Pàrlamaid na Pòlainne air gabhail ri lagh a chuireas casg air cuspairean LGDTCEN+ ann an sgoiltean

Tha Pàrlamaid na Pòlainne air gabhail ri lagh a thathar an dùil ri casg a chur air teagaisg chuspairean LGDTCEN+ ann an sgoiltean.

Thuirt Ministear an Fhoghlaim, Przemyslaw Czarnek, gum bi an lagh ùr a’ toirt cumhachd do stiùireadairean‑foghlaim stuth‑teagaisg sam bith bho bhuidhnean a‑muigh, leithid carthannasan, a thilg a‑mach.

Thuirt Czarnek gum biodh seo a’ toirt a‑steach stuth sam bith a thathar a’ faicinn mar “bhagairt air moraltachd chloinne” agus e air ràdh roimhe nach eil daoine gèidh “co‑ionann ri daoine àbhaisteach”.

Tha Lex Czarnek (Lagh Czarnek), mar a dh’aithnichear e, cuideachd a’ leigeil le stiùireadairean‑foghlaim luchd‑teagaisg a chur à dreuchd mura bhios iad a’ cumail ris.

Tha laghan dhen leithid an gnìomh anns an Rùis agus an Ungair mu thràth.

Alba air curaicealam a ghabhas a‑steach cùisean LGDT+ a thoirt a‑steach

‘S e Alba a’ chiad dùthaich san t‑saoghal gus curraicealam a ghabhas a‑steach cùisean leasbach, gèidh, dà‑sheòrsach is tar‑ghnèitheach a thoirt a‑steach.

Gheibh luchd‑teagaisg cothrom air e‑trèanadh aire a‑thaobh cùisean LGDT+ agus pasgan de ghoireasan teagaisg in‑ghabhalach air an làrach‑lìn ùr http://lgbteducation.scot.

Bidh cuspairean do gach buidhean‑aoise a‑nis a’ toirt a‑steach dearbhan‑aithne, cùisean agus eachdraidh LGDT+ ann an oidhirp gus co‑ionannachd a bhrosnachadh agus burraidheachd a lughdachadh.

Thèid làrach‑lìn a chur air bhog cuideachd le goireasan agus fiosrachadh do dhaoine òga.

Bu chòir cùisean LGDT+ a bhith na phàirt “bunaiteach” de dh’fhoghlam chloinne

Tha doctairean bho Cholaiste Rìoghail Leigheas agus Slàinte Chloinne (RCPCH) air aontachadh gum bu chòir cùisean LGDT a bhith na phàirt “bunaiteach” de dh’fhoghlam chloinne.

Tha an aithris aca air tighinn mar fhreagairt air co‑chomhairle Roinn an Fhoghlaim mu atharrachaidhean dhan a’ churraicealam a thaobh Foghlam air Dàimhean agus Feise.

Dh’aontaich iad ri ceist 10 a’ cho‑chomhairle gu bheil an curraicealam ùr iomchaidh dhan a h‑uile aois ach cha do dh’aontaich iad ri ceist 11: “A bheil sibh ag aontachadh gum bi susbaint a thaobh Foghlam air Dàimhean, mar a tha e air a mhìneachadh ann am paragrafan 50‑57 dhen stiùireadh, a’ toirt eòlais gu leòr do sgoilearan bun‑sgoile gus dàimhean deimhinneach a chruthachadh?”

A‑measg na molaidhean eile aca, thuirt iad gum bu chòir “aithris soilleir a bhith ann gu bheil daoine agus dàimhean LGDT na phàirt de theagaisg bun‑sgoile mu dheidhinn dàimhean fallain. Faodar seo a shealltainn ann an co‑cheangal ri teaghlaichean – ach tha e cuideachd feumail do chlann ionnsachadh ciall teirmean a leithid leasbach, co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach.”

Mar phàirt dhen fhreagairt aca air ceist 24, “A bheil beachdan sam bith eile agaibh mun dhreachd stiùireadh reachdail a bu mhath leibh toirt ris an roinn?”, thuirt iad gu bheil iad a’ cur fàilte air “am moladh” gum bu chòir cùisean LGDT a bhith ‘bunaiteach’.”

Faodar am freagairt gu lèir aca a leughadh air loidhne an seo.

Cùisean LGDT ri theagaisg ann an sgoiltean Albannach airson a’ chiad turas

Chaidh ainmeachadh le Riaghaltas na h‑Alba Diardaoin gun tèid cùisean LGDT a theagaisg ann an leasanan sgoile airson a’ chiad turas.

Ann an aithris ministreil gu Taigh an Ròid dh’ainmhich Rùnaire an Fhoghlaim, John Swinney, gu bheil an Riaghaltas air gabhail ris a h‑uile moladh de bhuidheann obrach foghlaim in‑ghabhalach LGDT (a ghabhas leughadh an seo) a chaidh a stèidheachadh leis an amas curraicealam agus àrainneachd shòisealta nas càirdeil a chruthachadh do sgoilearan LGDT agus gus dèiligeadh ri burraidheachd.

Am measg molaidhean a’ bhuidheann tha stiùireadh agus trèanadh nas fheàrr do thidsearan, sgrùdaidhean sgoile air in‑ghabhail LGDT agus clàr de thachartasan burraidheachd ann an sgoiltean.

Gheibh a h‑uile sgoil stàite taic gus diofar bhuidhnean aois a theagaisg mu chùisean a leithid briathrachas agus dearbh aithne LGDT, dèiligeadh ri leth‑bhreith, gràin‑co‑shèorsachd, gràin‑dà‑sheòrsachd agus gràin‑tar‑ghnèitheachd agus eachdraidh an iomairt airson co‑ionannachd.

Ro 2000 bha e mì‑laghail airson co‑sheòrsachd a bhrosnachadh ann an sgoiltean fo Earrann 28.

Tha an naidheachd seo a’ tighinn mar thoradh air an Iomairt TIE (Time for Inclusive Education) a chaidh a stèidheachadh ann an 2015 le Jordan Daly agus Liam Stevenson.

A’ bruidhinn air an naidheachd thuirt co‑stèidheadairean an iomairt:

“As dèidh trì bliadhna de iomairt, tha sinn air leth toilichte gum bi foghlam in‑ghabhalach LGDT na fhìrinn ann an sgoiltean stàite na h‑Alba air fad. 18 bliadhna as dèidh Earrann 28 a mì‑laghachadh tha frèam nàiseanta làidir againn mu dheireadh thall airson an sgàilean fada a chaidh a thilgeil thairis air an roinn foghlam againn a cheartachadh.”

“Tha seo a’ ciallachadh gun ionnsaich daoine òga gu lèir mun choimhearsnachd LGDT; na tha iad air cur ris a’ chomainn‑shòisealta, eachdraidh ar gluasadan airson còirichean co‑ionann agus am buaidh a th’ aig gràin‑co‑sheòrsachd, gràin‑dà‑sheòrsachd, gràin‑tar‑ghnèitheachd agus burraidheachd.”

Aonar anns gach triùir de dhaoine LCD a’ fulang burraidheachd ann an sgoil agus san àite‑obrach

Tha aonar anns gach triùir de dhaoine leasbach, co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach a dh’fhulaing burraidheachd nuair a bha iad ann an sgoil cuideachd a’ fulaing burraidheachd san àite‑obrach a‑rèir sgrùdadh ùr bho Oilthigh Anglia Ruskin.

Chruthaich an sgrùdadh beachdan bho 400 duine anns an Rìoghachd Aonaichte ann an 2016.

A‑rèir na toraidhean thuirt 73% de fhireannaich co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach gun do dh’fhulaing iad burraidheachd gu cunbhalach, gu tric neo uaireannan nuair a bha iad ann an sgoil. Thuirt 35.2% gun do dh’fhulaing iad burraidheachd an dà chuid ann an sgoil agus san àite‑obrach. Cha tuirt ach 9.9% nach robh iad air burraidheachd sam bith a dh’fhulaing a‑riamh.

Tha seo an coimeas ri boireannaich leasbach agus dà‑sheòrsach a thuirt gun do dh’fhulaing 59% dhiubh burraidheachd san sgoil gu cunbhalach, gu tric neo uaireannan agus 29% dhiubh san sgoil agus àite‑obrach.

B’ e 37 aois chuibheasach nan com‑pàirtichean, a’ ciallachadh gur ann eadar 1985 agus 1997 a bha iad ann an sgoil.

Thuirt Dr Nick Drydakis, ùghdar an sgrùdaidh, gu bheil na toraidhean a’ moladh gu bheil burraidheachd na dhuilgheadas a leanas daoine LCD bhon sgoile dhan àite‑obrach agus bidh seo a’ toirt droch bhuaidh seasmhach air na daoine fhèin, companaidhean agus a’ chomann sòisealta gu h‑iomlan.

‘S e co‑dhùnadh an sgrùdadh gu bheil burraidheachd aois sgoile ag adhbharachadh ìrean nas àirde de throm‑inntinn, uallach agus iomagain agus ìre fèin‑mheasaidh nas ìsle. Mar thoradh air sin tha an àireamh de dhaoine LCD a’ dol air adhart gu foghlam aig àrd‑ìre nas ìsle agus tha seo a’ ciallachadh gu bheil nas lugha de dhaoine LCD, gu h‑àraid fireannaich co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach a’ faighinn obair ann an dreuchdan white‑collar.

Gus dèiligeadh ris an duilgheadas seo tha an sgrùdadh a’ moladh ro‑innleachdan a chur an gnìomh ann an sgoiltean agus àiteachan‑obrach an aghaidh burraidheachd agus e ag ràdh gu bheil buidhnean LGDT+ na chuideachadh do dhaoine LGDT+ san àite‑obrach.

Tùsan

Cambridge Network: Bullying ‘follows’ LGB people from school to work

Gay Star News: Bullied in school due to your sexuality? It may not get better at work

Maoineachadh de £1 millean a bharrachd dhan iomairt an aghaidh burraidheachd LGDT+

Chaidh ainmeachadh leis an Riaghaltas Didòmhnaich gun tèid maoineachadh de £1 millean a bharrachd a thoirt dhan iomairt an aghaidh burraidheachd LGDT+ ann an sgoiltean.

Tha an iomairt stèidhichte ann an 1200 sgoiltean Shasannach mu thràth ach thuirt Ministear nam Ban agus Co‑ionannachd, Penny Mordaunt, gum bidh tabhartasan ùr ri fhaighinn a’ tòiseachadh an‑diugh (5mh An t‑Samhain 2018) leis an amas a bhith a’ sabaid burraidheachd LGDT+ ann am barrachd sgoiltean air feadh na dùthcha.

A‑rèir an Riaghaltas tha diofar phàirtean am broinn a’ phrògraim. Tha pàirt dheth ag amas air luchd‑teagaisg a thrèanadh gus comharran tràtha air burraidheachd a lorg agus mar a ghabhas eadar‑theachd iomchaidh a dhèanamh. Tha pàirt eile dheth a’ toirt ghoireasan do luchd‑teagaisg gus leasanan a lìbhrigeadh air cùisean LGDT.

Tha Oifis Co‑ionannachd an Riaghaltas (GEO) cuideachd air maoin ùr de £600,000 a stèidheachadh do bhuidhnean coimhearsnachd ionadail a bhios a’ toirt seachad seirbheisean do dhaoine LGDT+ agus £1 millean eile do bhuidhnean a’ dèanamh fòcas air slàinte agus cùram sòisealta de dhaoine LGDT+.

Tha am maoineachadh ùr seo air tighinn mar fhreagairt air suirbhidh riaghaltais de dhaoine LGDT+ – an sgrùdadh as motha dhen t‑seòrsa seo a riamh – nas tràithe am bliadhna.

Cuideachd mar fhreagairt air an t‑suirbhidh, dh’ainmich an Riaghaltas Plana Gnìomh LGDT anns an Iuchar a tha air air a dhèanamh suas le 75 geallaidhean airson dèiligeadh ri leth‑bhreith agus leasachadh beatha dhaoine LGDT+ san Rìoghachd Aonaichte.

B’ e cuid dhe na geallaidhean gum biodh comhairliche slàinte LGDT+ a chur an dreuchd agus gum biodh casg a chur air leigeasan atharrachaidh co‑sheòrsach.

Cuideachd dh’ainmich a’ Bh‑uas Mordaunt gun tèid naoinear a fhastadh airson ballrachd a ghabhail ann am pannal comhairleachaidh LGDT còmhla ri bhuill eile bho Stonewall, an Co‑bhanntachd LGDT agus am Fonndas LGDT gus comhairle a thoirt ris an Riaghaltas air poileasaidh LGDT. Thathar an dùil gun tèid am pannal a stèidheachadh am mìos seo.

Còrr is $3000 air a thogail airson leabhraichean cloinne LGDT+ a thoirt ri leabharlann Ameireaganach

Tha an t‑eadar‑lìon air còrr is $3000 a thogail gus leabhraichean cloinne LGDT+ ùra a cheannach dhan leabharlann ann am Baile Orainds, Iowa.

Chaidh an iomairt a chur an gnìomh mar thoradh air bhideo a chaidh a sgaoileadh air Facebook le Paul Dorr anns an do loisg e sreath de leabhraichean cloinne LGDT+ bhon leabharlann a’ toirt a‑steach Two Boys Kissing le David Levithan agus This Day in June le Gayle Pitman.

Thuirt Mgr Dorr anns am bhideo nach b’ urrainn dha “leigeil leis na h‑inbhich aig Bòrd Leabharlann Baile Orainds an ath‑bhuidheann de chlann bheag a thoirt a‑steach dhan fhìorachd ghnèitheasach salach aca gun chomhaireachd làidir” agus gu bheil e dhen bheachd gu bheil co‑sheòrsachd air adhbharachadh le cron a bhios inbhich a’ dèanamh air clann.

Cuideachd bhrosnaich e daoine LGDT+ a bhith a’ coiseachd air falbh bho chlaonadh, a’ dèanamh aithreachas agus a’ tilleadh air ais gu Crìosda.

Mar thoradh air am bhideo chaidh iomairt togail airgid a chur an gnìomh air Facebook le Justin Scott gus “leabharlann Baile Orainds a lìonadh le tòrr leabhraichean a bharrachd a chomharraicheas eòlas beatha agus tabhartasan de dhaoine LGDT+.”

Aig àm fhoillseachaidh an sgeulachd seo chaidh $1626 a thogail leis.

Thuirt Mgr Scott ann am post air Facebook:

“Seall air an taic làidir – bho Crìosdaidhean, neo‑dhiadhairean agus a h‑uile duine eile eadarra – a tha a’ choimhearsnachd LGDT+ air fhaighinn mar thoradh air an cleas sgreamhail aige”

Chaidh còrr is $2300 a bharrachd a thogail le iomadh iomairtean togail airgid eadar‑dhealaichte air GoFundMe (Orange City LGBT Library Fund / Replace the Vandalized LGBT books / Replace the burned LGBTQ+ books!).

Tha Mgr Dorr air ràdh nach biodh e a’ pàigheadh airson na leabhraichean a sgrios e. Mura dèan e sin dh’fhaodadh e bhith air a chur an cèill agus ’s e 30 latha sa phrìosan agus cìs de $625 am binn as motha gum b’ urrainn dha fhaighinn.

Tha ionnsaighean air susbaint LGDT+ ann an leabharlannan anns na Stàitean Aonaichte air àrdachadh anns na mìosan a dh’fhalbh.

Anns an t‑Sultain chaidh cuideam a chur air Leabharlann Poblach Rumford ann am Maine gus casg a chur air leabhraichean LGDT+ air sgàth gun robh Crìosdaidhean ag ràdh nach robh iad iomchaidh do chlann.

Cuideachd anns an t‑Sultain chur gnìomhaichean bileag lagha a‑steach an aghaidh Leabharlann Lafayette ann an Louisiana airson tachartas a chumail far an robh Bànrighrean‑draga a’ leughadh sgeulachdan dhan chlann.

Chaidh bileag lagha dhen aon t‑seòrsa a chur a‑steach an aghaidh Leabharlann Houston ann an Texas 19mh An Dàmhair.

Lìonra ùr stèideachadh gus taic a thoirt ri thidsearan LGDT+

Chaidh lìonra air loidhne ùr stèidheachadh an seachdain seo gus taic a thoirt ri thidsearan LGDT+ san Rìoghachd Aonaichte.

Bidh LGBTed ag obair còmhla ri Ionad Charnegie aig Oilthigh Leeds Beckett agus oilthighean eile gus rannsachadh a cho‑roinn mu dheidhinn tighinn a‑mach nuair a thathar ag obair ann an sgoiltean agus oilthighean.

Chaidh a stèidheachadh le Daniel Gray, tidsear co‑sheòrsach, agus Hannah Jepson, Stiùiriche Measaidh agus Taghaidh aig a’ charthannas foghlaim nàiseanta Ambition School Leadership.

Thàinig Gray a‑mach dhan sgoil aige an‑uiridh. Thuirt e ri PhinkNews:

”‘S e eadar‑theachd tràthail a th’ ann an LGBTed a thogas lìonra de thidsearan agus de stiùirichean LGDT+, a bheireas cumhachd dhaibh a bhith fìrinneach ann an sgoiltean, colaistean agus oilthighean gus taic a thoirt do dh’oileanaich agus a bhith na neach‑tagraidh airson follaiseachd LGDT+ a mheudachadh anns an t‑siostam foghlaim againn.”

“Nì e fìor atharrachadh do thidsearan agus luchd‑stiùiridh gus sgoiltean a dhèanamh nas in‑ghabhaltach.”

“Nuair a bha mi san sgoil, rè àm Earrann 28, ged nach robh fios agam gun robh mi co‑sheòrsach bha mi air mo thruailleadh anns na dòighean as uabhasach air a shon.”

“Nuair a chaidh mi dha na tidsearan, dh’ innse iad dhomh: ”‘S e rudeigin a dh’fheumas tu dèiligeadh ris.” Chaidh casg a chuir orra bho bhith a’ bruidhinn mu a dheidhinn.”

“Gu mì‑fhortanach, tha buaidh Earrann 28 fhathast ann agus tha cuid mhath de thidsearan agus stiùirichean sgoile fhathast ana‑cinnteach mar a bu chòir dhaibh dèiligeadh ri cùisean LGBT +, fiù ’s ciamar a bheir iad taic do neach LGBT + san sgoil aca.”

“Tha mi ann an suidheachadh sochairichte an‑dràsta far an urrainn dhomh a bhith an comhairliche a bha a dhìth orm mi nuair a bha mi san sgoil.”

Bun‑sgoil Gàidhealach a’ leigeil le balaich is nigheanan a bhith a’ farpais ri chèile ann an rèisean latha‑spòrs

Tha Bun‑sgoil Mharc‑Innis ann an Inverness air leigeil le balaich is nigheanan a bhith a’ farpais ri chèile ann an rèisean latha‑spòrs.

Rinn an sgoil an gluasad grunn sheachdainean às deidh stiùireadh bho Comhairle na Gàidhealtachd gus taic a thoirt do sgoilearan leasbach, co‑sheòrsach, dà‑sheòrsach, tar‑ghnèitheach agus eadar‑sheòrsach.

Tha Ùisdean Torrance na stiùiriche Ceannardas, Co‑ionnanachd is Com‑pàirteachas Gnìomhach ann an Spòrs Alba, a dh’fhoillsich an stiùireadh. Thuirt e dhan Scotsman:

“Thàinig an stiùireadh mar thoradh air sgoilearan LGBTI ag obair còmhla ri sgoiltean gus feuchainn ri dèiligeadh ri cùisean duilich a tha sgoilearan eòlach air ann am foghlam corporra gu sònraichte.”

“Tha sinn air moladh nach bu chòir sgoilearan a bhith air an sgaradh a rèir gnè mura h‑eil e riatanach.”

“Tha an fhianais ag ràdh nach eil eadar‑dhealachaidhean sam bith eadar na cinnidhean nuair a thig e gu spòrs ro àm breith, ach chan eil am manifesto ag ràdh gum feum sinn falbh le sgaradh gnè gu tur ann an spòrs.”

“Chan e mar a tha an saoghal air a stèidheachadh aig an àm seo.”

Chaidh an co‑dhùnadh a chàineadh le cuid de phàrantan nan oileanach aig an sgoil, a bha ag argamaid gun deidheadh gluasad gu cuid de chloinn a bhith gam buladh.

Thuirt aon mhàthair ris a’ phàipear‑naidheachd: “Bha rèis eadar còignear nigheanan agus aon bhalach agus thàinig e mu dheireadh agus bha na balaich eile mar’ ha, ha … rinn nigheann an gnothach ort’.”

Thuirt i: “Carson nach eil an sgoil dìreach a’ leigeil le clann LGBTI rèis a dhèanamh leis a’ ghnè a tha iad a’ faireachdainn a bhuineas dhaibh, an àite a bhith a’ cur na clann gu lèir ann an rèisean measgaichte?”

Tha an naidheachd a’ tighinn ro Seachdain Iomadachd na Sgoile, comharrachadh air co‑ionnanachd LGBT ann an sgoiltean air feadh na RA rè a’ chiad seachdain dhen Iuchar.

Tha an iomairt air a ruith leis a’ charthannas Just Like Us agus e ag amas air dèiligeadh ri gràin‑co‑sheòrsachd, gràin‑dà‑sheòrsachd agus gràin‑tar‑ghnèitheachd.

A‑rèir an carthannas tha còrr is 150,000 de sgoilearan LGBT ann an àrd‑sgoiltean na Rìoghachd Aonaichte agus nam measg bidh ~25% a’ feuchainn ri fèin‑marbhadh, bidh ~50% a’ dèanamh cron orra fhèin agus bidh cha mhòr a h‑uile duine, 96%, a’ cluintinn beachdan oilbheumach.

Co‑labhairt “An Equal Future?” a’ beachdachadh air na dhìth airson Alba a dhèanamh na dùthaich nas in‑ghabhalaiche

Tha Òigridh LGDT na h‑Alba agus Clann ann an Alba gu bhith a’ cumail co‑labhairt gus beachdachadh air na dhìth airson Alba a dhèanamh na dùthaich nas in‑ghabhalaiche.

Thèid an co‑labhairt “An Equal Future?” a chumail 1 An Gearran 2018 mar phàirt den mhìos air eachdraidh LGBT agus mar phàirt de Bliadhna na h‑Òigridh 2018.

’S e amas na co‑labhairt a bhith a’ leasachadh agus a’ neartachadh na sgilean agus an tuigse aig luchd‑proifeiseanta a bhith a’ cruthachadh àrainneachdan a bhios sàbhailte, taiceil agus in‑ghabhalach ris an òigridh LGBT.

Bidh iomadh taisbeanaidhean, deasbadan agus bùthan‑obrach ann a’ toirt a‑steach na cuspairean na leanas:

  • Life in Scotland for LGBT Young People – 2018 Research
  • Experiences of LGBT young people
  • Gender identity in early and primary years
  • LGBT and mental health
  • Addressing homophobic, biphobic and transphobic bullying
  • Inclusive play, activity and sport for LGBT children and young people

Tha am prògram slàn ri leughadh an seo.

Airson barrachd fhiosrachaidh tadhalaibh air an làrach‑lìn aig Clann ann an Alba no cuiribh post‑d thuca.

Tùsan

Òigridh LGDT na h‑Alba

AN EQUAL FUTURE? SCOTLAND’S NEXT STEPS FOR INCLUDING LGBT CHILDREN AND YOUNG PEOPLE

Twitter: @LGBTYS

Clann ann an Alba

An equal future? Scotland’s next steps for including LGBT children and young people

Twitter: @CiSweb

Riaghaltas a’ toirt maoineachadh de £75,000 dhan charthannas Òigridh LGDT na h‑Alba

Gheibh an carthannas Òigridh LGDT na h‑Alba (LGBT Youth Scotland) £75,000 bho Riaghaltas na h‑Alba mar phàirt dhen sgeama “Bliadhna na h‑Òigridh” a bhios iad a’ ruith fad 2018.

‘S e a h‑amas a bhith a’ brosnachadh Alba tron òigridh againn. Bidh a’ bhliadhna seo a’ comharrachadh euchdan na h‑òigridh agus a’ cruthachadh chothroman do dh’òigridh a bhith soirbheachail aig ìre ionadail, nàiseanta agus eadar‑nàiseanta.

A bharrachd air Òigridh LGDT na h‑Alba bidh an Riaghaltas a’ roinn maoineachadh de £14m a‑measg còrr ’s 100 buidheann a leithid Scouts Scotland, Save the Children agus Barnardo’s.

Tha clàir phoblach a’ sealltainn gu bheil teachd‑a‑steach Òigridh LGDT na h‑Alba air àrdachadh £250,000 san bhliadhna mu dheireadh agus ann am Màrt 2017 ruig am maoineachadh gu lèir aca suas ri £1.1m. Thathar an dùil gum faigh an carthannas còrr ’s £300,000 bho phrògraman co‑ionnanachd eile aig an Riaghaltas.

BBC: Oidhirp gus beag‑fhaclair LGBTI Gàidhlig a chruthachadh

Nochd an sgeulachd seo air a’ BhBC an‑diugh:‑

Chaidh iarraidh air luchd‑labhairt na Gàidhlig cuideachadh gus liosta de dh’fhaclan agus briathrachas LGBTI a chruthachadh sa chànan.

Tha an iomairt ga cur air chois leis a’ bhuidhinn Lìonra Co‑ionnannachd, mar phàirt den obair àbhaistich aca, agus an dèidh thachartasan a chaidh a chumail sna h‑Eileanan Siar o chionn ghoirid.

Chaidh iarraidh air colaiste Gàidhlig na h‑Alba, Sabhal Mòr Ostaig, agus Oilthigh Dhùn Èideann taic a thoirt gus am beag‑fhaclair a leasachadh.

Ach, thathas cuideachd a’ sireadh bheachdan bho luchd‑labhairt sa bheatha phoblaich.

Aig a’ cheann thall, dh’fhaodadh gun deadh am beag‑fhaclair fhoillseachadh mar ghoireas air‑loidhne.

Thuirt Scott Cuthbertson, manaidsear leasachaidh aig Lìonra Co‑ionannachd, gu bheil briathrachas LGBTI “ag atharrachadh gu luath”.

Thuirt e: “Tha faclan non‑binary, trans agus intersex gu math ùr fiù ’s sa Bheurla.

“Tha sinn air fiosrachadh fhoillseachadh sa Ghàidhlig roimhe, leithid na h‑iomairt mu deireadh a bh’ againn air eucoir gràin, ach chan eil an‑còmhnaidh aonta ann mu ciamar a bu chòir na faclan a bhith air an eadar‑theangachadh gu Gàidhlig.”

Thuirt e cuideachd: “B’ e aon de na cùisean a nochd sna h‑Eileanan Siar gu bheil feum againne air tuilleadh conaltraidh a dhèanamh ris na coimhearsnachdan Gàidhlig.

“Mar sin, tha sinn airson beag‑fhaclair a leasachadh, agus airson obrachadh cuide ri luchd‑labhairt na Gàidhlig gus sin a dhèanamh.”