Gearanan a’ cur bacadh air ministear co‑sheòrsach

Thèid coinneamh a chumail gus deasbad ma bhios ministear co‑sheòrsach ann an Obair Dheathain comasach air obair airson an eaglais.

Tha am Press & Journal ag ràdh gun deach an t‑Urr. Scott Rennie a chur an dreuchd aig Eaglais Chrois na Banrighinn san Fhaoilleach le bhòt 60 gu 24 ach gu bheil 13 buill dhen eaglais air gearanan a dhèanamh mun dhòigh‑bheatha aige.

Tha an t‑Urr. Rennie a’ fuireach anns a’ mhansa aig Àrd‑Eaglais Bhrechin, far a bheil e ag obair, còmhla ris a bhràmair.

A‑nis thèid coinneamh a chumail le comataidh air a dhèanamh suas le ministearan agus èildearan gus deasbad air na gearanan agus co‑dhùnadh a dhèanamh air ma bhios an cuspair a’ dol air adhart dhan Seanadh sa Chèitean.

Fàg beachd