Pòsadh aon‑sheòrsach an Eaglais na h‑Alba

Bhòt Àrd‑sheanadh Eaglais na h‑Alba ann an Dùn Èideann an‑diugh airson pòsaidhean aon‑sheòrsach a cheadachadh.

Bhòt buill an Àrd‑sheanaidh 274:136 airson lagh na h‑eaglaise atharrachadh gus am bi ministearan comasach air cupail aon‑sheòrsach a phòsadh ann an eaglaisean ach chaidh a dhèanamh soilleir ge‑tà nach tèid toirt air ministear sam bith a dhèanamh.

Tagraiche Sealtainneach ga chàineadh

Tha tagraiche neo‑eisimeileach à Shealtainn fo chàineadh as dèidh dha ràdh gum faodadh an galar sgaoilte COVID‑19 a bhith na thoradh pòsadh aon‑sheòrsach a dhèanamh laghail.

Bidh Peter Tait a’ seasamh airson sgìre Shealtainn ann an taghadh Pàrlamaid na h‑Alba an ath mhìos.

Thuirt Mgr Tait ri Shetland News gu bheil pòsadh aon‑sheòrsach, a tha air a bhith laghail ann an Alba o chionn 2014, na chuspair a tha “a’ cur Dia an‑aghaidh ar dùthaich” agus gu bheil e a’ dol “an‑aghaidh lagh Dhe ma a tha e sgrìobhte anns a’ Bhìoball”.

Sheas Mgr Tait ann am fo‑thaghadh 2019 nuair nach dh’fhuair e ach 31 bhòt.

Thuirt Kerrie Meyer, stèidheadair ShetlandLGBTQ.org.uk, gur e amaideas a th’ ann agus gum bu chòir dhan tagraiche dol air ais dhan toll primeval aige.

Thuirt i cuideachd gum faodadh am beachd amaideach aige gràin air daoine gèidh agus e a’ dol an‑aghaidh Achd na Co‑ionannachd 2010.

San eadar‑ama, chaidh na tagraichean eile a bhios a’ seasamh airson sgìre Shealtainn ann an taghadh na h‑ath mhìos a dhearbhadh, is iad: Martin Kerr, Am Pàrtaidh Làbarach; Brian Nugent, Restore Scotland; Nick Tulloch, Am Pàrtaidh Tòraidheach; Tom Willis, Pàrtaidh Nàiseanta na h‑Alba; agus Beatrice Wishart, Libearalaich Deamocratach.

Tagraiche taghaidh Obar Dheathain air a chur à rèim airson puist an‑aghaidh nan Iudhach agus nan co‑sheòrsach

Chaidh Ryan Houghton, tagraiche taghaidh Obar Dheathain a Tuath, a chur à rèim le Pàrtaidh Tòraidheach na h‑Alba as dèidh dha puist an‑aghaidh nam Muslamach, an‑aghaidh nan Iùdhach agus an‑aghaidh nan co‑sheòrsach a sgrìobhadh ann am fòram air loidhne.

Chaidh na puist a thoirt am follais leis a’ phàipear‑naidheachd The National na bu tràithe an seachdain seo.

Ann an aon phost, sgrìobh Houghton nach b’ urrainn dha fhaicinn mar a dh’fhaodadh co‑sheòrsachd a bhith math do mhac an duine leis gum biodh an gnè a’ dol à bith nan robh a’ chuid as motha dhen t‑sluaigh co‑sheòrsach.

Ann am post eile sgrìobh e gun robh e dhen bheachd gun robh cuid de na rudan a thachair anns an Holocaust air an aibhseachadh no air am breugnachadh.

Thuirt Houghton ris The National gun deach na puist a thoirt à cho‑theacsa agus nach eil beachdan an‑aghaidh nan Iùdhach, gràin‑chinnidheach no an‑aghaidh nan co‑sheòrsach air a bhith aige a‑riamh.

Thuirt neach‑labhairt nan Tòraidhean gu bheil “na beachdan anns na blogaichean seo neo‑thaitneach agus gun deach Houghton a chur à rèim mar thoradh orra.”

“Tha a’ phàrtaidh air an taic airson an tagradh aige a tharraing air ais. Tha a h‑uile seòrsa de ghràin an‑aghaidh nam Muslamach, an‑aghaidh nan co‑sheòrsach agus an‑aghaidh nan Iùdhach a’ cur uabhas air Pàrtaidh Tòraidheach na h‑Alba.”

Tagraiche taghaidh Ghleann Rathais air cogadh a ghairm an‑aghaidh na coimhearsnachd LGDTQ

Tha tagraiche taghaidh ann an Gleann Rathais air taic a’ Phàrtaidh Bhrexit a chall as dèidh dha cogadh a ghairm an‑aghaidh na coimhearsnachd LGDTQ+.

Thàinig beachdan Victor Farrell am follais Diluain nuair a sgaoil BPA SNP, Jenny Gilruth, dealbhan‑sgrìn de phuist a sgrìobh Farrell air Facebook ann an 2017 agus a tha fhathast rim faicinn air a’ phròifil phoblach aige.

Ann an aon phost sgrìobh Farrell gun robh e a’ gairm cogadh an‑aghaidh na coimhearsnachd LGDTQ air fad.

Chuir Peter Grand, tagraiche an SNP a tha ag iomair an‑aghaidh Farrell airson cathair Ghleann Rathais, ìmpidh air a’ Phàrtaidh Bhrexit a chur às a’ phàrtaidh.

Dhearbh neach‑labhairt a’ Phàrtaidh Bhrexit ris The Courier gu bheil iad air an taic aca a tharraing bho Fharrell agus nach eil iad ag aontachadh leis a bheachdan.

Tha Farrell a‑nis gu bhith na sheasamh mar thagraiche neo‑eisimeileach ach tha e air na beachdan aige ath‑dhearbhadh ann am post Facebook an‑dè anns an tug e iomradh air muinntir LGDTQ Fìobha mar “choimhearsnachd pheacail”.

Eaglais Dhùn Phrìs a’ beachdachadh air taighean LGDT a leasachadh

Tha BBC News ag aithris gu bheil eaglais ann an Dùn Phrìs a’ beachdachadh air taighean ùra a leasachadh dhan choimhearsnachd LGDT air làrach Eaglais an Naoimh Bhrìghde.

Chaidh an eaglais a thogail anns na 1860’an agus tha i fhathast aon de na toglaichean as fhollaisiche sa bhaile.

Thuirt Dr. Belle Doyle, a tha a’ stiùireadh an sgioba dealbhaidh, ris a’ BhBC gu bheil Eaglais Anglach an Naoimh Brìghde air a bhith a’ coimhead air àm ri teachd na h‑eaglaise.

“‘S e aon dhe na duilgheadasan a th’ ann gur e eaglais uabhasach mhòr agus cha bhi mòran dhaoine ga cleachdadh a‑nis”, ars i.

“B’ e am beachd rudeigin a thogail aig a’ chùl a bhiodh a’ pàigheadh beagan de mhàl talmhainn no rudeigin gus an eaglais a chumail a’ dol.”

Mhìnich i gu bheil iad airson pròiseact rud beag diofraichte a dhèanamh agus iad a’ beachdachadh air taighean a leasachadh do dhaoine LGDT nas sine.

“Tha mi air a bhith an‑sàs leis a’ bhuidheann LGDT ann an Dùn Prìs is Gall‑Ghaidhealaibh fiù ‘s mus robh LGDT air”, lean i air adhart.

“Tha mi eòlach air tòrr dhaoine, ged a tha iad ag iarraidh a bhith a’ fuireach san sgìre, tha daoine a’ fàs nas sine, tha iad a’ fàs beagan nas iomallaiche.”

“‘S e seo buidheann so‑leònte a bhiodh airson greim a ghabhail air cothrom air dòigh‑beatha nas bailteil.”

Airson barrachd ionnsachadh mun sgeulachd seo, tadhalaibh air BBC News: LGBT‑friendly homes at Dumfries church could be ‘life‑changing’.

Connspaid mu dheidhinn pòsadh aon‑sheòrsach ag adhbharachadh sgaradh ann an Eaglais Easbaigeach na h‑Alba

Tha 87% de bhuill Eaglais Choimhearsnachd Westhill ann an Siorrachd Obair Dheathain air bhòtadh gus briseadh air falbh bho Eaglais Easbaigeach na h‑Alba air sgàth ‘s suidheachadh a’ bhuidheann nàiseanta a‑thaobh pòsadh aon‑sheòrsach.

Thuirt an t‑Urr. Fearghasdan ri The Press & Journal:

“Tha mi gu math duilich gu bheil an ìre seo air tighinn, tha e a’ briseadh mo chidhe.”

“Tha mi air a bhith nam bhall ann an Eaglais Easbaigeach na h‑Alba airson grunn deicheadan agus cha robh mi airson a bhith san suidheachadh seo.”

“Tha e ro thràth a ràdh an dràsta dè a thachras a‑nis.”

“Leanaidh sinn oirnn a bhith nan Anglaich Ortadogsach agus cha bhi sinn a’ cruthachadh buidheann ùr.”

Ann an 2017 bhòt Seanadh na h‑Eaglaise gus cead a thoirt do phòsaidhean aon‑sheòrsach.

Leig an t‑Urr. Fearghasdan a dhreuchd ann an Caibideil a’ Chathair‑eaglais air sgàth ‘s a’ cho‑dhùnadh sin ag ràdh gun do bhòt an sgìre‑easbaig aige an‑aghaidh sagairtean a’ gabhail pàirt ann an pòsaidhean aon‑sheòrsach.

Thàinig a’ chùis gu ceann an‑uiridh nuair a chaidh an t‑Urr. Anna Dyer na h‑Easbaig Obair Dheathain agus Arcaibh.

Sgrìobh an t‑Urr. Fearghasdan litir ri ceannardan na h‑eaglaise anns an do thuirt e:

“Thuirt an Easbaig a bh’ againn aig an àm gu robh e an‑aghaidh chlàr‑ghnothaich ath‑sgrùdachail dhen t‑seòrsa seo, a’ comharrachadh cha e a‑mhàin am beachd pearsanta aige fhèin, ach beachd an sgìre‑easbaig againn.”

“A dh’aindeoin sin, ge‑tà, tha sibh air easbaig a chur an dreuchd nach eil dìreach a’ toirt taic do phòsadh aon‑sheòrsach, ach a tha air pòsaidhean aon‑sheòrsach a stiùireadh.”

Ann an aithris mun naidheachd as ùire thuirt an t‑Urr. Dyre gu bheil i gu math duilich gu bheil Eaglais Choimhearsnachd Westhill airson briseadh air falbh bhon Eaglais Easbaigeach na h‑Alba agus gum bi i ag obair còmhla riutha gus an t‑eadar‑ghluasad a dhèanamh.

Fèis‑pròise Innse Ghall air a chàineadh le Ministear na h‑Eaglaise Saoire Leantainnich

Tha Ministear na h‑Eaglaise Saoire Leantainnich air iomradh a thoirt air a’ chiad fèis‑pròise anns na h‑Eileanan an Iar mar “duilich agus nàireach”.

Tha The Press & Journal ag aithris gun tuirt An t‑Ùrr. Graeme Craig “Ge b’ e dè an seòrsa mì‑bheus gnèitheach, chan eil e rudeigin a bhith mòiteil às.”

“Is e tachartas duilich agus nàireach a tha seo. Bidh e a’ stiùireadh dhaoine, gu h‑àraid na h‑òigridh, dhan taobh ceàrr a‑thaobh fèin‑aithne, dàimhean agus toileachadh ghnèitheach. Tha e draghail gum faigh an fheadhainn a tha a’ strì leis na rudan seo comhairle ceàrr.”

“Bidh daoine nas sona cho luath ’s a tha an comann‑sòisealta ag aithneachadh bith‑eòlas bunaiteach, a’ brosnachadh pòsadh dìlseach, monogamous agus iol‑ghnèitheach. Is e leantainn stiùireadh ar Cruthaidhear an rud as glice an‑còmhnaidh.”

Tha Fèise‑pròise Innse Ghall gu bhith a’ dol air adhart 6mh Dàmhair ann an meadhan Steòrnabhaigh aig an aon àm sa bhios tachartas eile coltach ris a’ dol air adhart ann an Inbhir Nis.

A‑rèir duilleag Facebook an tachartais aig àm‑fhoillseachaidh an sgeulachd seo, tha còrr ’s 400 dhaoine beachdachadh air frithealadh an tachartas ann an Steòrnabhagh.

Corr ’s 14,000 air na h‑ainmean aca a chur ri athchuingean airson Fèis‑pròise Inbhir Nis a dhol air adhart

Tha còrr ’s 14,000 duine air na h‑ainmean aca a chur ri trì athchuingean gus an taic aca a shealltainn airson Fèis‑pròise Inbhir Nis.

Chaidh na h‑athchuingean a thòiseachadh as dèidh gun do thòisich Donald Morrison athchuinge eile an‑aghaidh an fhèis air sgàth “adbharan bìoballach, diadhaidh agus moralta.”

Tha còrr ’s 700 duine air na h‑ainmean aca a chur ri athchuinge Mgr Morrison ’s tha iad ag iarraidh air a’ Chomhairle cead a dhiùltadh airson an tachartas a dhol air adhart.

Aig àm sgrìobhaidh a’ phost seo bha còrr ’s 8,100 ainmean aig an athchuinge Support Inverness Gay Pride and the LGBTQI community, còrr ’s 4,900 ainmean aig an athchuinge Allow the pride march agus 1843 ainmean aig an athchuinge To enable LGBT+ people to celebrate their identity in the face of discrimination.

A’ bruidhinn mun taic a tha iad air fhaicinn bhon a’ choimhearsnachd, thuirt Rosemary Roscrow, neach‑labhairt Fòram LGDT na Gàidhealtachd, ri PhinkSaltire: “Tha sinn moiteil às Inbhir Nis agus a’ Ghàidhealtachd airson taic a thoirt dhuinn, a’ sealltainn gu bheil a’ chuid as motha den Ghàidhealtachd anns an 21mh linn!”

Cleachdaibh na ceanglaichean gu h‑ìosal ma tha sibh airson ur n‑ainm a chuir ris na athchuignean:‑

38Degrees: Support Inverness Gay Pride and the LGBTQI community

Change.org: Allow the pride march

Change.org: To enable LGBT+ people to celebrate their identity in the face of discrimination

PinkSaltire: Community rally behind Highland LGBT event after petition

MFR: Agallamh le Donald Morrison a thòisich athchuinge an‑aghaidh Fèis‑pròise Inbhir Nis

Seo agaibh agallamh a rinn MFR / Bauer Radio Scotland le Donald Morrison, fear a thòisich athchuinge an‑aghaidh Fèis‑pròise Inbhir Nis air sgàth, mar a chanas e, “adhbharan bìoballach, diadhaidh agus moralta”.

Anns a’ bhidio tha Mgr Morrison ag ràdh nach eil e moralta airson daoine LGDT a bhith a’ taisbeanadh no a’ brosnachadh an taobhadh‑fèise agus “an dòigh‑beatha” aca ann an àiteachan poblach.

Thuirt Mgr Morrison: “they thrust lewdness in the faces of men, women and children alike by frolicking unashamedly on rainbow‑coloured floats making obscene sexual gestures.”

“If this unsavoury event is given planning permission then these desperately sad scenes are now likely to be witnessed very tragically in Inverness on October 6.”

Tha còrr ’s 700 duine air na h‑ainmean aca a chur ri athchuinge Mgr Morrison ’s tha iad ag iarraidh air a’ Chomhairle cead a dhiùltadh airson an tachartas a dhol air adhart.

MFR / Bauer Radio Scotland

Ministear Eaglais na h‑Alba air leisgeul a thoirt dhan a’ choimhearsnachd LGDT aig Fèis‑pròise Pheairt

Tha ministear Eaglais na h‑Alba air leisgeul a thoirt seachad aig Fèis‑pròise Pheairt airson cron sam bith a tha an eaglais air a dhèanamh dhan a’ choimhearsnachd LGDT.

‘S e an t‑Urr Scott Burton na chiad mhinistear aig Eaglais na h‑Alba a‑riamh gus fèis‑pròise fhosgladh gu h‑oifigeil.

Air thoiseach air an tachartas thuirt Mgr Burton:

“Tha mi air mo dhòigh glan a bhith a’ fosgladh an tachartas seo, ’s e urram iongantach a th’ ann.”

“Bidh mi a’ toirt an cothruim gus leisgeul a thoirt do bhuill dhen choimhearsnachd LGDT ma tha iad air a bhith air an goirteachadh, air an ailiseachadh agus air an diùltadh le Eaglais na h‑Alba.”

Cuideachd ann an aithris ris a’ BhBC thuirt e:

“Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil an Eaglais a’ fàs nas mothachail gu bheil amannan air a bhith ann nuair a rinn sinn mearachdan a‑thaobh na coimhearsnachd LGDT agus bu chòir dhuinn maitheanas iarraidh air a shon agus leisgeul a thoirt seachad air a shon.”

“‘S e sin aon dhe na ceumannan againn – a’ ruighinn a‑mach ri ràdh gur e ar bràithrean agus ar peathraichean ann an daonnachd a th’ annaibh. Tha gaol againn oirbh. Tha sinn airson ’s gum bidh fios agaibh gu bheil gaol aig Dia oirbh agus gu bheil sinn airson coiseachd còmhla riut.”

Tha bhidio dhen òraid a rinn e aig an fhèis ri fhaicinn gu h‑ìosal:‑

Comhairle Obair Dheathain a’ rannsachadh sgaoileadh de bhileagan a dh’fhaodadh a bhith gràineil ri daoine LGDT

Chaidh rannsachadh a chur air bhog le Comhairle Obair Dheathain an dèidh sgaoileadh de bhileagan a dh’fhaodadh a bhith gràineil ri daoine LGDT.

Tha bratach a’ bhogha‑frois a’ nochdadh air beulaibh na bileig leis an tiotal “What come comes after pride” sgrìobhte air agus a‑rèir an Evening Times tha abairtean a leithid “pride is something evil that comes from a person’s heart” agus “God sees pride the same way he sees so many other behaviours – as sinful” a’ nochdadh na broinn.

Tha coltach gun deach na bileagan a sgaoileadh leis a’ bhuidhinn Mustard Seed Chapel International.

Thuirt neach‑labhairt an seipeil ris an Evening Times nach eil gràin‑co‑sheòrsachd sam bith anns na bileagan.

Bidh a’ bhuidheann a’ coinneachadh ann an Sgoil Kaimhill ann an Garthdee, a tha leis an ùghdarras ionadail.

Dh’iarr luchd‑fuirich Garthdee air a’ Chomhairle Ionadail iarraidh air Comhairle Obar Dheathain gus casg a chur air a’ bhuidhinn bhon togalach.

Thuirt neach‑gairm an Fhoghlaim, John Wheeler ris a’ BhBC:

“Chan eil àite airson gràin‑co‑sheòrsachd ann an Obar Dheathain.”

“Mar ùghdarras, bha sinn air leth toilichte taic a thoirt ri Fèis‑pròise a’ Mhonaidh ann an Obar Dheathain na bu tràithe am‑bliadhna. Tha tachartasan a leithid am fèis‑pròise a’ soillearachadh an iomadachd làidir a th’ aig na coimhearsnachdan ann an Obar Dheathain.”

“Tha a’ chomhairle a’ rannsachadh an tachartais aig Kaimhill. Aon uair ’s gu bheil an rannsachadh sin air co‑dhùnadh a ruighinn thèid gnìomh iomchaidh sam bith a thoirt gu buil.”

Sagart Caitligeach air a chur à dreuchd airson ràdh gun robh fèis‑pròise Ghlaschu a’ dèanamh oilbheum do Dhia

Chaidh an sagart Caitligeach Mark Morris a chur à dreuchd le Oilthigh Cailleannach Ghlaschu as dèidh dha ràdh gun robh fèis‑pròise Ghlaschu a’ dèanamh oilbheum do Dhia.

Bha mìltean de dhaoine an‑làthair aig an cruinneachadh bliadhnail LGDT sa Ghlaschu Disathairne seo chaidh.

An dèidh an tachartas sgaoil Mgr Morris chuireadh do luchd‑paraiste a bhith an‑làthair aig sèirbheis urnaigh gus rèiteachadh airson fèis‑pròise Ghlaschu a bha air oilbheum a dhèanamh do Dhia.

Bha Mgr Morris an urra ri feuman spioradail nan oileanaich aig an oilthigh, ach thuirt ceannardan an oilthigh nach robh a bheachdan co‑chòrdail ri beachdan an oilthigh.

Thuirt Pamela Gillies, Prionnsapal an Oilthigh:

“An dèidh co‑chomhairle, cha till Mgr Mark Morris ris a dhreuchd seiplineachd aig an oilthigh san t‑Sultain.”

“Obraichidh an t‑oilthigh còmhla ri Sgìre‑Àrd‑Easbaig Ghlaschu gus dèanamh cinnteach gun tèid taic seiplineachd leantainneach a thabhann do luchd‑obrach agus oileanaich aig an ionad creideimh againn nuair a thòisicheas an teirm ùr.”

“Tha an t‑oilthigh gu math in‑ghabhalach agus tha dealas aige do cho‑ionnanachd agus iomadachd air a’ champus.”