• Cuairt-litir #11

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Teiripe iompachaidh

    Thathar ag aithris gu bheil dreachd reachdais a chuireas casg air teiripe iompachaidh deiseil ’s e a’ feitheamh ri aonta Rishi Sunak.

    Thathar a’ tuigsinn ge-tà gu bheil beàrn laghail ann a cheadachas teiripe iompachaidh a dhèanamh air inbhich a tha air aontachadh ris.

    Chaidh an casg ainmeachadh o thùs ann an 2018 le Theresa May, ach chaidh a thilgeil a-mach le Boris Johnson anns a’ Mhàrt 2022.

    Rinn Johnson car iomlan ann an nas lugha na aon latha ach thuirt e nach toireadh an reachdas dìon do luchd thar-ghnèitheach.

    Chaidh ainmeachadh le Rùnaire a’ Chultair, Michelle Donelan, san Fhaoilleach 2023 ge-tà gun toireadh an reachdas dìon do luchd tar-ghnèitheach cuideachd.

    Twitter

    Dh’ainmich Elon Musk Diciadain gur e faclan tàireil an th’ ann an “cis” agus “cisgender” agus gum biodh buaidh air cleachdaichean a bhios a’ cuimseachadh air cunntasan eile leis na faclan seo.

    Thathar a’ cleachdadh am facal “cisgender”, no cios-ghnèitheach anns a’ Ghàidhlig, gus iomradh a thoirt air neach aig a bheil gnè a tha a’ freagairt air a’ ghnè bhith-eòlasach aca.

    Bha Musk a’ freagairt tuèit bhon chleachdaiche James Esses, a thuirt gun robh e air a chuimseachadh as dèidh dha ràdh gu bheil am facal “cis” ga fhàgail a’ faireachdainn “neo-shàbhailte” agus gur e dalm-bheachdaiche a th’ ann an neach sam bith a chleachdas e gus iomradh a thoirt air-san.

    An Eadailt

    Dh’fhaodadh gun tèid ainmean iomadh màthair leasbach san Eadailt an cur à teisteanasan-breithe a’ chuid chloinne as dèidh do bhàillidh ann an ceann tuath na dùthaich iarraidh air britheamhan ainmean mhàthraichean nach do rugadh an cuid cloinne a chur às.

    Tha dùil gun riaghail cùirt air a’ chùis nas fhaide air adhart dhan bhliadhna.

    Florida

    Riaghail am Britheamh Robert Hinkle Diciadain gun robh reachdas a chuireadh casg air àrachas-slàinte do luchd tar-ghnèitheach ann am Florida neo-bhun-reachdail.

    Arkansas

    Riaghail am Britheamh Jay Moody Dimàirt gun robh reachdas a chuireadh casg air cùram-slàinte daingneachadh gnè do luchd thar-ghnèitheach fo 18 bliadhna a dh’aois neo-bhun-reachdail.

  • Cuairt-litir #8

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Texas

    Tha Riaghladair Texas, Greg Abbot, air bile a shoidhnigeadh a chuireas casg air cùram-slàinte daingneachadh gnè do dhaoine fo aois 18 bliadhna a dh’aois.

    A bharrachd air sin bidh aig daoine fo 18 sgur de chùram-slàinte daingneachadh gnè sam bith a tha iad a’ gabhail cothrom air mar-thà.

    Thèid an lagh ùr a chur an gnìomh san t-Sultain.

    Maryland

    Shoidhnig Riaghladair Maryland, Wes Moore, òrdugh-gnìomha Diluain gus cùram-slàinte daingneachadh gnè san stàit a ghlèidheadh.

    Louisiana

    Bhòt luchd-lagha ann an Louisiana Dimàirt gus cùram-slàinte daingneachadh gnè do dhaoine fo 18 bliadhna a dh’aois a thoirmeasg san stàit.

    Mike Pence

    Tha Mike Pence, a tha a’ seasamh airson a bhith na h-ath Cheann-suidhe air na Stàitean Aonaichte, air ràdh gu bheil e a’ cur taic làidir ri casg air cùram-slàinte daingneachadh gnè ‘s gun cur e crìoch air ceartachd phoileataigeach ma bhuannaicheas e taghadh na h-ath bhliadhna.

    Innis Tìle

    Bhòt Pàrlamaid na h-innis Tìle Dihaoine gus casg a chur air teiripe iompachaidh air sgàth taobhadh feise no dearbh-aithne gné.

    Bhòt 53 Buill-Phàrlamaid airson a’ chasg, 0 na aghaidh agus cha do bhòt triùir.

    NHS Shasainn

    Thuirt NHS Shasainn Dihaoine gun sgur iad a’ toirt leigheasan a chureas bacadh air inbhidheachd do dhaoine fo 18 bliadhna a dh’aois gus an dèan iad barrachd rannsachaidh air na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan a th’ aca.

    Thom Tills

    Bhòt Riochdairean Pàrtaidh Poblachdach nan Stàitean Aonaichte Disathairne gus Seanadair Thom Tills a chronachadh as dèidh dha taic shealltainn do chòirichean LGDTC+ agus ath-leasachadh adhartach air poileasaidhean in-imrich.

    iOS 17

    Chaidh iOS 17 a thaisbeanadh le Apple an t-seachdain sa ‘s am measg nan ùrachaidhean a th’ ann chaidh ainmeachadh gum bi cleachdaichean comasach air riochdairean pearsanta gnàthaichte a shuidheachadh san aplacaid Contacts.

    Pròis Mhoireibh

    Thèid deuchainnean-cluiche fosgailte airson Pride in Moray a chumail 7f Disathairne 15mh den Ògmhios aig Talla-coimhearsnachd Spè ann am Farrais.

  • Dìonan tar-ghnèitheach gan cur às bho phoileasaidh Twitter air giùlan gràineil

    Tha Twitter air am poileasaidh aca air giùlan gràineil ùrachadh gu sàmhach gus earrann a thug dìon do chleachdaichean tar-ghnèitheach bho mhì-ghnèitheachadh (misgendering) is mharbh-ainmeachadh (deadnaming) a chur às.

    B’ àbhaist dhan poileasaidh a ràdh:

    “We prohibit targeting others with repeated slurs, tropes or other content that intends to dehumanize, degrade or reinforce negative or harmful stereotypes about a protected category. This includes targeted misgendering or deadnaming of transgender individuals.”

    ach chaidh atharrachadh 8mh den Ghiblean gus an rosgrann mu dheireadh a chur às.

    Tha am poileasaidh fhathast a’ toirmeasg ionnsaighean a-thaobh cinnidh, cinnidheachd, tùs-àite, dual-fhine, taobhadh feise, gnè, fèin-aithne gnè, creideimh, aoise, ciorraim no droch-thinneis.

  • Geamaichean-bhidio LGDTQ air an taisbeanadh ann an taigh-tasgaidh Bherlin

    Tha Taigh-tasgaidh Schwules ann am Berlin air taisbeanadh ùr fhosgladh gus geamaichean-bhidio LGDTQ a chomharrachadh.

    Bidh luchd-tadhail a’ leantainn an taisbeanadh timcheall bogha-froise, le dath eadar-dhealaichte aig gach roinn, a’ comharrachadh nan 33 bliadhna mu dheireadh de shusbaint LGDTQ ann an geamaichean tro ealain spèisearan, cuimhneachain agus agallamhan bhidio le luchd-dealbhaidh – a bharrachd air tiotalan mar Caper in the Castro, aon dhen a’ chiad gheamaichean LGDTQ, a tha ri cluich leis an luchd-tadhail.

    Chaidh an taisbeanadh a chruthachadh le neach-tasgaidh, Jan Schnorrenberg; neach-naidheachd geamaichean-bhidio, Sarah Rudolph; agus Dr Adrienne Shaw, a tha na proifeasair agus ùghdar a’ speisealachadh ann an cùisean queer, feisealachd agus gnè ann an geamaichean-bhidio agus eachdraidh geamaichean-bhidio LGDTQ.

    Ann an 2016 stèidhich Shaw an làrach-lìn LGBTQ Video Game Archive gus eachdraidh geamaichean-bhidio LGDTQ a chlàradh. Thuirt i ris The Guardian:

    “Ron an tasglann, cha robh tuigse eachdraidheil air susbaint LGDTQ sa mheadhan seo.”

    “Tha e ga dhèanamh furasta a dhìochuimhneachadh gu bheil an seòrsa susbaint seo an còmhnaidh air a bhith ann an geamaichean.”

    Thuirt Schnorrenberg gu bheil i “an dòchas gum faigh na daoine a bhios a’ dol chun taisbeanadh seo cothrom air an cultar iongantach a tha ann an seo.”

    Bidh Rainbow Arcade: Queer Gaming History 1985-2018 ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh Schwules gu 13mh Chèitean 2019.

  • Riaghailtean ùra gus dèiligeadh ri gràin-tar-ghnèitheachd air Twitter

    Tha Twitter air na riaghailtean aca ùrachadh gus dèiligeadh ri daoine a tha ri gràin-tar-ghnèitheachd.

    Tha Gay Times ag aithris gun deach na riaghailtean ùrachadh san Dàmhair ach cha deach a mhothachadh ron a sheo.

    Anns na Teirmean agus Cumhaichean ùra aca tha iad a’ soilleireachadh gum bi tòrr dhaoine LGDT+ a’ fulang droch-dhìol air loidhne.

    “Tha sinn ag aithneachadh gum bi an droch-dhìol a bhios daoine a’ fulang air Twitter a’ toirt buaidh air an comas aca a bhith a’ cur iad fhèin an cèill.”

    “Tha rannsachadh air sealltainn gu bheil cuid de bhuidhnean dhaoine air an cuimseachadh gu neo-iomchaidh le droch-dhìol air loidhne.”

    “Nam measg: boireannaich; daoine de dhath; daoine leasbach, co-sheòrsach, dà-sheòrsach, tar-ghnèitheach, queer, eadar-sheòrsach & neo-sheòrsach; coimhearsnachdan air an iomall agus gun riochdachadh gu h-eachdraidheil.”

    “Faodaidh droch-dhìol a bhith nas cumanta, nas dorra ann an nàdar agus a’ toirt buaidh nas àirde air daoine a bhios ag aithneachadh le iomadh buidheann dì-riochdaichte.”

    A bharrachd air na Teirmean agus Cumhaichean tha iad air na riaghailtean atharrachadh a thaobh aithriseadh de chunntasan droch-dhìolach.

    “Tha sinn a’ toirmeasg cuimseachadh air daoine le aithisean, tròpaichean no susbaint eile a bhios dì-dhaonnachadh, ìsleachadh no a bhios a’ daingneachadh gnàth-ìomhaighean àicheil no cronail mu bhuidhnean glèidhte.”

    “Tha seo a’ toirt a-steach cuimseachadh a dh’aona-ghnothach air daoine tar-ghnèitheach le bhith a’ cleachdadh an gnè neo ainm ceàrr dhaibh.”

  • Google an aghaidh a’ chaisg air pòsadh aon-sheòrsach

    Tha Google air ràdh gu bheil iad an aghaidh a’ chaisg air pòsadh aon-sheòrsach ann an California.

    Thuirt Sergey Brin, Co-stéidheadair Google, ann am blog gu bheil an companaidh dhen bheachd gur e cùis co-ionannachd a th’ ann.

    Chan eil e soilleir fhathast ma bhios Google a’ toirt cuideachaidh dhan iomairt an-aghaidh Proposition 8.

    Anns na seachdainean mu dheireadh tha rionnagan a leithid Brad Pitt agus Steven Speilberg air airgead a thoirt dhan iomairt.

    Anns a’ Chèitean 2008 thog an Àrd-chùirt Chalifornia an casg a bh’ air pòsadh aon-sheòrsach anns an stàit ach tha Proposition 8 airson ga chur an àite a-rithist.

    “Tha sinn an dùil gum bi luchd-bhòtaidh ann an California a’ bhòtadh an aghaidh Proposition 8”, sgrìobh Mgr Brin.

    “Ged a tha meas mòr againn air beachdan na daoine air gach taobh an deasbad seo, tha sinn dhen bheachd gur e cùis co-ionannachd a th’ ann.”