mh An Lùnastal ann an Inbhir Theòrsa;
- 25mh An Lùnastal ann am Port Rìgh;
- 1mh An t-Sultain ann an Ulapul;
- 8mh An t-Sultain anns An Aghaidh Mhòr;
- 15mh An t-Sultain anns An Gearasdan;
‘S e seo a’ chiad tachartas LCDTE air an sgèile seo anns a’ Ghàidhealtachd o chionn 2002 nuair a chum Pride Scotland an tachartas bliadhnail aca taobh a-muigh Meadhan na h-Alba airson a’ chiad turas.
Airson cumail suas leis an naidheachd as ùire bhon sgioba Proud Ness cumaibh sùil air an duilleag Facebook aca.