Gheibh an carthannas Òigridh LCDT na h-Alba (LGBT Youth Scotland) £75,000 bho Riaghaltas na h-Alba mar phàirt dhen sgeama “Bliadhna na h-Òigridh” a bhios iad a’ ruith fad 2018.
‘S e a h-amas a bhith a’ brosnachadh Alba tron òigridh againn. Bidh a’ bhliadhna seo a’ comharrachadh euchdan na h-òigridh agus a’ cruthachadh chothroman do dh’òigridh a bhith soirbheachail aig ìre ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.
A bharrachd air Òigridh LCDT na h-Alba bidh an Riaghaltas a’ roinn maoineachadh de £14m a-measg còrr ’s 100 buidheann a leithid Scouts Scotland, Save the Children agus Barnardo’s.
Tha clàir phoblach a’ sealltainn gu bheil teachd-a-steach Òigridh LCDT na h-Alba air àrdachadh £250,000 san bhliadhna mu dheireadh agus ann am Màrt 2017 ruig am maoineachadh gu lèir aca suas ri £1.1m. Thathar an dùil gum faigh an carthannas còrr ’s £300,000 bho phrògraman co-ionnanachd eile aig an Riaghaltas.
Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.