James Cleverly ga chàineadh airson ràdh gum bu chòir do luchd‑taice ball‑coise LGDT+ urram a thoirt do chultar Qatar

Chaidh James Cleverly, Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, a chàineadh an‑diugh airson ràdh air Radio LBC agus Sky News gum bu chòir do luchd‑taice LGDT+ a bhios a’ dol gu Cupa na Cruinne ann an Qatar “urram a thoirt dhan nàisean”.

Tha e air tighinn as dèidh gun deach Peter Tatchell, neach‑iomairt airson còraichean LGDT+, a chur an grèim an‑dè airson togail fianais an‑aghaidh laghan san dùthaich a tha ga dhèanamh co‑sheòrsachd mì‑laghail.

Dhearbh Cleverly cuideachd ri Radio LBC nach robh e air bruidhinn ri Riaghaltas Qatar mu na thachair ri Mgr Tatchell an‑dè.

Pàrtaidh Uaine na h‑Alba airson a’ cheangal eadarra agus Pàrtaidh Uaine Shasainn is na Cuimrigh a sgaradh

Tha Pàrtaidh Uaine na h‑Alba air bhòtadh gus a’ cheangal eadarra agus Pàrtaidh Uaine Shasainn is na Cuimrigh a sgaradh air sgàth draghan mu oillt thar‑ghnèitheach.

Bhòt luchd‑ionaid a bh’ aig co‑labhairt fhoghair a’ phàrtaidh gu h‑aona‑ghuthach airson gluasad, a chaidh a chur air adhart le Beth Douglas, gus teachdaireachd shamhlachail a chur dha na co‑leithidean aca mu dheas mu chòraichean tar‑ghnèitheach.

Thuirt Guy Ingerson, a bha na thagraiche airson Comhairle Cathair Obar Dheathain, gun tèid stad a chur air buill pàrtaidh Shasainn is na Cuimrigh bho bhith a’ bruidhinn aig coinneamhan is tachartasan Albannach gus an dèilig iad ris na droch chùisean seo.

Dhearbh e ge‑tà, nach tèid stad a chur air buidhnean co‑cheangailte, a‑leithid buidhnean òigridh is buidhnean LGDT bho bhith a’ co‑obrachadh.

Eucoirean‑gràin air a dhol am meud ann an Sasainn agus sa Chuimrigh

Tha na h‑àireamhan as ùire bho Oifis na Dùthcha airson na bliadhna suas chun a’ Mhàrt 2022 a’ sealltainn gu bheil an àireamh de dh’eucoirean‑gràin ann an Sasainn agus sa Chuimrigh air a dhol suas le 26% gu 155,841.

Bha còrr is dà thrian, 109,843, air sgàth gràin‑chinnidh.

Dh’èirich an àireamh de dh’eucoirean‑gràin air sgàth taobhadh‑feise le 42% gu 26, 152.

Ach b’ ann aig eucoirean an‑aghaidh phearsachan tar‑ghnèitheach a bha an àrdachadh as motha ‑ 4,455 ‑ àrdachadh 56% an coimeas ris a’ bhliadhna roimhe.

Liz Truss a’ lorg dòigh gus "stad no casg" a chur air planaichean Riaghaltas na h‑Alba Achd Aithneachadh Gnè ath‑leasachadh

Thathar ag aithris gu bheil Am Prìomhaire, Liz Truss, a’ lorg dòigh stad a chur air planaichean Riaghaltas na h‑Alba Achd Aithneachadh Gnè ath‑leasachadh.

A‑rèir dithis neach‑fiosrachaidh neo‑ainmichte anns an riaghaltas a bhruidhinn ri Vice News, dh’iarr Truss air luchd‑lagha a cuideachadh gus “stad no casg” a chur air na h‑ath‑leasachaidhean.

A‑measg nan ath‑leasachaidhean, tha Riaghaltas na h‑Alba airson a dhèanamh nas fhasa do phearsachan thar‑ghnèitheach an gnè laghail aca atharrachadh le bhith a’ ceadachadh fèin‑aidmheil.

Thathar ag aithris gu bheil dragh air Truss nan tèid na h‑ath‑leasachaidhean air adhart gun siubhail pearsachan tar‑ghnèitheach ann am pàirtean eile den RA a dh’Alba gus teisteanas aithneachadh gnè fhaighinn.

Faodar barrachd leughadh mun sgeulachd seo air làrach‑lìn Vice: Liz Truss Is Trying to Block Scotland’s Trans Reforms

Criomagan Naidheachd na Seachdaine

Geàrr‑chunntas sgrìobhte air cinn‑naidheachd na seachdaine.

Safe to Be Me

Chuir Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte dheth a’ cho‑labhairt LGDT+ aca as dèidh do chòrr is 100 buidheann ainmeachadh nach biodh iad an làthair air sàilleibh co‑dhùnadh na Riaghaltas gus pearsachan tar‑ghnèitheach fhàgail a‑mach à phlanaichean gus casg a chur air teiripe iompachaidh.

Barrachd fhiosrachaidh

Spòrs nam Ban

Thuirt am Prìomhaire, Boris Johnson, nach bu chòir do thar‑bhoireannaich fharpais ann an spòrs nam ban.

Barrachd fhiosrachaidh

Rothaireachd Bhreatainn

Tha Rothaireachd Bhreatainn, buidheann‑riaghlaidh rothaireachd Bhreatainn, air casg a chur air pearsachan tar‑ghnèitheach is neo‑bhìnearaidh bho fharpaisean gus an dèanar ath‑sgrùdadh air na poileasaidhean aca.

Barrachd fhiosrachaidh

San Marino

Ann an San Marino, chaidh Paolo Rondelli a thaghadh mar a’ chiad cheann‑stàite LGDT+ san t‑saoghal.

Barrachd fhiosrachaidh

Criomagan Naidheachd • 21 Am Màrt 2022

Liz Truss

Ann an òraid do Cho‑labhairt a’ Phàrtaidh Tòraidheach ann am Blackpool Disathairne, thuirt Liz Truss, Ministear airson Boireannaich agus Co‑ionannachd, gum bu chòir dhan chogadh ann an Ucràin crìoch a chur air deasbadan “gòrach” mu dheidhinn riochdairean.

Banachdach HIV

Tha deuchainnean clionaigeach air trì banachdaichean HIV air tòiseachadh anns na Stàitean Aonaichte.

Chaidh na banachdaichean a leasachadh le Moderna agus tha iad stèidhichte air an teicneòlas mRNA a chleachd iad airson a’ bhanachdach COVID‑19 aca.

Co‑ionannachd pòsaidh ann am Bermuda agus na h‑Eileannan Cayman ga dhiùltadh le Cùirt Bhreatannach

Riaghail Comhairle Dhìomhair na Rìoghachd Aonaichte Diluain gu bheil na bacaidhean a th’ air pòsadh aon‑sheòrsach ann am Bermuda agus na h‑Eileanan Cayman laghail.

Ann am Bermuda bhòt na britheamhan 4:1 airson ath‑thagradh a rinn Àrd‑neach‑tagraidh na dùthcha as dèidh gun do riaghail Cùirt nan Ath‑thagraidhean agus an Cùirt Uachdarach gun robh earrann 53 dhen Domestic Partnership Act (DPA) 2018, a tha ag ràdh gur e aonadh eadar fireannach is boireannach a th’ ann am pòsadh, mì‑dhligheach.

Anns na h‑Eileanan Cayman bhot na britheamhan gu lèir an aghaidh càraid leasbach a tha air a bhith a’ sireadh cead‑pòsaidh bho chionn 2018. Bhuannaich iad cùis‑lagha aig Àrd‑chùirt na dùthcha ann an 2019 ach cho‑dhùin Cùirt nan Ath‑thagraidhean an uair sin nach robh pòsadh aon‑sheòrsach ceadaichte a‑rèir bun‑reachd na dùthcha.

Cùis‑lagha an‑aghaidh taigh‑fhuine ann am Beul Feirste air a dhiùltadh

Tha Cùirt Eòrpach nan Còraichean Daonna air cùis‑lagha an‑aghaidh taigh‑fhuine ann am Beul Feirste a dhiùltadh.

Chaidh Ashers Baking a dhìteadh ann an 2015 airson leth‑breith nuair a dhiùlt iad cèic le “Support Gay Marriage” sgrìobhte air a dhèanamh do neach‑ceannaich, Gareth Lee.

Thuirt luchd‑seilbh an taigh‑fhuine gun robh am brath a’ dol an‑aghaidh a’ chreideimh Chrìosdaidh aca agus ann an 2018 chur Àrd‑chùirt an Rìoghachd Aonaichte car de cho‑dhùnadh na cùirt ionadail.

Rinn Mgr Lee gearan ri Cùirt Eòrpach nan Còraichean Daonna ann an 2019 ach co‑dhùin an ECHR Diardaoin an cùis aige a thilgeil a‑mach air sgàth ’s nach eil e air ruith a‑mach à roghainnean eile fhathast.

Casg air daoine le HIV san arm ga thogail

Tha Ministreachd an Dìon air ainmeachadh an‑diugh, air Là AIDS na Cruinne, gun tog iad an casg a th’ air daoine le HIV bho seirbheis san arm.

Bho chionn 1985 tha casg air a bhith air daoine le HIV bho seirbheis san arm air sgàth ’s gu bheil am Ministreachd ag ràdh nach eil iad “fiot gu leòr”.

Tha cuideachd casg air daoine a bhios a’ gabhail chungaidhean‑leigheis a leithid PrEP (Leigheas ro‑chasgach ro‑ghabhalach) gus an dìon fhèin bho HIV fhaighinn air sgàth ’s gu bheil cungaidhean‑leighis riaghailteach na dùbhlan logastachd air an arm.

Thathar an dùil gun tèid an casg a thogail as t‑earrach.

Riaghailtean nas fhosgailte gan cur an‑gnìomh a‑thaobh toirt seachad fala

Chaidh riaghailtean ùra a chur an gnìomh an‑diugh a tha a’ ciallachadh nach tèid dàil a chur air fireannaich a tha air a bhith ri fèise le fireannach eile anns na 3 mìosan a dh’fhalbh bho bhith a’ toirt seachad fala.

Tha na h‑atharrachaidhean ùra, a tha a’ buntainn ris an Rìoghachd Aonaichte air fad, a’ ciallachadh gun tèid a h‑uile tabhartaiche a mheasadh mar phearsachan air leth seachd mar bhuidhean farsaing.

Fireannaich gèidh agus dà‑sheòrsach gu bhith comasach air fuil a thoirt seachad gun a bhith a’ seachnadh feise

Bidh fireannaich gèidh agus dà‑sheòrsach comasach air fuil a thoirt seachad gun a bhith a’ seachnadh feise as dèidh dha ainmeachadh gun tèid na ceistean a thathar a chur air luchd‑tabhartais atharrachadh ann an 2021.

An‑dràsta chan fhaod fireannaich fuil a thoirt seachad san Rìoghachd Aonaichte ma tha iad air a bhith ri feise le fireannach eile sna trì mìosan a dh’fhalbh.

A‑rèir molaidhean a’ Chomataidh Comhairleachaidh air Sàbhailteachd Fuil, Maothrain agus Buill‑bhodhaig, thèid measadh cunnairt fa leth a thoirt dhan a h‑uile duine agus barrachd ceistean a chur orra mu an giùlan feise.

Nì Seirbheis Fala na h‑Alba (SNBTS) cinnteach gum bi fiosrachadh ann do luchd‑tabhartais gus na h‑atharrachaidhean a mhìneachadh agus gus dearbhadh gu bheil am fiosrachadh air a chumail gu tur ann an dìomhaireachd.