Àrainn Oilthigh Uladh ann an Catar na “briseadh‑cridhe”

Tha cathraiche Comann LGBT aig Oilthigh Uladh air ràdh gur e briseadh‑cridhe a th’ ann gu bheil planaichean aig an oilthigh airson àrainn a fhosgladh ann an Catar na briseadh‑cridhe.

Stèidhich Oilthigh Uladh com‑pàirteachas le City University College ann an 2020 gus raon de chùrsaichean ceuma gnìomhachais a thabhann do dh’oileanaich ann an Doha agus tha dùil a‑nis gum fosgail iad àrainn ann an Lusail an ath‑mhìos.

Thuirt Hannah McCullough ris a’ phrògram Good Morning Ulster air BBC Radio Uladh gu bheil dragh oirre gu bheil an oilthigh “a’ cur prothaid air thoiseach air coimhearsnachd taobh a‑staigh a’ choimhearsnachd aca” agus gun dèan e cron air a cliù eadar‑nàiseanta an oilthighe.

“Mus tàinig mi dhan oilthigh, bha mi a’ strì gu mòr leis an dearbh‑aithne agam fhìn”, ars i.

“B’ ann tron a’ chomann an‑uiridh agus tro thaic an oilthighe a fhuair mi cothrom gabhail ris an dearbh‑aithne agam fhìn.”

“Cha bhi an cothrom sin air na h‑oileanaich ud. ’S e briseadh‑cridhe a th’ ann.”

Tha co‑sheòrsachd mì‑laghail ann an Catar agus faodar a pheanasachadh le binn‑prìosain no fiù ’s binn‑bàis do Mhuslamaich a thèid a dhìteadh fo Lagh Sharia.

Thuirt neach‑labhairt an oilthighe ris a’ BhBC gu bheil “còirichean LGBT+ aig cridhe an dealais a th’ aig Oilthigh Uladh do cho‑ionannachd, iomadachd agus ion‑ghabhalachd, a ghabhas a‑steach lìonra luchd‑obrach LGBT+ gnìomhach a bhios a’ brosnachadh co‑ionannachd dha na h‑uile, ge bith gnè no feisealachd.”

Tùsan

Belfast Telegraph: Ulster University’s plan to open campus in Qatar ‘heartbreaking’ says chair of institution’s LGBT Society

BBC News: Qatar: ‘Heartbreak’ at Ulster University’s campus plan

The Irish News: UU says LGBT+ rights ‘central’ to its ‘commitment to equality, diversity and inclusion’ after Qatar plans criticised

Obair‑taighe

Tha mi duilich gu bheil Geidh.uk air a bhith sàmhach o chionn ghoirid ach tha mi air a bhith trang leis m’ obair làitheil. Nuair a tha ùine shaor air a bhith agam tha mi air a bhith ag obair air còd Geidh.uk a sgioblachadh agus a dhèanamh nas èifeachdaiche.

Mar a sgrìobh mi na bu tràithe am‑bliadnha 1, tha mi air Geidh.uk a ghluasad bho WordPress gu Jekyll agus mar phàirt dhen sgioblachadh seo tha mi air a’ chòd a thoirt gu bun‑tomhas gus an gabh a chleachdadh air làraichean‑lìn Jekyll eile gun a bhith ga dheasachadh mòran.

Ma tha neach sam bith agaibh airson a chleachdadh gus blog Jekyll a chruthachadh dhaibh fhèin, tha mi air teamplaid a chur suas air GitHub a ghabhas a chleachdadh no a dheasachadh an‑asgaidh.

Ma tha sibh airson eisimpleir beò fhaicinn ro‑làimh, tha mi air an còd ùr a chur an gnìomh mar‑thà aig Geidh.uk, AtUG.uk agus mo bhlog.

A’ gluasad bho WordPress gu Jekyll

O chionn 2008 tha An Gèidheal Ùr air a bhith na bhlog WordPress (a’ ruith grunn plugain treas‑phàrtaidh) a tha mi air a bhith ag òstaireachd agus a’ cumail suas leam fhèin.

Dh’obraich e math gu leòr airson greis, ach tha mi air a bhith a’ fàs sgìth le duilleagan slaodach, mearachdan frithealaiche, amannan far‑loidhne agus ùrachaidhean a stàladh fad na h‑ùine agus mar sin tha an làrach‑lìn a‑nis air gluasad bho WordPress gu Jekyll.

Tha mi air feuchainn ri buaidh a’ ghluasaid a lùghdachadh ‑ bu chòir a’ mhòr‑chuid de sheann cheanglaichean a bhith ag obair fhathast agus tha coltas an làraich‑lìn ùr cha mhòr co‑ionnan ris an an t‑seann làrach‑lìn.

Dh’fhaodadh gum bi bug no dhà ann fhathast is mar sin bhithinn fada nur comain ma chuireas sibh fios thugam air Twitter ma lorgas sibh fear.

Dè th’ ann an Jekyll?

‘S e gineadair làrach‑lìn a th’ ann an Jekyll a bhios a’ toirt faidhlichean teacsa (a’ toirt a‑steach faidhlichean Markdown) gus làraichean‑lìn stadaigeach a chruthachadh a dh’fhaodar a luchdachadh.

‘S e an prìomh diofar eadar Jekyll agus WordPress nach fheum Jekyll an làrach‑lìn a chruthachadh ach nuar a thèid atharrachadh a dhèanamh agus nach fheum e sreath de dh’iarrtasan stòr‑dàta a dhèanamh a h‑uile turas a tha duilleag air a luchdachadh. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil an làrach‑lìn fada nas luaithe.

Tha e cuideachd a’ ciallachadh gu bheil mi comasach air postaichean a sgrìobhadh ann am faidhlichean teacsa sìmplidh a’ cleachdadh am bathar‑bog as fheàrr leam agus ‘s urrainn dhomh fiù ‘s sgrìobhadh fhad ‘s a tha mi far‑loidhne.

‘S buannachd mhòr eile a th’ ann gum faodar làraichean‑lìn Jekyll òstaireadh an‑asgaidh air GitHub Pages far am faigh sibh teisteanas HTTPS an‑asgaidh cuideachd.

Postairean Stonewall

Seo agaibh postairean Gàidhlig a chruthaich mi ann an stoidhle an iomairt “Some People are Gay” le Stonewall.

Gèidh.uk agus Pink Saltire gu bhith co‑obrachadh air sèirbheis‑naidheachd LGBT do Ghàidheil

Tha mi air leth toilichte a bhith ag obair comhla ri Pink Saltire gus barrachd den t‑susbaint aca a thabhann tro mheadhan na Gàidhlig!

Leanaibh Pink Saltire

Làrach‑lìn: https://pinksaltire.com

Twitter: @PinkSaltire

Facebook: @PinkSaltire

Snapchat: PinkSaltire

Post‑d: info@pinksaltire.com

Mu Phink Saltire

Tha Pink Saltire na na bhuidheann carthannais clàraichte Albannach (SCIO) agus air a liostadh air a’ chlàr carthannais a tha air a chumail le Riaghladair Bhuidhnean Carthannais na h‑Alba (OSCR).

Chaidh a stèidheachadh ann an 2014 agus ’s e buidheann co‑ionannachd nàiseanta a th’ ann, air a riaghladh agus air a ruith le daoine LGBT+.

Tha sinn a’ creidsinn gur e àite fìor mhath a th’ ann an Alba airson a bhith ann an comann‑sòisealta an‑asgaidh agus fosgailte.

Mar Albannaich, tha sinn a’ faighinn buannachd bho raon reachdais a tha a’ dìon ar còraichean daonna co‑ionnan agus saorsa conaltraidh.

Tha sinn cuideachd ag aithneachadh gu bheil an sgeulachd agus eòlas aig a h‑uile duine eadar‑dhealaichte ach fhathast cudromach – tha mòran againn fhathast a’ faighinn eòlas air lethbhreith, claon‑bhreith, burraidheachd no droch‑dhìol agus tha sinn airson sin atharrachadh.

Mar charthannais againn ’s e ar n‑amasan a bhith:

  • adhartachadh saoranachd agus leasachadh coimhearsnachd taobh a‑staigh coimhearsnachd LGBT+ na h‑Alba,
  • brosnachadh co‑ionannachd agus iomadachd,
  • adhartachadh ealain, dualchas agus cultar LGBT+ na h‑Alba.

A‑rèir na h‑Urrasairean againn ’s e ar n‑amasan a bhith:

  • lughdachadh iomallachd sa choimhearsnachd le bhith a’ cruthachadh cheanglaichean brìoghmhor agus luachmhor
  • cleachdadh mheadhanan ùra agus a’ tuigsinn ar coimhearsnachd nas èifeachdaiche
  • aithneachadh deagh eisimpleirean agus brosnachadh dhaoine eile gus na h‑amasan aca a choileanadh

Tha ar bun‑stèidh ag innse gum bi sinn a’ coileanadh nan amasan sin tro dhòighean a dh’fhaodadh a bhith a’ gabhail a‑steach:

  • stòras didseatach a tha a’ cruthachadh dìleab leantainneach de chultar LGBT+ ann an Alba
  • rannsachadh leantainneach a tha a’ measadh bheachdan sòisealta, cùisean breithneachail agus a’ measadh buaidh chultarach agus eaconamach cudromach dhaoine LGBT +
  • prògram a tha ag aithneachadh, a’ toirt urram agus a’ comharrachadh na daoine agus na buidhnean sin a tha a’ strì airson beatha nas fheàrr airson daoine LGBT + ann an Alba.

Tha obair Pink Saltire air a roinn ann an trì sreathan obrach:

  • IONNSAICH – far a bheil sinn a’ cleachdadh dhòighean meadhanan ùra gus ar coimhearsnachd agus na beachdan aca a thuigsinn agus an dàta seo a chleachdadh gus ar seirbheis leasachadh agus tuigse nas fhèarr fhaighainn air ar prìomhachasan.
  • CO‑ROINN – far a bheil sinn a’ cruthachadh àrd‑ùrlar didseatach fosgailte de shusbaint a chaidh a ghineadh le luchd‑cleachdaidh ann an raon de chruthan a bhios a’ toirt com‑pàirt do dhaoine air na prìomh chùisean – furasta a ruigsinn, furasta a chleachdadh, fosgailte fad an latha, spòrsail, lèirsinneach agus ionadail.
  • BROSNAICH – far a bheil sinn ag èigheachd gu àrd mu deagh eisimplerean a dhèanamh le daoine no buidhnean cudromach gus daoine eile LGBT+ a bhrosnachadh air feadh na dùthcha.

Leugh am post seo sa Bheurla air PinkSaltire

Còirichean co‑ionann do leasbaich a’ sireadh seirbheisean IVF

Thathar an dùil gun tèid cead a thoirt do leasbaich Albannach IVF a shireadh bho Seirbheis Nàiseanta na Slàinte.

Thathar an dùil gum mòl buidheann comhairle an Riaghaltais gum bu chòir do cead a bhith aig leasbaich a bhith a’ cleachdadh seirbheisean IVF air an SNS.

Tha Caroline Harris agus Julie McMullen air a bhith a’ strì an‑aghaidh SNS Ghlaschu am‑bliadhna airson cead a bhith a’ cleachdadh na seirbheisean IVF aca.

Thuirt SNS Ghlaschu gur ann airson càraidean neo‑thorrach a bha na seirbheisean IVF agus nach robh càraid leasbach a’ co‑fhreagairt am mìneachadh seo.

Thuirt an càraid gum biodh iad a’ toirt an urras dhan lagh air sgàth ’s gun robh an urras a’ dèanamh leth‑bhreith orra agus thug seo air an urras an riaghailt atharrachadh.

An‑dràsta tha càraidean leasbach comasach air seirbheisean IVF a’ cleachdadh ann an ospadalan aig SNS na Crìochan, SNS a’ Ghàidhealtachd agus a‑nis SNS Ghlaschu ach tha SNS ag ràdh gum faodar seo leasachadh.

Thuirt neach‑labhairt an Riaghaltais ris The Times:

“Chan eil riaghailtean an latha an‑diugh a’ cur casg air càraidean aon‑sheòrsach agus tha fios againn nach eil cuid dhe na bùird SNS a’ tabhann seirbheisean IVF do càraidean aon‑sheòrsach… Tha sinn a’ tuigsinn nach eil seo cunbhalach air feadh na h‑Alba agus iarraidh sinn air a’ bhuidheann comhairle a’ chùis seo a bheachdachadh.”

Co‑dhùnadh uchd‑mhacachaidh mar eisimpleir ann an Iosrael

Tha cùirt ann an Iosrael air co‑dhùnadh a dhèanamh gun urrainn do càraid co‑sheòrsach a chlàradh mar athraichean an uchd‑mhac.

Thathar an dòchas gum bi a’ cho‑dhùnadh seo mar eisimpleir anns an dùthaich.

Tha Giora Shavit agus Avi Shadiv air chlàradh le chèile gus am balach a tha còig bliadhna a dh’aois uchd‑mhacachadh. ‘S ann à Georgia a tha am balach agus chan eil pàrantan bith‑eòlasach clàraichte aige.

A rèir laghan oifigeil ann an Iosrael, chan eil ach aon dhe na daoine ceadaichte a bhith a’ clàradh mar athair a’ bhalach ach tha an càraid air a bhith a’ sabaid an aghaidh nan laghan seo o chionn bliadhna.

Thuirt Mgr Shavit:

“Bha mi airson a bhith na athair dha anns a h‑uile dòigh.”

“Bha e uabhasach cudromach dhuinn teaghlach stèidheachadh agus siostam cùram a chur ri chèile airson am mac.”

Bha an càraid air riochdachadh le Neach‑tagraidh Còirichean Co‑sheòrsach Ira Hadar.

Tha Hadar gu math ainmeil ann an Iosrael airson dùbhlan a thoirt air an Àrd‑chùirt airson càraid leasbach a bha airson leanabhan uchd‑mhacachadh ri chèile.

Thuirt e:

“An‑diugh, tha sinn a’ faicinn an comann‑sòisealta a’ gabhail ri teaghlaichean neo‑àbhaisteach agus tha e a’ dearbhadh gu bheil còirichean aig a h‑uile daoine a bhith a’ togail cloinne taobh a‑staigh an dòigh‑beatha aca.”

“Thathar an dòchas gum bi barrachd càirdean co‑sheòrsach a’ clàradh gus clann uchd‑mhacachadh.”