• Cuairt-litir #31

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Lunnainn

    Tha Poileas a’ Mhet air dealbhan CCTV de dh’fhireannach a tha iad a’ sireadh an co-cheangail ri ionnsaigh air dithis fhireannach ann an Clapham Oidhche Shathairne a sgaoileadh.

    Chaidh na dealbhan a thogail bho CCTV air bòrd bus àireamh 50 ann an Thornton Heath aig 8.30f Disathairne – mu 2 uair air thoiseach air an ionnsaigh.

    Bu chòir do neach sam bith aig a bheil fios mun chùis fios a chur dhan Phoileas air 101 ’s àireamh CAD 7198/13Aug a thoirt seachad.

    No faodar fios gun urra a chur gu Crimestoppers air 0800 555 111.

    • Fireannach ga shìreadh leis a' Phoileas
    • Fireannach ga shìreadh leis a' Phoileas
    • Fireannach ga shìreadh leis a' Phoileas

    Carragh-chuimhne an Olocoist

    Tha Seirbheis Tèarainteachd na Gearmailte a’ rannsachadh mar a chaidh carragh-chuimhne do dhaoine co-sheòrsach a dh’fhulaing geur-leanmhainn nan Nàsach air a mhilleadh Disathairne.

    Chaidh an carragh-chuimhne “Denkmal für die im Nationalsozialismus verfogten Homosexuellen” a nochdadh ann an 2008 ann am Pàirc Tiergarten, Berlin.

    Am-broinn an carragh-chuimhne tha fosgladh anns a chìthear bhideo de chàraid co-sheòrsach a’ pògadh.

    Thathar ag aithris gun deach nì lasrachd a thilgeil air a’ charragh-chuimhne, ach nach do las e. An dèidh sin chaidh postairean le às-earrannan Bìoballach a chur suas air a’ charragh-chuimhne mus do theich am milltear.

    Denkmal für die im Nationalsozialismus verfolgten Homosexuellen
    Denkmal für die im Nationalsozialismus verfolgten Homosexuellen. Dealbh le Times air Wikipedia.

    Tàileasg

    Tha Caidreachas Eadar-nàiseanta na Tàileisg air tar-bhoireannaich a thoirmeasg bho fharpaisean nam ban mar thoradh air draghan gum faodadh buannachd mì-chothromach aca.

    Dh’ainmich iad cuideachd gum bi aig tar-fhireannaich air duais sam bith a bhuannaich iad mar bhoireannaich a thoirt air ais.

    Thèid na riaghailtean ùra a chur an gnìomh 21d den Lùnastal.

    Gleann Murrieta, California

    Tha sgìre-sgoile ann an taobh siar-dheas Chalifornia air bhòtadh gus innse do phàrantan oileanach ma thigeas iad a-mach mar thar-ghnèitheach no neo-bhìnearaidh aig an sgoil.

    Bhòt buill bòrd-sgoile Gleann Murrieta 3-2 airson a’ phoileasaidh ùr a chur an-gnìomh.

  • Comhairliche ga chur às a dhreuchd re ùine

    Dealbh bho Christean Concern

    Chaidh Comhairliche Tòraidheach ann an Siorrachd Northampton a chur às a dhreuchd rè ùine as dèidh dha tuèiteadh gur e peacadh a th’ ann am Pròis.

    Bha King Lawal a’ toirt iomradh air dealbh de chaismeachd pròise nuair a sgrìobh e:

    “When did Pride become a thing to celebrate.”

    “Because of Pride Satan fell as an arch Angel. Pride is not a virtue but a Sin.”

    “Those who have Pride should Repent of their sins and return to Jesus Christ. He can save you. #PrideMonth #Pride23 #PrideParade.”

    Chaidh Lawal a chasg bho na Tòraidhean fhad ’s a tha Prìomh-oifis Iomairt nan Tòraidhean (CCHQ) a’ dèanamh rannsachaidh.

  • Cuairt-litir #19

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Carthannasan air gealltainn taic a thoirt do luchd tar-ghnèitheach is neo-bhìnearaidh

    Tha còrr is 100 carthannas air gealltanas a shoidhnigeadh gun bheir iad taic do luchd tar-ghnèitheach is neo-bhìnearaidh agus gun dèan iad cinnteach gu bheil an roinn carthannais na àite sàbhailte dhaibh.

    Nam measg, tha Oxfam, Samaritans, Mermaids agus an LGBT Foundation uile air gabhail ris an iomairt Stand With Trans a chaidh a chruthachadh leis a’ bhuidheann Charity So Straight gus carthannasan a dhèanamh nas càirdeile agus nas in-ghabhalaiche do luchd LGDTC+.

    Na Tìrean Ìsle

    Dh’ainmich an Comann Ball-coise Duitseach Rìoghail Diluain gun tèid stad a chur air geamaichean an ath-sheusan ma sheinneas luchd-taic òrain homafòbach.

    A bharrachd air sin bidh luchd-taic air an toirmeasg bhon stèideam fad 18 mìos ma tha iad air am faighinn ciontach de ghiùlain oilbheumach.

    An Ruis

    Fhuair bile a chuireadh bacadh air obair-lannsa daingneachadh gnè seachad air an dàrna leughadh aice ann am Pàrlamaid na Ruise Diardaoin.

    Tillidh i dhan phàrlamaid Dihaoine airson an leughadh mu dheireadh mus tèid i air adhart gu bhòt san t-seòmar uachdarach agus ma shoirbheachais i an sin thèid i air adhart gu Ceann-suidhe Putin airson a shoidhnigeadh ‘na lagh.

    Tar-fhireannach fo amharas brathaidh san Ruis

    Tha Seirbheis Fheadarail na Sàbhailteachd (FSB) air tar-fhireannach a chur an grèim san Rùis fo amharas brathaidh.

    Cha deach an neach ainmeachadh fhathast, ach thuirt am FSB gu bheil iad air gnìomhaiche den ghluasad LGDT a bha air an gnè atharrachadh roimhe bho bhoireann gu fireann a chur an grèim fo amharas brathaidh airson taic-airgead a thoirt seachad do dh’Arm na h-Ucràin.

    Chaidh a’ bhinn as àirde airson brathadh san Ruis àrdachadh bho 20 bliadhna gu binn-bheatha sa Ghiblean.

    Eaglais Meathodach nan Stàitean Aonaichte

    Tha Pink News ag aithris gu bheil còrr is 6,000 co-thional air briseadh air falbh bho Eaglais nam Meathodach anns na Stàitean Aonaichte mar thoradh air sgaradh nam measg mu chlèirich gu fosgailte gèidh agus ministearan a’ beannachadh pòsaidhean aon-sheòrsach.

    Bhòt ceannardan na h-eaglaise ann an 2019, 438-384 gus bacadh a chumail air ministearan gèidh agus pòsadh aon-sheòrsach ach bha cuid air a’ chasg a chur gu taobh bhon uair sin.

    Thathar ag aithris gun do dh’fhàg 4,172 dhiubh an eaglais nàiseanta san Ògmhios agus gu bheil a’ mhòr-chuid dhiubh mu dheas agus gu iar-mheadhannach.

    Kansas

    Dh’òrdaich britheamh aig cùirt-shiorrachd ann an Shawnee, Kansas Diluain stad a chur air leigeil le luchd-ghnèitheach an gnè a nochdas air na ceadan-dràibhidh aca atharrachadh.

    Tennessee

    Tha Cùirt-tagraidh anns na Stàitean Aonaichte air lagh a thoirmisgeas doctairean ann an Tennessee bho bhith a’ toirt cùram slàinte daingneachadh gnè do dh’òigridh tar-ghnèitheach ath-shuidheachadh.

  • Cùis-lagha Sweet Cakes gus tilleadh dhan Chùirt Uachdarach

    Nì taigh-fuine Sweet Cakes by Melissa ath-thagradh an aghaidh co-dhùnadh cùirte 2013 gun d’rinn iad leth-bhreith nuair a dhiùlt na fuineadairean Crìosdaidheachd cèic-bhainnse a dhèanamh do chàraid leasbach.

    Chuir Cùirt Oregon peanas-airgid luach $135,000 air na fuineadairean ann an 2013 as dèidh gun d’rinn an càraid casaid gun d’rinn an taigh-fuine leth-bhreith orra.

    Dh’fheuch fuineadairean Aaron agus Melissa Klein ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh an co-dhùnadh ann an 2019 ach chaidh a’ chùis dhiùltadh le Cùirt Uachdarach nan Stàitean Aonaichte.

    Tha iad air ràdh a-nis ge-tà gu bheil iad airson tilleadh dhan Chùirt Uachdarach, as dèidh gun do riaghail a’ chùirt seachdain seo chaidh gum faodadh dealbhaiche-lìn ann an Colorado luchd-ceannaich LGDTC+ a dhiùltadh air sgàth ’s gur e Crìosdaidh a th’ innte.

  • Cùirt Uachdarach nan SA air leth-bhreith an-aghaidh luchd LGDTC+ a cheadachadh

    Riaghail Cùirt Uachdarach nan Stàitean Aonaichte Dihaoine gum faod dealbhaiche-lìn ann an Denver, Colorado leth-bhreith a dhèanamh air càraidean LGDTC+.

    Bidh Lorie Smith a’ dealbhachadh làraichean-lìn do chàraidean a tha a’ pòsadh, ach thuirt i ris a’ chùirt gu bheil i na Crìosdaidheachd agus mar sin chan eil i airson làraichean-lìn a dhealbhachadh do chàraidean LGDTC+.

    Tha leth-bhreith air sgàth cinnidh, taobhadh feise agus dearbh-aithnean eile mì-laghail san stàit fo Achd an-aghaidh Leth-bhreith Cholorado (CADA).

    Thagair Smith ge-tà gu bheil na làraichean-lìn aice ealanta agus gnàthaichte, gu bheil saorsa labhairt is creideimh aice fon a’ Chiad Atharrachadh agus mar sin tha còir aice gun a bhith a’ cumail ri CADA.

    Riaghail na britheamhan 6-3 na fàbhar.

  • BP Iain MacNeacail ag ràdh gum bu chòirear casg a chur air teiripe iompachaidh

    Tha BP Iain MacNeacail air mìneachadh ann am bhideo airson Pink News carson a bu chòir teiripe iompachaidh a bhith air a dhèanamh mì-laghail.