Pàrlamaid Chùba a’ beachdachadh air còirichean LCDTE

Tha luchd-lagha anns a’ Chùba a’ beachdachadh air laghan ùra a dhèanamh gus còirichean co-ionann a thoirt ris a’ choimhearsnachd LCDTE.

Thathar an dòchas gum biodh na laghan seo nan ceuman mòr ri companasan-catharra fhaighinn agus ri cothroman air obraichean lannsa gus ur gnè atharrachadh.

Thuirt Mariela Castro, Neach-stiùiridh Ionad Nàiseanta na Feise:

“Thèid cùmhnant freagarrach a shoighneachadh le Ministrealachd na Slàinte gus dòigh-obrach stèidheachadh airson obraichean lannsa mar seo agus companasan-catharra a thoirt seachad.”

Tha Mariela nan nighean Raul Castro, Ceann-suidhe Chùba agus tha i ag ràdh gu bheil i airson “The Cuban Revolution” beartachadh leis an strì aice airson co-ionannachd eadar daoine de gach gnè agus airson còirichean co-sheòrsach.

Tha i air a bhith na ceannard Ionad Nàiseanta na Feise o chionn 2000 agus o chionn ghoirid tha i air a bhith a’ dèanamh iomairt airson còirichean co-sheòrsach ach tha i ag ràdh gur e obair gu math doirbh a th’ ann air sgàth an comann-sòisealta prìomh-athaireil a tha anns a’ Chùba ach tha beachdan ag atharrachadh.

Chaidh co-sheòrsachd a dhì-eucoireachadh ann an cuid ann an 1979 agus chaidh an aois aontaidh a cho-ionannachadh ann an 1992.

Read more