• Cuairt-litir #33

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    California

    Chaidh neach-bùtha fhaighinn marbh aig a’ bhùth aice, Mag Pi, ann an Cedar Glen, California Dihaoine.

    Thathar ag aithris gun deach Laura Ann Carleton, 66, a losgadh an dèidh argamaid mu bhratach pròise taobh a-muigh a’ bhùth aice.

    Theich an neach-amharais, ach chaidh a mharbhadh leis a’ Phoileas as dèidh dhaibh a lorg le gunna faisg air an làrach.

    Lurgan

    Tha na Poilis ann an Èirinn a Tuath air ràdh gu bheil iad a’ rannsachadh graffiti a tha air nochdadh ann an Lurgan mar eucoir-gràin.

    Thathar ag aithris gu bheil an graffiti, a leughas “No Irish, No Gay”, air a bhith a’ nochdadh ann an diofar àiteachan sa bhaile bho chionn 2021, agus gun deach bratach leis an aon shluagh-ghairm a chrocadh bho dhrochaid faisg air a’ bhaile air am M1 ann an 2018.

    Chaidh an graffiti a dhìteadh leis a’ Chomhairliche ionadail Peter Lavery, a sgrìobh air X (Twitter) gur e baile fàilteach in-ghabhalach a th’ ann an Lurgan agus gu bheil e air iarraidh gun tèid an graffiti a ghlanadh cho luath ’s a ghabhas.

    Dèarsaidh

    Chaidh binn phrìosain còrr ’s aon bhliadhna a chur air fireannach as dèidh dha fireannach eile a bhualadh agus a bhagairt le isneach AK-47 agus bèigneid.

    Thug Marcin Skalimowski, 41, ionnsaigh air an fhireannach neo-ainmichte 20mh den Mhàrt aig Bàr-fiona Naomh Sheumais ann an St. Helier o chionn ’s gun robh e dhen bheachd gun robh am fireannach gèidh.

    Chaidh Skalimowski a thilgeil a-mach às a’ bhar as dèidh dha am fireannach a bhualadh, ach thill e an dèidh 10 mionaid leis an airm.

    Chur am Bàillidh Sir Timothy Le Cocq binn phrìosain bliadhna air o chionn ’s gun robh arm aige agus binn cho-ruitheach trì mìos airson an ionnsaigh fhèin. Cuideachd fhuair e binn phrìosain trì mìos a bharrachd airson binn roimhe a bhriseadh.

    Tàileasg

    Tha Caidreachas Tàileasg Shasainn, Caidreachas Tàileasg na Fionnlainn Caidreachas Tàileasg na Gearmailte agus Caidreachas Tàileasg nan Stàitean Aonaichte uile air ràdh nach cuir iad casg air tar-bhoireannaich bho fharpaisean nam ban a dh’aindeoin poileasaidh ùr Caidreachas Eadar-nàiseanta na Tàileisg a tha ag iarraidh air tar-bhoireannaich farpais ann an roinn fhosgailte còmhla ris na fireannaich.

  • Cuairt-litir #18

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Stonewall

    Leigidh Àrd-oifigear Stonewall, Nancy Kelley, a dhith a dreuchd aig deireadh na mìos.

    Tha Kelley air a bhith an ceann na buidhne airson trì bliadhna ’s rè na h-ùine sin i air còireachan tar-ghnèitheach a bhrosnachadh, iomairt airson ath-leasachaidhean aithneachadh gnè ann an Alba, caismeachd aig Trans Pride ann an Lunnainn agus iomairt airson crìoch a chur air cleachdaidhean iompachaidh.

    Thuirt Kelley gur e “pribhleid” a th’ air a bhith ann a bhith an ceann na buidhne agus gun lean i oirre “a’ seasamh leis a’ choimhearsnachd againn”.

    Rugbaidh Uladh

    Tha Pròis Bheul Feirste air ràdh nach fhaod sgioba rugbaidh Uladh caismeachd na bliadhna seo fhrithealadh.

    ’S e “Stand by your trans” sluagh-ghairm tachartas na bliadhna seo a thèid a chumail Disathairne 29mh den Iuchar.

    Bha Rugbaidh Uladh air tagradh a chur a-steach airson a bhith na phàirt den chaismeachd 2023, ach chaidh a dhiùltadh leis na h-eagraichean mar thoradh air a’ phoileasadh a chur Aonadh Rugbaidh na h-Èireann (IRFU) an gnìomh an-uiridh a chuireas casg air tar-bhoireannaich bho rugbaidh nam ban.

    A’ Ghreig

    Tha rannsachadh poilis a’ leantainn as dèidh mar a chaidh tar-bhoireannach fhaighinn marbh san Àithne Diluain.

    Thathar ag aithris gun deach Anna Ivankova, 31, a sàthadh iomadh turas agus gun deach fios a chur dhan Phoilis nuair a dh’fheuch an uachdaran ris a’ mhàl a thogail.

    Cha deach neach-amharais sam bith lorg fhathast.

    An Laitbhe

    Chaidh Edgars Rinkēvičs air mhionnan Oifis Ceann-suidhe na Laitbhe Disathairne, ga dhèanamh a’ chiad Cheann-suidhe Eòrpach a-riamh a tha gu fosgailte gèidh.

  • Àrainn Oilthigh Uladh ann an Catar na “briseadh‑cridhe”

    Tha cathraiche Comann LGBT aig Oilthigh Uladh air ràdh gur e briseadh‑cridhe a th’ ann gu bheil planaichean aig an oilthigh airson àrainn a fhosgladh ann an Catar na briseadh‑cridhe.

    Stèidhich Oilthigh Uladh com‑pàirteachas le City University College ann an 2020 gus raon de chùrsaichean ceuma gnìomhachais a thabhann do dh’oileanaich ann an Doha agus tha dùil a‑nis gum fosgail iad àrainn ann an Lusail an ath‑mhìos.

    Thuirt Hannah McCullough ris a’ phrògram Good Morning Ulster air BBC Radio Uladh gu bheil dragh oirre gu bheil an oilthigh “a’ cur prothaid air thoiseach air coimhearsnachd taobh a‑staigh a’ choimhearsnachd aca” agus gun dèan e cron air a cliù eadar‑nàiseanta an oilthighe.

    “Mus tàinig mi dhan oilthigh, bha mi a’ strì gu mòr leis an dearbh‑aithne agam fhìn”, ars i.

    “B’ ann tron a’ chomann an‑uiridh agus tro thaic an oilthighe a fhuair mi cothrom gabhail ris an dearbh‑aithne agam fhìn.”

    “Cha bhi an cothrom sin air na h‑oileanaich ud. ’S e briseadh‑cridhe a th’ ann.”

    Tha co‑sheòrsachd mì‑laghail ann an Catar agus faodar a pheanasachadh le binn‑prìosain no fiù ’s binn‑bàis do Mhuslamaich a thèid a dhìteadh fo Lagh Sharia.

    Thuirt neach‑labhairt an oilthighe ris a’ BhBC gu bheil “còirichean LGBT+ aig cridhe an dealais a th’ aig Oilthigh Uladh do cho‑ionannachd, iomadachd agus ion‑ghabhalachd, a ghabhas a‑steach lìonra luchd‑obrach LGBT+ gnìomhach a bhios a’ brosnachadh co‑ionannachd dha na h‑uile, ge bith gnè no feisealachd.”

  • Cùis-lagha an-aghaidh taigh-fhuine ann am Beul Feirste air a dhiùltadh

    Tha Cùirt Eòrpach nan Còraichean Daonna air cùis-lagha an-aghaidh taigh-fhuine ann am Beul Feirste a dhiùltadh.

    Chaidh Ashers Baking a dhìteadh ann an 2015 airson leth-breith nuair a dhiùlt iad cèic le “Support Gay Marriage” sgrìobhte air a dhèanamh do neach-ceannaich, Gareth Lee.

    Thuirt luchd-seilbh an taigh-fhuine gun robh am brath a’ dol an-aghaidh a’ chreideimh Chrìosdaidh aca agus ann an 2018 chur Àrd-chùirt an Rìoghachd Aonaichte car de cho-dhùnadh na cùirt ionadail.

    Rinn Mgr Lee gearan ri Cùirt Eòrpach nan Còraichean Daonna ann an 2019 ach co-dhùin an ECHR Diardaoin an cùis aige a thilgeil a-mach air sgàth ’s nach eil e air ruith a-mach à roghainnean eile fhathast.

  • Riaghailtean nas fhosgailte gan cur an-gnìomh a-thaobh toirt seachad fala

    Chaidh riaghailtean ùra a chur an gnìomh an-diugh a tha a’ ciallachadh nach tèid dàil a chur air fireannaich a tha air a bhith ri fèise le fireannach eile anns na 3 mìosan a dh’fhalbh bho bhith a’ toirt seachad fala.

    Tha na h-atharrachaidhean ùra, a tha a’ buntainn ris an Rìoghachd Aonaichte air fad, a’ ciallachadh gun tèid a h-uile tabhartaiche a mheasadh mar phearsachan air leth seachd mar bhuidhean farsaing.

  • Ministearan Èireann a Tuath a’ toirt taic do chasg air teiripe iompachadh co-sheòrsachd

    Tha ministearan ann an Èirinn a Tuath air dearbhadh gu bheil iad airson casg a chur air teiripe iompachadh co-sheòrsachd.

    Tha teiripe iompachaidh air a mhìneachadh mar an oidhirp gus feisealachd no dearbh-aithne gnè neach atharrachadh. Chaidh an cleachdadh a chàineadh leis a’ mhòr-chuid de na prìomh bhuidhnean leigheas-inntinn agus gun deach a mhìneachadh leis na Dùthchannan Aonaichte mar sheòrsa de chràdh.

    Aig coinneamh Dimàirt (8mh den Sultain), dhearbh Carál Ní Chuilín, Ministear nan Coimhearsnachdan; Robin Swann, Ministear na Slàinte; agus Naomi Long, Ministear an Ceartais gu bheil iad airson casg a chur air an cleachdadh.

    Bidh Ní Chuilín na stiùiriche poileasaidh le taic bho feadhainn eile ann an Riaghaltas Èireann a Tuath.

    Tha an naidheachd a’ tighinn còrr is dà bhliadhna as dèidh do Riaghaltas an RA gealltainn gun cuireadh iad casg air ach tha e fhathast laghail.