Carthannasan tar‑ghnèitheach gan toirt air falbh bho dhuilleag taic a’ BhBC

Tha a’ BhBC air duilleag‑lìn atharrachadh gus fiosrachadh mu charthannasan a bheireas taic do dhaoine tar‑ghnèitheach a thoirt air falbh.

Tha an LGBT Foundation, Mermaids, The Gender Trust agus GIRES (The Gender Identity Research and Education Society) uile nan carthannasan clàraichte a bheireas taic agus comhairle do dhaoine tar‑ghnèitheach agus neo‑bhìnearaidh.

Bha na carthannasan uile air an liostadh air duilleag‑lìn a’ BhBC “Information and Support: Gender Indentity” còmhla ri ceangal ri làrach‑lìn an NHS le barrachd fhiosrachaidh mu neo‑shàstachd gnè (gender dysphoria) ach tha e air nochdadh gun deach an duilleag atharrachadh o chionn 29 Ògmhios gus nach eil fiosrachadh sam bith air.

Bidh a’ BhBC gu tric a’ dèanamh ceangal ri duilleagan mar seo gus barrachd fhiosrachaidh no comhairle a thoirt dhan leughadairean aca mu na cuspairean a nochdas anns na h‑artaigealan naidheachd aca.

Thuirt neach‑labhairt airson a’ charthannas Mermaids gu bheil dragh orra mun atharrachadh agus gu bheil iad air iarraidh air a’ BhBC a cheartachadh sa bhad.

Geamaichean‑bhidio LGDTQ air an taisbeanadh ann an taigh‑tasgaidh Bherlin

Tha Taigh‑tasgaidh Schwules ann am Berlin air taisbeanadh ùr fhosgladh gus geamaichean‑bhidio LGDTQ a chomharrachadh.

Bidh luchd‑tadhail a’ leantainn an taisbeanadh timcheall bogha‑froise, le dath eadar‑dhealaichte aig gach roinn, a’ comharrachadh nan 33 bliadhna mu dheireadh de shusbaint LGDTQ ann an geamaichean tro ealain spèisearan, cuimhneachain agus agallamhan bhidio le luchd‑dealbhaidh – a bharrachd air tiotalan mar Caper in the Castro, aon dhen a’ chiad gheamaichean LGDTQ, a tha ri cluich leis an luchd‑tadhail.

Chaidh an taisbeanadh a chruthachadh le neach‑tasgaidh, Jan Schnorrenberg; neach‑naidheachd geamaichean‑bhidio, Sarah Rudolph; agus Dr Adrienne Shaw, a tha na proifeasair agus ùghdar a’ speisealachadh ann an cùisean queer, feisealachd agus gnè ann an geamaichean‑bhidio agus eachdraidh geamaichean‑bhidio LGDTQ.

Ann an 2016 stèidhich Shaw an làrach‑lìn LGBTQ Video Game Archive gus eachdraidh geamaichean‑bhidio LGDTQ a chlàradh. Thuirt i ris The Guardian:

“Ron an tasglann, cha robh tuigse eachdraidheil air susbaint LGDTQ sa mheadhan seo.”

“Tha e ga dhèanamh furasta a dhìochuimhneachadh gu bheil an seòrsa susbaint seo an còmhnaidh air a bhith ann an geamaichean.”

Thuirt Schnorrenberg gu bheil i “an dòchas gum faigh na daoine a bhios a’ dol chun taisbeanadh seo cothrom air an cultar iongantach a tha ann an seo.”

Bidh Rainbow Arcade: Queer Gaming History 1985‑2018 ri fhaicinn ann an Taigh‑tasgaidh Schwules gu 13mh Chèitean 2019.

Riaghailtean ùra gus dèiligeadh ri gràin‑tar‑ghnèitheachd air Twitter

Tha Twitter air na riaghailtean aca ùrachadh gus dèiligeadh ri daoine a tha ri gràin‑tar‑ghnèitheachd.

Tha Gay Times ag aithris gun deach na riaghailtean ùrachadh san Dàmhair ach cha deach a mhothachadh ron a sheo.

Anns na Teirmean agus Cumhaichean ùra aca tha iad a’ soilleireachadh gum bi tòrr dhaoine LGDT+ a’ fulang droch‑dhìol air loidhne.

“Tha sinn ag aithneachadh gum bi an droch‑dhìol a bhios daoine a’ fulang air Twitter a’ toirt buaidh air an comas aca a bhith a’ cur iad fhèin an cèill.”

“Tha rannsachadh air sealltainn gu bheil cuid de bhuidhnean dhaoine air an cuimseachadh gu neo‑iomchaidh le droch‑dhìol air loidhne.”

“Nam measg: boireannaich; daoine de dhath; daoine leasbach, co‑sheòrsach, dà‑sheòrsach, tar‑ghnèitheach, queer, eadar‑sheòrsach & neo‑sheòrsach; coimhearsnachdan air an iomall agus gun riochdachadh gu h‑eachdraidheil.”

“Faodaidh droch‑dhìol a bhith nas cumanta, nas dorra ann an nàdar agus a’ toirt buaidh nas àirde air daoine a bhios ag aithneachadh le iomadh buidheann dì‑riochdaichte.”

A bharrachd air na Teirmean agus Cumhaichean tha iad air na riaghailtean atharrachadh a thaobh aithriseadh de chunntasan droch‑dhìolach.

“Tha sinn a’ toirmeasg cuimseachadh air daoine le aithisean, tròpaichean no susbaint eile a bhios dì‑dhaonnachadh, ìsleachadh no a bhios a’ daingneachadh gnàth‑ìomhaighean àicheil no cronail mu bhuidhnean glèidhte.”

“Tha seo a’ toirt a‑steach cuimseachadh a dh’aona‑ghnothach air daoine tar‑ghnèitheach le bhith a’ cleachdadh an gnè neo ainm ceàrr dhaibh.”

Apple a’ beachdachadh air oifis ùr fhosgladh ann an Carolina a Tuath a dh’aindeoin laghan san stàit a leigeas lethbhreith an aghaidh luchd‑LGDTE

Tha dithis oifigearan riaghaltais à Carolina a Tuath air a ràdh gu bheil Apple a’ beachdachadh air oifis corporra mòr fhosgladh anns an stàit – a dh’aindeoin laghan san stàit a leigeas lethbhreith an aghaidh coimhearsnachd LGDTE na stàite.

Dh’innis iad dhan Associated Press gu bheil an companaidh teicneòlais faisg air co‑dhùnadh am bu chòir dha ionad corporra mòr fhosgladh ann an sgìre Raleigh‑Durham ann an Carolina a Tuath.

Thathar an dùil gun tèid eadar 5,000 gu 10,000 obraichean a dhèanamh aig na h‑oifisean, ga dhèanamh mar aon de na ionadan còrparra as motha san dùthaich.

Ach chaidh na planaichean a chàineadh le iomairtichean LGDTE. Thuirt Kate Oakley, bho Iomairt Chòraichean Daonna ri Associated Press: “Tha cothrom aig Apple stiùireadh le bhith a’ lorg agus a’ tasgadh ann an àiteachan a tha a’ dìon luchd‑LGBTQ gu h‑iomlan. Chan e Carolina a Tuath aon dhe na h‑àiteachan sin.”

Chaill an stàit sreath de ghnìomhachasan tasgaidh mòra ann an 2016 nuair a bha am bìle connspaideach HB2 ga dhèanamh na lagh le Riaghlaidair Pat McCory.

Chuir às HB2 dha na h‑òrdanan ionadail uile a bha a’ dìon chòraichean LGBTE, chuir e casg air tar‑ghnèithich a bhith a’ cleachdadh an taigh‑beag as fheàrr leotha, agus thug e cead do ghnìomhachasan a bhith a’ dèanamh lethbhreith an aghaidh luchd‑LGDTE air sgàth ’s adhbharan diadhaidh.

Rinn companaidhean a leithid Paypal agus Deutsche Bank boycott air an stàit air sgàth ’s na laghan lethbhreitheil.

Ann an 2017 chaidh HB2 a chuir às nuair a chaidh HB142 a dhèanamh na lagh le Riaghlaidair Roy Cooper.

Tha HB142 a’ toirt cead ri tar‑ghnèithich a bhith a’ cleachdadh an taigh‑beag dhen ghnè ris a bheil iad ag aithneachadh ach tha e cuideachd a’ cur casg air bailtean‑mòra bho bhith a’ dèanamh laghan ùra a‑thaobh leithbhreith ro 2020. Tha seo a’ ciallachadh ma tha droch‑bhuaidh sam bith air neach tar‑ghnèitheach air sgàth ’s an taigh‑beag a chleachdas iad cha bhith iad air an dìon leis an lagh. Cuideachd chan eil an lagh ùr seo a’ buntainn ach ri togalaichean poblach agus riaghaltais agus chan eil ri companaidhean prìobhaideach.

Ann an aithris ri PinkNews tha neach‑labhairt Apple air diùltadh gun deach co‑dhùnaidhean sam bith a dhèanamh aig an ìre‑sa a thaobh suidheachadh an oifis ùr.

Pàrlamaid na h‑Alba a’ toirt taic ri Lagh Thuring

Dh’aontaich Pàrlamaid na h‑Alba gu h‑aon‑ghuthach Diciadan ri prìomh‑amasan an Historical Sexual Offences (Pardons and Disregards) (Scotland) Bill.

A‑nis thèid an reachdas dhan an ath‑cheum ’son atharrachaidhean a mholadh agus thathas an dùil gum bi e na lagh nas anmoiche air an t‑samhradh.

Bidh an reachdas a’ toirt mathanas fèin‑ghluasadach do dhaoine a chaidh an dìteadh fo laghan lethbhreith eachdraidheil.

Bidh e cuideachd a’ toirt cothrom do dhaoine tagradh a dhèanamh airson na dìtidhean aca sguabadh à chlàran eucorach.

Chuir luchd‑iomairt co‑ionannachd fàilte air a’ bhòt. Thuirt Tim Hopkins, stiùiriche Lìonra Co‑ionannachd, “Tha sinn a’ cur fàilte air a’ chiad deasbad pàrlamaideach air a’ bhile seo.”

“Ged nach urrainn do bhile leth‑bhreith san àm a dh’fhalbh agus an cron a rinn e atharrachadh tha e na aithris fìor chudromach gu bheil Alba làn aithreachais agus a’ diùiltadh an leth‑bhreith sin agus a‑nis a’ smaoineachadh gu bheil na daoine LGBTI nan saoranaich gu tur co‑ionann a tha airaidh air spèis cho‑ionann.”

Thuirt Rùnaire a’ Cheartais, Michael MacMhathain, “Cuiridh am bile seo teachdaireachd shoilleir dha na daoine air a bheil buaidh orra gun robh na laghan seo mì‑cheart.”

Thuirt neach‑labhairt ceartas Làbarach Daniel Johnson, “The seo na cheum cudromach air an rathad gus eucoirean eachdraidh neo‑dhèanamh agus comann‑sòisealta co‑ionnan a thogail.”

‘S e Lagh Thuring far‑ainm an reachdas an dèidh Alan Tuiring a bha na neach‑matamataig agus eòlaiche choimpiutairean. Air feadh an Dàrna Cogadh b’ e còd‑cnacair a bh’ ann ag obair aig Pàirc Bletchley ann an Sasainn far an do bhrist e an còd Enigma aig na Gearmailtiche. Ann an 1952, chaidh Turing a dhìteadh airson cleamhnas a dhèanamh le fear. Bha roghainn aige eadar prìosan no spoth ceimigeach agus thagh e spoth. B’ e buaidh an spoth neo‑chomas agus dh’fhàs uchdan air. As dèidh dà bhliadhna a’ fuireach leis na buaidhean sin, thug Turing ùthachd dha fhèin. Fhuair e mathanas bho Riaghaltas Bhreatainn ann an 2013.

Thuirt BPA Liberalach Ailig Cole‑Hamilton, “Tha an grèim agus an dìteadh aig Alan Turing sgàthanaichte anns na sgeulachdan bho mìle fear is barrachd air feadh na h‑eileanan seo agus tha gach fear am bog ann an geur‑leanmhainn, irioslachadh agus traidseadaidh ann an cuid de chùisean.”

“Tha am bile seo a’ riochdachadh clach‑mìle eile airson còraichean co‑sheòrsach san dùithaich seo. Tha e a’ cur an cèill nach eil e gu diofar dè gnè an neach air a bheil an gaol agaibh, ach nas motha na sin, cha bu choir dha a bhith buntainneach a‑riamh.”

Iomairt Facebook airson a’ chiad ceann‑suidhe co‑sheòrsach aig na h‑Èirinn

Chaidh iomairt a chur an sàs air Facebook gus a’ chiad ceann‑suidhe co‑sheòrsach a thaghadh ann an Èirinn.

Thathar an dùil gun tèid David Norris a thaghadh na Ceann‑suidhe na h‑Èirinn anns an Taghadh 2011.

Thuirt Norris gur e iomairt Facebook le ballrachd de còrr ’s 1000 daoine a bhrosnaich e a bhith a’ ruith.

“Tha mi dhen bheachd gu bheil e uabhasach cudromach a bhith a’ cleachdadh teicneòlas ùr. Bha e na chuideachadh ri Ceann‑suidhe Obama.”

Tha Norris, a tha fosgailte mun ghnèitheachd aige, cuideachd air ràdh nach eil e an dùil gum biodh e na thrioblaid anns na Sgìrean Chaitligeach san dùthaich gu bheil e co‑sheòrsach.

Google an aghaidh a’ chaisg air pòsadh aon‑sheòrsach

Tha Google air ràdh gu bheil iad an aghaidh a’ chaisg air pòsadh aon‑sheòrsach ann an California.

Thuirt Sergey Brin, Co‑stéidheadair Google, ann am blog gu bheil an companaidh dhen bheachd gur e cùis co‑ionannachd a th’ ann.

Chan eil e soilleir fhathast ma bhios Google a’ toirt cuideachaidh dhan iomairt an‑aghaidh Proposition 8.

Anns na seachdainean mu dheireadh tha rionnagan a leithid Brad Pitt agus Steven Speilberg air airgead a thoirt dhan iomairt.

Anns a’ Chèitean 2008 thog an Àrd‑chùirt Chalifornia an casg a bh’ air pòsadh aon‑sheòrsach anns an stàit ach tha Proposition 8 airson ga chur an àite a‑rithist.

“Tha sinn an dùil gum bi luchd‑bhòtaidh ann an California a’ bhòtadh an aghaidh Proposition 8”, sgrìobh Mgr Brin.

“Ged a tha meas mòr againn air beachdan na daoine air gach taobh an deasbad seo, tha sinn dhen bheachd gur e cùis co‑ionannachd a th’ ann.”

Làrach‑lìn air a chàineadh airson faighneachd dhan luchd‑cleachdaidh mun gnèitheachd aca

Chaidh bacadh a chur air làrach‑lìn, a tha a’ toirt seachad seirbheis gus companaich flat a lorg, le cùirt anns na Stàitean Aonaichte air sgàth ’s gun robh an làrach‑lìn a’ cur ceistean air na buill mu dheidhinn an gnèitheachd aca.

Chaidh Roommates.com a chàineadh le Comhairle an Taigheadas Cothromach (Fair Housing Council) ann an Gleann San Fernando agus ann an San Francisco air sgàth ’s gun robh e riantanach airson buill a bhith ag ràdh nan robh iad co‑sheòrsach.

“Cha robh Roommates.com dìreach a’ faighneachd do bhuill an gnèitheachd aca ach bha na seirbheisean a bha iad a’ tabhann an crochadh air freagairtean nam buill,” arsa Breitheamh Alex Kozinski.

Lìon‑sòisealta ùr do phàrantan LGDT

Chaidh lìon‑sòisealta ùr do phàrantan LGDT a chruthachadh le càraid co‑sheòrsach gus taic a thoirt ri càraidean LGDT eile a tha airson leanabh uchd‑mhacachadh.

‘S e an New Social Family an t‑ainm a th’ air agus chaidh ga chruthachadh le Andy May gus cothrom a thoirt ri pàrantan LGDT air feadh Bhreatainn a bhith a’ conaltradh le chèile.

Tha 60 teaghlaichean LGDT clàraichte air an làrach‑lìn mar thà. Tha ballrachd anns an làrach‑lìn saor an‑asgaidh agus tha bòrd‑brath prìobhaideach ann far a bheil buill comasach air bruidhinn ri chèile.

“Bha mi fhìn agus mo chompanach a’ cleachdadh Adoption UK airson bruidhinn ri daoine eile a tha a’ dol tron t‑siostam uchd‑mhacachaidh”, ars Mgr May.

“Bha sinn a’ faireachdainn gum bu chòir do taic a bhith ann airson daoine LGDT a tha airson leanabh uchd‑mhacachadh agus smaoinich sinn air làrach‑lìn prìobhaideach a thòiseachadh.”

Tha am buidheann gu mòr airson uchd‑mhacachadh LGDT a bhrosnachadh agus tha iad ag ràdh gu bheil dà bhuannachd aca.

“An toiseach tha àite ann far am urrainn do dhaoine bhruidhinn ri chèile.”

“Anns an dàrna àite tha am buidheann math airson cothrom a thoirt ris na uchd‑leanabhan fhèin a bhith a’ bruidhinn ri clann eile aig a bheil pàrantan LGDT.”

Ma tha sibh airson a’ gabhail anns an lìon‑sòisealta, putaibh an seo http://www.newfamilysocial.co.uk/