• Cuairt-litir #15

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Teiripe Iompachaidh

    Tha Pàrtaidh Uaine na h-Alba air film ghoirid ùr (a ghabhas a choimhead gu h-ìosal) a cho-roinneadh mu Chomhairliche Blair Anderson agus an eòlas aige air teiripe iompachaidh.

    Lunnainn

    Thèid còig pleitean ùra a chur an àirde air feadh Lunnainn gus coimhearsnachd agus eachdraidh LGDTC+ a’ bhaile a chomharrachadh.

    Poblachd na Seice

    Ghabh seòmar ìosal pàrlamaid Poblachd na Seice ri bile Diardaoin a dhèanas pòsadh aon-sheòrsach laghail san dùthaich.

    Bhòt buill-phàrlamaid 68-58 airson a’ bhile a thèid air adhart a-nis gu comataidhean far an gabh atharrachaidhean a mholadh mus till i air ais dhan t-seòmar ìosal airson a’ bhòt mu dheireadh.

    As dèidh sin feumaidh an t-Seanadh bhòtadh air a son mus tèid i dhan Cheann-suidhe airson soidhnigeadh ‘na lagh

    Tha companasan-catharra laghail san dùthaich mar-thà, ach chan eil eil iad a’ leigeil le càraidean aon-sheòrsach clann uchd-mhacachadh, sealbh fhaighinn air toglaichean no peinnsean banntrach fhaighinn.

    Brunswick Ùr

    Chaidh atharrachaidhean ùra do Phoileasaidh Dearbh-aithne Gnè is Taobhadh Feise, no Poileasaidh 713, a chur an gnìomh ann am Brunswick Ùr an-diugh a chuireas casg air tidsearan bho bhith a’ cleachdadh riochdairean pearsanta ròghnaichte oileanaich fo 16 bliadhna a dh’aois gun chead bho na pàrantan aca.

    Mura faigh iad cead, tha am poileasaidh ag ràdh gun tèid an oileanach a chur gu neach-obrach sòisealta no saidhg-eòlaiche gus dòigh a lorg bruidhinn ris na pàrantan aca.

    Chaidh am poileasaidh atharrachadh cuideachd gus an earrann a thug iomradh air leigeil ri oileanaich cluich le sgiobaidhean-spòrs a cho-fhreagair ris an dearbh-aithne gnè aca a thoirt às.

    Thuirt Prìomhaire Blaine Higgs gun deach am poileasaidh atharrachadh as dèidh na ceudan de ghearanan bho thidsearan agus phàrantan ach chaidh an Riaghaltas aige a chàineadh air sgàth ’s nach tug iad fianais seachad agus nach dh’fhuair luchd-lagha cothrom air bhòtadh air na h-atharrachaidhean.

    Puerto Rico

    Tha na Poilis ann am Puerto Rico a’ rannsachadh as dèidh gun deach tar-bhoireannach Afra-Latina a mhurt Didòmhnaich.

    The Telemundo Puerto Rico ag aithris gun deach Channell Perez Ortiz, 29, a mhurt nuair a chaidh losgadh oirre agus gun deach seachd no ochd peilearan a lorg aig an làrach air cùlaibh oilthigh ann an Carolina.

    Thathar ag aithris gur i co-dhiù an 13mh neach tar-ghnèitheach a chaidh a mhurt anns na Stàitean Aonaichte bho thoiseach na bliadhna.

  • A’ chiad chàraid cho-sheòrsach gus leigheasadh IVF fhaighinn tro NHS na h-Alba an dùil ri leanabh

    Chaidh ainmeachadh gu bheil càraid cho-sheòrsach ann an Dùn Èideann an dùil ri leanabh as t-samhradh as dèidh dhaibh leigheasadh IVF fhaighinn tro NHS na h-Alba.

    Thathar a’ creidsinn gur e Ross agus Chris Muller a’ chiad chàraid co-sheòrsach a ghabh cothrom air leigheasadh IVF bho thog Riaghaltas na h-Alba an casg a bh’ air màthraichean-ionaid ann an 2018.

    Chaidh tùs-ghinean (embryo) a chruthachadh le sìol Ross agus ùgh bho thabhartaiche mus deach a chur ann an màthair-ionaid san t-Samhain.

    Tha dùil ris an leanabh san Lùnastal.

  • Leigheas sìolachadh in-bhiotro air a thabhann do chàraid fhireannach ann an Alba

    Thàinig e am follais Didòmhnaich gun deach leigheas sìolachadh in-bhiotro a thabhann do chàraid fhireannach co-sheòrsach ann an Alba airson a’ chiad turas a-riamh san Rìoghachd Aonaichte.

    A-rèir The Mail on Sunday, bidh SNS a’ toirt maoineachadh dhan chàraid gus ugh a thorrachadh le sìol-ghinidh aon dhiubh mus tèid an suth a ion-phlanntadh ann an neach-ionaid gus a thoirt gu breith.

    Chaidh stiùireadh SNS atharrachadh ann an 2013 gus cothrom a thoirt gu càraidean aon-sheòrsach agus boireannaich singilte air sìolachadh in-bhiotro a chleachdadh ann an Alba, Sasainn agus a’ Chuimrigh.

    Aig an àm ge-tà bha e toirmeasgte luchd-ionaid a chleachdadh airson IVF, a’ ciallachadh nach robh càraidean fireannach comasach air a chleachdadh.

    Dh’atharraich Riaghaltas na h-Alba am poileasaidh sin ann an 2017 gus leigheas sìolachaidh a thabhann an-asgaidh do chàraid sam bith ge bith dè an gnè no an aidmheil cleamhnais aca.

    Dhearbh neach-labhairt Riaghaltas na h-Alba ris The Mail on Sunday gu bheil SNS a’ tabhann leigheas sìolachadh in-bhiotro do dh’fhireannaich ann an dàimhean aon-sheòrsach fiù ‘s ma bhios iad a’ cleachdadh neach-ionaid, ach chuir e cuideam air a’ phuing nach lorgadh SNS neach-ionaid dhaibh.

  • Eòlaiche Sgaoileadh-ghalaran air iarraidh air Riaghaltas Innis Tìle crìoch a chur air a’ chasg a tha toirmeasg daoine gèidh bho bhith a’ toirt seachad fala

    Tha Þórólfur Guðnason, aon dhe na prìomh Eòlaichean Sgaoileadh-ghalaran (Epidemiologist) ann an Innis Tìle, air iarraidh air an riaghaltas crìoch a chur air a’ chasg iomlan a th’ air fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala.

    A-rèir The Reykjavik Grapevine, thuirt Guðnason:

    “An toiseach, tha barrachd teans a-measg a’ bhuidheann seo air HIV no Hepatitis C san fhuil aca. “

    “Tha daoine anns a’ bhuidheann seo a tha ri feise le dìon agus mar sin nach eil ann an cunnart, tha daoine eile ann ge-tà, aig a bheil dòigh-bheatha feiseil nas fosgailte, a tha buailteach air galaran mar seo a sgaoileadh.”

    “Tha mi a’ creidsinn, mar a tha daoine eile anns an Roinn Eòrpa air a dhèanamh, gun urrainn sinn an casg iomlan a chur às agus grèis càtaidh airson grunn mhìosan a stèidheachadh.”

    Anns na dùthchannan Lochlannach eile a leithid Nirribhidh agus an t-Suain faodaidh fireannaich fala a thoirt seachad mura h-eil iad air a bhith ri feise le fireannach eile fad 12 mìos.

    Ged a tha casg iomlan ann an gnìomh san Danmhairg an dràsta, thèid an lagh atharrachadh ann an 2019 gus leigeil le fireannaich fala a thoirt seachad mura h-eil iad air a bhith ri feise le fireannach eile fad 4 mìos.

  • Bhidio ùr a’ soilleireachadh an casg a th’ air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala

    Tha an iomairtiche airson còirichean LGDTC+, Peter Tatchell, air bhidio a sgaoileadh air YouTube gus an casg a th’ air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala a shoillearachadh.

    Anns a’ bhidio, a ghabhas a choimhead gu h-ìosal, tha neach-tèarainteachd taobh a-muigh ionad tabhartais fala a’ cleachdadh inneal “gaydar” gus stad a chur air daoine a’ dol a-steach air sgàth ’s gu bheil an inneal gan aithneachadh mar co-sheòrsach. Tha na tabhairtichean an uairsin a’ faighneachd dhan neach-tèarainteachd carson nach eil daoine co-sheòrsach comasach air fuil a thoirt seachad.

    Ann am Breatainn tha casg air daoine bho bhith a’ toirt seachad fala ma tha iad air a bhith ri fèise le duine eile sna trì mìosan roimhe.

    Ann an cuid de dhùthchannan eile, a-leithid Èirinn a Tuath, feumaidh tabhairtichean feitheamh fad bliadhna an-dèidh fèise le duine eile.

    Ann an còrr ’s 40 dùthaich tha casg air leth air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala.

    Thuirt Peter Tatchell ri PhinkNews:

    “Dh’fhaodadh gun robh na casgan seo air a bhith ciallach nuair a chaidh an cur an gnìomh anns na 1980an aig àm nuair a bha HIV a’ toirt buaidh mhòr air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach san Iar agus nuair nach robh dòighean dearbhaidh HIV cho cinnteach.”

    “Ach o chionn fhada, chan eil HIV air a bhith co-cheangailte ri taobhadh-fèise sònraichte sam bith agus tha an sgrùdadh air fuil a chaidh a thoirt seachad a-nis fìor iomlan agus ceart.”

    “Tha an t-àm ann airson ionad tabhartais fala air feadh an t-saoghal a bhith a’ dèanamh fòcas air daoine le giùlan-fèise cunnartach aithneachadh agus casg a chur orra an àite a bhith a’ dèanamh barailean gu bheil a h-uile duine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach ann an cunnart HIV. Chan eil HIV aig a’ mhòr-chuid de dhaoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach agus cha bhi a-riamh.”

    “Tha e gòrach gu bheil casgan gun fheum air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala air feadh uiread de dhùthchannan. Tha cuid de dhaoine a tha ri fèise le daoine eile ann an cunnart HIV. Tha feadhainn eile nach eil. Feumaidh sinn stad a chur air gnàth-ìomhaighean a sparradh air na coimhearsnachdan co-sheòrsach agus dà-sheòrsach agus am putadh chun nan oirean agus tòiseachadh air barrachd fuil a ghlacadh gus barrachd beathannan a shàbhaladh. Feuch leam tòiseachadh air giùlan-fèise agus am fuil fhèin a sgrìonadh seach an taobhadh-fèise.”

  • Luchd-saidheans air laigse aig HIV lorg

    Tha luchd-rannsachaidh ag obair aig Sgoil Slàinte Oilthigh Texas ag ràdh gu bheil iad air laigse aig HIV (Bhioras Dìon-slàinte Daonna) a lorg.

    Tha an laigse seo na pàirt de phròtain a tha riatanach do HIV airson grèim fhaighinn air ceallan.

    Gu ruige seo chan eil banachdach HIV ann air sgàth ’s gu bheil am bhìoras an còmhnaidh ag atharrachadh.

    Ach tha luchd-saidheans ag ràdh nach biodh HIV comasach air grèim fhaighinn air ceallan mura robh co-dhiù aon roinn ann nach robh ag atharrachadh.

    Tha sgioba air a bhith a’ dèanamh fòcas air sreath de shearbhagan amino a tha nan pàirtean dhen chèis pròtain gp120.

    Tha iad cuideachd air antibodies a chruthachadh air ainmeachadh Abzymes a tha comasach air ionnsaigh a thoirt air a h-uile seòrsa de HIV le bhith a’ toirt ionnsaigh air na roinnean nach eil ag atharrachadh.

    Chaidh an rannsachadh fhoillseachadh ann an Autoimmunity Reviews agus thèid ga thaisbeanadh aig Co-labhairt Eadar-nàiseanta AIDS ann am Baile Meagsago san Lùnastal.