A’ chiad chàraid cho‑sheòrsach gus leigheasadh IVF fhaighinn tro NHS na h‑Alba an dùil ri leanabh

Chaidh ainmeachadh gu bheil càraid cho‑sheòrsach ann an Dùn Èideann an dùil ri leanabh as t‑samhradh as dèidh dhaibh leigheasadh IVF fhaighinn tro NHS na h‑Alba.

Thathar a’ creidsinn gur e Ross agus Chris Muller a’ chiad chàraid co‑sheòrsach a ghabh cothrom air leigheasadh IVF bho thog Riaghaltas na h‑Alba an casg a bh’ air màthraichean‑ionaid ann an 2018.

Chaidh tùs‑ghinean (embryo) a chruthachadh le sìol Ross agus ùgh bho thabhartaiche mus deach a chur ann an màthair‑ionaid san t‑Samhain.

Tha dùil ris an leanabh san Lùnastal.

Leigheas sìolachadh in‑bhiotro air a thabhann do chàraid fhireannach ann an Alba

Thàinig e am follais Didòmhnaich gun deach leigheas sìolachadh in‑bhiotro a thabhann do chàraid fhireannach co‑sheòrsach ann an Alba airson a’ chiad turas a‑riamh san Rìoghachd Aonaichte.

A‑rèir The Mail on Sunday, bidh SNS a’ toirt maoineachadh dhan chàraid gus ugh a thorrachadh le sìol‑ghinidh aon dhiubh mus tèid an suth a ion‑phlanntadh ann an neach‑ionaid gus a thoirt gu breith.

Chaidh stiùireadh SNS atharrachadh ann an 2013 gus cothrom a thoirt gu càraidean aon‑sheòrsach agus boireannaich singilte air sìolachadh in‑bhiotro a chleachdadh ann an Alba, Sasainn agus a’ Chuimrigh.

Aig an àm ge‑tà bha e toirmeasgte luchd‑ionaid a chleachdadh airson IVF, a’ ciallachadh nach robh càraidean fireannach comasach air a chleachdadh.

Dh’atharraich Riaghaltas na h‑Alba am poileasaidh sin ann an 2017 gus leigheas sìolachaidh a thabhann an‑asgaidh do chàraid sam bith ge bith dè an gnè no an aidmheil cleamhnais aca.

Dhearbh neach‑labhairt Riaghaltas na h‑Alba ris The Mail on Sunday gu bheil SNS a’ tabhann leigheas sìolachadh in‑bhiotro do dh’fhireannaich ann an dàimhean aon‑sheòrsach fiù ‘s ma bhios iad a’ cleachdadh neach‑ionaid, ach chuir e cuideam air a’ phuing nach lorgadh SNS neach‑ionaid dhaibh.

Eòlaiche Sgaoileadh‑ghalaran air iarraidh air Riaghaltas Innis Tìle crìoch a chur air a’ chasg a tha toirmeasg daoine gèidh bho bhith a’ toirt seachad fala

Tha Þórólfur Guðnason, aon dhe na prìomh Eòlaichean Sgaoileadh‑ghalaran (Epidemiologist) ann an Innis Tìle, air iarraidh air an riaghaltas crìoch a chur air a’ chasg iomlan a th’ air fireannaich co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala.

A‑rèir The Reykjavik Grapevine, thuirt Guðnason:

“An toiseach, tha barrachd teans a‑measg a’ bhuidheann seo air HIV no Hepatitis C san fhuil aca. “

“Tha daoine anns a’ bhuidheann seo a tha ri feise le dìon agus mar sin nach eil ann an cunnart, tha daoine eile ann ge‑tà, aig a bheil dòigh‑bheatha feiseil nas fosgailte, a tha buailteach air galaran mar seo a sgaoileadh.”

“Tha mi a’ creidsinn, mar a tha daoine eile anns an Roinn Eòrpa air a dhèanamh, gun urrainn sinn an casg iomlan a chur às agus grèis càtaidh airson grunn mhìosan a stèidheachadh.”

Anns na dùthchannan Lochlannach eile a leithid Nirribhidh agus an t‑Suain faodaidh fireannaich fala a thoirt seachad mura h‑eil iad air a bhith ri feise le fireannach eile fad 12 mìos.

Ged a tha casg iomlan ann an gnìomh san Danmhairg an dràsta, thèid an lagh atharrachadh ann an 2019 gus leigeil le fireannaich fala a thoirt seachad mura h‑eil iad air a bhith ri feise le fireannach eile fad 4 mìos.

Bhidio ùr a’ soilleireachadh an casg a th’ air daoine co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala

Tha an iomairtiche airson còirichean LGDT+, Peter Tatchell, air bhidio a sgaoileadh air YouTube gus an casg a th’ air daoine co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala a shoillearachadh.

Anns a’ bhidio, a ghabhas a choimhead gu h‑ìosal, tha neach‑tèarainteachd taobh a‑muigh ionad tabhartais fala a’ cleachdadh inneal “gaydar” gus stad a chur air daoine a’ dol a‑steach air sgàth ’s gu bheil an inneal gan aithneachadh mar co‑sheòrsach. Tha na tabhairtichean an uairsin a’ faighneachd dhan neach‑tèarainteachd carson nach eil daoine co‑sheòrsach comasach air fuil a thoirt seachad.

Ann am Breatainn tha casg air daoine bho bhith a’ toirt seachad fala ma tha iad air a bhith ri fèise le duine eile sna trì mìosan roimhe.

Ann an cuid de dhùthchannan eile, a‑leithid Èirinn a Tuath, feumaidh tabhairtichean feitheamh fad bliadhna an‑dèidh fèise le duine eile.

Ann an còrr ’s 40 dùthaich tha casg air leth air daoine co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala.

Thuirt Peter Tatchell ri PhinkNews:

“Dh’fhaodadh gun robh na casgan seo air a bhith ciallach nuair a chaidh an cur an gnìomh anns na 1980an aig àm nuair a bha HIV a’ toirt buaidh mhòr air daoine co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach san Iar agus nuair nach robh dòighean dearbhaidh HIV cho cinnteach.”

“Ach o chionn fhada, chan eil HIV air a bhith co‑cheangailte ri taobhadh‑fèise sònraichte sam bith agus tha an sgrùdadh air fuil a chaidh a thoirt seachad a‑nis fìor iomlan agus ceart.”

“Tha an t‑àm ann airson ionad tabhartais fala air feadh an t‑saoghal a bhith a’ dèanamh fòcas air daoine le giùlan‑fèise cunnartach aithneachadh agus casg a chur orra an àite a bhith a’ dèanamh barailean gu bheil a h‑uile duine co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach ann an cunnart HIV. Chan eil HIV aig a’ mhòr‑chuid de dhaoine co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach agus cha bhi a‑riamh.”

“Tha e gòrach gu bheil casgan gun fheum air daoine co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala air feadh uiread de dhùthchannan. Tha cuid de dhaoine a tha ri fèise le daoine eile ann an cunnart HIV. Tha feadhainn eile nach eil. Feumaidh sinn stad a chur air gnàth‑ìomhaighean a sparradh air na coimhearsnachdan co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach agus am putadh chun nan oirean agus tòiseachadh air barrachd fuil a ghlacadh gus barrachd beathannan a shàbhaladh. Feuch leam tòiseachadh air giùlan‑fèise agus am fuil fhèin a sgrìonadh seach an taobhadh‑fèise.”

Deasbad mu dhaoine co‑sheòrsach a’ toirt seachad fala

Thèid ath‑sgrùdadh a dhèanamh air an casg a th’ air fireannaich co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala.

Chaidh an casg a chur an sàs anns na 1980an air sgàth eagail mun ghalair HIV.

Mhol an aithisg mu dheireadh, a chaidh a dhèanamh anns an Fhaoilleach 2007, gum bu chòir dhan poileasaidh a‑thaobh fireannaich co‑sheòrsach fuirich mar a bha e.

Thèid an rannsachadh ùr a dhèanamh le comataidh comhairle neo‑eisimeileach a tha an urra ri comhairle a thoirt dhan riaghaltas a‑thaobh cùisean fala, ceallain agus buill.

Bidh an aithisg ùr a’ toirt a‑steach fiosrachadh mu dheidhinn cho cumanta ’s a bhios Seirbheis na Fala a’ lorg galaran‑gabhaltach agus ciamar a bhios na galaran‑gabhaltach seo a’ sgaoileadh. Cuideachd thèid rannsachadh a dhèanamh gus faighinn a‑mach cò na buidhnean as cumanta air a bheil galaran‑gabhaltach mar seo.

A bharrachd air seo bidh iad a’ sgrùdadh poileasaidhean eile air feadh an t‑saoghal gus faighinn a‑mach ciamar a tha dùthchannan eile a’ làimhseachadh a’ chuspair seo.

Tha buidhnean LGDT air fàilte a chur air an naidheachd seo. Tha na buidhnean seo dhen bheachd gur e leth‑bhreith a th’ anns a’ chasg a th’ air fireannaich co‑sheòrsach agus tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil feise le dìon a’ fàgail gu bheil e sàbhailte dhaibh a bhith a’ toirt seachad fala.

Thuirt labhraiche bhon Lìonra LGDT: “‘S e poileasaidh seann‑fhasanta a th’ anns a’ chasg, a chaidh a chur an gnìomh bho chionn deicheadan nuair a bha daoine dhen bheachd gur e galair nach biodh ach daoine co‑sheòrsach a’ faighinn a bh’ ann an HIV.”

“Tha fhios againn san là a th’ ann nach ann mar sin a tha cùisean.”

“Chan eil adhbhar clionaigeach ann airson a’ chasg air fireannaich co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach a bhith a’ toirt seachad fala.”

Thuirt Seirbheis Nàiseanta na Slàinte (NHS) gu bheil iad a’ cur fàilte air an rannsachadh ach gu bheil e mar dhleastanas dhaibh a bhith cho cinnteach ’s a ghabhas gu bheil an fhuil a tha ri fhaotainn anns an stòras aca glan agus sàbhailte.

Thèid a’ mhòr‑chuid dhen rannsachadh a thaisbeanadh dhan comataidh comhairle as t‑samhradh.

Luchd‑saidheans air laigse aig HIV lorg

Tha luchd‑rannsachaidh ag obair aig Sgoil Slàinte Oilthigh Texas ag ràdh gu bheil iad air laigse aig HIV (Bhioras Dìon‑slàinte Daonna) a lorg.

Tha an laigse seo na pàirt de phròtain a tha riatanach do HIV airson grèim fhaighinn air ceallan.

Gu ruige seo chan eil banachdach HIV ann air sgàth ’s gu bheil am bhìoras an còmhnaidh ag atharrachadh.

Ach tha luchd‑saidheans ag ràdh nach biodh HIV comasach air grèim fhaighinn air ceallan mura robh co‑dhiù aon roinn ann nach robh ag atharrachadh.

Tha sgioba air a bhith a’ dèanamh fòcas air sreath de shearbhagan amino a tha nan pàirtean dhen chèis pròtain gp120.

Tha iad cuideachd air antibodies a chruthachadh air ainmeachadh Abzymes a tha comasach air ionnsaigh a thoirt air a h‑uile seòrsa de HIV le bhith a’ toirt ionnsaigh air na roinnean nach eil ag atharrachadh.

Chaidh an rannsachadh fhoillseachadh ann an Autoimmunity Reviews agus thèid ga thaisbeanadh aig Co‑labhairt Eadar‑nàiseanta AIDS ann am Baile Meagsago san Lùnastal.

Deuchainnean HIV saor an‑asgaidh taobh a‑staigh 15 mionaid

Tha clionaig ann am meadhan a’ choimhearsnachd LGDT ann an Lunnainn a’ toirt seachad deuchainnean airson HIV do dhaoine co‑sheòrsach saor an‑asgaidh agus tha toraidhean ri fhaotainn taobh a‑staigh 15 mionaid.

A bharrachd air seo tha Sorted Soho a’ toirt seachad banachdaich an‑aghaidh Hepatitis B.

A‑rèir nan figearan oifigeil bidh Hepatitis B air aon dhuine co‑sheòrsach anns gach triùir mus ruigidh iad 35 bliadhna a dh’aois.

A thaobh HIV tha iad ag ràdh gu bheil fichead sa cheud air deuchainnean airson HIV fhaighinn ro anmoch. Cuideachd tha iad ag ràdh gu bheil an tinneas air deichnear sa cheud ann an Lunnainn agus nach eil fios aig an treas cuid dhiubh.

Tha Buidheann Dìon na Slàinte (HPA) agus Comann HIV na Bhreatainn ag ràdh gum bu chòir do co‑ghnèithich deuchainn airson HIV fhaighinn co‑dhiù gach bliadhna.

Tha an seirbheisean ri fhaotainn gach Dimàirt agus Diciadain eadar 17:30 agus 20:00 aig Sorted Soho, Ionad Slàinte Soho, Lunnainn, W1 agus gach Dihaoine eadar 17:30 agus 20:00 aig Clash, 020 7734 1794.

Buidheann Ameireaganach a’ toirt dòchas ùr do fhireannaich le HIV

Tha fireannaich HIV+ anns na Stàitean Aonaichte a’ cur dòchas anns a’ bhuidheann Growing Generations a tha ag ràdh gum faod iad a bhith nam pàrantan.

Tha am buidheann ag ràdh gu bheil an teicneòlas againn a‑nis airson sìol‑ghinidh a chur gu deuchainn airson HIV agus gum faod iad surrogates agus donor eggs a chleachdadh gus teaghlaichean bith‑eòlasach a thoirt do dh’fhireannaich HIV+.

“Tha sinn uabhasach toilichte gu bheil saidheans agus an lagh a’ tighinn ri chèile gus freagairt reusanta agus sàbhailte dhan chuspair seo ruigsinn,” ars Gail Taylor, Ceann‑suidhe Growing Genereations.

Gu ruige seo tha Growing Generations ag obair còmhla ri còignear aig a bheil HIV agus tha iad an dùil ri barrachd fhad ’s a tha daoine a’ fàs eòlach air an t‑seirbheis.

BBC Alba: Deasbad mu dhaoine gèidh a’ toirt seachad fala

Nochd an sgeulachd seo air làrach‑lìn a’ BhBC na bu tràithe:‑

Thèid ath‑chuinge airson cead a thoirt do dhaoine gèidh ann an Alba fuil a thoirt seachad a dheasbad anns a’ Phàrlamaid Dimàirt.

Tha a’ bhuidheann an LGBT Network, a bhios a’ strì airson chòirichean do dhaoine gèidh, den bheachd gur e leth‑bhreith a th’ anns a’ chasg a th’ air fireannaich ghèidh bho bhith a’ toirt seachad fala.

Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil feise le dìon a’ fàgail gu bheil e sàbhailte do dh’fhireannaich ghèidh fuil a thoirt seachad.

Chaidh an casg a chur an sàs anns na 1980an air sgàth eagail mun ghalair HIV.

Dleastanas

Chan eil bacadh air daoine hetero‑ghnèitheach bho bhith a’ toirt seachad an cuid fala.

Tha Seirbheis Fala na h‑Alba (SNBTS) ag ràdh gu bheil e mar dhleastanas dhaibh a bhith cho cinnteach ’s a ghabhas gu bheil an fhuil a tha ri fhaotainn anns an stòras aca glan agus sàbhailte.

Thuirt labhraiche bhon LGBT Network:”‘S e poileasaidh seann‑fhasanta a th’ anns a’ chasg, a chaidh a chur an gnìomh bho chionn deicheadan nuair a bha daoine den bheachd gur e galair nach biodh ach daoine gèidh a’ faighinn a bh’ ann an HIV.

“Tha fhios againn san là a th’ ann nach ann mar sin a tha cùisean.

“Chan eil adhbhar clinigeach ann airson a’ chasg air fireannaich gèidh agus dà‑ghnèitheach a bhith a’ toirt seachad fala.

“Bu chòir don SNBTS coimhead air feise gun dìon am measg a h‑uile duine a bhios a’ toirt seachad fala, seach fireannaich ghèidh agus dà‑ghnèitheach a‑mhàin,” thuirt e.

Ach thuirt an Dr Brian Mac ‘ill‑Fhialain, bhon SNBTS:”Chan urrainn fiù ’s na deuchainnean mionaideach airson Hepatitis agus HIV a thèid a dhèanamh air a h‑uile tabhartas fala, stad a chur air gach cunnart gàrachaidh.

“Feumar mar chiad cheum – agus fo lagh Bhreatainn – tabhartasan far a bheil fianais ann de chunnart sam bith a sheachnadh.”

Galairean eile

“Cha ghabh seirbheisean fala ann am Breatainn – coltach ris a’ chuid as motha de dhùthchannan Eòrpach, na Stàitean Aonaichte agus Canada – ri fuil bho fhireannaich a dh’innseas gun robh iad ri feise le fireannach eile.

“‘S ann am fireannaich ghèidh a bha còrr is 60% de chùisean dearbhte de HIV far an robh fianais ann gun deach a thogail ann am Breatainn.

“‘S ann ag àrdachadh a tha galairean leithid Hepatitis B agus Sifilis a gheibhear tro fheise no tron fhuil.

“Chunnacas àrdachadh de 117% ann an Sifilis bho 2002 gu 2006,” thuirt e.

Tha an Dr Mac ‘ill‑Fhialain ag ràdh gu bheil rannsachadh a’ sealltainn gum biodh barrachd chunnairt ann de bhith a’ toirt seachad HIV tron fhuil, nan deadh an casg a thogail.

Thuirt e cuideachd gum bithear a’ dèanamh ath‑sgrùdaidh air na riaghailtean gu cunbhalach, ’s gur e fianais mheidigeach seach leth‑bhreith as coireach gu bheil iad mar a tha iad.

Thèid an gnothach ro Chomataidh Ath‑chuingean na Pàrlamaid Albannaich Dimàirt.

Dùthaich nan Tàidh a’ gabhail ris a’ chasg air daoine co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala

Tha a’ Chrois Dhearg ann an Dùthaich na Tàidh air co‑dhùnadh a dhèanamh gum bi iad a’ gabhail ri lagh a bhios a’ cur casg air daoine co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala.

Thuirt iad gu bheil iad airson seo a dhèanamh air sgàth ’s gu bheil iad air cus fuil fhaighinn a tha HIV+.

A‑rèir Seirbheis Iomlaid Fala thàinig a’ mhòr‑chuid dhen fhuil seo bho fireannaich co‑sheòrsach a bha ri feise gun dhìon.

Ach chan e Dùthaich nan Tàidh a‑mhàin a tha a’ cur casg air daoine co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala.

Ann an 1985 chuir a’ Chrois Dhearg agus Rianachd nan Drogaichean agus a’ Bhidhe ann an Ameireaga casg duine sam bith a bha ri fèise còmhla ri duine eile o chionn 1977.

A‑rèir an lagh seo chan eil daoine a tha a’ gabhail drogaichean ann am fèith neo in‑imrich à dùthchannan far a bheil HIV+ làidir ceadaichte ri fala a thoirt.

Anns an Rìoghachd Aonaichte tha Seirbheis na Fala ag ràdh anns na riaghailtean aca:

We ask gay men not to give blood because gay men, as a group, are known to be at an increased risk of acquiring HIV and a number of other sexually transmitted infections, many of which are carried in the blood.

An‑dràsta tha an casg air daoine co‑sheòrsach no dà‑sheòrsach fad nam beathannan agus tha Seirbheis Nàiseanta na Slàinte ag ràdh nan robh an lagh seo air atharrachadh gus am bi iad comasach air fuil a thoirt seachad bliadhna as dèidh dhaibh ri fèise le duine eile thèid an cunnart àrdachadh trithead ìrean sa cheud.