Iorànach co-sheòrsach fhathast ri bhith fuadachadh a-mach às an RA
Tha gnìomhaichean LCDTE ag ràdh gum bu chòir do Riaghaltas Bhreatainn ath-sgrùdadh a dhèanamh air cùisean-lagha aig Iorànach co-sheòrsach eile as dèidh do chùis Medhi Kazemi allsachadh.
Thuirt Rùnaire na Dùthcha Jacqui Smith gum bu chòir do ath-shùil a bhith a’ toirt air chùis Medhi Kazemi air sgàth ’s an suidheachadh ùr aige.
Tha Kazemi, 19, air a bhith a’ fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte o chionn 2005 ach theich e dha na Tìrean Ìsle air sgàth ’s gun do dhiùlt Riaghaltas Bhreatainn comraich a thoirt dha.
Air sgàth ’s a’ cho-dhùnadh seo bha Kazemi ri bhith fuadachadh a-mach às an Tìr Ìosal air ais dhan Rìoghachd Aonaichte agus air adhart gu Ioràn far a bheil co-sheòrsachd mì-laghail.
Thuirt Omar Kuddus a tha na gnìomhaiche còirichean co-sheòrsach a’ sabaid air taobh Kazemi:
“Airson aon turas rinn Riaghaltas Bhreatainn an rud ceart agus thug iad cothrom dhan a’ ghille seo.”
“Chan eil teagamh sam bith dè bhios a’ tachairt do Kazemi ma tèid e air ais gu Ioràn – thèid ga chur gu bàs, dìreach air sgàth ’s gu bheil e co-sheòrsach.
“Chan eil Ioràn a’ gabhail ri daoine co-sheòrsach agus thèid gan cur gu bàs leis an stàit, ma tha iad ciontach ri co-sheòrsachd.”
Ach thuirt Bhana-bharan Sarah Ludford a tha na Ball Pàrlamaid na h-Eòrpa:
“Cha bu chòir dhuinn dìochuimhneachadh gu bheil an t-eagal fhathast air Iorànach co-sheòrsach eile. Tha iad airidh air ceartas cuideachd.”