Eilean Mhanainn: Gairm airson riaghailt “àrsaidh” a bhios a’ toirmeasg fireannaich gèidh bho bhith a’ toirt seachad fala atharrachadh

Tha an cleasaiche Mhanainneach, Joe Locke, air gairm airson an riaghailt “àrsaidh” a bhios a’ toirmeasg fireannaich gèidh bho bhith a’ toirt seachad fala atharrachadh.

Bha Locke, a bhios a’ nochdadh san t‑sreath Netflix mòr‑chòrdte Heartstopper, a’ bruidhinn ann an teachdaireachd bhideo aig Pròis Eilean Mhanainn Disathairne.

Ann an Eilean Mhanainn, tha fireannaich gèidh toirmeasgte bho bhith a’ toirt seachad fala ma tha iad air a bhith ri feise le fireannach eile anns am bliadhna mu dheireadh.

Ann an Alba, agus an còrr dhan Rìoghachd Aonaichte, tha fireannaich toirmeasgte bho bhith a’ toirt seachad fala ma tha iad air a bhith ri feise thòineach le cèile ùr anns na trì mìosan mu dheireadh.

Carthannasan tar‑ghnèitheach gan toirt air falbh bho dhuilleag taic a’ BhBC

Tha a’ BhBC air duilleag‑lìn atharrachadh gus fiosrachadh mu charthannasan a bheireas taic do dhaoine tar‑ghnèitheach a thoirt air falbh.

Tha an LGBT Foundation, Mermaids, The Gender Trust agus GIRES (The Gender Identity Research and Education Society) uile nan carthannasan clàraichte a bheireas taic agus comhairle do dhaoine tar‑ghnèitheach agus neo‑bhìnearaidh.

Bha na carthannasan uile air an liostadh air duilleag‑lìn a’ BhBC “Information and Support: Gender Indentity” còmhla ri ceangal ri làrach‑lìn an NHS le barrachd fhiosrachaidh mu neo‑shàstachd gnè (gender dysphoria) ach tha e air nochdadh gun deach an duilleag atharrachadh o chionn 29 Ògmhios gus nach eil fiosrachadh sam bith air.

Bidh a’ BhBC gu tric a’ dèanamh ceangal ri duilleagan mar seo gus barrachd fhiosrachaidh no comhairle a thoirt dhan leughadairean aca mu na cuspairean a nochdas anns na h‑artaigealan naidheachd aca.

Thuirt neach‑labhairt airson a’ charthannas Mermaids gu bheil dragh orra mun atharrachadh agus gu bheil iad air iarraidh air a’ BhBC a cheartachadh sa bhad.

Roinnidh pod‑chraoladh ùr sgeulachdan bho dhaoine LGDT+ nas sìne an Alba

Is e pod‑chraoladh ùr a th’ ann an 50 Years of Activism a bhios a’ toirt sùil air beathannan daoine LGDT+ nas sìne na 50 bliadhna a dh’aois ann an Alba.

Anns gach earrann bidh agallamh le èildear LGDT+, mar a chanas iad, mu na tachartasan a thug buaidh air am beatha pearsanta agus obrach agus air gnìomhachd LGDT+ ann an Alba.

Chaidh am pod‑chraoladh a dhèanamh le Pink Saltire ann an com‑pàirteachas le OurStory Scotland le taic‑airgid bho Mhaoin Coimhearsnachd a’ Chrannchuir Nàiseanta agus chaidh na clàraidhean uile a thoirt dhan tasglann beul‑aithris aig Leabharlann Nàiseanta na h‑Alba.

Faodaidh tu fo‑sgrìobhadh ris a’ phod‑chraoladh leis na ceanglaichean na leanas:

Prògram aithriseach ùr a’ soillseachadh beathannan banrighrean‑draga Ghlaschu

Thèid prògram aithriseach ùr a shealltainn air BBC Scotland a‑nochd (10f) a bheireas sùil air beathannan triùir banrighrean‑draga ann an Glaschu.

Bidh am prògram a’ leantainn Barbara Le Bush fhad ‘s a tha i ag ullachadh airson Fèis‑pròise Eilean Bhòid 2018, banrigh‑draga Instagram Lawrence Chaney, agus Voss, caideat sa chabhlach mharsanta a tha dìreach air drag a thòiseachadh.

Tha fèill mhòr air drag an‑dràsta le prògraman eile a leithid Ru Paul’s Drag Race ga thoirt ri ginealach ùr agus tha am prògram ag amas air coimhearsnachd drag Ghlaschu a shoillseachadh.

Faodar Mother Tuckers: Drag Queens of Glaschu fhaicinn air an t‑sianal ùr BBC Scotland aig 10f oidhche Mhàirt.

Geamaichean‑bhidio LGDTQ air an taisbeanadh ann an taigh‑tasgaidh Bherlin

Tha Taigh‑tasgaidh Schwules ann am Berlin air taisbeanadh ùr fhosgladh gus geamaichean‑bhidio LGDTQ a chomharrachadh.

Bidh luchd‑tadhail a’ leantainn an taisbeanadh timcheall bogha‑froise, le dath eadar‑dhealaichte aig gach roinn, a’ comharrachadh nan 33 bliadhna mu dheireadh de shusbaint LGDTQ ann an geamaichean tro ealain spèisearan, cuimhneachain agus agallamhan bhidio le luchd‑dealbhaidh – a bharrachd air tiotalan mar Caper in the Castro, aon dhen a’ chiad gheamaichean LGDTQ, a tha ri cluich leis an luchd‑tadhail.

Chaidh an taisbeanadh a chruthachadh le neach‑tasgaidh, Jan Schnorrenberg; neach‑naidheachd geamaichean‑bhidio, Sarah Rudolph; agus Dr Adrienne Shaw, a tha na proifeasair agus ùghdar a’ speisealachadh ann an cùisean queer, feisealachd agus gnè ann an geamaichean‑bhidio agus eachdraidh geamaichean‑bhidio LGDTQ.

Ann an 2016 stèidhich Shaw an làrach‑lìn LGBTQ Video Game Archive gus eachdraidh geamaichean‑bhidio LGDTQ a chlàradh. Thuirt i ris The Guardian:

“Ron an tasglann, cha robh tuigse eachdraidheil air susbaint LGDTQ sa mheadhan seo.”

“Tha e ga dhèanamh furasta a dhìochuimhneachadh gu bheil an seòrsa susbaint seo an còmhnaidh air a bhith ann an geamaichean.”

Thuirt Schnorrenberg gu bheil i “an dòchas gum faigh na daoine a bhios a’ dol chun taisbeanadh seo cothrom air an cultar iongantach a tha ann an seo.”

Bidh Rainbow Arcade: Queer Gaming History 1985‑2018 ri fhaicinn ann an Taigh‑tasgaidh Schwules gu 13mh Chèitean 2019.

Ben Hunte air a chur an dreuchd mar a’ chiad neach‑naidheachd LGDT a’ BhBC

Tha BBC News air an neach‑naidheachd BBC Afraga, Ben Hunte, ainmeachadh mar a’ chiad neach‑naidheachd LGDT aca.

Bidh e ag aithris air “sgeulachdan, cùisean agus deasbadan a’ buntainn ri feisealachd agus gnè” agus a’ dèanamh mion‑sgrùdadh air cùisean a bheireas buaidh air coimhearsnachd LGDT an Rìoghachd Aonaichte.

An‑dràsta tha e na phreasantair a’ phrògraim What’s New? – a ‘chiad phrògram telebhisean agus seirbheis dhidseatach aig a’ BhBC airson clann ann an Afraga.

Rè seusan Gay Britannia a’ BhBC ann an 2017, bha e na phreasantair a’ phrògraim The Ben Hunte Interviews air BBC Radio 4 anns an do rinn e agallamhan le sreath de dhaoine ainmeil leithid Paul O’Grady, Stephen K. Amos, Peter Tatchell, Ruth Hunt, Linda Riley agus Calum McSwiggan.

Tòisichidh e air a dhreuchd ùr anns an Fhaoilleach.

Dh’ainmich Mgr Hunte an naidheachd air Instagram ag ràdh:

“Tha mi cho toilichte a bhith na chiad neach‑naidheachd LGDT a’ BhBC agus chan urrainn dhomh feitheamh gus innse sgeulachdan cudromach.”

Fèis film LGDT+ ri tilleadh a Ghlaschu

Thèid an ceathramh Scottish Queer International Film Festival (SQIFF) a thilleadh a Ghlaschu 5mh – 9mh An Dùbhlachd.

Thèid a chumail thairis an còig latha aig ionadan a leithid CCA, GFT, an Sgoil Ealain agus Pàirc Kinning. Cuideachd bidh prògram ro‑sheallaidh aig sgrìonan air feadh na dùthcha, An Lanntair, Steòrnabhagh nam measg, anns an t‑Samhain.

Bidh am prògram 2018 a’ dèanamh fòcas air filmichean Àisianach agus Arabach a bharrachd air sreath dhe na filmichean goirid Albannach as fheàrr, leughadh neo‑sheòrsach (asexual) de Wizard of Oz agus fiù ’s taisbeanadh fìorachd bhiortail.

Tha SQIFF air a mhaoineachadh le Alba Chruthachail agus e air còrr is £46,000 fhaighinn airson an fhèis 2018.

Thuirt neach‑labhairt an fhèis gu bheil iad airson an fhèis fosgladh ri barrachd dhaoine ’s mar tha bidh tiocaidean airson a h‑uile tachartas ri fhaotainn air sgèile slaighdidh a‑rèir na dh’fhaodas daoine a phàigheadh air an son agus bidh maoineachadh siubhail ri fhaotainn do dhaoine nach dh’fhaodadh frithealadh as aonais. Cuideachd bidh àite sàmhach aig am prìomh àite, an CCA, agus tha iad a’ beachdachadh air grunn thachartasan a thabhann do dhaoine bodhar agus daoine ciorramaich.

Ma tha sibh airson barrachd fiosrachaidh mu phrògram an fhèis no airson tiocaidean a cheannach faodar tadhal air an làrach‑lìn aca an seo.

Juice1038 na chiad stèisean rèidio LGDT ann an Èirinn a Tuath

Tòisichidh Juice1038 a’ craoladh bho phrìomh‑bhaile Èirinn a Tuath air 4mh An Lùnastal, an aon latha ri Fèis‑pròise Bheul Feirste.

Bidh an sianal a’ cluich measgachadh de fuinn dannsa clasaigeach, ath‑mheasgachaidhean agus òrain ùra bho na charts.

Faodar sampall dhen stèisean a chluinntinn an‑dràsta air an làrach‑lìn aca.

Thuirt neach‑labhairt an stèisean ri RadioToday:

“Tha daoine LGDT+ a’ tighinn bho gach raon‑beatha agus ’s e an t‑amas a th’ againn a bhith a’ frithealadh cho mòr sa choimhearsnachd againn sa ghabhas le bhith a’ cleachdadh stoidhle taisbeanaidh in‑ghabhalach measgaichte le susbaint cainnte a tha a’ buntainn dhan luchd‑èisteachd againn agus ceòl sònraichte nach eil ri chluinntinn air rèidio Èirinn a Tuath.”

“Cluichidh Juice measgachadh de dhannsa agus dannsa clasaigeach, ath‑mheasgachaidhean, singiltean air an taghadh gu cùramach bhon Top 40 agus clasaichean co‑sheòrsachd.”

“Bidh ùidh mhòr aig a’ choimhearsnachd LGDT+ anns an susbaint cainnte againn, a bhios a’ toirt a‑steach naidheachd LGDT+ agus prògram a bhios a’ soillearachadh agus a’ beachdachadh air na h‑amasan, draghan, soirbheachasan agus cùisean a tha a’ toirt buaidh air an luchd‑èisteachd againn.”

Tha bhidio ùr air nochdadh an aghaidh Proposition 8

Chaidh bhidio ùr a chur air an làrach‑lìn FunnyOrDie.com, a tha a’ togail fianais an aghaidh Proposition 8.

B’ e cruthachadh Marc Shaiman a bh’ ann, a sgrìobh ceòl film ‘South Park: Bigger, Longer & Uncut’ agus dhealbh‑chluich cheòlmhor ‘Hairspray’.

Chaidh Proposition 8 aontachadh le luchd‑bhòtaidh ann an California 4mh An t‑Samhain. Chuir i pòsadh aon‑sheòrsach fon choill, ach tha ceist toinnte dè thachras ris na càraidean a chaidh a phòsadh mar‑thà. Thuirt an co‑dhùnadh seo gun robh còir a phòsadh aig daoine co‑sheòrsach fo bhun‑reachd na stàite.

Tha daoine ainmeil a’ cluich anns a’ bhidio: Neil Patrick Harris, John C. Reilly, Margaret Cho agus Jack Black, a tha a’ cluich Ìosa. Aig an deireadh, tha Harris ag ràdh ris na daoine air gach taobh an deasbaid gum biodh pòsadh (agus sgaradh‑pòsaidh) aon‑sheòrsach na b’ fheàrr dhan eaconomaidh Ameireaganach — an deidh do Ìosa a dhìobradh a dhearbhadh dha na daoine chràbhaich ri argamaid an spioraid.

Clèir Èireannach air bhido ùr Boyzone a chàineadh

Tha clèir Èireannach air am bhidio‑ciùil ùr aig Boyzone a chàineadh agus e ag ràdh gu bheil iad a’ sgaoileadh teachdaireachd marbhtach.

Anns a’ bhidio ùr tha Boyzone a’ nochdadh ann an seallaidhean còmhla ri ban‑actairean a’ riochdachadh na mnathan aca ach tha Stephen Gately, a tha co‑sheòrsach, a’ nochdadh le actair fireannach.

Thuirt an Clèir Èireannach ris The Sun gu bheil am bhidio a bhios air fhaicinn le muilnean a’ sgaoileadh teachdaireachd marbhtach ri daoine òga.

Ach thuirt Stephen Gately, “Nam bheachd‑sa, cha bu chòir do chùis mhòr a bhith a’ dèanamh a‑mach à seo.”

B’ e Boyzone a’ chiad còmhlan‑ciùil a chur càraid co‑sheòrsach ann am bhidio‑ciùil.

Seo agaibh am bhidio‑ciùil airson Better:

Rionnagan Ameireaganach an‑sàs ann an iomairt an‑aghaidh cànan oilbheumach

Chaidh iomairt ùr a chur air bhog anns na Stàitean Aonaichte gus sgoilearan a theagasg mu dheidhinn am buaidh a tha aig cànan oilbheumach air daoine LGDT.

Mar phàirt dhen iomairt thèid sanasan ùra fhoillseachadh air 33,000 stèiseanan air feadh na Stàitean a’ toirt a‑steach t.bh., radio, pàipearan‑naidheachd, irisean agus an t‑eadar‑lìon.

Chaidh an iomairt a chur air bhog le GLSEN (The Gay, Lesbian and Straight Education Network) agus The Ad Council.

Anns na sanasan ùra chìtear suidheachaidhean diofraichte far a bhios cuideigin ag ràdh “that’s so gay” mar a bhios a’ mhòr‑chuid de sgoilearan ag ràdh an‑diugh. Aig deireadh na sanasan bidh Wanda Sykes neo Hilary Duff ag innse dha na sgoilearean “to knock it off”.

Tha an iomairt an dùil gum bi deugairean mothachail air am buaidh a tha aig cànan mar seo air sgàth ’s gum bi i oilbheumach ri cuid.

A bharrachd air na sanasan tha an iomairt air làrach‑lìn ùr a chur air bhog aig www.ThinkB4YouSpeak.com agus tha na sanasan ag iarraidh air duine sùil a thoirt air.

Tha an iomairt a’ buntainn ri foillseachadh de GLSEN’s 2007 National School Climate Survey a tha a’ sealltainn gu bheil 9/10 deugairean LGDT ag ràdh gu bheil iad air a bhith a’ sàrachadh air sgàth ’s an gnèitheachd aca.

‘S e “That’s gay” an abairt as cumanta a chluinneas tu anns na raon‑cluiche san là an‑diugh ach tha rannsachadh a’ sealltainn nach eil a’ mhòr‑chuid eòlach air am buaidh a th’ aig faclan mar seo air daoine eile.