Èirinn: Tar‑bhoireannaich toirmeasgte bho rugbaidh nam ban

Tha Aonadh Rugbaidh na h‑Èireann (IRFU) air casg a chur air tar‑bhoireannaich bho bhith a’ cluich rugbaidh nam ban.

Bidh tar‑fhireannaich fhathast comasach air cluich airson sgiobaidhean fireannach ach feumar cead sgrìobhte agus measadh cunnairt mus cluich iad.

Tha seo a’ tighinn as dèidh gun do chur Aonadh Rugbaidh Shasainn (RFU) casg air tar‑bhoireannaich am mìos seo chaidh.

Tha tar‑bhoireannaich cuideachd air a bhith toirmeasgte bho bhith a’ cluich gu h‑eadar‑nàiseanta bho chionn 2020.

Riaghailtean nas fhosgailte a thaobh fala a thoirt seachad an Èirinn

Tha Seirbheis Fala na h‑Èireann air na riaghailtean a thaobh fala a thoirt seachad atharrachadh.

Bho 28 Am Màrt bidh fireannaich gèidh is dà‑sheòrsach comasach air fuil a thoirt seachad as dèidh ceithir mìosan gun a bhith ri feise le fireannach eile an àite a bhith a’ feitheamh bliadhna gu lèir.

Thathar an dùil gun tèid na riaghailtean atharrachadh a‑rithist nas fhaide den bhliadhna gus an dàil a chur às gu tur agus measadh a dhèanamh air gach tabhartaiche fa leth gus faighinn a‑mach ma tha iad comasach air fuil a thoirt seachad.

Thèid gnè bith‑eòlasach a shònrachadh do phearsachan neo‑bhìnearaidh ann an Cunntas‑sluaigh na h‑Èireann

Tha Príomh‑Oifig Staidrimh na hÉireann (CSO) air dearbhadh gun tèid gnè bith‑eòlasach a shònrachadh do phearsachan neo‑bhìnearaidh ann an Cunntas‑sluaigh na h‑Èireann am bliadhna.

A‑rèir reachdas an Aonaidh Eòrpach feumaidh an cunntas‑sluaigh faighneachd mun gnè bith‑eòlasach a th’ aig neach agus feumaidh an taghadh a bhith eadar boireannach no fireannach.

Cha bhi cunntas‑sluaigh na bliadhna seo a’ faighneachd mun dearbh‑aithne gnè a th’ aig neach ach tha an CSO air ràdh gu bheil iad an dùil seo a chur ris an ath‑thuras.

Tha stiùireadh oifigeil air an làrach‑lìn aca a’ moladh gun cur neach tiog anns na dhà bhogsa mura h‑eil iad airson aithneachadh mar bhoireannach no fireannach ach tha e cuideachd ag ràdh gun tèid gnè bith‑eòlasach a shònrachadh dhaibh gu thuaireamach airson adhbharan staitistigeil.

Thèid Cunntas‑sluaigh na h‑Èireann a chumail air 3mh latha dhen Ghiblean.

Riaghaltas na h‑Èireann air leisgeul a thoirt do dhaoine co‑sheòrsach a chaidh a dhìteadh fo laghan eachdraidheil

Tha Riaghaltas na h‑Èireann air leisgeul foirmeil a thoirt do dhaoine co‑sheòrsach a chaidh a dhìteadh fo laghan eachdraidheil.

Ann an aithris dha Dáil Éireann thuirt Prìomhaire Leo Varadkar, a tha co‑sheòrsach:

“An‑diugh ’s e na gaisgich neo‑ainmichte a tha mi airson moladh gu làidir, na mìltean de dhaoine neo‑ainmichte a chaidh a dhìteadh leis ar sinnsearan.”

“Chan urrainn dhuinn an ana‑cheartas a chaidh a dhèanamh orra a cheartachadh, [ach] ‘s urrainn dhuinn a ràdh gu bheil sinn mar comann air ionnsachadh bhon fhulangas aca. Tha na sgeulachdan aca air cuideachadh le bhith gar dèanamh nas fheàrr; tha iad air ar dèanamh nas ceadaiche, nas tuigsiche agus nas daonndaiche.”

Thuirt Charlie Flanagan, Ministear a’ Cheartais agus na Co‑ionnannachd dha Seanadh na h‑Éireann:

“Tha mi a’ toirt leisgeul gu duine sam bith a dh’fhairich an dochann agus an aonaranachd a chruthaich na laghan sin, agus gu h‑àraid dhaibhsan a chaidh a dhìteadh le laghan mar sin.”

“Cha ghabh dad sam bith a ràdh an seo an‑diugh a dh’atharraicheas am fulangas agus an leth‑bhreith a dh’fhuiling a’ choimhearsnachd co‑sheòrsach sna bliadhnaichean ro dhì‑eucoireachadh.”

Tha an leisgeul a’ tighinn air thoiseach air cuirm a chomharraicheas 25 bliadhna bhon a chaidh co‑sheòrsachd a dhì‑eucoireachadh. Thèid an cuirm a chumail ann an Caisteal Bhaile Átha Cliath an ath‑sheachdain agus thathar an dùil gum bi còrr is 700 duine an làthair.

Fèisean Pròise 2018

Seo agaibh liosta de dh’fhèisean Pròise am‑bliadhna. Fàgaibh beachd gu h‑ìosal ma tha sibh eòlach air fear a tha a dhìth.

Am Màrt

Trans Pride Scotland – 31 Màrt ann an Dùn Èideann, Alba

An Giblean

Miami Beach Gay Pride – 2‑8 Giblean ann am Miami, Florida, Na Stàitean Aonaichte

Phoenix Pride – 8 Giblean ann am Phoenix, Arizona, Na Stàitean Aonaichte

Jasper Pride – 19‑22 Giblean ann an Jasper, Alberta, Canada

Digital Pride – 21‑28 April air loidhne air feadh an t‑saoghal

Philadelphia Black Pride – 26‑29 Giblean ann am Philadelphia, Pennsylvania, Na Stàitean Aonaichte

Dallas Southern Pride – 27 Giblean ann an Dallas, Texas, Na Stàitean Aonaichte

Tokyo Rainbow Pride – 29 Giblean – 7 Cèitean ann an Tokyo, Iapan

An Cèitean

Maspalomas Gay Pride – 3‑13 Cèitean ann am Maspalomas, Gran Canaria

Raleigh Pride – 5 Cèitean ann an Raleigh, North Carolina, Na Stàitean Aonaichte

Belgian Pride – 19 Cèitean anns a’ Bhruiseal, a’ Bheilg

Springfield Pride – 19 Cèitean ann an Springfield, Illinois, Na Stàitean Aonaichte

Vallarta Pride – 20‑27 Cèitean ann am Puerto Vallarta, Meagsago

DC Black Pride – 25‑28 Cèitean ann an Washington DC, Na Stàitean Aonaichte

Grampian Pride – 25‑28 Cèitean ann an Obar Dheathain

Birmingham Pride – 26‑27 Cèitean ann am Birmingham, Sasainn

An t‑Ògmhios

Trans Pride NI – 2 Ògmhios ann am Beul Feirste, Èirinn a Tuath

Guadalajara Pride – 2 Ògmhios ann an Guadalajara, Meagsago

Sao Paulo Pride – 3 Ògmhios ann an Sao Paolo, Braisil

Rio de Janeiro Pride – 3 Ògmhios ann an Rio de Janeiro, Braisil

Tel Aviv Pride – 3‑10 Ògmhios ann an Tel Aviv, Iosrael

Gay Pride Rome – 9 Ògmhios anns an Ròimh, An Eadailt

Capital Pride – 7‑10 Ògmhios ann an Washington DC, Na Stàitean Aonaichte

Shanghai Pride – 8‑18 Ògmhios ann an Shanghai, Sìona

LA Pride – 10 Ògmhios ann an Los Angeles, Na Stàitean Aonaichte

Rhode Island Pride – 16 Ògmhios ann am Providence, Na Stàitean Aonaichte

Pride Edinburgh – 16 Ògmhios ann an Dùn Èideann, Alba

Dublin Pride – 21‑30 Ògmhios ann am Baile Àtha Cliath, Èirinn

Trans March – 22 Ògmhios ann an San Francisco, California, Na Stàitean Aonaichte

Pride Toronto – 22‑24 Ògmhios ann an Toronto, Canada

NYC Pride – 24 Ògmhios ann an New York City, Na Stàitean Aonaichte

Chicago Pride – 25 Ògmhios ann an Chicago, Illinois, Na Stàitean Aonaichte

Acadiana Pride – 30 Ògmhios ann an Lafayette, Louisiana, Na Stàitean Aonaichte

Paris Pride – 30 Ògmhios ann am Paris, An Fhraing

Oslo Pride – 27‑30 Ògmhios ann an Oslo, Nirribhidh

An t‑Iuchar

Pride in London – 7 Iuchar ann an Lunnainn, Sasainn

Madrid Pride – 7 Iuchar ann am Madrid, An Spàinn

Bristol Pride – 14 Iuchar ann am Bristol, Sasainn

Pride Glasgow – 14‑15 Iuchar ann an Glaschu, Alba

Fife Pride – 18 Iuchar ann an Kirkcaldy, Alba

Trans Pride Brighton – 18 Iuchar ann am Brighton, Sasainn

IW Pride – 21 Iuchar anns an t‑Eilean Wight, Sasan

Pink Dot Singapore – 21 Iuchar ann an Singeapòr

CSD – Berlin – 28 Iuchar ann am Berlin, a’ Ghearmailt

Liverpool Pride – 28‑29 Iuchar ann an Liverpool, Sasainn

Stockholm Pride – 27 Iuchar – 5 Lùnastal ann an Stockholm, an t‑Suain

Belfast Pride – 27 Iuchar – 5 Lùnastal ann am Beul Feirste, Èirinn a Tuath

An Lùnastal

Brighton and Hove Pride – 3‑5 Lùnastal ann am Brighton, Sasainn

Leeds Pride – 5 Lùnastal ann an Leeds, Sasainn

Reykjavík Pride – 7‑12 Lùnastal ann an Reykjavík, Innis Tìle

West Pride – 14‑19 Lùnastal ann an Gothenburg, an t‑Suain

Pride Cymru – 24‑26 Lùnastal ann an Caerdydd, a’ Chuimrigh

Manchester Pride – 24‑27 Lùnastal ann am Manchester, Sasainn

An t‑Sultain

Malta Pride – 15 Sultain ann an Valletta, Malta

Dallas Pride – 15‑16 Sultain ann an Dallas, Texas, Na Stàitean Aonaichte

Curaçoa Pride – 27‑30 Sultain ann an Curaçoa, Curaçoa

An Dàmhair

Pink Dot Hong Kong – Dàmhair ann an Hong Kong

Atlanta Pride – 13‑14 Dàmhair ann an Atlanta, Georgia, Na Stàitean Aonaichte

Montego Bay Pride – 8‑14 Dàmhair ann am Montego Bay, Jamaica

An Samhain

Trans Pride South West – 24 Samhain ann am Bristol, Sasainn

Leo Varadkar na chiad Phrìomhaire co‑sheòrsach aig Èirinn

Chaidh Leo Varadkar a thaghadh mar cheannard am pàrtaidh poilitigeach Fine Gael an‑diugh agus e a‑nis gu bhith a chiad Prìomhaire (Taoiseach) co‑sheòrsach ann an eachdraidh na h‑Èirinn.

Aig 38 bliadhna a dh’aois tha e cuideachd am Prìomhaire as òige ann an eachdraidh na dùthaich.

Bhòt 60% dhen colaiste taghaidh air a shon agus thathar an dùil gum bi e a’ toirt smachd air am pàrtaidh sna seachdainnean a tha romhainn.

Thuirt Mgr Varadkar, “If my election shows anything it’s that prejudice has no hold in this Republic… When my father travelled 5,000 miles to build a new home in Ireland, I doubt he ever dreamed his son would grow up to be its leader and that despite his differences his son would be treated the same and judged by his actions and character not his origins or identity.”

Thàinig Mgr Varadkar às a chlòsaid ann an 2015 ron referendum air pòsaidhean aon‑sheòrsach agus nas anmoiche air a’ bhliadhna rinn e òraid làidir ann an Dáil Éireann a’ moladh dhaibh gum bu chòir do phòsaidhean aon‑sheòrsach a bhith laghail.

Prìomhaire co‑sheòrsach gu bhith aig Èirinn?

Thathar an dùil gun tèid Leo Varadkar, 38 a thaghadh mar ceannard am pàrtaidh poilitigeach Fine Gael.

Thèid an taghadh mu dheireadh a chumail a‑màireach (2na An t‑Òg‑mhios 2017), ach an‑dràsta thathar an dùil gum bidh 46 a‑mach às na 73 neach‑lagha sa phartaidh a’ bhòtadh air a shon.

Ma tha e soirbheachail bidh e air ainmeachadh mar ceannard am pàrtaidh agus mar sin bidh e na chiad Prìomhaire co‑sheòrsach agus am fear nas òige ann an eachdraidh na dùthaich.

Companasan‑catharra air a dhèanamh laghail ann an Èirinn

Chaidh laghan ùra a chur an gnìomh ann an Èirinn Disathairne gus companasan‑catharra a dhèanamh laghail anns an dùthaich.

A dh’aindeoin seo tha cuid anns a’ choimhearsnachd LGDT+ Èireannach air an achd a chàineadh air sgàth ’s gum feumar gach càraid tagradh a chur a‑steach co‑dhiù trì mìos ro‑làimh ma bhios iad airson cead fhaighinn bhon Riaghaltas agus air sgàth ’s nach eil an achd a’ toirt còirichean co‑ionann do phàrantan co‑sheòrsach.

Tha am buidheann LGBT Noise a’ càineadh an achd ùr air sgàth ’s nach eil e a’ toirt cead pòsaidh do chàraidean aon‑sheòrsach.

Thuirt neach‑labhairt a’ bhuidhinn ris an Irish Times:

“Bidh pàrantan a’ pàigheadh cìsean mar càraid ach cha bhi còraichean pàrant aca mar càraid. Tha Noise a’ creidsinn nan robh a h‑uile buannachd a th’ aig pòsadh ri fhaotainn le companasan‑catharra gur e leth‑bhreith a bhiodh ann fhathast air sgàth ’s gum biodh siostam fa leth ann do mhuinntir a’ choimhearsnachd LGDT.”

Thathar an dùil gun tèid na ciad companasan‑catharra a chumail sa Ghiblean air sgàth ’s gum feumar cead fhaighinn trì mìosan ro‑làimh ach faodar cead fhaighinn ro sin ma bhios tu a’ faighinn saoradh bhon a’ chùirt mar thoradh adhbharan slàinte m.s.a.a.

Bidh an achd ùr ag aithneachadh companasan‑catharra bho 27 dùthchannan eile a’ toirt a‑steach An Rìoghachd Aonaichte agus Canada ach cha bhi e ag aithneachadh pòsaidhean aon‑sheòrsach à dùthchannan far a bheil iad ceadaichte.

Iomairt Facebook airson a’ chiad ceann‑suidhe co‑sheòrsach aig na h‑Èirinn

Chaidh iomairt a chur an sàs air Facebook gus a’ chiad ceann‑suidhe co‑sheòrsach a thaghadh ann an Èirinn.

Thathar an dùil gun tèid David Norris a thaghadh na Ceann‑suidhe na h‑Èirinn anns an Taghadh 2011.

Thuirt Norris gur e iomairt Facebook le ballrachd de còrr ’s 1000 daoine a bhrosnaich e a bhith a’ ruith.

“Tha mi dhen bheachd gu bheil e uabhasach cudromach a bhith a’ cleachdadh teicneòlas ùr. Bha e na chuideachadh ri Ceann‑suidhe Obama.”

Tha Norris, a tha fosgailte mun ghnèitheachd aige, cuideachd air ràdh nach eil e an dùil gum biodh e na thrioblaid anns na Sgìrean Chaitligeach san dùthaich gu bheil e co‑sheòrsach.

Aonadh Èireannach air ràdh gu bheil leth‑bhreith ceadaichte ann an sgoiltean

Tha aonadh teagaisg Èireannach air ràdh gu bheil laghanan co‑ionannachd a’ toirt cead do sgoiltean cràbhach a bhith a’ dèanamh leth‑bhreith air tidsearan co‑sheòrsach.

Tha INTO (Irish National Teacher’s Organisation) ag ràdh gu bheil an Employment Equality Act a’ toirt cead ri sgoiltean a chur tidsearan à dhreuchd air sgàth ’s gu bheil an dòigh‑beatha aca a’ dol an aghaidh poileasaidh cràbhach nan sgoiltean.

A‑rèir Earrann 37 dhen achd faodaidh sgoiltean gnìomh a thoirt gus “bacadh a chur air neach‑obrach sam bith a tha a’ lagachadh inbhe creideamh an t‑ionad‑obrach.”

Tha bòrd stiùiridh INTO a‑nis air bhòtadh gus iarraidh airson Earrann 37 a bhith sguabadh às.

Clèir Èireannach air bhido ùr Boyzone a chàineadh

Tha clèir Èireannach air am bhidio‑ciùil ùr aig Boyzone a chàineadh agus e ag ràdh gu bheil iad a’ sgaoileadh teachdaireachd marbhtach.

Anns a’ bhidio ùr tha Boyzone a’ nochdadh ann an seallaidhean còmhla ri ban‑actairean a’ riochdachadh na mnathan aca ach tha Stephen Gately, a tha co‑sheòrsach, a’ nochdadh le actair fireannach.

Thuirt an Clèir Èireannach ris The Sun gu bheil am bhidio a bhios air fhaicinn le muilnean a’ sgaoileadh teachdaireachd marbhtach ri daoine òga.

Ach thuirt Stephen Gately, “Nam bheachd‑sa, cha bu chòir do chùis mhòr a bhith a’ dèanamh a‑mach à seo.”

B’ e Boyzone a’ chiad còmhlan‑ciùil a chur càraid co‑sheòrsach ann am bhidio‑ciùil.

Seo agaibh am bhidio‑ciùil airson Better:

Coimisiún na hÉireann um Chearta an Duine agus Comhionannas airson còirichean tar‑ghnèitheach leasachadh

Tha Coimisiún na hÉireann um Chearta an Duine agus Comhionannas (Coimisean Èireannach airson Còirichean Daonna agus Co‑ionannachd) air ràdh gum bu chòir do laghan a thaobh daoine tar‑ghnèitheach agus teisteanasan‑breith a bhith air an ath‑leasachadh.

Ann an 2008, thug an tOireachtas (Pàrlamaid na h‑Éirinn) cead ri daoine tar‑ghnèitheach gus an gnè aca atharrachadh air an ceadan‑siubhail aca. Ach fo laghan an latha chan fhaod iad an gnè aca atharrachadh air an teisteanasan‑breith aca.

A bharrachd air seo chan fhaod daoine tar‑ghnèitheach pòsadh nuair a tha iad air an gnè aca atharrachadh.

Thuirt an Irish Times gu bheil an coimisean airson buidheann chruthachadh le buill a’ choimisean, buill an Ùghdarras Co‑ionannachd agus daoine tar‑ghnèitheach fhèin gus sùil air còirichean tar‑ghnèitheach anns an dùthaich.

Thuirt Dr Maurice Manning, Ceann‑suidhe a’ choimisean, gu bheil eisimpleir An Rìoghachd Aonaichte air buaidh mhòr a thoirt orra.