Companasan‑catharra air a dhèanamh laghail ann an Èirinn

Chaidh laghan ùra a chur an gnìomh ann an Èirinn Disathairne gus companasan‑catharra a dhèanamh laghail anns an dùthaich.

A dh’aindeoin seo tha cuid anns a’ choimhearsnachd LGDT+ Èireannach air an achd a chàineadh air sgàth ’s gum feumar gach càraid tagradh a chur a‑steach co‑dhiù trì mìos ro‑làimh ma bhios iad airson cead fhaighinn bhon Riaghaltas agus air sgàth ’s nach eil an achd a’ toirt còirichean co‑ionann do phàrantan co‑sheòrsach.

Tha am buidheann LGBT Noise a’ càineadh an achd ùr air sgàth ’s nach eil e a’ toirt cead pòsaidh do chàraidean aon‑sheòrsach.

Thuirt neach‑labhairt a’ bhuidhinn ris an Irish Times:

“Bidh pàrantan a’ pàigheadh cìsean mar càraid ach cha bhi còraichean pàrant aca mar càraid. Tha Noise a’ creidsinn nan robh a h‑uile buannachd a th’ aig pòsadh ri fhaotainn le companasan‑catharra gur e leth‑bhreith a bhiodh ann fhathast air sgàth ’s gum biodh siostam fa leth ann do mhuinntir a’ choimhearsnachd LGDT.”

Thathar an dùil gun tèid na ciad companasan‑catharra a chumail sa Ghiblean air sgàth ’s gum feumar cead fhaighinn trì mìosan ro‑làimh ach faodar cead fhaighinn ro sin ma bhios tu a’ faighinn saoradh bhon a’ chùirt mar thoradh adhbharan slàinte m.s.a.a.

Bidh an achd ùr ag aithneachadh companasan‑catharra bho 27 dùthchannan eile a’ toirt a‑steach An Rìoghachd Aonaichte agus Canada ach cha bhi e ag aithneachadh pòsaidhean aon‑sheòrsach à dùthchannan far a bheil iad ceadaichte.

Fàg beachd