Àrd‑chùirt Iowa air bhòtadh gus pòsadh aon‑sheòrsach a dhèanamh laghail

Tha Àrd‑chùirt Iowa air bhòtadh gus pòsadh aon‑sheòrsach a dhèanamh laghail anns an stàit.

Mar phàirt dhen co‑dhùnadh aon‑ghuthach, thuirt na breitheamhan le bhith a’ mìneachadh pòsadh mar aonadh eadar boireannaich agus fireannaich bha bun‑reachd na stàite a’ dol an aghaidh e fhèin air sgàth ’s gu bheil e a’ brosnachadh co‑ionannachd.

Chaidh a’ chùis a thoirt dhan chùirt anns an Dùbhlachd 2005 air sgàth ’s sia càraidean aon‑sheòrsach a thug Timothy Brien, Clàraich Siorrachd Polk, gu lagh air sgàth ’s nach dh’fhuair iad cead pòsaidh bhon oifis aige.

Thug iad ionnsaigh air laghan na stàite a thuirt gun robh pòsadh a’ ciallachadh aonaidhean eadar boireannaich agus fireannaich a‑mhàin.

Anns an Lùnastal 2007 thuirt cùirt na sgìre gun robh e a’ dol an‑aghaidh a’ bhun‑reachd a bhith a’ cur casg air càraidean aon‑sheòrsach a bhith a’ pòsadh.

Anns a’ Mhàrt 2008, chaidh 15 friend‑of‑the‑court briefs a chlàradh a bha a’ toirt taic ri càraidean aon‑sheòrsach a bha airson pòsadh, agus airson còirichean na clann aca.

Ghabh ceudan de Iowanaich ris na briefs sin a’ toirt a‑steach dithis seann Lietenant Governors Joy Corning agus Sally Pederson.

Tha Iowa a‑nis na ciad stàit ann an iar‑mheadhan na Stàitean Aonaichte far a bheil pòsadh aon‑sheòrsach ceadaichte agus chan eil ach dà stàit eile anns na Stàitean gu lèir fair a bheil e ceadaichte.

Fàg beachd