Iongnadh mòr air California às deidh baraile bho Attorney General

Chuir Attorney General Edmund G. “Jerry” Brown, Jr., iongnadh air a h‑uile duine ann an California nuair thug e bharail laghail do Àrd‑chùirt Chalifornia an aghaidh Proposition 8. Bidh dleastanas àbhaisteach aig an Attorney General an lagh a’ dìon. Thuirt Attorney General Brown, a b’ àbhaist a bhith na riaghladair e fhèin (1975‑1983), gu nach eil comas aig bhòt an t‑sluaigh sam bith a chur às don còraichean bun‑reachdail coltach ri co‑ionnanachd nan daoine. ‘S e seo argamaid laghail caran nas làidire na h‑argamaid a rinn na luchd‑dùbhlain eile.

Bidh an neach‑lagha ainmeil Kenneth Starr a’ dìon Proposition 8 air beulaibh an Àrd‑chùirt Chalifornia mar riochdaire nam buidheann a chuir am Proposition air adhart bho thùs. Bha Kenneth Starr an sàs sna cùisean‑lagha an aghaidh Ceann‑suidhe Bill Clinton anns na 1990s, agus an‑diugh tha e na Dhean aig Pepperdine Law School ann am Malibu ann an California.

An e “ath‑sgrùdadh neo dìreach “atharrachadh” a th’ ann?

‘S ann do bun‑reachd na stàite a bhuineas Proposition 8 an‑dràsta. Chan urrainn do Àrd‑chùirt bun‑reachd a chur às. Ciamar am b’ urrainn do luchd‑dùbhlain a thoirt cùis‑lagha na h‑aghaidh? Seo cnac a’ chùis: tha clàs dìon còraichean co‑ionnan aig Bun‑reachd na Stàite, ach an e Proposition 8 ath‑sgrùdadh mòr air a’ chlàs sin agus a’ Bhun‑reachd fhèin, neo dìreach atharrachadh beag? ‘S e ceist chudromach a th’ann. ‘Sann a‑mhàin pàrlamaid na stàite, ris an canar The State Assembly, a b’ urrainn ath‑sgrùdadh bun‑reachdail a chur air beulaibh an t‑sluagh, agus feumar a bhith mòr‑chuid de 2/3 san Assembly air a shon. Ma tha an sluagh ag iarraidh atharrachadh beag a dhèanamh, ‘s urrainn dhaibh ath‑chuinge a dhèanamh airson atharrachadh a chur air a’ bhallot, agus tha mòr‑chuid simplidh, 51%, gu leòr airson buaidh. Tha na luchd‑dùbhlain, a tha nan gearanaichean a’ chùis, ag iarraidh gum breith an Àrd‑chùirt gur e ath‑sgrùdadh mòr a th’ ann am Proposition 8, agus gun robh na modhan gun a bhith riaghailteach. Ma dh’aontaicheas na breitheamhan, bhiodh Proposition 8 a’ dol à bith.

Fàg beachd