Seanadh nan S.A. air bhòtadh gus pòsadh aon‑sheòrsach a ghlèidheadh ann an lagh feadarail

Tha Seanadh nan Stàitean Aonaichte air bhòtadh gus pòsaidhean aon‑sheòrsach agus ioma‑chinnidheach a ghlèidheadh ann an lagh feadarail.

Bhòt seanadairean 61 gu 36 airson gabhail ris a’ bhile dhà‑phàrtaidh.

Cuiridh am bile “Respect for Marriage” car dhen lagh feadarail 1996, “Defense of Marriage Act”, a mhìnich pòsadh mar aonadh eadar fear agus bean.

Chaidh pòsadh aon‑sheòrsach a dhèanamh laghail anns na Stàitean Aonaichte ann an 2015 nuair a riaghail a’ Phrìomh‑chùirt gun robh am mìneachadh seo neo‑reachdail.

San Ògmhios am bliadhna, chuir a’ Phrìomh‑chùirt car dhen a’ chùis‑lagha 1973, Roe v. Wade, a rinn casg‑breith laghail air feadh nan Stàitean Aonaichte agus bha dragh air a bhith a’ fàs gun cuireadh iad car dhen co‑dhùnadh 2015 cuideachd.

Ma thachras sin, bidh gach stàit fa leth comasach air reachdas pòsaidh a chur an gnìomh agus ged a bhios e riatanach fon bhile seo gun aithnich iad pòsaidhean dligheach bho stàitean eile dh’fhaodadh iad cead pòsaidh a dhiùltadh do chàraidean aon-sheòrsach taobh a-staigh an stàit aca fhèin.

Feumaidh Taigh nan Riochdairean bhòtadh air a’ bhile a‑nis. Ma ghabhas iad rithe, mar a thathar an dùil, thèid i an uair sin gu Ceann‑suidhe Biden airson soidhnigeadh na lagh.

Tùsan

BBC News: Respect for Marriage Act: Senate passes same-sex marriage bill

Gay Times: US Senate passes bill protecting same-sex and interracial marriages

Pink News: US Senate passes Respect for Marriage Act – but activists say bill is a ‘huge mess’

Pàrlamaid na Ruise air bhòtadh gu h‑aona‑ghuthach airson bile a leudaicheas an casg a th’ air “propaganda LGDT”

Tha Buill an Duma, a’ chiad taigh aig Pàrlamaid na Ruise, air bhòtadh gu h‑aona‑ghuthach airson bile a leudaicheas an casg a th’ air “propaganda LGDT”.

Tha e mì‑làghail mar thà co‑sheòrsachd a bhrosnachadh do chloinne ach fon casg leudaichte dh’ fhaodadh tachartas no gnìomhachd sam bith a bhrosnaicheas co‑sheòrsachd do dhaoine de dh’aois sam bith càin mhòr a tharraing.

Chan eil e gu diofar ma tha e air loidhne, anns na meadhanan no ma s’ e tachartas an fhìor‑shaoghal a th’ ann.

Dh’fhaodadh càin suas ri 400,000 rùbal a bhith air daoine no 5m rùbal air buidhnean laghail agus dh’fhaodadh coigrich binn phrìosain 15 latha fhaighinn mus tèid an cur a‑mach às an dùthaich.

Feumaidh am bile a‑nis dol gu àrd‑thaigh na pàrlamaid airson ath‑sgrùdadh agus feumar a shoidhneachadh le Vladimir Putin as dèidh sin mus tèid a dhèanamh na lagh.

Tùsan

BBC News: Russia passes ‘Answer to Blinken’ gay propaganda law

Pink News: Russia approves terrifying all-ages ‘LGBTQ+ propaganda’ ban

Reutars: Russia’s parliament passes law banning ‘LGBT propaganda’ among adults

Sgioba ball‑coise na Gearmailte a’ seasamh airson còirichean LGDT+

Chòmhdaich cluicheadairean sgioba ball‑coise na Gearmailte am beòil fhad ’s a bha iad a’ togail dealbh ro thoiseach an geama aca an aghaidh Iapan Diciadain.

Thuirt manaidsear na sgioba, Hansi Flick, gun robh iad airson an teachdaireachd gu bheil FIFA gan cur nan tost a sgaoileadh.

Dh’fhoillsich Chomainn Ball‑coise Shasainn, na Cuimrigh, na Beilge, na Danmhairge, na Gearmailte, na h-Òlainde agus na h-Eilbheise co‑aithris Diluain anns an tuirt iad gun robh “FIFA air a bhith gu math soilleir gun cur iad smachd‑bhannan spòrs an sàs ma bhios na caipteanan [aca] a’ cur na bannan‑gàirdein orra air an raon‑cluiche.”

Thuirt iad gum biodh iad deònach càintean a phàigheadh airson na riaghailtean a bhriseadh iad ach nach b’ urrainn dhaibh na cluicheadairean aca a chur ann an suidheachaidhean far am faigheadh iad cairt bhuidhe no cairt dhearg.

Cha chur cluicheadairean Shasainn is na Cuimrigh bannan‑gàirdein OneLove orra ann an Qatar

Tha sgiobaidhean ball‑coise Shasainn is na Cuimrigh air dearbhadh nach bi iad a’ cur bannan‑gàirdein OneLove orra nuair a bhios iad a’ cluich ann an Qatar.

Bha Harry Kane à Sasainn agus Gareth Bale às a’ Chuimrigh am measg chluicheadairean bho ghrunn sgiobaidhean nàiseanta a bha gu bhith a’ cur air na bannan‑gàirdein gus dlùth‑phàirteachas a nochdadh leis a’ choimhearsnachd LGDT+.

Ann an co‑aithris thuirt Chomainn Ball‑coise Shasainn, na Cuimrigh, na Beilge, na Danmhairge, na Gearmailte, na h-Òlainde agus na h-Eilbheise gu bheil “FIFA air a bhith gu math soilleir gun cur iad smachd‑bhannan spòrs an sàs ma bhios na caipteanan againn a’ cur na bannan‑gàirdein orra air an raon‑cluiche.”

Thuirt iad cuideachd gum biodh iad deònach càintean a phàigheadh airson na riaghailtean a bhriseadh, ach nach b’ urrainn dhaibh na cluicheadairean aca a chur ann an suidheachaidhean far am faigheadh iad cairt bhuidhe no cairt dhearg.

Còignear air am marbhadh agus 18 a bharrachd air an leon ann am mòr‑losgadh ann an Colorado

Tha Poileas ann an Colorado Springs, Colorado air dearbhadh gun deach co‑dhiù còignear a mharbhadh às dèidh mòr‑losgadh aig club‑oidhche gèidh oidhche Shathairne.

Thathar cuideachd ag aithris gun deach 18 neach eile a leòn.

Thathar a’ creidsinn gun deach aon neach a chur an grèim.

Tùsan

Peter Tatchell ga chur an grèim

Chaidh an neach‑iomairt LGDTC+ Peter Tatchell a chur an grèim an‑diugh ann an Doha, Qatar.

Bha Tatchell, 70, ag iomairt airson còraichean LGDTC+ air thoiseach air Cupa na Cruinne a thèid a chumail san dùthaich eadar 20mh An t‑Samhain agus 18mh An Dùbhlachd.

Tha co‑sheòrsachd mì‑laghail san dùthaich agus faodar a pheanasachadh le binn phrìosain 3 bliadhna no binn‑bhàis fo laghan Sharia.

Thuirt Am Fonndas Peter Tatchell nach eil fios aca an‑dràsta far a bheil Mgr Tatchell, agus gu bheil iad ag obair gus a shaoradh.

Cùba air bhòtadh gus pòsadh aon‑sheòrsach a dhèanamh laghail

Tha Cùbaich air bhòtadh airson pòsadh aon‑sheòrsach a dhèanamh laghail san dùthaich.

Bhòt mu dhà thrian dhen t‑sluagh airson ath‑leasachaidhean a bhios cuideachd a’ leigeil le càraidean aon‑sheòrsach clann uchd‑mhacachadh, ag ath‑sònrachadh còraichean chloinne agus a’ ceadachadh leatromachdan‑ionaid.

Dithis air am marbhadh agus 21 air an leon ann an losgadh an Oslo

Bha dithis air am marbhadh agus 21 air an leòn as dèidh mar a chaidh losgadh orra ann an ionnsaigh faisg air taigh‑seinnse LGDT+ ann an Oslo tràth Disathairne.

Thàinig an losgadh beagan uairean a thìde ro thoiseach Pròis Oslo.

Tha fireannach, 42, à Iòran an grèim aig na Poileas is e fo‑chasaid ceannairceachd.

Criomagan Naidheachd na Seachdaine

Geàrr‑chunntas sgrìobhte air cinn‑naidheachd na seachdaine.

Safe to Be Me

Chuir Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte dheth a’ cho‑labhairt LGDT+ aca as dèidh do chòrr is 100 buidheann ainmeachadh nach biodh iad an làthair air sàilleibh co‑dhùnadh na Riaghaltas gus pearsachan tar‑ghnèitheach fhàgail a‑mach à phlanaichean gus casg a chur air teiripe iompachaidh.

Barrachd fhiosrachaidh

Spòrs nam Ban

Thuirt am Prìomhaire, Boris Johnson, nach bu chòir do thar‑bhoireannaich fharpais ann an spòrs nam ban.

Barrachd fhiosrachaidh

Rothaireachd Bhreatainn

Tha Rothaireachd Bhreatainn, buidheann‑riaghlaidh rothaireachd Bhreatainn, air casg a chur air pearsachan tar‑ghnèitheach is neo‑bhìnearaidh bho fharpaisean gus an dèanar ath‑sgrùdadh air na poileasaidhean aca.

Barrachd fhiosrachaidh

San Marino

Ann an San Marino, chaidh Paolo Rondelli a thaghadh mar a’ chiad cheann‑stàite LGDT+ san t‑saoghal.

Barrachd fhiosrachaidh

Co‑ionannachd pòsaidh ann am Bermuda agus na h‑Eileannan Cayman ga dhiùltadh le Cùirt Bhreatannach

Riaghail Comhairle Dhìomhair na Rìoghachd Aonaichte Diluain gu bheil na bacaidhean a th’ air pòsadh aon‑sheòrsach ann am Bermuda agus na h‑Eileanan Cayman laghail.

Ann am Bermuda bhòt na britheamhan 4:1 airson ath‑thagradh a rinn Àrd‑neach‑tagraidh na dùthcha as dèidh gun do riaghail Cùirt nan Ath‑thagraidhean agus an Cùirt Uachdarach gun robh earrann 53 dhen Domestic Partnership Act (DPA) 2018, a tha ag ràdh gur e aonadh eadar fireannach is boireannach a th’ ann am pòsadh, mì‑dhligheach.

Anns na h‑Eileanan Cayman bhot na britheamhan gu lèir an aghaidh càraid leasbach a tha air a bhith a’ sireadh cead‑pòsaidh bho chionn 2018. Bhuannaich iad cùis‑lagha aig Àrd‑chùirt na dùthcha ann an 2019 ach cho‑dhùin Cùirt nan Ath‑thagraidhean an uair sin nach robh pòsadh aon‑sheòrsach ceadaichte a‑rèir bun‑reachd na dùthcha.

Bacadh ga chur air teiripe iompachaidh ann an Sealainn Nuadh

Tha Pàrlamaid Shealainn Nuadh air gabhail ri lagh ùr a chuireas bacadh air teiripe iompachaidh.

Is e ‘teiripe iompachaidh’ am facal a thathar a’ cleachdadh mar thuairisgeul air modhan sam bith a dh’fheuchas ris an taobhadh feise no an ìomhaigh a thaobh gnè a tha aig neach atharrachadh.

Bhòt 93 sa cheud de na BPan airson a’ bhacadh.

Fon lagh ùr thèid binn phrìosain de thrì bliadhna a’ thoirt seachad do neach a bhios a’ dèanamh teiripe iompachaidh air clann nas òige na 18 bliadhna a dh’aois no binn phrìosain de chòig bliadhna ma bhios iad a’ dèanamh croin mhòir air neach eile de dh’aois sam bith.