• Cuairt-litir #40

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Baile Àtha Cliath

    Chruinnich na ceudan ann am Baile Àtha Cliath Disathairne gus fianais a thogail an-aghaidh tachartas an neach-iomairt an-aghaidh còraichean tar-ghnèitheach, Posie Parker.

    Thuirt a’ bhuidheann Trans and Intersex Dublin, a chur an togail fianais air chois, gun robh iad airson seasamh an-aghaidh ideòlas TERF Pharker.

    A’ Chuimrigh

    Dh’ainmich Riaghaltas na Cuimrigh Diluain gun tog iad bacaidhean a chur casg air fireannaich a bhios ri feise le fireannaich bho bhith a’ toirt seachad maothran, cnàimh leigheis agus bun-cheallan.

    Bristol

    Tha na Poilis a’ rannsachadh ionnsaigh homafòbach ann am Bristol.

    Thathar ag aithris gun do thachair an ionnsaigh mu 3:30f air Disathairne, 29mh den Iuchar aig Turtle Bay, ann an sgìre Montpelier.

    Dh’fhulaing fireannach cainnt a bha ri oillt cho-sheòrsachd agus oillt thar-ghnèitheach mus deach a dhòrn mun aodann.

    Tha na Poilis air dealbh CCTV a cho-roinneadh a’ sealltainn fireannaich a tha iad a’ sireadh ann an co-cheangal ris an ionnsaigh.

    Thuirt iad gum bu chòir do neach sam bith aig a bheil fiosrachadh mun thachartas fios a chur gu 101 is an àireamh 5223182231 a thoirt seachad.

    Na Stàitean Aonaichte

    Tha còrr ’s 150 neach-iomraiteach air litir fosgailte a shoidhnigeadh gus cur an aghaidh casgan air leabhraichean LGDTC+ sna Stàitean Aonaichte.

    Chaidh an iomairt a chur air dòigh le preasantair Reading Rainbows is rionnag Star Trek: TNG, LeVar Burton.

    A-measg na rionnagan eile a shoidhnig an litir, tha Ariana Grande, Billy Porter, Emma Roberts, Mark Ruffalo, Ava Max, Guillermo del Toro agus Sarah Paulson.

    California

    Tha sgìre sgoile eile ann an California air poileasaidh a chur an gnìomh a dh’iarras air sgoiltean innse do phàrantan mu oileanaich a bhios airson eadar-ghluasad sòisealta a dhèanamh aig an sgoil

    ’S e Dry Creek a-nis an còigeamh sgìre-sgoile Chalifornia gus am poileasaidh a chur an gnìomh.

    Nigeria

    Tha 69 neach a chaidh a chur fo chasaid banais aon-sheòrsach a chur air dòigh ’s a fhrithealadh ann a Nigeria air a bhith gan leigeil mu sgaoil air urras.

    Tha co-sheòrsachd is pòsadh aon-sheòrsach mì-laghail san dùthaich agus chaidh còrr ’s 200 neach a chur an grèim o thùs airson a’ bhanais a fhrithealadh san Lùnastal.

    Riaghail àrd-chùirt ann an Warri, Dimàirt, gum faodadh iad a bhith air an leigeil mu sgaoil às dèidh dhaibh urras 500,000 naira (£520) a phàigheadh agus gum bi aca ri clàr a shoidhnigeadh gach mìos gus an nochd iad sa chùirt a-rithist.

  • Là Faicsinneachd nam Pearsa Tar-ghnèitheach

    Tha a’ choimhearsnachd tar-ghnèitheach an-còmhnaidh air a bhith aig tòiseach na strìthe airson còraichean na coimhearsnachd LGDTC+ gu lèir agus ’s e sin an adhbhar a bhios An Gèidheal Ùr a’ cur taice riutha chan ann dìreach an-diugh air Là Faicsinneachd nam Pearsa Tar-ghnèitheach ach a h-uile latha.

  • BP Iain MacNeacail ag ràdh gum bu chòirear casg a chur air teiripe iompachaidh

    Tha BP Iain MacNeacail air mìneachadh ann am bhideo airson Pink News carson a bu chòir teiripe iompachaidh a bhith air a dhèanamh mì-laghail.

  • Athchuinge ag iarraidh GRC as dèidh bàis air a dhiùltadh leis an Riaghaltas

    Dhiùlt Riaghaltas na RA athchuinge ag iarraidh orra Achd Aithneachadh Gnè 2004 atharrachadh gus am bi teaghlaichean neach tar-ghnèitheach a bhàsaicheas gun teisteanas aithneachadh gnè comasach air iarrtas a chur a-steach as an leth.

    Chaidh an athchuinge a thòiseachadh le luchd-iomairt an dèidh gun deach an deugaire tar-ghnèitheach Brianna Ghey a mhurt.

    O chionn ’s gun robh Brianna 16 bliadhna a dh’aois, cha robh i comasach air GRC fhaighinn.

    Thuirt an Riaghaltas gu bheil Achd Aithneachadh Gnè 2004 èifeachdach, cothromach agus nach eil planaichean aca atharrachadh.

  • “Rally for Trans Equality”

    Ma tha sibh gu bhith faisg air Dùn Èideann Diardaoin 19mh den Fhaoilleach, cruinnichidh luchd-iomairt 1.30f taobh a-muigh Queen Elizabeth House gus fianais a thogail an-aghaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson bacadh a chur air Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba).

    Ùrachadh (18mh den Fhaoilleach @ 5:55m)

    Mura bhios sibh faisg air Dùn Èideann, bidh togail-fianais 1f aig Castlegate, Obar Dheathain cuideachd.

    Ùrachadh (20mh den Fhaoilleach @ 3:51f)

    Bidh cruinneachaidhean a bharrachd Disathairne 11m aig Buchanan Steps, Glaschu G1 2NG agus 2f Seòmraichean a’ Chathair, 19 City Square, Dùn Dè DD1 3BY.

  • Pàrtaidh Uaine na h-Alba: Feumar casg a chur air teiripe iompachaidh ann an 2023

    Glacadh-sgrìn o “Boy Erased (2018)” a bheireas sùil air teiripe iompachaidh

    Tha Pàrtaidh Uaine na h-Alba air ràdh gum feumar casg a chur air teiripe iompachaidh ann an 2023.

    ’S e ‘teiripe iompachaidh’ am facal a thathar a’ cleachdadh mar thuairisgeul air cleachdaidhean sam bith a dh’fheuchas ris an taobhadh feise no an ìomhaigh a thaobh gnè a tha aig neach atharrachadh.

    Ann am brath-naidheachd a ghabhas a leughadh air an làrach-lìn aca, thuirt Neach-labhairt Co-ionannachd Pàrtaidh Uaine na h-Alba, Maggie Chapman, gur e “tàmailt a th’ ann gu bheil cleachdaidhean iompachaidh fhathast a’ leantainn.

    “Tha iad ainneartach, droch-dhìolach agus chan eil àite ann dhaibh ann an comann-sòisealta ùr-fhasanta is adhartach.

    “Am-bliadhna bidh sinn ag obair còmhla ri luchd-iomairt agus Riaghaltas na h-Alba gus reachdas a thoirt a steach a chuireas stad air cleachdaidhean iompachaidh gu bràth.”