Riaghaltas na h-Alba gus clionaig PrEP air loidhne a chur air bhog

Tha Maree Todd, Ministear airson Slàinte Phoblach, Slàinte Bhoireannaich agus Spòrs, air ainmeachadh gun cur Riaghaltas na h‑Alba clionaig PrEP air loidhne air bhog an ath‑bliadhna.

Chaidh ainmeachadh seachdain seo chaidh gus Là AIDS na Cruinne (1mh An Dùbhlachd) a chomharrachadh.

’S e tablaid a th’ ann an leigheas ro‑chasgach ro‑ghabhalach no PrEP (Pre‑Exposure Prophylaxis) a ghabhas cuideigin ro‑làimhe mus tèid an nochdadh ri HIV gus casg a chur air sgaoileadh a’ bhioras.

Tha e air a bhith ri fhaighinn an Alba bho chionn 2017.

Tha Riaghaltas na h‑Alba air maoineachadh luach £200,000 a’ riarachadh dhan a’ chlionaig a bhios a’ leigeil le daoine deuchainn airson HIV san dachaigh aca fhèin agus an leigheas aca a’ riaghladh gun a bhith a’ frithealadh clionaig shònraichte.

Dh’ainmich i cuideachd iomairt sanasachd ùr gus cur an agaidh an stiogma a tha a’ cuairteachadh dhaoine a tha a’ tighinn beò le HIV.

Tha leasachaidhean ann an dòighean leigheis a’ ciallachadh gun gabh am bhìoras ìsleachadh gu ìre cho bheag nach gabh a sgaoileadh agus gum faod dùil a bhith aig daoine air a bheil am bhìoras a bhith beò cha mhòr cho fada ri duine sam bith eile.

Briathrachas Feumail

Leigheas Ro‑chasgach Ro‑ghabhalach: Pre‑Exposure Prophylaxis (PrEP)

Leigheas Ro‑chasgach Iar‑ghabhalach: Post‑Exposure Prophylaxis (PEP)

Bìoras Easbhaidh Ion‑dhìon Daonna: Human Immunodeficiency Virus (HIV)

Sionndram Easbhaidh Ion‑dhìon Togte: Acquired Immunodeficiency Syndrome (AIDS)

Tùsan

The National: World AIDS Day: Scotland launches world’s first online PrEP clinic

Riaghaltas na h-Alba: World’s first online HIV prevention service

Eilean Mhanainn: Gairm airson riaghailt “àrsaidh” a bhios a’ toirmeasg fireannaich gèidh bho bhith a’ toirt seachad fala atharrachadh

Tha an cleasaiche Mhanainneach, Joe Locke, air gairm airson an riaghailt “àrsaidh” a bhios a’ toirmeasg fireannaich gèidh bho bhith a’ toirt seachad fala atharrachadh.

Bha Locke, a bhios a’ nochdadh san t‑sreath Netflix mòr‑chòrdte Heartstopper, a’ bruidhinn ann an teachdaireachd bhideo aig Pròis Eilean Mhanainn Disathairne.

Ann an Eilean Mhanainn, tha fireannaich gèidh toirmeasgte bho bhith a’ toirt seachad fala ma tha iad air a bhith ri feise le fireannach eile anns am bliadhna mu dheireadh.

Ann an Alba, agus an còrr dhan Rìoghachd Aonaichte, tha fireannaich toirmeasgte bho bhith a’ toirt seachad fala ma tha iad air a bhith ri feise thòineach le cèile ùr anns na trì mìosan mu dheireadh.

Riaghailtean nas fhosgailte a thaobh fala a thoirt seachad an Èirinn

Tha Seirbheis Fala na h‑Èireann air na riaghailtean a thaobh fala a thoirt seachad atharrachadh.

Bho 28 Am Màrt bidh fireannaich gèidh is dà‑sheòrsach comasach air fuil a thoirt seachad as dèidh ceithir mìosan gun a bhith ri feise le fireannach eile an àite a bhith a’ feitheamh bliadhna gu lèir.

Thathar an dùil gun tèid na riaghailtean atharrachadh a‑rithist nas fhaide den bhliadhna gus an dàil a chur às gu tur agus measadh a dhèanamh air gach tabhartaiche fa leth gus faighinn a‑mach ma tha iad comasach air fuil a thoirt seachad.

Criomagan Naidheachd • 21 Am Màrt 2022

Liz Truss

Ann an òraid do Cho‑labhairt a’ Phàrtaidh Tòraidheach ann am Blackpool Disathairne, thuirt Liz Truss, Ministear airson Boireannaich agus Co‑ionannachd, gum bu chòir dhan chogadh ann an Ucràin crìoch a chur air deasbadan “gòrach” mu dheidhinn riochdairean.

Banachdach HIV

Tha deuchainnean clionaigeach air trì banachdaichean HIV air tòiseachadh anns na Stàitean Aonaichte.

Chaidh na banachdaichean a leasachadh le Moderna agus tha iad stèidhichte air an teicneòlas mRNA a chleachd iad airson a’ bhanachdach COVID‑19 aca.

Lasachadh nan riaghailtean a thaobh fireannaich gèidh a’ toirt seachad fala san Fhraing agus sa’ Ghrèig

Tha Riaghaltasan na Frainge agus na Grèige air casgan a bh’ air fireannaich gèidh is dà‑sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala a thogail.

Tha casg air a bhith air fireannaich gèidh is dà‑sheòrsach san Fhraing bho bhith a’ toirt seachad fala o chionn 1983 ri linn a’ ghalar mhòr‑sgaoilte AIDS agus tha casg air a bhith an gnìomh anns a’ Ghrèig o chionn 1977.

Fo riaghailtean ùra, thèid faighneachd dhan a h‑uile neach‑tabhartais, ge bith dè am feisealachd a th’ aca, mun dòigh‑bheatha aca agus thèid am measadh mar phearsachan air leth.

Casg air daoine le HIV san arm ga thogail

Tha Ministreachd an Dìon air ainmeachadh an‑diugh, air Là AIDS na Cruinne, gun tog iad an casg a th’ air daoine le HIV bho seirbheis san arm.

Bho chionn 1985 tha casg air a bhith air daoine le HIV bho seirbheis san arm air sgàth ’s gu bheil am Ministreachd ag ràdh nach eil iad “fiot gu leòr”.

Tha cuideachd casg air daoine a bhios a’ gabhail chungaidhean‑leigheis a leithid PrEP (Leigheas ro‑chasgach ro‑ghabhalach) gus an dìon fhèin bho HIV fhaighinn air sgàth ’s gu bheil cungaidhean‑leighis riaghailteach na dùbhlan logastachd air an arm.

Thathar an dùil gun tèid an casg a thogail as t‑earrach.

Riaghailtean nas fhosgailte gan cur an‑gnìomh a‑thaobh toirt seachad fala

Chaidh riaghailtean ùra a chur an gnìomh an‑diugh a tha a’ ciallachadh nach tèid dàil a chur air fireannaich a tha air a bhith ri fèise le fireannach eile anns na 3 mìosan a dh’fhalbh bho bhith a’ toirt seachad fala.

Tha na h‑atharrachaidhean ùra, a tha a’ buntainn ris an Rìoghachd Aonaichte air fad, a’ ciallachadh gun tèid a h‑uile tabhartaiche a mheasadh mar phearsachan air leth seachd mar bhuidhean farsaing.

Fireannaich gèidh agus dà‑sheòrsach gu bhith comasach air fuil a thoirt seachad gun a bhith a’ seachnadh feise

Bidh fireannaich gèidh agus dà‑sheòrsach comasach air fuil a thoirt seachad gun a bhith a’ seachnadh feise as dèidh dha ainmeachadh gun tèid na ceistean a thathar a chur air luchd‑tabhartais atharrachadh ann an 2021.

An‑dràsta chan fhaod fireannaich fuil a thoirt seachad san Rìoghachd Aonaichte ma tha iad air a bhith ri feise le fireannach eile sna trì mìosan a dh’fhalbh.

A‑rèir molaidhean a’ Chomataidh Comhairleachaidh air Sàbhailteachd Fuil, Maothrain agus Buill‑bhodhaig, thèid measadh cunnairt fa leth a thoirt dhan a h‑uile duine agus barrachd ceistean a chur orra mu an giùlan feise.

Nì Seirbheis Fala na h‑Alba (SNBTS) cinnteach gum bi fiosrachadh ann do luchd‑tabhartais gus na h‑atharrachaidhean a mhìneachadh agus gus dearbhadh gu bheil am fiosrachadh air a chumail gu tur ann an dìomhaireachd.

Màthair Albannach a’ sireadh òrdugh‑bacaidh gus sìol‑ghinidh a nighean tar‑ghnèitheach a shàbhaladh

Tha màthair Albannach a’ sireadh òrdugh‑bacaidh gus casg a chur air dotairean sìolachaidh sgrios a dhèanamh air sìol‑ghinidh a nighean tar‑ghnèitheach.

Bhàsaich Ellie Anderson, 16, gu h‑obann san Iuchar.

Thòisich Ellie ag aithneachadh mar nighean nuair a bha i a 3 bliadhna a dh’aois, agus bha dùil aice air obair‑lannsa daingneachadh gnè nuair a ruigeadh i 18 bliadhna a dh’aois.

Bha Ellie cuideachd airson a bhith na màthair nuair a bha i na b’ òige agus mar sin chuir i dàil air teiripe ionadachadh bhrodagan (HRT) a thòiseachadh gus am biodh i comasach air a sìol‑ghinidh a reothadh.

Chaidh an sìol‑ghinidh aice a reothadh aig Clionaig Sìolachadh Taigh‑eiridinn Rìoghail Ghlaschu nuair a bha i 14 bliadhna a dh’aois, ach tha an clionaig air innse do mhàthair Ellie, Louise Anderson, nach urrainnear an sampall a chumail tuilleadh.

Fo riaghailtean sìolachadh daonna na Rìoghachd Aonaichte, nan robh Ellie ann an dàimh nuair a chaochail I, bhiodh còir aig a cèile iarraidh gun deidheadh an sìol‑ghinidh aice a chumail ach chan eil a’ chòir sin aig màthair Ellie.

Tha Ms Anderson airson a’ chùis a thoirt gu Cùirt an t‑Seisein ann an Dùn Èideann gus am bi neach‑ionaid comasach air ogha bith‑eòlasach a bhreith dha le bhith a’ cleachdadh sìol‑ghinidh Ellie agus tabhartaiche ugh.

Tha i cuideachd air ath‑chuinge a thòiseachadh air Change.org ag iarraidh air Boris Johnson an lagh atharrachadh.

Seirbheisean fala a’ beachdachadh air a’ chasg a th’ air fireannaich co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach a chur às

Tha Gay Star News ag aithris gu bheil seirbheisean fala na RA a’ beachdachadh air a’ chasg a th’ air fireannaich co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala a chur às ro dheireadh na bliadhna.

Chaidh na riaghailtean làithreach a chur an sàs ann an Alba, a’ Chuimrigh agus Sasainn ann an 2017 agus ann an Èirinn a‑Tuath sa Ghiblean am‑bliadhna, agus tha iad ag ràdh nach fhaod fireannach fuil a thoirt seachad ma tha e air a bhith ri feise le fireannach eile anns na trì mìosan mu dheireadh.

Tha buidhnean LGDT+ ag ràdh gur e leth‑bhreith a th’ anns a’ chasg agus gu bheil feise le dìon a’ fàgail gu bheil e sàbhailte do dh’fhireannaich co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach fuil a thoirt seachad.

Stèidhich an Riaghaltas a’ bhuidheann FAIR (For the Assessment of Individual Risk) ann an 2019 gus an casg ath‑sgrùdadh.

Tha a’ bhuidheann a’ toirt a‑steach riochdairean bho na ceithir seirbheisean fala san RA, buidhnean LGDT+, eòlaichean meidigeach agus saidheansail, agus riochdairean euslainteach is tabhartaiche agus tha iad a‑nis air dearbhadh gu bheil iad an dùil an aithisg aca fhoillseachadh ro dheireadh 2020.

Tha an casg air nochdadh anns na naidheachdan a‑rithist o chionn ghoirid as dèidh dha nochdadh nach fhaod fireannaich co‑sheòrsach a chaidh am feabhas an dèidh a’ choròna‑bhìorais plasma fala a thoirt seachad a dh’aindeoin deuchainnean leantainneach anns a bheil doctairean ga thoirt do dh’euslaintich èiginneach leis gu bheil anti‑cuirp na bhroinn.

A’ chiad chàraid cho‑sheòrsach gus leigheasadh IVF fhaighinn tro NHS na h‑Alba an dùil ri leanabh

Chaidh ainmeachadh gu bheil càraid cho‑sheòrsach ann an Dùn Èideann an dùil ri leanabh as t‑samhradh as dèidh dhaibh leigheasadh IVF fhaighinn tro NHS na h‑Alba.

Thathar a’ creidsinn gur e Ross agus Chris Muller a’ chiad chàraid co‑sheòrsach a ghabh cothrom air leigheasadh IVF bho thog Riaghaltas na h‑Alba an casg a bh’ air màthraichean‑ionaid ann an 2018.

Chaidh tùs‑ghinean (embryo) a chruthachadh le sìol Ross agus ùgh bho thabhartaiche mus deach a chur ann an màthair‑ionaid san t‑Samhain.

Tha dùil ris an leanabh san Lùnastal.

Seirbheis ùr a’ tabhann deuchainnean HIV tron phost

Tha HIV Scotland agus Waverley Care air seirbheis ùr a cur air bhog gus deuchainnean HIV a thabhann tron phost.

Tha HIV Self‑test Scotland ag ràdh gu bheil iad airson dòigh shìmplidh fèin‑dheuchainn a thabhann do dhaoine air feadh na h‑Alba, gu h‑àraid ri linn a’ Choròna‑bhìoras nuair nach eil a h‑uile duine comasach air siubhal.

Bidh na deuchainnean a’ sgrùdadh boinne‑fala gus anti‑cuirp HIV a lorg agus tha an stiùireadh aca ag ràdh gu bheil iad comasach air toradh a thoirt seachad ann an 15 mionaid agus gu bheil ìre‑mionaideachd de 99.7% aca.

Faodar deuchainnean òrdachadh an‑asgaidh bho hivtest.scot/order agus thèid an cur tron phost ann am pacaigeadh neo‑nochdaidh taobh a‑staigh 48 uair a thìde.