• Comhairliche ga chur às a dhreuchd re ùine

    Dealbh bho Christean Concern

    Chaidh Comhairliche Tòraidheach ann an Siorrachd Northampton a chur às a dhreuchd rè ùine as dèidh dha tuèiteadh gur e peacadh a th’ ann am Pròis.

    Bha King Lawal a’ toirt iomradh air dealbh de chaismeachd pròise nuair a sgrìobh e:

    “When did Pride become a thing to celebrate.”

    “Because of Pride Satan fell as an arch Angel. Pride is not a virtue but a Sin.”

    “Those who have Pride should Repent of their sins and return to Jesus Christ. He can save you. #PrideMonth #Pride23 #PrideParade.”

    Chaidh Lawal a chasg bho na Tòraidhean fhad ’s a tha Prìomh-oifis Iomairt nan Tòraidhean (CCHQ) a’ dèanamh rannsachaidh.

  • Cuairt-litir #18

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Stonewall

    Leigidh Àrd-oifigear Stonewall, Nancy Kelley, a dhith a dreuchd aig deireadh na mìos.

    Tha Kelley air a bhith an ceann na buidhne airson trì bliadhna ’s rè na h-ùine sin i air còireachan tar-ghnèitheach a bhrosnachadh, iomairt airson ath-leasachaidhean aithneachadh gnè ann an Alba, caismeachd aig Trans Pride ann an Lunnainn agus iomairt airson crìoch a chur air cleachdaidhean iompachaidh.

    Thuirt Kelley gur e “pribhleid” a th’ air a bhith ann a bhith an ceann na buidhne agus gun lean i oirre “a’ seasamh leis a’ choimhearsnachd againn”.

    Rugbaidh Uladh

    Tha Pròis Bheul Feirste air ràdh nach fhaod sgioba rugbaidh Uladh caismeachd na bliadhna seo fhrithealadh.

    ’S e “Stand by your trans” sluagh-ghairm tachartas na bliadhna seo a thèid a chumail Disathairne 29mh den Iuchar.

    Bha Rugbaidh Uladh air tagradh a chur a-steach airson a bhith na phàirt den chaismeachd 2023, ach chaidh a dhiùltadh leis na h-eagraichean mar thoradh air a’ phoileasadh a chur Aonadh Rugbaidh na h-Èireann (IRFU) an gnìomh an-uiridh a chuireas casg air tar-bhoireannaich bho rugbaidh nam ban.

    A’ Ghreig

    Tha rannsachadh poilis a’ leantainn as dèidh mar a chaidh tar-bhoireannach fhaighinn marbh san Àithne Diluain.

    Thathar ag aithris gun deach Anna Ivankova, 31, a sàthadh iomadh turas agus gun deach fios a chur dhan Phoilis nuair a dh’fheuch an uachdaran ris a’ mhàl a thogail.

    Cha deach neach-amharais sam bith lorg fhathast.

    An Laitbhe

    Chaidh Edgars Rinkēvičs air mhionnan Oifis Ceann-suidhe na Laitbhe Disathairne, ga dhèanamh a’ chiad Cheann-suidhe Eòrpach a-riamh a tha gu fosgailte gèidh.

  • Cuairt-litir #17

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Pòsadh aon-sheòrsach

    Dh’fhoillsich YouGov rannsachadh Diluain a tha a’ sealltainn gu bheil taic airson pòsadh aon-sheòrsach san Rìoghachd Aonaichte air a dhol an àirde.

    Tha toraidhean a’ chunntais-bheachd as ùire a’ sealltainn gu bheil 78 sa cheud a’ cur taic ri pòsadh aon-sheòrsach an taca ri 42 sa cheud ann an 2011 agus thuirt aonar anns gach sianar gu bheil iad na aghaidh, an taca ri 21 sa cheud ann an 2011.

    Tha 47 sa cheud eòlach air cuideigin ann am pòsadh aon-sheòrsach, agus tha 84 sa cheud eòlach air cuideigin a tha leasbach, gèidh no dà-sheòrsach.

    Lorgar na toraidhean an-seo.

    Pròis Bhristol

    Dh’ainmich eagraichean Pròis Bhristol Dimàirt nach fhaod pàrtaidhean phoileataigeach pàirt a ghabhail anns an tachartas aca am-bliadhna no sam àm ri teachd gus an nì iad barrachd gus còirichean na coimhearsnachd LGDTC+ air fad a dhìon.

    LGB Alliance

    Dhiùlt mòd-ceartais cùis-lagha a’ charthannais Mermaids a bha ag amas air inbhe carthannais a striopadh bhon LGB Alliance.

    Thagair Mermaids leis gu bheil an LGB Alliance an-sàs ann an gnìomhachd an-aghaidh luchd tar-ghnèitheach, an àite a bhith ag iomairt airson còraichean leasbach, gèidh agus dà-sheòrsach, nach bu chòir inbhe carthannais a bhith orra.

    Riaghail an dithis bhritheamh Diardaoin nach eil còir laghail aig Mermaids dùbhlan a thoirt air inbhe a’ chaidreachais agus mar sin dhiùlt iad a’ chùis.

    Baile Àtha Cliath

    Dh’aidich balach, 16 bliadhna a dh’aois, ann an Cúirt Leanaí Baile Átha Cliath Diciadain gun d’tug e ionnsaigh air càraid leasbach sa bhaile an-uiridh.

    Chuala a’ chùirt gun do chleachd e cànan tàireil homafòbach agus gun d’thug e dòrn dhaibh a-rithist is a-rithist.

    Thathar ag aithris nach robh am balach eòlach air Robyn Deane, 22, no Kate McCabe, 25, ach gun d’thug e ionnsaigh orra nuair a thug iad cudail dha chèile aig àite-stad bus.

    Chuir am britheamh Paul Kelly dàil air binn gus an t-Sultain gus an tèid sealltainn ri aithisgean.

    Tha inbheach fireannach a chaidh an-sàs cuideachd a’ feitheamh ri triail fa leth aig a’ Chúirt Chuarda.

    Swansea

    Chaidh dealbhan-balla LGBTC+ ann an Swansea a mhilleadh le teachdaireachdan an-aghaidh luchd-LGDTC+.

    Dh’earb an carthannas, Charitable Housing, air ealainiche Natasha John na dealbhan-ball a chruthachadh gus Mìos na Pròise a chomharrachadh.

    Ach tha John air dealbhan a cho-roinneadh air Instagram a-nis a’ sealltainn gun deach an milleadh le graffiti a leughas “only 2 genders” agus stiocairean le teachdaireachdan a leithid “stop grooming our kids” orra.

    Chaidh aithris a dhèanamh ris na Poilis.

    An Ruis

    Tha Ceann-suidhe na Ruise, Vladimir Putin, air clionaigean òrdachadh leigheas a thoirt do luchd LGDTC+ airson tinneas-inntinn.

    Tha an òrdugh a’ cur car air co-dhùnadh 1999 gus co-sheòrsachd a chur às an liosta de thinneasan-inntinn.

    Chaidh co-sheòrsachd a dhì-sheòrsachadh mar tinneas-inntinn le Buidheann Slàinte na Cruinne ann an 1990.

    Nàisean Navajo

    Tha Riochdaire Comhairle an Nàisean Navajo, Seth Damon, air bile a mholadh a dhèanadh pòsadh aon-sheòrsach laghail anns an Nàisean Navajo.

    Tha pòsadh aon-sheòrsach air a bhith toirmisgte san treubh bho chionn 2005 nuair a chaidh lagh a chur an gnìomh a mhìnich pòsadh mar aonadh eadar fireannach agus boireannach.

    Carolina a Tuath

    Chleachd Riaghladair Carolina a Tuath, Roy Cooper, veto Diciadain gus stad a chur air trì bilean a chuireadh casg air cùram-slàinte daingneachadh gnè do dh’òigridh, air nigheanan tar-ghnèitheach bho fharpais ann an spòrs na sgoile, agus air foghlaim LGDTC+ ann an sgoiltean.

    Carolina a Deas

    Tha dithis a chur an grèim as dèidh mar a chaidh tar-fhireannach, 18, fhaighinn marbh ann am Pageland, Carolina a Deas.

    Chaidh Jacob Williamson a dhìth 30mh den Ògmhios agus chaidh a fhaighinn marbh feasgar Dimàirt.

    Chaidh dithis a chur an greim as dèidh rannsachadh is Joshua Newton, 25, fo chasaid muirt agus bacadh a chur air ceartas agus Victoria Smith, 22, fo chasaidh bacadh a chur air ceartas agus airson a bhith na neach-cuideachaidh.

    Cha deach a dhearbhadh fhathast an deach Williamson a mhurt mar thoradh air a’ dhearbh-aithne a bh’ aige.

    Salt Lake City

    Tha na Poilis ann an Salt Lake City, Utah a’ rannsachadh as dèidh gun deach co-dhiù còig brataich pròise a losgadh.

  • Cuairt-litir #16

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Mhàiri Black

    Tha Mhàiri Black, BP an SNP airson Pàislig agus Siorrachd Rinn Friù, air ainmeachadh gun seas i sìos aig an ath thaghadh.

    Tha Black air seasamh airson co-ionnannachd agus còraichean LGDTC+ bho chaidh a taghadh gu Westminster ann an 2015.

    Thuirt i ris a’ phod-chraoladh The News Agents, gur bheil i sgìth dhen “àrainneachd puinnseanach” a th’ ann an Westminster.

    Am BBC

    Tha am BBC air innse don luchd-obrach naidheachd aca gun a bhith a’ frithealadh tachartasan Pròis a dh’fhaodadh a bhith air am faicinn mar fhianais-dùbhlain.

    Thathar ag aithris gun deach an stiùireadh a co-roinneadh le àrd-mhanaidsearan Diluain, as dèidh Pròis Lunnainn a chaidh a chumail air an deireadh-sheachdain ach air thoiseach air Pròìs Tar-ghnèitheach Lunnainn a thèid a chumail air an deireadh-sheachdain seo tighinn.

    Cunntas-sluaigh na h-Èireann 2027

    Tha an carthannas LGBT Ireland air iarraidh air Prìomh Oifis Staitistig na h-Èireann ceistean mu dhearbh-aithne gnè agus taobhadh-feise a chur ris a’ Chunntas-sluaigh 2027.

    Tha an carthannas a’ moladh ceistean a leithid: “Dè an gnè bith-eòlasach a chaidh a buileachadh ort nuair a rugadh tu?”; “An do rugadh tu le eadar-dhealachadh dhe na buill-ghineamhainn (ris an canar “eadar-sheòrsach” no “DSD”)?”; “Dè an tuairisgeul as fheàrr air do ghnè?”; agus “Dè do thaobhadh-feise?” a chur ris a’ chunntas-sluaigh.

    Thuirt iad gun cuidich am fiosrachadh seo an Riaghaltas gus neo-ionnannachdan a tha a’ toirt buaidh a’ a choimhearsnachd LGDTC+ a thomhas.

    Iòrac

    Chaidh bile a chur a-steach gu Pàrlamaid na h-Ìorac ag amas air co-sheòrsachd a thoirmeasg gu h-oifigeil san dùthaich.

  • Cuairt-litir #13

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè

    Dhearbh Seirbheis Chùirte na h-Alba gun tèid èisteachd a chumail aig Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann bho 19mh-21d den t-Sultain mun bhacadh a chur Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air bile ath-leasachadh gnè Riaghaltas na h-Alba.

    Chaidh am bile a dhèanadh e nas fhasa do luchd tar-ghnèitheach teisteanas aithneachadh gnè fhaighinn tro Phàrlamaid na h-Alba san Dùbhlachd, ach chleachd Alasdair Jack, Rùnaire Stàite na h-Alba, Earrann 35 de dh’Achd na h-Alba gus bacadh a chur oirre bho bhith a’ tighinn ‘na lagh san Fhaoilleach.

    Bratach pròise air a ghoid

    Tha na Poilis a’ sireadh fiosrachaidh as dèidh gun deach bratach pròise a ghoid bho sgìre Rathad Mhoireastain ann an Eilginn eadar 12m agus 4.30m Diardaoin 22na den Ògmhios.

    Ma tha fiosrachadh aig neach sam bith bu chòir fios a chur gu Poileas Alba air 101, le àireamh na cùise, 0647, Diardaoin 22na den Ògmhios 2023.

    No faodar fios a chur gu Crimestoppers gu dìomhair air 0800 555 111.

    Cùis-lagha an-aghaidh UCU

    Tha riochdairean an fhilm Adult Human Female air iomairt maoineachadh-sluaigh a chur air bhog airson cùirt-lagha a thoirt an-aghaidh UCU Dhùn Èideann (Edinburgh University and College Union) as dèidh gun deach dà thaisbeanadh den fhilm aca a chur dheth air sgàth gearanan bho luchd-iomairt chòraichean tar-ghnèitheach.

    Club Q

    Chaidh còig binnean-beatha agus 2,208 bliadhna a bharrachd a chur air Anderson Lee Aldirch airson còignear a mhurt agus 25 neach eile a leòn an-uiridh ann am mòr-losgadh aig a’ chlub-oidhche LGDTC+, Club Q, ann an Colorado Springs.

    An Tuirc

    Chaidh còrr ’s 100 neach a chur an grèim san Tuirc air an deireadh sheachdain as dèidh dhaibh caismeachdan pròise a toirmisgte fhrithealachadh. ann an Izmir agus Istanbul.

  • Cuairt-litir #12

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Suirbhidh Riaghaltas na h-Alba

    Tha Riaghaltas na h-Alba a’ ruith suirbhidh gu 14mh den Iuchar ’s iad airson beachdan luchd neo-bhìnearaidh a chluinntinn air na planaichean a th’ aca gus co-ionnannachd neo-bhìnearaidh a leasachadh.

    Faodar a lorg aig https://www.surveymonkey.co.uk/r/nonbeapsgfg23.

    Suirbhidh Scottish Trans

    Tha an carthannas Scottish Trans a’ ruith suirbhidh gu 7mh den Iuchar ’s iad airson gnàth-eòlasan luchd tar-ghnèitheach is neo-bhìnearaidh a tha a’ fuireach ann an Alba a chluinntinn.

    Faodar a lorg aig: http://surveymonkey.co.uk/r/scotexptransnonb23.

    Leabhair Pháistí Éireann

    Tha an carthannas Leabhair Pháistí Éireann air liosta de còrr ’s 200 leabhar LGDTC+ do chloinne is dhaoine òga a cruinneachadh gus Mìos na Pròise a chomharrachadh.

    Nam measg tha ann leabhar Croí an Teaghlaigh an Grá le Sophie Beer a chaidh eadar-theangachadh chun a’ Ghaeilge le Shanna Ní Rabhartaigh agus Gillian Nic Iomhain.

    Faodar an liosta iomlan a lorg aig: https://childrensbooksireland.ie/our-recommendations/pride-reading-guide.

    Ceinia

    Thathar ag aithris gu bheil dreachd lagh aig Riaghaltas Cheinia a chuireadh binn phrìosain co-dhiù 5 bliadhna air neach sam bith a bhrosnaicheas co-sheòrsachd, binn phrìosain 10 bliadhna airson a bhith ri feise co-sheòrsach agus binn bhàis airson “aggravated homosexuality”.

    Chaidh lagh coltach ri seo a chur an gnìomh ann an Uganda sa Chèitean agus thathar ag aithris gu bheil Sudàn a Deas agus An Tansan ag ullachadh laghan coltach ri seo cuideachd.

    Camarun

    Tha Riaghaltas Chamarun a’ feuchainn ri bacadh a chur air an Tosgaire Fraingeach airson Còraichean LGDTC+ bho bhith a’ siubhal dhan dhùthaich gus bruidhinn aig co-labhairt air gnè agus taobhadh feise.

    Tha dùil gun tadhal an Tosgaire Jean-Marc Berthon air an dùthaich bho 27 Ògmhios gu 1 Iuchar airson an tachartais ach tha Riaghaltas Chamarun air ràdh gu bheil cuspairean a’ cho-labhairt laghan na dùthaich an-aghaidh co-sheòrsachd.

    NHL

    Tha an Lìog Hocaidh Nàiseanta (NHL) air casg a chuir air cluicheadairean bho bhith a’ cur air geansaidhean pròise rè blàthachaidhean

    Thuirt Coimiseanair an NHL, Gary Bettman, gun robh na geansaidhean a’ toirt aire air falbh bhon a’ gheama ach gum bi geansaidhean pròise fhathast ceadaichte aig geamaichean sònraichte air oidhchean pròise.