Riaghaltas na h-Alba gus clionaig PrEP air loidhne a chur air bhog

Tha Maree Todd, Ministear airson Slàinte Phoblach, Slàinte Bhoireannaich agus Spòrs, air ainmeachadh gun cur Riaghaltas na h‑Alba clionaig PrEP air loidhne air bhog an ath‑bliadhna.

Chaidh ainmeachadh seachdain seo chaidh gus Là AIDS na Cruinne (1mh An Dùbhlachd) a chomharrachadh.

’S e tablaid a th’ ann an leigheas ro‑chasgach ro‑ghabhalach no PrEP (Pre‑Exposure Prophylaxis) a ghabhas cuideigin ro‑làimhe mus tèid an nochdadh ri HIV gus casg a chur air sgaoileadh a’ bhioras.

Tha e air a bhith ri fhaighinn an Alba bho chionn 2017.

Tha Riaghaltas na h‑Alba air maoineachadh luach £200,000 a’ riarachadh dhan a’ chlionaig a bhios a’ leigeil le daoine deuchainn airson HIV san dachaigh aca fhèin agus an leigheas aca a’ riaghladh gun a bhith a’ frithealadh clionaig shònraichte.

Dh’ainmich i cuideachd iomairt sanasachd ùr gus cur an agaidh an stiogma a tha a’ cuairteachadh dhaoine a tha a’ tighinn beò le HIV.

Tha leasachaidhean ann an dòighean leigheis a’ ciallachadh gun gabh am bhìoras ìsleachadh gu ìre cho bheag nach gabh a sgaoileadh agus gum faod dùil a bhith aig daoine air a bheil am bhìoras a bhith beò cha mhòr cho fada ri duine sam bith eile.

Briathrachas Feumail

Leigheas Ro‑chasgach Ro‑ghabhalach: Pre‑Exposure Prophylaxis (PrEP)

Leigheas Ro‑chasgach Iar‑ghabhalach: Post‑Exposure Prophylaxis (PEP)

Bìoras Easbhaidh Ion‑dhìon Daonna: Human Immunodeficiency Virus (HIV)

Sionndram Easbhaidh Ion‑dhìon Togte: Acquired Immunodeficiency Syndrome (AIDS)

Tùsan

The National: World AIDS Day: Scotland launches world’s first online PrEP clinic

Riaghaltas na h-Alba: World’s first online HIV prevention service

Fear à Inbhir Pheofharain air nochdadh sa chùirt fo chasaid giùlan dhroch‑dhìolach

Tha fear à Inbhir Pheofharain air nochdadh ann an Cùirt an t‑Siorraim ann an Inbhir Nis fo chasaid gun do thug e iomradh air oifigearan‑poilis le cainnt a bha ri gràin co‑sheòrsachd agus gun do thilg e smugaid orra.

Dh’aidich Cornelius Stevenson, 35, casaid de ghiùlan dhroch‑dhìolach agus dà chasaid ionnsaigh nuair a nochd e.

Chuala an cùirt gun deach am Poileas a ghairm gu aimhreit aig seòladh air Sràid nan Innseachan anns an robh Mgr Stevenson an sàs.

Chaidh a thoirt às an togalach ach bha e air mhisg agus thuit e air Sràid nan Granndach.

Bha na h‑oifigearan a’ feuchainn ris a chuideachadh nuair a thòisich e droch‑bheul a bha ri gràin co‑sheòrsachd ag eigheach orra.

Chaidh a ghluasad dhan stéisean‑poilis air Rathad Burnett far an dh’fhuair e leigheas meadaigeach ach thòisich e a’ tilgeil smugaid air na h‑oifigearan.

Chur an Siorram Sara Matheson dàil air a bhith a’ cur binn air gus an tèid aithisgean ullachadh.

Tùsan

Press & Journal: Drunk man abused and spat at police officers who helped him to his feet after falling

Ross‑shire Journal: Dingwall man who hurled homophobic abuse and spat at police appears in court

Lìonra ùr ann do dh’Albannaich LGDTC+ nas sìne na 50

Tha Age Scotland air lìonra ùr a chur air bhog do dh’Albannaich LGDTC+ a tha nas sìne na 50 bliadhna a dh’aois.

Chaidh Older People’s LGBTQ+ Network a chur air bhog Diciadain aig tachartas ann an Dùn Èideann.

Ann am brath‑naidheachd thuirt iad gu bheil an lìonra na àite eadar‑mheasgte do dhaoine LGBTC+ nas sìne a bhith a’ co‑roinneadh eòlas, a’ soillseachadh na feumalachdan aca, a’ cur aghaidh air neo‑ionannachd agus a’ toirt gu buil atharrachadh.

Cuideachd thuirt iad gu bheil iad ag obair còmhla ri Riaghaltas na h‑Alba mar thà gus dèanamh cinnteach gum bi reachdas a bhios a’ toirt buaidh air daoine nas sìne a’ gabhail a‑steach daoine LGBTC+ nas sìne.

Ash Regan air a dreuchd fhàgail

Tha Ash Regan air an dreuchd mar Ministear airson Sàbhailteachd Coimhearsnachd fhàgail air thoiseach air a’ bhòt Pàrlamaid na h‑Alba an‑diugh air Bile Ath‑leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba).

Ann an litir gu Nicola Sturgeon thuirt i nach leigeadh a cogais leatha bhòtadh airson a bhile.

Chaidh ainmeachadh an‑dé gum faodar ceuman smachdachaidh a ghabhail an aghaidh BPA SNP sam bith nach bhòtas air a shon.

Post gràin ga chur gu Zander Murray

Tha an cluicheadair ball‑coise Albannach, Zander Murray, air ràdh gu bheil e air post gràin fhaighinn on a thàinig e a‑mach mar ghèidh san t‑Sultain.

Ann an brath Twitter, sgrìobh Murray a bhios a’ cluich airson Gala Fairydean Rovers gu bheil e coma mu dheidhinn trobhaichean air na meadhanan sòisealta ach gu bheil cuid a’ cur post gràin dha aig a’ chlub aige.

Thuirt e gu bheil e air grunn bhileagan gràineil fhaighinn agus nam measg bha aon leis an tiotal “Homosexuality in light of the Bible”.

Pàrtaidh Uaine na h‑Alba airson a’ cheangal eadarra agus Pàrtaidh Uaine Shasainn is na Cuimrigh a sgaradh

Tha Pàrtaidh Uaine na h‑Alba air bhòtadh gus a’ cheangal eadarra agus Pàrtaidh Uaine Shasainn is na Cuimrigh a sgaradh air sgàth draghan mu oillt thar‑ghnèitheach.

Bhòt luchd‑ionaid a bh’ aig co‑labhairt fhoghair a’ phàrtaidh gu h‑aona‑ghuthach airson gluasad, a chaidh a chur air adhart le Beth Douglas, gus teachdaireachd shamhlachail a chur dha na co‑leithidean aca mu dheas mu chòraichean tar‑ghnèitheach.

Thuirt Guy Ingerson, a bha na thagraiche airson Comhairle Cathair Obar Dheathain, gun tèid stad a chur air buill pàrtaidh Shasainn is na Cuimrigh bho bhith a’ bruidhinn aig coinneamhan is tachartasan Albannach gus an dèilig iad ris na droch chùisean seo.

Dhearbh e ge‑tà, nach tèid stad a chur air buidhnean co‑cheangailte, a‑leithid buidhnean òigridh is buidhnean LGDT bho bhith a’ co‑obrachadh.

Ceann‑latha air ainmeachadh airson deasbad air Bile Ath‑leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba)

Chaidh a dhearbhadh an‑diugh gun tèid Bile Ath‑leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba) a dheasbad ann am Pàrlamaid na h‑Alba Diardaoin 27 An Dàmhair.

Atharraichidh am bile Achd Aithneachadh Gnè 2004 a th’ ann an‑dràsta gus a dhèanamh nas fhasa do phearsachan a tha ag iarraidh Teisteanas Aithneachadh Gnè.

Nuair a gheibh neach tar‑ghnèitheach Teisteanas, tha e a’ ciallachadh gu bheilear gan aithneachadh gu laghail sa ghnè a ghabh iad agus gum faod iad teisteanas‑breithe ùr fhaighinn leis a’ ghnè sin air.

Tha am bile a’ moladh na h‑atharrachaidhean na leanas:

  • an riatanas mu fhianais‑leigheis a thoirt air falbh;
  • am Pannal Aithneachaidh Gnè a thoirt air falbh bhon phròiseas. Thèid iarrtasan a cur na àite gu Àrd‑neach‑clàraidh na h‑Alba;
  • an ùine a dh’fheumas tagraichean mairsinn sa ghnè a ghabh iad bho dhà bhliadhna gu 3 mìosan;
  • ùine‑chnuasachaidh riatanach de 3 mìosan a thoirt a‑steach; an aois as lugha do thagraichean a lùghdachadh bho 18 gu 16;
  • agus uallach ùr a chur air an Àrd‑neach‑chlàraidh aithisg a thoirt gach bliadhna mu àireamh nan tagraichean airson nan Teisteanasan agus an àireamh a bhuilichear.

Dithis fo chasaid ionnsaigh gràin co‑sheòrsachd an Inbhir Nis

Tha dthis neach‑obrach an airm air nochdadh ann an Cùirt an t‑Siorraim an Inbhir Nis fo chasaid gun tug iad ionnsaigh gràin co‑sheòrsachd air fireannach ann am Meadhan Inbhir Nis san Dùbhlachd.

Dh’aidich Thomas Howells, 19, agus Ian Mulroy, 19, casaidean de leòn air adhbharachadh le dochainn agus giùlan bagairteach is droch‑dhìolach.

Chuala a’ Chùirt gun tuirt Howells gun robh am fulangaiche na “f****t” agus na “p**f” mus do bhuail Mulroy e mu a cheann grunn thursan agus nuair a thuit an neach‑fulaing, gun do bhreab Mulroy e mu a bhodhaig uair ‘s uair.

Chuir an Siorram, Gary Aitken, dàil air a bhith a’ cur binn air an fhireannach dithis gus an tèid aithisgean ullachadh ach thug e rabhadh gum faodar binn prìosain a chur orra o chionn ’s gun deach an ionnsaigh adhbharachadh le taobhadh‑feise an fhulangaiche.

Chaidh na fireannaich an saoradh air urras san eadar‑àm.

Zander Murray air tighinn a‑mach

Tha Zander Murray, adhartaiche airson Gala Fairydean Rovers, air ainmeachadh gu bheil e gèidh.

’S e a’ chiad chluicheadair ball‑coise proifeiseanta Albannach a tha air tighinn a‑mach gu poblach.

Thuirt Murray ann an agallamh air làrach‑lìn na sgioba gu bheil e airson cluicheadairean gèidh eile a tha a’ strì ri bhith gèidh a chuideachadh.

Tha e a’ leantainn Jake Daniels, adhartaiche airson Blackpool, a thàinig a‑mach sa Chèitean, ga dhèanamh na chiad chluicheadair ball‑coise proifeiseanta Sasannach gus tighinn a‑mach o chionn Justin Fashanu ann an 1990.

Liz Truss a’ lorg dòigh gus "stad no casg" a chur air planaichean Riaghaltas na h‑Alba Achd Aithneachadh Gnè ath‑leasachadh

Thathar ag aithris gu bheil Am Prìomhaire, Liz Truss, a’ lorg dòigh stad a chur air planaichean Riaghaltas na h‑Alba Achd Aithneachadh Gnè ath‑leasachadh.

A‑rèir dithis neach‑fiosrachaidh neo‑ainmichte anns an riaghaltas a bhruidhinn ri Vice News, dh’iarr Truss air luchd‑lagha a cuideachadh gus “stad no casg” a chur air na h‑ath‑leasachaidhean.

A‑measg nan ath‑leasachaidhean, tha Riaghaltas na h‑Alba airson a dhèanamh nas fhasa do phearsachan thar‑ghnèitheach an gnè laghail aca atharrachadh le bhith a’ ceadachadh fèin‑aidmheil.

Thathar ag aithris gu bheil dragh air Truss nan tèid na h‑ath‑leasachaidhean air adhart gun siubhail pearsachan tar‑ghnèitheach ann am pàirtean eile den RA a dh’Alba gus teisteanas aithneachadh gnè fhaighinn.

Faodar barrachd leughadh mun sgeulachd seo air làrach‑lìn Vice: Liz Truss Is Trying to Block Scotland’s Trans Reforms

Luchd‑iomairt LGDTC+ a’ dèanamh air Pàrlamaid na h‑Alba

Bidh luchd‑iomairt a’ caismeachd ann an Dùn Èideann Diluain agus iad ag iarraidh gun dèan luchd‑poilitigs barrachd adhartas a dhèanamh còraichean tar‑ghnèitheach ath‑leasachadh.

Bidh buill Out for Independence, Rainbow Greens, buidheann LGDT+ Pàrtaidh Làbarach na h‑Alba agus buidheann Òigridh Pàrtaidh Libearalach Deamocratach na h‑Alba nam measg.

Cruinnichidh luchd‑iomairt taobh a‑muigh Seòmraichean Cathair Dhùn Èideann mus tòisich an caismeachd aig 11m.