Seanadh nan S.A. air bhòtadh gus pòsadh aon‑sheòrsach a ghlèidheadh ann an lagh feadarail

Tha Seanadh nan Stàitean Aonaichte air bhòtadh gus pòsaidhean aon‑sheòrsach agus ioma‑chinnidheach a ghlèidheadh ann an lagh feadarail.

Bhòt seanadairean 61 gu 36 airson gabhail ris a’ bhile dhà‑phàrtaidh.

Cuiridh am bile “Respect for Marriage” car dhen lagh feadarail 1996, “Defense of Marriage Act”, a mhìnich pòsadh mar aonadh eadar fear agus bean.

Chaidh pòsadh aon‑sheòrsach a dhèanamh laghail anns na Stàitean Aonaichte ann an 2015 nuair a riaghail a’ Phrìomh‑chùirt gun robh am mìneachadh seo neo‑reachdail.

San Ògmhios am bliadhna, chuir a’ Phrìomh‑chùirt car dhen a’ chùis‑lagha 1973, Roe v. Wade, a rinn casg‑breith laghail air feadh nan Stàitean Aonaichte agus bha dragh air a bhith a’ fàs gun cuireadh iad car dhen co‑dhùnadh 2015 cuideachd.

Ma thachras sin, bidh gach stàit fa leth comasach air reachdas pòsaidh a chur an gnìomh agus ged a bhios e riatanach fon bhile seo gun aithnich iad pòsaidhean dligheach bho stàitean eile dh’fhaodadh iad cead pòsaidh a dhiùltadh do chàraidean aon-sheòrsach taobh a-staigh an stàit aca fhèin.

Feumaidh Taigh nan Riochdairean bhòtadh air a’ bhile a‑nis. Ma ghabhas iad rithe, mar a thathar an dùil, thèid i an uair sin gu Ceann‑suidhe Biden airson soidhnigeadh na lagh.

Tùsan

BBC News: Respect for Marriage Act: Senate passes same-sex marriage bill

Gay Times: US Senate passes bill protecting same-sex and interracial marriages

Pink News: US Senate passes Respect for Marriage Act – but activists say bill is a ‘huge mess’

Pàrlamaid na Ruise air bhòtadh gu h‑aona‑ghuthach airson bile a leudaicheas an casg a th’ air “propaganda LGDT”

Tha Buill an Duma, a’ chiad taigh aig Pàrlamaid na Ruise, air bhòtadh gu h‑aona‑ghuthach airson bile a leudaicheas an casg a th’ air “propaganda LGDT”.

Tha e mì‑làghail mar thà co‑sheòrsachd a bhrosnachadh do chloinne ach fon casg leudaichte dh’ fhaodadh tachartas no gnìomhachd sam bith a bhrosnaicheas co‑sheòrsachd do dhaoine de dh’aois sam bith càin mhòr a tharraing.

Chan eil e gu diofar ma tha e air loidhne, anns na meadhanan no ma s’ e tachartas an fhìor‑shaoghal a th’ ann.

Dh’fhaodadh càin suas ri 400,000 rùbal a bhith air daoine no 5m rùbal air buidhnean laghail agus dh’fhaodadh coigrich binn phrìosain 15 latha fhaighinn mus tèid an cur a‑mach às an dùthaich.

Feumaidh am bile a‑nis dol gu àrd‑thaigh na pàrlamaid airson ath‑sgrùdadh agus feumar a shoidhneachadh le Vladimir Putin as dèidh sin mus tèid a dhèanamh na lagh.

Tùsan

BBC News: Russia passes ‘Answer to Blinken’ gay propaganda law

Pink News: Russia approves terrifying all-ages ‘LGBTQ+ propaganda’ ban

Reutars: Russia’s parliament passes law banning ‘LGBT propaganda’ among adults

Fear à Inbhir Pheofharain air nochdadh sa chùirt fo chasaid giùlan dhroch‑dhìolach

Tha fear à Inbhir Pheofharain air nochdadh ann an Cùirt an t‑Siorraim ann an Inbhir Nis fo chasaid gun do thug e iomradh air oifigearan‑poilis le cainnt a bha ri gràin co‑sheòrsachd agus gun do thilg e smugaid orra.

Dh’aidich Cornelius Stevenson, 35, casaid de ghiùlan dhroch‑dhìolach agus dà chasaid ionnsaigh nuair a nochd e.

Chuala an cùirt gun deach am Poileas a ghairm gu aimhreit aig seòladh air Sràid nan Innseachan anns an robh Mgr Stevenson an sàs.

Chaidh a thoirt às an togalach ach bha e air mhisg agus thuit e air Sràid nan Granndach.

Bha na h‑oifigearan a’ feuchainn ris a chuideachadh nuair a thòisich e droch‑bheul a bha ri gràin co‑sheòrsachd ag eigheach orra.

Chaidh a ghluasad dhan stéisean‑poilis air Rathad Burnett far an dh’fhuair e leigheas meadaigeach ach thòisich e a’ tilgeil smugaid air na h‑oifigearan.

Chur an Siorram Sara Matheson dàil air a bhith a’ cur binn air gus an tèid aithisgean ullachadh.

Tùsan

Press & Journal: Drunk man abused and spat at police officers who helped him to his feet after falling

Ross‑shire Journal: Dingwall man who hurled homophobic abuse and spat at police appears in court

Cha chur cluicheadairean Shasainn is na Cuimrigh bannan‑gàirdein OneLove orra ann an Qatar

Tha sgiobaidhean ball‑coise Shasainn is na Cuimrigh air dearbhadh nach bi iad a’ cur bannan‑gàirdein OneLove orra nuair a bhios iad a’ cluich ann an Qatar.

Bha Harry Kane à Sasainn agus Gareth Bale às a’ Chuimrigh am measg chluicheadairean bho ghrunn sgiobaidhean nàiseanta a bha gu bhith a’ cur air na bannan‑gàirdein gus dlùth‑phàirteachas a nochdadh leis a’ choimhearsnachd LGDT+.

Ann an co‑aithris thuirt Chomainn Ball‑coise Shasainn, na Cuimrigh, na Beilge, na Danmhairge, na Gearmailte, na h-Òlainde agus na h-Eilbheise gu bheil “FIFA air a bhith gu math soilleir gun cur iad smachd‑bhannan spòrs an sàs ma bhios na caipteanan againn a’ cur na bannan‑gàirdein orra air an raon‑cluiche.”

Thuirt iad cuideachd gum biodh iad deònach càintean a phàigheadh airson na riaghailtean a bhriseadh, ach nach b’ urrainn dhaibh na cluicheadairean aca a chur ann an suidheachaidhean far am faigheadh iad cairt bhuidhe no cairt dhearg.

Còignear air am marbhadh agus 18 a bharrachd air an leon ann am mòr‑losgadh ann an Colorado

Tha Poileas ann an Colorado Springs, Colorado air dearbhadh gun deach co‑dhiù còignear a mharbhadh às dèidh mòr‑losgadh aig club‑oidhche gèidh oidhche Shathairne.

Thathar cuideachd ag aithris gun deach 18 neach eile a leòn.

Thathar a’ creidsinn gun deach aon neach a chur an grèim.

Tùsan

Eucoirean‑gràin air a dhol am meud ann an Sasainn agus sa Chuimrigh

Tha na h‑àireamhan as ùire bho Oifis na Dùthcha airson na bliadhna suas chun a’ Mhàrt 2022 a’ sealltainn gu bheil an àireamh de dh’eucoirean‑gràin ann an Sasainn agus sa Chuimrigh air a dhol suas le 26% gu 155,841.

Bha còrr is dà thrian, 109,843, air sgàth gràin‑chinnidh.

Dh’èirich an àireamh de dh’eucoirean‑gràin air sgàth taobhadh‑feise le 42% gu 26, 152.

Ach b’ ann aig eucoirean an‑aghaidh phearsachan tar‑ghnèitheach a bha an àrdachadh as motha ‑ 4,455 ‑ àrdachadh 56% an coimeas ris a’ bhliadhna roimhe.

Dithis fo chasaid ionnsaigh gràin co‑sheòrsachd an Inbhir Nis

Tha dthis neach‑obrach an airm air nochdadh ann an Cùirt an t‑Siorraim an Inbhir Nis fo chasaid gun tug iad ionnsaigh gràin co‑sheòrsachd air fireannach ann am Meadhan Inbhir Nis san Dùbhlachd.

Dh’aidich Thomas Howells, 19, agus Ian Mulroy, 19, casaidean de leòn air adhbharachadh le dochainn agus giùlan bagairteach is droch‑dhìolach.

Chuala a’ Chùirt gun tuirt Howells gun robh am fulangaiche na “f****t” agus na “p**f” mus do bhuail Mulroy e mu a cheann grunn thursan agus nuair a thuit an neach‑fulaing, gun do bhreab Mulroy e mu a bhodhaig uair ‘s uair.

Chuir an Siorram, Gary Aitken, dàil air a bhith a’ cur binn air an fhireannach dithis gus an tèid aithisgean ullachadh ach thug e rabhadh gum faodar binn prìosain a chur orra o chionn ’s gun deach an ionnsaigh adhbharachadh le taobhadh‑feise an fhulangaiche.

Chaidh na fireannaich an saoradh air urras san eadar‑àm.

Cùba air bhòtadh gus pòsadh aon‑sheòrsach a dhèanamh laghail

Tha Cùbaich air bhòtadh airson pòsadh aon‑sheòrsach a dhèanamh laghail san dùthaich.

Bhòt mu dhà thrian dhen t‑sluagh airson ath‑leasachaidhean a bhios cuideachd a’ leigeil le càraidean aon‑sheòrsach clann uchd‑mhacachadh, ag ath‑sònrachadh còraichean chloinne agus a’ ceadachadh leatromachdan‑ionaid.

Liz Truss a’ lorg dòigh gus "stad no casg" a chur air planaichean Riaghaltas na h‑Alba Achd Aithneachadh Gnè ath‑leasachadh

Thathar ag aithris gu bheil Am Prìomhaire, Liz Truss, a’ lorg dòigh stad a chur air planaichean Riaghaltas na h‑Alba Achd Aithneachadh Gnè ath‑leasachadh.

A‑rèir dithis neach‑fiosrachaidh neo‑ainmichte anns an riaghaltas a bhruidhinn ri Vice News, dh’iarr Truss air luchd‑lagha a cuideachadh gus “stad no casg” a chur air na h‑ath‑leasachaidhean.

A‑measg nan ath‑leasachaidhean, tha Riaghaltas na h‑Alba airson a dhèanamh nas fhasa do phearsachan thar‑ghnèitheach an gnè laghail aca atharrachadh le bhith a’ ceadachadh fèin‑aidmheil.

Thathar ag aithris gu bheil dragh air Truss nan tèid na h‑ath‑leasachaidhean air adhart gun siubhail pearsachan tar‑ghnèitheach ann am pàirtean eile den RA a dh’Alba gus teisteanas aithneachadh gnè fhaighinn.

Faodar barrachd leughadh mun sgeulachd seo air làrach‑lìn Vice: Liz Truss Is Trying to Block Scotland’s Trans Reforms

Dithis air am marbhadh agus 21 air an leon ann an losgadh an Oslo

Bha dithis air am marbhadh agus 21 air an leòn as dèidh mar a chaidh losgadh orra ann an ionnsaigh faisg air taigh‑seinnse LGDT+ ann an Oslo tràth Disathairne.

Thàinig an losgadh beagan uairean a thìde ro thoiseach Pròis Oslo.

Tha fireannach, 42, à Iòran an grèim aig na Poileas is e fo‑chasaid ceannairceachd.

Bile ga thoirt a‑steach do Phàrlamaid na h‑Alba a tha ag amas air a dhèanamh nas fhasa do phearsachan an aithne ghnè laghail atharrachadh

Thèid bile ùr a thoirt a‑steach do Phàrlamaid na h‑Alba feasgar an‑diugh a tha ag amas air an Achd Aithneachadh Gnè atharrachadh gus am pròiseas a dhèanamh nas fhasa do phearsachan teisteanas aithneachadh gnè (GRC) fhaighinn.

Is e sin teisteanas a bhios a’ toirt aithne laghail dhan “gnè fhaighte” a th’ aig neach tar‑ghnèitheach.

Tha am bile a’ moladh na h‑atharrachaidhean na leanas:

• ìsleachadh na h‑aoise as lugha bho 18 gu 16;

• lùghdachadh san ùine a dh’fheumas neach tar‑ghnèitheach a bhith a’ fuireach san gnè fhaighte aca bho 2 bhliadhna gu 6 mìos;

• agus cur às dhan fheum a th’ aig neach tar‑ghnèitheach air breithneachadh meidigeach a thathar a’ dearbhadh gu bheil neo‑shàstachd gnè orra.