Riaghailtean nas fuasgailte a thaobh fireannaich co‑sheòrsach a’ toirt seachad fala

Tha Seirbheis Fala na h‑Alba (SNBTS) air ràdh gun tèid na riaghailtean a thaobh fala a thoirt seachad atharrachadh a‑màireach.

Am‑measg na h‑atharrachaidhean bidh fireannaich co‑sheòrsach/dà‑sheòrsach comasach air fala a thoirt seachad mura h‑eil iad air a bhith ri feise le fireannach eile sna trì mìosan roimhe.

O chionn 2011 cha robh fireannaich comasach air fala a thoirt seachad ma tha iad air a bhith ri feise le fireannach eile sa bhliadhna roimhe agus ro 2011 bha casg air fireannaich co‑sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala. Chaidh an casg a chur an sàs anns na 1980an air sgàth eagail mun ghalair HIV.

Am measg na h‑atharrachaidhean eile bidh tabhairtichean comasach air fala a thoirt seachad an dèidh ceithir mìosan, seach bliadhna, ma tha iad air tattoo, piercing, acupuncture no endoscopy fhaighinn agus sia mìosan, seach naoi, an dèidh leanabh a bhreith .

Thathar an dùil gum bi 2000 a bharrachd comasach air fala a thoirt seachad air sgàth ’s na h‑atharraichean seo.

Ma tha sibh ag iarraidh barrachd fhiosrachaidh mu dheidhinn na h‑atharraichean seo faodaidh sibh fòn a chur dhan SNBTS air 0345 90 90 999 no post‑d a chur dhaibh.

Fàg beachd