Buidheann feimineach Earra‑Ghàidheal a’ càineadh tachartas draga Pròis Òbain

Tha buidheann feimineach ann an Earra‑Ghàidheal agus Bòd a’ càineadh a’ cho‑dhùnaidh gus tachartas “Drag Queen Story Hour” a chumail mar phàirt Pròis Òbain na bliadhna seo.

Tha a’ bhuidheann “Argyll and Bute Scottish Feminists” ag ràdh gu bheil an tachartas, anns a bhios bànrighrean draga a’ leughadh sgeulachdan do chlann, mì‑iomchaidh do chlann.

Thuirt iad gu bheil tachartasan draga gu tric feiseil, claon‑bhreitheach an‑aghaidh boireannaich agus oilbheumach ri mòran agus dh’iarr iad air a’ chomhairle an co‑dhùnadh atharrachadh.

Thurt Neach‑labhairt a’ Chomhairle nach e iadsan a bhios a’ cur Pròis Òbain air dòigh agus gu bheil a’ Chomhairle “a’ comharrachadh agus a’ brosnachadh co‑ionannachd, iomadachd agus ion‑ghabhalachd ann an Earra‑Ghàidheal agus Bòd agus mar sin a’ cur taic ri amasan Pròis Òbain”.

Eilean Mhanainn: Gairm airson riaghailt “àrsaidh” a bhios a’ toirmeasg fireannaich gèidh bho bhith a’ toirt seachad fala atharrachadh

Tha an cleasaiche Mhanainneach, Joe Locke, air gairm airson an riaghailt “àrsaidh” a bhios a’ toirmeasg fireannaich gèidh bho bhith a’ toirt seachad fala atharrachadh.

Bha Locke, a bhios a’ nochdadh san t‑sreath Netflix mòr‑chòrdte Heartstopper, a’ bruidhinn ann an teachdaireachd bhideo aig Pròis Eilean Mhanainn Disathairne.

Ann an Eilean Mhanainn, tha fireannaich gèidh toirmeasgte bho bhith a’ toirt seachad fala ma tha iad air a bhith ri feise le fireannach eile anns am bliadhna mu dheireadh.

Ann an Alba, agus an còrr dhan Rìoghachd Aonaichte, tha fireannaich toirmeasgte bho bhith a’ toirt seachad fala ma tha iad air a bhith ri feise thòineach le cèile ùr anns na trì mìosan mu dheireadh.

Fèise‑pròise na Gàidhealtachd 2022 ga ainmeachadh

Tha Highland Pride air ainmeachadh ann am post air an làrach‑lìn aca gun tèid tachartas pròise na bliadhna seo a chumail Disathairne 11mh latha dhen Ògmhios.

Bha tachartasan ann an 2020 agus 2021 air an cur dheth ri linn a’ choròna‑bhìoras.

Dh’ainmich iad cuideachd gu bheil iad air maoineachadh de £10,000 a ghlacadh bhon Chrannchur Nàiseanta airson an tachartas a chur air dòigh.

Sealtainn airson a’ chiad fèis‑pròise aca a chumail an ath‑bhliadhna

Chaidh ainmeachadh gun tèid a’ chiad fèis‑pròise a‑riamh ann an Sealtainn a chumail san Ògmhios 2022.

Cha deach fèis‑pròise a chumail a‑riamh anns na h‑eileanan ged a tha grunn bhuidhnean LGBT air a bhith ann o chionn beagan bhliadhnaichean.

Chaidh ainmeachadh cuideachd gun tèid comataidh eagrachaidh a stèidheachadh gus an tachartais a stiùireadh agus gun tèid a’ bhuidheann Shetland Pride a chlàradh mar charthannas.

Eagraichean Fèis‑pròise na Còirne air na draghan aca mun Achd Aithneachadh Gnè a chur an cèill ann an litir fosgailte do Bhuill‑phàrlamaid

Tha eagraichean Fèis‑pròise na Còirne air litir a chur dhan a h‑uile BP san Rìoghachd Aonaichte gus na draghan aca mun Achd Aithneachadh Gnè agus mu theiripe iompachadh co‑sheòrsachd a chur an cèill.

Tha iad air an Riaghaltas a chàineadh airson dàil a chur air foillseachadh ath‑sgrùdadh an achd agus gu bheil seo a’ cur mòr‑dhragh air tar‑dhaoine anns a’ Chòrn agus an còrr dhen Rìoghachd Aonaichte.

“Tha sinn a’ creidsinn gur e boireannaich a th’ anns an tar‑bhoireannaich, fireannaich a th’ anns an tar‑fhireannaich agus gu bheil dearbhan‑aithne neo‑bhìnearaidh tàbhachdach.”

“Leis an sin, tha sinn a’ cur an cèill ar taic airson an còir a th’ aig tar‑dhaoine air fèin‑aithneachadh.”

Cuideachd thug iad iomradh air aithris an Sunday Times a thuirt gun robh an Riaghaltas a’ dèanamh planaichean gus casg a chur air teiripe iompachadh co‑sheòrsachd gus a’ choimhearsnachd LGDTCE+ a chiùineachadh.

“Tha am beachd gun tèid an reachdas seo a thoirt a‑steach gus daoine LGDT+ a chiùineachadh an àite ath‑leasachaidhean air Achd Aithneachadh Gnè tàireil. Chan eil còirichean daonna ri bharganachadh agus tha e coltach nach eil an riaghaltas a’ tuigsinn gu bheil daoine anns a’ choimhearsnachd LGDT+ a’ fulang neo‑ionannachd agus fòirneart ann an diofar dhòighean.”

Faodar an litir slàn a leughadh air Twitter no Facebook.

Proud Ness air ath‑ainmeachadh gu Highland Pride

Tha eagraichean Fèis‑pròise Inbhir Nis air ainmeachadh gun tèid am buidheann aca ath‑ainmeachadh gu Highland Pride gus coimhearsnachd LGDT+ na sgìre air fad aithneachadh.

Tha iad cuideachd air ainmeachadh gum bi iad ag eagrachadh sreath de thachartasan rè 2020.

Nam measg bidh iad ag eagrachadh òraidean, bùthan‑obrach, leughadh leabhraichean, agus sgrìonadh de dh’fhilmichean LGDT+ rè Mìos Eachdraidh LGDT anns a’ Ghearran.

Thuirt Jess Taylor, Cathraiche Highland Pride:

“Tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil fios aig a’ choimhearsnachd LGDT+ agus càirdean air feadh na Gàidhealtachd a bhios a’ siubhal gus an tachartas samhraidh againn a fhrithealadh gur ann dhaibhsan a tha an tachartas seo cuideachd ‑ ‘s e seo ‘tachartas pròis na Gàidhealtachd’.”

“Faodaidh daoine a dhol an‑sàs cuideachd le bhith a’ cur tachartasan a leithid coinneamhan sòisealta, tachartasan togail‑airgid, bùthan‑obrach, òraidean, agus comharraidhean pròise iomallach as urrainn dhuinn cuideachadh le bhith a’ brosnachadh fo sgàil Highland Pride ro làimh agus rè Pròise. Tha sinn an dòchas gum brosnaich seo tuilleadh chothroman sòisealta is lìonraidh air feadh na Gàidhealtachd tron bhliadhna.”

“Is e sgioba beag a th’ annainn, stèidhichte sa mhòr‑chuid ann an Sìorrachd Inbhir Nis, agus mar sin feumaidh sinn ur cuideachadh gus tachartasan air feadh na Gàidhealtachd a leudachadh airson Fèis‑pròise na Geamhraidh a bhios sinn a’ brosnachadh mar phàirt de phrògram fad mìos. Mar sin ma tha beachd agaibh airson oidhche ABBA san Aghaidh Mhòr, coinneachadh cofaidh ann an Cromba, oidhche film sa Ghearasdan, oidhche bàrdachd ann am Port Rìgh, òraid ann am Baile Dhubhthaich, oidhche fo‑18 ann an Ulapul no cuairt ann an Inbhir Uige, tha sinn airson cluinntinn bhuaibh.”

“Air an dàrna làimh, ma tha planaichean agaibh mu thràth, aig an leabhar‑lann, an sgoil no an ionad coimhearsnachd agaibh, airson Mìos Eachdraidh LGDT, cuiribh fios thugainn cuideachd.”

Bu chòir do dhuine sam bith le beachdan post‑d a chur gu info@highlandpride.org no tadhal air airson barrachd fhiosrachaidh.

Còrr ‘s 9000 mìle an lathair aig Fèis‑pròise Ghlaschu ann am meadhan connspaid ùr

Thathar a’ meas gun robh còrr ‘s 9,000 duine an lathair aig Fèis‑pròise Ghlaschu an‑dè.

Thuirt Crìsdean Tait, cathraiche an fhèis:

“Thathar a’ meas gun tàinig còrr ‘s 9,000 neach còmhla fo bhràtach sìtheil agus toilichte ri càirdean, teaghlaich no mar phàirt de bhuidheann.”

“Tha e air a bhith gu math soirbheachail. Bha nas lugha na an‑ùiridh an‑lathair ach bha faireachdainn iongantach aig a’ chaismeachd.”

A dh’aindeoin sin tha an tachartas ann am meadhan connspaid ùr as deidh dhan aonadh‑ciùird Unite dearbhadh Diardaoin nach biodh iad an‑làthair air sgàth malairteachadh an tachartaIs agus air sgàth ‘s gu bheil companaidhean mòra a’ cleachdadh pride airson barrachd luchd‑ceannaich fhaighinn.

Bha tiocaidean a’ cosg £120 do bhuidhnean LGDTQ+ agus £420 do bhuidhneana malairteach agus chosg e £600 airson carbad‑fèille a chur anns a’ chaismeachd.

Tha tachartas Disathairne cuideachd air beagan deasbaid a thogail am measg na coimhearsnachd air sgàth carbad‑tiodhlachaidh a nochd anns a’ chaismeachd ann an dathan a’ bhogha‑froise.

Tha mòran daoine air Twitter ag ràdh gu robh an carbad‑tiodhlachaidh mì‑iomchaidh air sgath an àireamh de dhaoine LGDTQ+ a bhios a’ basachadh mar thoradh fèin‑mharbhadh agus AIDS.

Tha seo a’ leatainn connspaid an‑ùiridh nuair a chaidh cus tiocaidean a reic airson an tachartas a’ ciallachadh nach robh cuid de dhaoine comasach air a dhol ann. Cuideachd bha gearanan mu dheidhinn droch‑làimhseachadh de chleasaichean agus luchd‑aoigheachd.

As t‑fhoghar chaidh a dhearbhadh gun robh am poileas a’ toirt sùil air ionmhas na buidhne agus aig coinneamh poblach as t‑Samhain dhearbh Stiùirich na Buidhne, Chris Laing, gun robh £32,500 fhathast aca ri phàigheadh ris a’ chomhairle.

Anns an aithisg bliadhnail aca dhan riaghlaiche carthannais OSCR, a ghabhas a leughadh an‑seo, dhearbh iad call còrr ‘s £46,000 an‑uiridh, a’ toirt a‑steach caiteachas mì‑cheadaichte de £41,422.

Cha tèid bratach a’ bhogha‑fhroise a thaisbeanadh le CNES rè Fèis‑pròise na h‑Innse Gall

Tha Comhairle nan Eilean Siar air dearbhadh nach tèid bratach a’ bhogha‑fhroise a thaisbeanadh taobh a‑muigh nan oifisean aca ann an Steòrnabhagh rè Fèis‑pròise na h‑Innse Gall a bhios a’ dol air adhart sa bhaile a‑màireach.

Sgrìobh a’ chomhairle post‑d ri eagraichean an tachartais air thòiseach air a’ chiad caismeachd aca an‑uiridh anns an tuirt iad gur e poileasaidh a’ chomhairle gun a bhith a’ taisbeanadh diofar brataichean taobh a‑muigh nan oifisean aca air sgàth an àireamh de dh’iarrtasan a bhios iad a’ faighinn agus iad airson a bhith cothromachd dhan a h‑uile duine.

Tha am P&J ag aithris gu bheil a’ chomhairle a‑nis air dearbhadh nach eil am poileasaidh seo air atharrachadh.

A dh’aindeoin an co‑dhùnadh, tha eagraichean an tachartais air moladh a thoirt air a’ chomhairle airson an taic. Thuirt Susan Erbida, Cathraiche Comataidh Fèis‑pròise na h‑Innse Gall:

“Feumaidh mi ràdh, gu bheil a’ chomhairle air a bhith glè thaiceil ‑ ged nach eil brathach a’ bhogha‑fhroise againn fhathast agus chan fhaigh sinn e ach tha sinn ag obair air sin.”

Fèis‑pròise air a chumail san Òban airson a’ chiad turas

Chaidh caismeachd pròise a chumail san Òban an‑dè airson a’ chiad turas a‑riamh.

Bha an caismeachd aig teas‑mheadhan sreath de thachartasan pròise thairis an deireadh sheachdain le luchd‑caismeachd a’ coiseachd bho Cèarnag Stèisean an Òbain gu Markie Dans.

Nam measg bha Ministear airson Co‑ionannachd, BPA Christina McKelvie agus Rùnaire a’ Chaibineit, BPA Mìcheal Russell.

A bharrachd air an caismeachd, chaidh bàl a chumail oidhche Shathairne anns an robh cuirm‑cluich leis a’ bhanrigh‑draga Venus Guytrap agus chaidh Tùr MhicCaig a shoillseachadh ann an dathan bratach a’ bhoga‑fhrois.

Thig an tachartas gu crìoch le sgrìonadh sònraichte dhen fhilm, The Adventures of Priscilla, Queen of the Desert, oidhche Dhòmhnaich.

Maoin ùr air a stèidheachadh gus taic a thoirt do dh’eagraichean fèisean‑pròise na h‑Alba

Tha Pink Saltire, seirbheis naidheachd LGDT na h‑Alba, air an iomairt ùr, The Scottish Pride Fund, a chur air bhog gus taic ionmhais a thoirt do dh’eagraichean fèisean‑pròise air feadh na h‑Alba.

A bharrachd air maoineachadh do dh’fhèisean‑pròise a tha stèidhichte mar‑thà, thèid maoin leasachaidh sònraichte a stèidheachadh gus coimhearsnachdan a chuideachadh le bhith a’ stèidheachadh fèisean‑pròise ùra.

Airson a bhith airidh air maoineachadh, feumaidh eagraichean dearbhadh gun robh teachd‑a‑steach fo £100,000 aca sa bhliadhna roimhe agus gum bi an tachartas aca an‑asgaidh ri fhrithealadh.

Thathar a‑nis a’ toirt cuireadh do ghnìomhachasan agus buidhnean gus fios a chur gu Pink Saltire gus faighinn a‑mach mar a dh’fhaodadh iad a bhith nan neach‑urrais.

Gheibhear barrachd fhiosrachaidh mun a’ mhaoin air an làrach‑lìn scotpride.org no le bhith a’ cur post‑d gu info@scotpride.org.

Thuirt Stuart Duffy, Neach‑chruthachaidh Pink Saltire:

“Tha sinn air am maoin a chur air bhog gus cuid dhen chuideam a bhios air eagraichean ionadail a thogail agus gus an t‑urrasachd a sgaoileadh gu cothromach air feadh na dùthcha far am faigh urrasairean tilleadh nas motha air an urrasachdan aca cuideachd.”

Dh’ainmich Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte an‑uiridh maoineachadh a bharrachd de £1m airson iomairtean LGDT ann an Sasainn ach thuirt Riaghaltas na h‑Alba anns a’ Ghearran 2018 nach rachadh maoin dhen aon seòrsa a stèidheachadh ann an Alba.