Dealbh bhon fhilm "The Miseducation of Cameron Post"

Ministearan Èireann a Tuath a’ toirt taic do chasg air teiripe iompachadh co‑sheòrsachd

Tha ministearan ann an Èirinn a Tuath air dearbhadh gu bheil iad airson casg a chur air teiripe iompachadh co‑sheòrsachd.

Tha teiripe iompachaidh air a mhìneachadh mar an oidhirp gus feisealachd no dearbh‑aithne gnè neach atharrachadh. Chaidh an cleachdadh a chàineadh leis a’ mhòr‑chuid de na prìomh bhuidhnean leigheas‑inntinn agus gun deach a mhìneachadh leis na Dùthchannan Aonaichte mar sheòrsa de chràdh.

Aig coinneamh Dimàirt (8mh den Sultain), dhearbh Carál Ní Chuilín, Ministear nan Coimhearsnachdan; Robin Swann, Ministear na Slàinte; agus Naomi Long, Ministear an Ceartais gu bheil iad airson casg a chur air an cleachdadh.

Bidh Ní Chuilín na stiùiriche poileasaidh le taic bho feadhainn eile ann an Riaghaltas Èireann a Tuath.

Tha an naidheachd a’ tighinn còrr is dà bhliadhna as dèidh do Riaghaltas an RA gealltainn gun cuireadh iad casg air ach tha e fhathast laghail.

Lasachadh nan riaghailtean a thaobh fireannaich co‑sheòrsach a’ toirt seachad fala ann an Èirinn a Tuath

Chaidh ainmeachadh gun tèid an lagh atharrachadh ann an Èirinn a Tuath gus am bi fireannaich co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach comasach air fuil a thoirt seachad cho fhad ’s nach eil iad air a bhith ri feise le fireannach eile fad trì mìosan.

Tha riaghailtean làithreach a’ cur casg aon bhliadhna air fireannaich a tha air a bhith ri feise le fireannach eile.

Bidh an t‑atharrachadh, a thèid a chur an gnìomh 1 Ògmhios 2020, a’ ciallachadh gum bi an lagh ann an Èirinn a Tuath co‑ionann ris a’ chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte far an do dh’atharraich an lagh ann an 2017.

Dìreach dà chàraid aon‑sheòrsach air leanabh uchd‑mhacachadh ann an Èirinn a Tuath o chionn 2013

Chaidh a nochdadh gur ann aig Èirinn a Tuath a tha an an ìre uchd‑mhacaichidh as ìsle a‑measg càraidean aon‑sheòrsach anns an Rìoghachd Aonaichte le dìreach 1 anns gach 15 iarrtasan soirbheachadh, an taca ri 1 anns gach 2 ann an àiteachan eile san Rìoghachd Aonaichte.

A‑rèir na figearan, tha 30 càraid air iarrtas uchd‑mhacaichidh a chur a‑steach o chionn 2013, nuair a chaidh còirichean uchd‑mhacaichidh a thoirt do chàraidean aon‑sheòrsach, ach cha robh ach dà iarrtas soirbheachail nam measg.

Chaidh na figearan fhoillseachadh leis a’ BhBC, às deidh iarrtas saorsa fiosrachaidh.

Thuirt E. J. Havlin, stiùiriche Adoption UK ann an Èireann a Tuath, ris a’ BhBC gur e an dòigh anns an do dh’atharraich an lagh a tha as coireach.

Bha an casg air càraidean aon‑sheòrsach bho bhith uchd‑mhacachadh a chur às le cùirtean Èirinn a Tuath as dèidh cùis‑lagha fada seach leis a’ Phàrlamaid mar a thachair anns an còrr dhen Rìoghachd Aonaichte.

Le seo, dh’atharraich an lagh tron oidhche agus cha do leig e ùine eadar‑amail gus trèanadh agus taic a bharrachd a thoirt do luchd‑obrach sòisealta.

“Tha seo air a bhith na atharrachadh cultarach air leth, agus tha e a’ toirt ùine airson gabhail ri sin”, ars i.

Thuirt neach‑labhairt Roinn na Slàinte ris a’ BhBC gur dòcha gur e am pròiseas fada ann an Èirinn a Tuath aon de na h‑adhbharan airson ìre reusanta ìosal, a‘ ciallachadh gum faodadh cuid de na tagraichean a bhith air an aontachadh mar‑thà, ach cha deach leanabh a thoirt dhaibh fhathast.

Fèis‑pròise Iúr Cinn Trá gu bhith a’ toirt aoigheachd dha Fhèis‑pròise an Rìoghachd Aonaichte 2019

Chaidh ainmeachadh gum bi Fèis‑pròise Iúr Cinn Trá (Newry) a’ toirt aoigheachd dha Fhèis‑pròise an Rìoghachd Aonaichte 2019.

Chaidh ainmeachadh nuair a thàinig faisg air 100 buidhnean pròise còmhla ann an Glaschu aig an deireadh sheachdain airson a’ cho‑labhairt bhliadhnail aca.

Chuir na buidhnean taic aon‑ghuthach ris an tagradh bho Fhèis‑pròise Iúr Cinn Trá agus Fèis‑pròise Bheul Feirste.

‘S e Èirinn a Tuath na aon phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte a tha fhathast ri poileasaidhean in‑ghabhalach LGDT+ a chur an gnìomh.

Chaidh ainmeachadh aig an aon àm gum bi Fèis‑pròise a Tuath ann an Caisteal Nuadh a’ toirt aoigheachd dha Fhèis‑pròise an Rìoghachd Aonaichte 2020.

Faodaidh sibh cumail suas leis na naidheachdan as ùire bhon fhèisean aig na làraichean‑lìn seo:

Fèis‑pròise Iúr Cinn Trá: http://prideinnewry.com/

Fèis‑pròise a Tuath: http://www.northern‑pride.com/

Dòchas ùr airson pòsadh aon‑sheòrsach ann an Èirinn a Tuath

Tha dithis bhall‑phàrlamaid Làbarach air plana a chur an gnìomh a dh’fhaodadh pòsadh aon‑sheòrsach a dhèanamh laghail ann an Èirinn a Tuath.

Tha Conor McGinn air a bhith a’ dèanamh iomairt airson co‑ionannachd pòsaidh aig an aon àm ’s a tha Stella Creasy air a bhith a’ dèanamh iomairt airson còirichean casg‑breith.

Tha an dithis a‑nis air atharrachadh a thagradh do bhile a bhios a’ dol dhan Phàrlamaid Diciadain gus cumhachdan nan seirbheisich catharra ann an Èirinn a Tuath a leudachadh  às aonais riaghaltas tiomnaichte san roinn.

Ma tha iad soirbheachail bhiodh an atharrachadh “Còirichean Co‑ionann do Mhuinntir Èirinn a Tuath” a chur às dhan chasgan a th’ air pòsadh aon‑sheòrsach agus casgan‑breith.

Thuirt Mgr McGinn ris The Guardian:

“Tha a h‑uile cunntas‑bheachd a’ sealltainn gu bheil a’ mhòr‑shluagh ann an Èirinn a Tuath, a’ mhòr‑chuid dhe na pàrtaidhean poilitigeach agus an t‑uamhas de BhP ann an Taigh nan Cumantan a’ toirt taic ri co‑ionannachd pòsaidh.”

“Tha co‑ionannachd do dhaoine LGDT ann an Èirinn a Tuath fada ro fhada agus tha an t‑atharrachadh seo a’ toirt cothrom dhan Riaghaltas a bhith a’ maidseadh na thuirt iad ris na gnìomhan aca gus Èirinn a Tuath a thoirt gun aon ìre leis a’ chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte.”

Chur am buidheann Love Equality, a bhios a’ dèanamh iomairt airson co‑ionannachd pòsaidh, fàilte air an naidheachd:

“Tha sinn a’ cur taic dhan ghluasad ùr seo leis na BP Conor McGinn agus Stella Creasy gus pòsadh aon‑sheòrsach a dhèanamh laghail ann an Èirinn a Tuath.”

“Leis nach eil dùil sam bith gum bi fèin‑riaghladh a’ tilleadh tha sinn feumach air Buill‑Phàrlamaid a chur stad air an leth‑bhreith an‑aghaidh càraidean LGDT ann an Èirinn a Tuath. Faighnichibh dhan BP agaibh taic a chur ris.”

Juice1038 na chiad stèisean rèidio LGDT ann an Èirinn a Tuath

Tòisichidh Juice1038 a’ craoladh bho phrìomh‑bhaile Èirinn a Tuath air 4mh An Lùnastal, an aon latha ri Fèis‑pròise Bheul Feirste.

Bidh an sianal a’ cluich measgachadh de fuinn dannsa clasaigeach, ath‑mheasgachaidhean agus òrain ùra bho na charts.

Faodar sampall dhen stèisean a chluinntinn an‑dràsta air an làrach‑lìn aca.

Thuirt neach‑labhairt an stèisean ri RadioToday:

“Tha daoine LGDT+ a’ tighinn bho gach raon‑beatha agus ’s e an t‑amas a th’ againn a bhith a’ frithealadh cho mòr sa choimhearsnachd againn sa ghabhas le bhith a’ cleachdadh stoidhle taisbeanaidh in‑ghabhalach measgaichte le susbaint cainnte a tha a’ buntainn dhan luchd‑èisteachd againn agus ceòl sònraichte nach eil ri chluinntinn air rèidio Èirinn a Tuath.”

“Cluichidh Juice measgachadh de dhannsa agus dannsa clasaigeach, ath‑mheasgachaidhean, singiltean air an taghadh gu cùramach bhon Top 40 agus clasaichean co‑sheòrsachd.”

“Bidh ùidh mhòr aig a’ choimhearsnachd LGDT+ anns an susbaint cainnte againn, a bhios a’ toirt a‑steach naidheachd LGDT+ agus prògram a bhios a’ soillearachadh agus a’ beachdachadh air na h‑amasan, draghan, soirbheachasan agus cùisean a tha a’ toirt buaidh air an luchd‑èisteachd againn.”

Fèisean Pròise 2018

Seo agaibh liosta de dh’fhèisean Pròise am‑bliadhna. Fàgaibh beachd gu h‑ìosal ma tha sibh eòlach air fear a tha a dhìth.

Am Màrt

Trans Pride Scotland – 31 Màrt ann an Dùn Èideann, Alba

An Giblean

Miami Beach Gay Pride – 2‑8 Giblean ann am Miami, Florida, Na Stàitean Aonaichte

Phoenix Pride – 8 Giblean ann am Phoenix, Arizona, Na Stàitean Aonaichte

Jasper Pride – 19‑22 Giblean ann an Jasper, Alberta, Canada

Digital Pride – 21‑28 April air loidhne air feadh an t‑saoghal

Philadelphia Black Pride – 26‑29 Giblean ann am Philadelphia, Pennsylvania, Na Stàitean Aonaichte

Dallas Southern Pride – 27 Giblean ann an Dallas, Texas, Na Stàitean Aonaichte

Tokyo Rainbow Pride – 29 Giblean – 7 Cèitean ann an Tokyo, Iapan

An Cèitean

Maspalomas Gay Pride – 3‑13 Cèitean ann am Maspalomas, Gran Canaria

Raleigh Pride – 5 Cèitean ann an Raleigh, North Carolina, Na Stàitean Aonaichte

Belgian Pride – 19 Cèitean anns a’ Bhruiseal, a’ Bheilg

Springfield Pride – 19 Cèitean ann an Springfield, Illinois, Na Stàitean Aonaichte

Vallarta Pride – 20‑27 Cèitean ann am Puerto Vallarta, Meagsago

DC Black Pride – 25‑28 Cèitean ann an Washington DC, Na Stàitean Aonaichte

Grampian Pride – 25‑28 Cèitean ann an Obar Dheathain

Birmingham Pride – 26‑27 Cèitean ann am Birmingham, Sasainn

An t‑Ògmhios

Trans Pride NI – 2 Ògmhios ann am Beul Feirste, Èirinn a Tuath

Guadalajara Pride – 2 Ògmhios ann an Guadalajara, Meagsago

Sao Paulo Pride – 3 Ògmhios ann an Sao Paolo, Braisil

Rio de Janeiro Pride – 3 Ògmhios ann an Rio de Janeiro, Braisil

Tel Aviv Pride – 3‑10 Ògmhios ann an Tel Aviv, Iosrael

Gay Pride Rome – 9 Ògmhios anns an Ròimh, An Eadailt

Capital Pride – 7‑10 Ògmhios ann an Washington DC, Na Stàitean Aonaichte

Shanghai Pride – 8‑18 Ògmhios ann an Shanghai, Sìona

LA Pride – 10 Ògmhios ann an Los Angeles, Na Stàitean Aonaichte

Rhode Island Pride – 16 Ògmhios ann am Providence, Na Stàitean Aonaichte

Pride Edinburgh – 16 Ògmhios ann an Dùn Èideann, Alba

Dublin Pride – 21‑30 Ògmhios ann am Baile Àtha Cliath, Èirinn

Trans March – 22 Ògmhios ann an San Francisco, California, Na Stàitean Aonaichte

Pride Toronto – 22‑24 Ògmhios ann an Toronto, Canada

NYC Pride – 24 Ògmhios ann an New York City, Na Stàitean Aonaichte

Chicago Pride – 25 Ògmhios ann an Chicago, Illinois, Na Stàitean Aonaichte

Acadiana Pride – 30 Ògmhios ann an Lafayette, Louisiana, Na Stàitean Aonaichte

Paris Pride – 30 Ògmhios ann am Paris, An Fhraing

Oslo Pride – 27‑30 Ògmhios ann an Oslo, Nirribhidh

An t‑Iuchar

Pride in London – 7 Iuchar ann an Lunnainn, Sasainn

Madrid Pride – 7 Iuchar ann am Madrid, An Spàinn

Bristol Pride – 14 Iuchar ann am Bristol, Sasainn

Pride Glasgow – 14‑15 Iuchar ann an Glaschu, Alba

Fife Pride – 18 Iuchar ann an Kirkcaldy, Alba

Trans Pride Brighton – 18 Iuchar ann am Brighton, Sasainn

IW Pride – 21 Iuchar anns an t‑Eilean Wight, Sasan

Pink Dot Singapore – 21 Iuchar ann an Singeapòr

CSD – Berlin – 28 Iuchar ann am Berlin, a’ Ghearmailt

Liverpool Pride – 28‑29 Iuchar ann an Liverpool, Sasainn

Stockholm Pride – 27 Iuchar – 5 Lùnastal ann an Stockholm, an t‑Suain

Belfast Pride – 27 Iuchar – 5 Lùnastal ann am Beul Feirste, Èirinn a Tuath

An Lùnastal

Brighton and Hove Pride – 3‑5 Lùnastal ann am Brighton, Sasainn

Leeds Pride – 5 Lùnastal ann an Leeds, Sasainn

Reykjavík Pride – 7‑12 Lùnastal ann an Reykjavík, Innis Tìle

West Pride – 14‑19 Lùnastal ann an Gothenburg, an t‑Suain

Pride Cymru – 24‑26 Lùnastal ann an Caerdydd, a’ Chuimrigh

Manchester Pride – 24‑27 Lùnastal ann am Manchester, Sasainn

An t‑Sultain

Malta Pride – 15 Sultain ann an Valletta, Malta

Dallas Pride – 15‑16 Sultain ann an Dallas, Texas, Na Stàitean Aonaichte

Curaçoa Pride – 27‑30 Sultain ann an Curaçoa, Curaçoa

An Dàmhair

Pink Dot Hong Kong – Dàmhair ann an Hong Kong

Atlanta Pride – 13‑14 Dàmhair ann an Atlanta, Georgia, Na Stàitean Aonaichte

Montego Bay Pride – 8‑14 Dàmhair ann am Montego Bay, Jamaica

An Samhain

Trans Pride South West – 24 Samhain ann am Bristol, Sasainn

Cha tèid BP Iris Robinson a thoirt gu lagh

Cha tèid Iris Robinson, BP à Èirinn a Tuath, a thoirt gu lagh leis a’ phoileas airson moladh gur e tinneas‑inntinn a th’ ann an co‑sheòrsachd agus coimeas a dhèanamh eadar daoine co‑sheòrsach agus paedophiles.

Bha BP am Pàrtaidh Deamocratach Aonachdach (DUP) airson Strangford, a tha pòsta ri Peter Robinson, Prìomh Ministear Èirinn a Tuath, fo sgrùdadh am poileas as dèidh dhan BhBC còrr is 100 gearan fhaighinn nuair a bha Robinson a’ bruidhinn air Prògram Nolan air BBC Radio Ulaidh as t‑samhradh agus mun aon àm nochd agallamh san Belfast Telegraph far an tuirt i rudan dhen aon t‑seòrsa.

Thuirt neach‑labhairt a’ Phoileas as dèidh rannsachadh fada agus farsaing gu bheil iad toilichte gu leòr nach do bhris BP Robinson an lagh agus air sgàth ’s sin cha tèid i a toirt gu lagh.