Cùis‑lagha an‑aghaidh taigh‑fhuine ann am Beul Feirste air a dhiùltadh

Tha Cùirt Eòrpach nan Còraichean Daonna air cùis‑lagha an‑aghaidh taigh‑fhuine ann am Beul Feirste a dhiùltadh.

Chaidh Ashers Baking a dhìteadh ann an 2015 airson leth‑breith nuair a dhiùlt iad cèic le “Support Gay Marriage” sgrìobhte air a dhèanamh do neach‑ceannaich, Gareth Lee.

Thuirt luchd‑seilbh an taigh‑fhuine gun robh am brath a’ dol an‑aghaidh a’ chreideimh Chrìosdaidh aca agus ann an 2018 chur Àrd‑chùirt an Rìoghachd Aonaichte car de cho‑dhùnadh na cùirt ionadail.

Rinn Mgr Lee gearan ri Cùirt Eòrpach nan Còraichean Daonna ann an 2019 ach co‑dhùin an ECHR Diardaoin an cùis aige a thilgeil a‑mach air sgàth ’s nach eil e air ruith a‑mach à roghainnean eile fhathast.

BBC News: Pìleat le HIV a’ cur an aghaidh stiogma

Nochd an sgeulachd seo air làrach-lìn a’ BhBC o thùs: Pìleat le HIV a’ cur an aghaidh stiogma

Dh’innis duine air a bheil HIV ’s dhan deach innse nach fhaodadh e trèanadh fhaighinn mar phìleat choimearsalta, cò e, an dèidh dha a thargaid a choileanadh. 

Bha James Bushe air a bhith ag iarraidh ainm a chumail dìomhair roimhe, ’s e air an t‑ainm “Pilot Anthony” a chleachdadh air Twitter airson sgrìobhadh mun t‑strì aige a dhol na phìleat. 

Tha e a‑nis na phìleat aig Loganair, agus bha a’ chiad turas aige eadar Glaschu agus Steòrnabhagh air an deireadh sheachdain seo. 

Chaidh cead a dhiùltadh dha James, 31, trèanadh fhaighinn seach nach fhaigheadh e teisteanas meadaigeach.

Riaghailtean

Ach tha Ùghdarras an Itealaich Shìobhalta (CAA) a‑niste air cur às dhan riaghladh sin.

Tha James air a bhith a’ sgèith ri taobh chaipteanan trèanaidh Loganair bhon t‑Samhain, ach tha e a‑niste air an trèanadh aige a chrìochnachadh, ’s e a‑niste le teisteanas na h‑itealain Embraer 145 aig Loganair a sgèith a‑mach à Glaschu. 

Tha sin a’ fàgail gur e a’ chiad phìleat ùr san Roinn Eòrpa air a bheil HIV. 

B’ e an tuigse a bh’ aig an CAA roimhe air riaghailtean Eòrpach gum faodadh pìleatan aig an robh teisteanasan mar thà cumail orra a’ sgèith nam faigheadh iad HIV, nam faigheadh iad teisteanas meadaigeach. 

Ach a rèir na tuigse sin, chan fhaodadh duine air an robh HIV mar thà teisteanas fhaighinn airson trèanadh a thòiseachadh.

Chaidh James, a bhuineas do Stoke‑on‑Trent, an aghaidh an CAA, ’s bhuannaich e.

Tha a’ bhuidheann a‑niste air na riaghailtean atharrachadh, gus nach diùltar teisteanas meadaigeach do dhaoine le HIV. 

An àite sin, gheibh daoine le HIV teisteanas a leigeas leotha sgèith – ach ann an suidheachaidhean far a bheil barrachd is aon phìleat an a‑mhàin. 

Thuirt a’ bhuidheann gur e sin uile ’s a dh’fhaodadh iad a dhèanamh gus an toireadh Buidheann Eòrpach Sàbhailteachd na h‑Itealaich atharrachadh air na riaghailtean acasan. 

Fhuair James cead pìleat phrìobhaidich nuair a bha e 17 – mus d’ fhuair e cead‑dràibhidh. Chaidh HIV a dhearbhadh ann o chionn còig bliadhna. 

Tha e air a bhith ag iarraidh a dhol na phìleat o bha e na bhalach bheag, ’s thòisich e a’ sgèith aig aois 15. 

Ghabh e uabhas nuair a fhuair e a‑mach nach fhaodadh e trèanadh ri linn HIV a bhith air. 

Leth‑bhreith

“‘S e miann a tha seo a bh’ agam fad mo bheatha, agus bha e dìreach uabhasach a chluinntinn nach robh e a’ dol a thachairt,” thuirt e. 

An dèidh 18 mìosan de thrèanadh, thuirt James gun robh e a’ faireachdainn iongantach a bhith na phìleat mu dheireadh thall.

“Tha an toileachas a bha mi a’ faighinnn o bhith a’ sgèith nuair a thòisich mi an trèanadh air fàs nas motha an‑diugh, gu h‑àraid ri linn na buaidhe a thug mi a‑mach,” thuirt e.

Cha b’ e co‑dhùnadh furasta a bh’ ann dha “tighinn a‑mach” mar phìleat air a bheil HIV.

B’ e na thug misneachd dha a dhèanamh, mar a dh’innis an t‑seann chluicheadair rugbaidh Chuimreach, Gareth Thomas, gun robh HIV air as t‑Samhradh an‑uiridh. 

Thuirt James gun robh e a’ faireachdainn gun robh a bhith a’ cleachdadh ainm fuadain air Twitter a’ cur ris an stiogma a tha a’ cuairteachadh dhaoine a tha a’ tighinn beò le HIV. 

“‘S ann mar mi fhèin a tha mi a’ dèanamh seo an‑diugh, oir tha mi airson cur an aghaidh an stiogma sin,” thuirt e. 

“Chan ann mu mo dhèidhinn‑sa a tha seo a‑mhàin. ‘S ann mu dhèidhinn duine sam bith a tha beò le HIV ’s a tha ag iarraidh a dhol nam pìleat. Tha mi airson teachdaireachd a chur a‑mach gum faod iad sin a dhèanamh.

“‘S e an teachdaireachd agam do dhuine sam bhith a tha beò le HIV ’s a tha mu choinneimh leth‑bhreith – cuiribh na aghaidh, agus ’s urrainn dhuibh buannachadh.”

Tha leasachaidhean ann an dòighean lèigheis a’ fàgail gum faod dùil a bhith aig daoine air a bheil am bhìoras a bhith beò cha mhòr cho fada ri duine sam bith eile.

Tha James ag ràdh nach ionnan a bhith beò le HIV an‑diugh agus mar a bha e sna 1980an ’s na 1990an. 

“Cha bu chòir do HIV bacadh a chur air duine o bhith a’ coileanadh am mianna,” thuirt e.

Nochd an sgeulachd seo air làrach-lìn a’ BhBC o thùs: Pìleat le HIV a’ cur an aghaidh stiogma

Litir homafòbach air a chur gu bùth cèice

Bha iongnadh air luchd‑obrach aig bùth cèice ann am Baile Udain Diardaoin as dèidh dhaibh litir homafòbach fhaighinn tron phost.

Chaidh an litir, a ghabhas a leughadh gu h‑ìseal, a chur gun ainm dhan bhùth https://specialdayscakes.com/.

‘S ann le Mìcheal Burns agus Steafan Whyteside a tha am bùth.

Thuirt Mìcheal ri Pink Saltire:

“Cha do smaoinich sinn airson diog gun d’ thàinig an litir bho chliant sam bith againn, ach is dòcha bho chuideigin a bha airson ar nàrachadh air sgàth ‘s gu bheil sinn co‑sheòrsach. Tha sinn air a bhith còmhla fad ochd bliadhna deug agus ‘s e seo an 10mh ceann‑bliadhna pòsaidh againn san Dùbhlachd, ach chan fhaca sinn dad mar seo a‑riamh. Bha mi a’ smaointinn gur e rud a thachair san àm a dh’fhalbh a bh’ ann an gràin na co‑sheòrsachd ach chaidh mo chur ann an tuaineal le seo an‑diugh.”

Chaidh aithris air na thachair a thoirt do Phoileas Alba a bhios ga làimhseachadh mar eucoir‑gràin.

Ma tha sibh airson barrachd leughadh mun sgeulachd seo tadhalaibh air làrach‑lìn Pink Saltire: Scottish business owners receive targeted homophobic hate mail.

Tatù air a dhiùltadh do dhuine le HIV

Tha a’ BhBC ag aithris gu bheil bùth tatù ann an Dùn Dè air duine a dhiùltadh air sgàth ‘s gu bheil HIV air.

Chaidh Deejay Bullock dhan bhùth san Iuchar gus tatù ùr fhaighinn airson a cho‑là‑breith ach chaidh a dhiùltadh nuair a dhearbh e air foirm aithris‑àichidh gu bheil HIV air.

Thathar ag aithris nuair a thug an tatùdair sùil air an fhoirm, thuirt e, “Chan eil mi a’ dol a chur mi‑fhìn, mo cho‑obraichean no duine sam bith eile ann an cunnart”.

Thuirt Deejay gun do chuir e iognadh air gun deach a dhiùltadh air sgàth ‘s gun robh e air dà thàtu fhaighinn ann am bùth Obair Dheathain gun thrioblaid sam bith bho dh’ionnsaich e gu bheil HIV air ann an 2009.

Thuirt e ri BBC Scotland gun robh e doirbh dha nuair a dh’ionnsaich e gun robh HIV air agus gun do lughdaich a shlàinte‑inntinn mar toradh air.

O chionn 2012 tha e air a bhith ag obair ann an slàinte LGDT agus e ag ràdh gu bheil seo air a mhisneachd a bhrosnachadh agus air a chuidheachadh leis an inbhe aige aontachadh.

Tha HIV Scotland agus buidhnean HIV eile ag ràdh nach eil am bhìoras a’ cur bacadh air daoine a tha airson tatù, tolladh no làimhseachadh cosmaigeach fhaighinn.

A‑rèir an stiùireadh oifigeil aca, tha e mì‑laghail fo Achd Co‑ionannachd 2010 cliantan a dhiùltadh air sgàth ‘s gu bheil HIV orra agus chan eil e ceart fo reachdas dìon datà faighneachd ma tha HIV orra.

Bu chòir do thatùdairean agus cliantan a bhith air an dìon le modhan sàbhailteachd àbhaisteach a‑leithid seasgachadh an uidheamachd agus cleachdadh miotagan, inc agus snàthadan ùr a airson gach cliant.

Aonar anns gach triùir de dhaoine LCD a’ fulang burraidheachd ann an sgoil agus san àite‑obrach

Tha aonar anns gach triùir de dhaoine leasbach, co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach a dh’fhulaing burraidheachd nuair a bha iad ann an sgoil cuideachd a’ fulaing burraidheachd san àite‑obrach a‑rèir sgrùdadh ùr bho Oilthigh Anglia Ruskin.

Chruthaich an sgrùdadh beachdan bho 400 duine anns an Rìoghachd Aonaichte ann an 2016.

A‑rèir na toraidhean thuirt 73% de fhireannaich co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach gun do dh’fhulaing iad burraidheachd gu cunbhalach, gu tric neo uaireannan nuair a bha iad ann an sgoil. Thuirt 35.2% gun do dh’fhulaing iad burraidheachd an dà chuid ann an sgoil agus san àite‑obrach. Cha tuirt ach 9.9% nach robh iad air burraidheachd sam bith a dh’fhulaing a‑riamh.

Tha seo an coimeas ri boireannaich leasbach agus dà‑sheòrsach a thuirt gun do dh’fhulaing 59% dhiubh burraidheachd san sgoil gu cunbhalach, gu tric neo uaireannan agus 29% dhiubh san sgoil agus àite‑obrach.

B’ e 37 aois chuibheasach nan com‑pàirtichean, a’ ciallachadh gur ann eadar 1985 agus 1997 a bha iad ann an sgoil.

Thuirt Dr Nick Drydakis, ùghdar an sgrùdaidh, gu bheil na toraidhean a’ moladh gu bheil burraidheachd na dhuilgheadas a leanas daoine LCD bhon sgoile dhan àite‑obrach agus bidh seo a’ toirt droch bhuaidh seasmhach air na daoine fhèin, companaidhean agus a’ chomann sòisealta gu h‑iomlan.

‘S e co‑dhùnadh an sgrùdadh gu bheil burraidheachd aois sgoile ag adhbharachadh ìrean nas àirde de throm‑inntinn, uallach agus iomagain agus ìre fèin‑mheasaidh nas ìsle. Mar thoradh air sin tha an àireamh de dhaoine LCD a’ dol air adhart gu foghlam aig àrd‑ìre nas ìsle agus tha seo a’ ciallachadh gu bheil nas lugha de dhaoine LCD, gu h‑àraid fireannaich co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach a’ faighinn obair ann an dreuchdan white‑collar.

Gus dèiligeadh ris an duilgheadas seo tha an sgrùdadh a’ moladh ro‑innleachdan a chur an gnìomh ann an sgoiltean agus àiteachan‑obrach an aghaidh burraidheachd agus e ag ràdh gu bheil buidhnean LGDT+ na chuideachadh do dhaoine LGDT+ san àite‑obrach.

Tùsan

Cambridge Network: Bullying ‘follows’ LGB people from school to work

Gay Star News: Bullied in school due to your sexuality? It may not get better at work

Jeff Bezos air tabhartas de $10,800 a thoirt gu Seanadair Poblachdach a bhòtas gu cunbhalach an aghaidh còirichean LGDT+

Tha Jeff Bezos, Ceannard Amazon, air tabhartas de $10,800 a thoirt gu Seanadair Poblachdach a tha air bhòtadh gu cunbhalach an aghaidh còirichean LGDT+.

Bhuannaich Mgr Bezos duais an‑uiridh bho Iomairt Chòirichean Daonna airson $2.5 millean a thoirt dhan iomairt airson co‑ionannachd pòsaidh ann an Stàit Washington ann an 2012.

Thug e òraid seachad mu neo‑ionannachd aig an t‑seirbheis duais anns an tuirt e :

“Feumaidh sinn ga nochdadh, ga thuigsinn, ga cheasnachadh agus ga chur ceart. Agus tha sinn ga chur ceart.”

Ach a‑nis thathar ag aithris gu bheil Mgr Bezos air $10,800, an tabhartas ceadaichte as àirde, a thoirt gu Seanadair Cory Gardner airson an iomairt taghaidh 2020 aige.

Mar chathraiche Comataidh Seanaireach Poblachdach Nàiseanta, tha Seanadair Gardner am measg nan daoine as cumhachdaiche sa phàrtaidh aige.

Bhòt e roimhe gus stad a chur air càraidean aon‑ghnèitheach anns an stàit bho bhith ag uchd‑mhacachadh cloinne no a’ dealbhadh an oighreachd aca còmhla. Bhòt e an‑aghaidh bile a chuireadh casg air leth‑bhreith a thaobh gnèitheachd, agus fhad ’s a bha e ann an Taigh Riochdairean nan Stàitean Aonaichte bhruidhinn e agus bhòt e an aghaidh pòsadh aon‑ghnèitheach iomadh turas.

Apple a’ beachdachadh air oifis ùr fhosgladh ann an Carolina a Tuath a dh’aindeoin laghan san stàit a leigeas lethbhreith an aghaidh luchd‑LGDTE

Tha dithis oifigearan riaghaltais à Carolina a Tuath air a ràdh gu bheil Apple a’ beachdachadh air oifis corporra mòr fhosgladh anns an stàit – a dh’aindeoin laghan san stàit a leigeas lethbhreith an aghaidh coimhearsnachd LGDTE na stàite.

Dh’innis iad dhan Associated Press gu bheil an companaidh teicneòlais faisg air co‑dhùnadh am bu chòir dha ionad corporra mòr fhosgladh ann an sgìre Raleigh‑Durham ann an Carolina a Tuath.

Thathar an dùil gun tèid eadar 5,000 gu 10,000 obraichean a dhèanamh aig na h‑oifisean, ga dhèanamh mar aon de na ionadan còrparra as motha san dùthaich.

Ach chaidh na planaichean a chàineadh le iomairtichean LGDTE. Thuirt Kate Oakley, bho Iomairt Chòraichean Daonna ri Associated Press: “Tha cothrom aig Apple stiùireadh le bhith a’ lorg agus a’ tasgadh ann an àiteachan a tha a’ dìon luchd‑LGBTQ gu h‑iomlan. Chan e Carolina a Tuath aon dhe na h‑àiteachan sin.”

Chaill an stàit sreath de ghnìomhachasan tasgaidh mòra ann an 2016 nuair a bha am bìle connspaideach HB2 ga dhèanamh na lagh le Riaghlaidair Pat McCory.

Chuir às HB2 dha na h‑òrdanan ionadail uile a bha a’ dìon chòraichean LGBTE, chuir e casg air tar‑ghnèithich a bhith a’ cleachdadh an taigh‑beag as fheàrr leotha, agus thug e cead do ghnìomhachasan a bhith a’ dèanamh lethbhreith an aghaidh luchd‑LGDTE air sgàth ’s adhbharan diadhaidh.

Rinn companaidhean a leithid Paypal agus Deutsche Bank boycott air an stàit air sgàth ’s na laghan lethbhreitheil.

Ann an 2017 chaidh HB2 a chuir às nuair a chaidh HB142 a dhèanamh na lagh le Riaghlaidair Roy Cooper.

Tha HB142 a’ toirt cead ri tar‑ghnèithich a bhith a’ cleachdadh an taigh‑beag dhen ghnè ris a bheil iad ag aithneachadh ach tha e cuideachd a’ cur casg air bailtean‑mòra bho bhith a’ dèanamh laghan ùra a‑thaobh leithbhreith ro 2020. Tha seo a’ ciallachadh ma tha droch‑bhuaidh sam bith air neach tar‑ghnèitheach air sgàth ’s an taigh‑beag a chleachdas iad cha bhith iad air an dìon leis an lagh. Cuideachd chan eil an lagh ùr seo a’ buntainn ach ri togalaichean poblach agus riaghaltais agus chan eil ri companaidhean prìobhaideach.

Ann an aithris ri PinkNews tha neach‑labhairt Apple air diùltadh gun deach co‑dhùnaidhean sam bith a dhèanamh aig an ìre‑sa a thaobh suidheachadh an oifis ùr.

Càineadh mu phostair oilbheumach ann an taigh‑seinnse Lìteach

Chaidh càineadh a dhèanamh air an taigh‑seinnse The Office ann an Lìte mu phostair oilbheumach a th’ anns na taighean‑beaga aca.

Tha am postair air ainmeachadh Office Banter agus e a’ liostadh diofar abhcaidean a tha gràin‑chinnidheach, gnèithealach agus gràineil ri luchd‑LGBT.

Am‑measg na h‑abhcaidean, tha eisimpleirean mar:

“What’s the hardest part of rollerblading? Telling your parents that you are gay.”

“What did Boy George say to Michael Jackson? You Beat It, and I’ll cumma cumma cum.”

“Did you hear about the Chinese couple that had a retarded baby? They named him Sum Ting Wong.”

Ann am post air Facebook sgaoil Kevin Tierney dealbh dhen soidhne comhla ris am brath: “Toilet walls in the office on Easter road… take this racist/sexist/homophobic s*** down eh..”.

Sgrìobh Hellish Scott: “1970’s style s***e humour should be left in the 70s along with Jimmy Savile and all the other wonderful things from the time when ‘things were different’.”

Agus sgrìobh John Baird: ‘It’s maybe not offensive to everyone however it is outdated, cheap and crass. Much like the establishment itself.’

Cha deach freagairt a thoirt seachad leis The Office fhathast ach tha iad air an duilleag Facebook aca a dhùineadh a‑nis.

Google an aghaidh a’ chaisg air pòsadh aon‑sheòrsach

Tha Google air ràdh gu bheil iad an aghaidh a’ chaisg air pòsadh aon‑sheòrsach ann an California.

Thuirt Sergey Brin, Co‑stéidheadair Google, ann am blog gu bheil an companaidh dhen bheachd gur e cùis co‑ionannachd a th’ ann.

Chan eil e soilleir fhathast ma bhios Google a’ toirt cuideachaidh dhan iomairt an‑aghaidh Proposition 8.

Anns na seachdainean mu dheireadh tha rionnagan a leithid Brad Pitt agus Steven Speilberg air airgead a thoirt dhan iomairt.

Anns a’ Chèitean 2008 thog an Àrd‑chùirt Chalifornia an casg a bh’ air pòsadh aon‑sheòrsach anns an stàit ach tha Proposition 8 airson ga chur an àite a‑rithist.

“Tha sinn an dùil gum bi luchd‑bhòtaidh ann an California a’ bhòtadh an aghaidh Proposition 8”, sgrìobh Mgr Brin.

“Ged a tha meas mòr againn air beachdan na daoine air gach taobh an deasbad seo, tha sinn dhen bheachd gur e cùis co‑ionannachd a th’ ann.”

Daoine gèidh air an cur gu deuchainnean HIV le buidhnean àrachais

Chaidh sgrùdadh a dhèanamh le Compass IFA, buidheann a tha a’ toirt comhairle do dhaoine co‑sheòrsach a thaobh ionmhais, a tha a’ sealltainn gu bheil na buidhnean àrachais Legal & General agus AEGON fhathast a’ cur daoine co‑sheòrsach gu deuchainnean HIV mus faigh iad àrachas slàinte.

Ach thuirt Lesley MacPherson, Ceannard nam Meadhannan Corporra aig AEGON:

“Tha iongnadh oirnn mu dheidhinn na toraidhean seo agus ’s e briseadh‑dùil a th’ ann. Bidh sinn a’ toirt treànadh a bharrachd ris ar luchd‑obrach gus am bi iad eòlach air riaghailtean an deuchainn HIV agus na poileasaidh againn gus nach bi seo a’ tachairt san àm ri teachd.”

Cuideachd thuirt Russ Whiteworth a tha ag obair airson Legal & General:

“Cha bhi sinn a’ toirt iomradh air ma tha fireannaich co‑sheòrsach neo mura h‑eil, cha bhi sinn a’ cur a’ cheist seo air luchd‑ceannaich aig àm sam bith.”

“Tha sinn a’ breugnachadh a’ mholadh gu bheil sinn a’ dèanamh leth‑bhreith an‑aghaidh daoine co‑sheòrsach.”

Làrach‑lìn air a chàineadh airson faighneachd dhan luchd‑cleachdaidh mun gnèitheachd aca

Chaidh bacadh a chur air làrach‑lìn, a tha a’ toirt seachad seirbheis gus companaich flat a lorg, le cùirt anns na Stàitean Aonaichte air sgàth ’s gun robh an làrach‑lìn a’ cur ceistean air na buill mu dheidhinn an gnèitheachd aca.

Chaidh Roommates.com a chàineadh le Comhairle an Taigheadas Cothromach (Fair Housing Council) ann an Gleann San Fernando agus ann an San Francisco air sgàth ’s gun robh e riantanach airson buill a bhith ag ràdh nan robh iad co‑sheòrsach.

“Cha robh Roommates.com dìreach a’ faighneachd do bhuill an gnèitheachd aca ach bha na seirbheisean a bha iad a’ tabhann an crochadh air freagairtean nam buill,” arsa Breitheamh Alex Kozinski.

Coimhearsnachd LGDT an dùil ri leth‑bhreith anns a h‑uile àite

Chaidh sgrùdadh ùr fhoillseachadh le Stonewall a tha a’ sealltainn gu bheil an coimhearsnachd LGDT an còmhnaidh an dùil ri leth‑bhreith anns a h‑uile àite.

Bha còrr ’s 1,600 daoine LGDT a’ gabhail pàirt anns a’ chiad sgrùdadh LGDT air an làrach‑lìn YouGov eadar 6mh‑10mh An Dùbhlachd 2007.

Air ainmeachadh Serves You Right bha an sgrùdadh a’ toirt a‑steach cuspairean a leithid obair, poilitigs, taigheadas, slàinte, foghlam, am poileas, an t‑siostam ceartais agus craoladh.

Thuirt aonar anns gach còignear gun dh’fhulaing iad burraidheachd anns an t‑ionad‑obrach air sgàth ’s an gnèitheachd aca. Thuirt 65% gun robh iad ga fhulaing anns an sgoil agus thuirt 82% nach robh iad comasach air tighinn a‑mach anns an sgoil.

Bha 89% dhen bheachd gun tèid bacadh a chur orra nan robh iad airson a ghabhail anns na Tòraidhean, 61% airson na Làbaraich agus 47% airson na Libearalaich. Thuirt 99% seo mu dheidhinn a’ BhNP agus thuirt 82% gun robh iad dhen bheachd gun tèid bacadh a chur orra nan robh iad airson a ghabhail anns an SNP.

Bha aonar anns gach còignear a’ smaointinn gum biodh e nas doirbhe dhaibh taigh fhaighinn gu h‑àraidh airson leasbaich.

Thuirt neach‑labhairt airson Stonewall, Ben Summerskill, gu bheil an sgrùdadh seo a’ cur nar cuimhne gu bheil a’ choimhearsnachd LGDT fhathast an dùil ri leth‑bhreith anns an t‑aonamh linn air fhichead.