Pàrtaidh Uaine na h‑Alba airson a’ cheangal eadarra agus Pàrtaidh Uaine Shasainn is na Cuimrigh a sgaradh

Tha Pàrtaidh Uaine na h‑Alba air bhòtadh gus a’ cheangal eadarra agus Pàrtaidh Uaine Shasainn is na Cuimrigh a sgaradh air sgàth draghan mu oillt thar‑ghnèitheach.

Bhòt luchd‑ionaid a bh’ aig co‑labhairt fhoghair a’ phàrtaidh gu h‑aona‑ghuthach airson gluasad, a chaidh a chur air adhart le Beth Douglas, gus teachdaireachd shamhlachail a chur dha na co‑leithidean aca mu dheas mu chòraichean tar‑ghnèitheach.

Thuirt Guy Ingerson, a bha na thagraiche airson Comhairle Cathair Obar Dheathain, gun tèid stad a chur air buill pàrtaidh Shasainn is na Cuimrigh bho bhith a’ bruidhinn aig coinneamhan is tachartasan Albannach gus an dèilig iad ris na droch chùisean seo.

Dhearbh e ge‑tà, nach tèid stad a chur air buidhnean co‑cheangailte, a‑leithid buidhnean òigridh is buidhnean LGDT bho bhith a’ co‑obrachadh.

Eucoirean‑gràin air a dhol am meud ann an Sasainn agus sa Chuimrigh

Tha na h‑àireamhan as ùire bho Oifis na Dùthcha airson na bliadhna suas chun a’ Mhàrt 2022 a’ sealltainn gu bheil an àireamh de dh’eucoirean‑gràin ann an Sasainn agus sa Chuimrigh air a dhol suas le 26% gu 155,841.

Bha còrr is dà thrian, 109,843, air sgàth gràin‑chinnidh.

Dh’èirich an àireamh de dh’eucoirean‑gràin air sgàth taobhadh‑feise le 42% gu 26, 152.

Ach b’ ann aig eucoirean an‑aghaidh phearsachan tar‑ghnèitheach a bha an àrdachadh as motha ‑ 4,455 ‑ àrdachadh 56% an coimeas ris a’ bhliadhna roimhe.

A’ Chuimrigh: Tar‑bhoireannaich toirmeasgte bho rugbaidh nam ban

Tha Aonadh Rugbaidh na Cuimrigh (WRU) air casg a chur air tar‑bhoireannaich bho bhith a’ cluich rugbaidh nam ban.

Chaidh am poileasaidh atharrachadh gun dàil as dèidh bhòt Diciadain.

Tha an stiùireadh ùr aca ag ràdh nach fhaod ach boireannaich le dearbh‑aithne gnè a tha co‑ionann ris an gnè a chaidh a bhuileachadh orra nuair a rugadh iad cluich airson sgioba boireannach.

Tha seo air tighinn as dèidh gun do chur Aonadh Rugbaidh Shasainn (RFU) agus Aonadh Rugbaidh na h‑Èireann (IRFU) casg air tar‑bhoireannaich.

Tha tar‑bhoireannaich cuideachd air a bhith toirmeasgte bho bhith a’ cluich gu h‑eadar‑nàiseanta bho chionn 2020.

Chan eil Aonadh Rugbaidh na h‑Alba air co‑dhùnadh a dhèanamh air a’ chùis fhathast.

Baile beag Cuimreach airson a’ chiad fèis‑pròise aige a chumail

Tha coimhearsnachd beag anns a’ Chuimrigh air tighinn còmhla gus fèis‑pròise a phlanadh airson 1mh t‑Sultain 2018.

Cha do chum Llanilltud Fawr fèis‑pròise a‑riamh ach tha iad an dùil gum bi e na deagh eisimpleir do choimhearsnachdan beaga eile a tha airson pride a chomharrachadh.

Ghluais Rhodri Ellis Owen, eagraiche an tachartais, gu Llanilltud Fawr 18 mìosan air ais.

Thuirt e ris a’ BhBC gu bheil e airson “iomadachd a’ bhaile cladaich brèagha seo a chomharrachadh”.

Cuideachd thuirt e nach eil feum aig daoine òga LGDT a bhith a’ fàgail na bailtean beaga aca gus gabhail ris an nàdur aca fhèin agus gum faod tachartasan mar seo cur air daoine a bhith a’ faireachdainn gu bheil iad an‑sàs ann am beatha a’ bhaile.

Mar phàirt dhen fhèis bidh còisir de bhoireannaich LGDT, dannsairean burlesque, agus diosgo anns an Tudor Tavern le DJ agus cluicheadair‑drag.

Fèisean Pròise 2018

Seo agaibh liosta de dh’fhèisean Pròise am‑bliadhna. Fàgaibh beachd gu h‑ìosal ma tha sibh eòlach air fear a tha a dhìth.

Am Màrt

Trans Pride Scotland – 31 Màrt ann an Dùn Èideann, Alba

An Giblean

Miami Beach Gay Pride – 2‑8 Giblean ann am Miami, Florida, Na Stàitean Aonaichte

Phoenix Pride – 8 Giblean ann am Phoenix, Arizona, Na Stàitean Aonaichte

Jasper Pride – 19‑22 Giblean ann an Jasper, Alberta, Canada

Digital Pride – 21‑28 April air loidhne air feadh an t‑saoghal

Philadelphia Black Pride – 26‑29 Giblean ann am Philadelphia, Pennsylvania, Na Stàitean Aonaichte

Dallas Southern Pride – 27 Giblean ann an Dallas, Texas, Na Stàitean Aonaichte

Tokyo Rainbow Pride – 29 Giblean – 7 Cèitean ann an Tokyo, Iapan

An Cèitean

Maspalomas Gay Pride – 3‑13 Cèitean ann am Maspalomas, Gran Canaria

Raleigh Pride – 5 Cèitean ann an Raleigh, North Carolina, Na Stàitean Aonaichte

Belgian Pride – 19 Cèitean anns a’ Bhruiseal, a’ Bheilg

Springfield Pride – 19 Cèitean ann an Springfield, Illinois, Na Stàitean Aonaichte

Vallarta Pride – 20‑27 Cèitean ann am Puerto Vallarta, Meagsago

DC Black Pride – 25‑28 Cèitean ann an Washington DC, Na Stàitean Aonaichte

Grampian Pride – 25‑28 Cèitean ann an Obar Dheathain

Birmingham Pride – 26‑27 Cèitean ann am Birmingham, Sasainn

An t‑Ògmhios

Trans Pride NI – 2 Ògmhios ann am Beul Feirste, Èirinn a Tuath

Guadalajara Pride – 2 Ògmhios ann an Guadalajara, Meagsago

Sao Paulo Pride – 3 Ògmhios ann an Sao Paolo, Braisil

Rio de Janeiro Pride – 3 Ògmhios ann an Rio de Janeiro, Braisil

Tel Aviv Pride – 3‑10 Ògmhios ann an Tel Aviv, Iosrael

Gay Pride Rome – 9 Ògmhios anns an Ròimh, An Eadailt

Capital Pride – 7‑10 Ògmhios ann an Washington DC, Na Stàitean Aonaichte

Shanghai Pride – 8‑18 Ògmhios ann an Shanghai, Sìona

LA Pride – 10 Ògmhios ann an Los Angeles, Na Stàitean Aonaichte

Rhode Island Pride – 16 Ògmhios ann am Providence, Na Stàitean Aonaichte

Pride Edinburgh – 16 Ògmhios ann an Dùn Èideann, Alba

Dublin Pride – 21‑30 Ògmhios ann am Baile Àtha Cliath, Èirinn

Trans March – 22 Ògmhios ann an San Francisco, California, Na Stàitean Aonaichte

Pride Toronto – 22‑24 Ògmhios ann an Toronto, Canada

NYC Pride – 24 Ògmhios ann an New York City, Na Stàitean Aonaichte

Chicago Pride – 25 Ògmhios ann an Chicago, Illinois, Na Stàitean Aonaichte

Acadiana Pride – 30 Ògmhios ann an Lafayette, Louisiana, Na Stàitean Aonaichte

Paris Pride – 30 Ògmhios ann am Paris, An Fhraing

Oslo Pride – 27‑30 Ògmhios ann an Oslo, Nirribhidh

An t‑Iuchar

Pride in London – 7 Iuchar ann an Lunnainn, Sasainn

Madrid Pride – 7 Iuchar ann am Madrid, An Spàinn

Bristol Pride – 14 Iuchar ann am Bristol, Sasainn

Pride Glasgow – 14‑15 Iuchar ann an Glaschu, Alba

Fife Pride – 18 Iuchar ann an Kirkcaldy, Alba

Trans Pride Brighton – 18 Iuchar ann am Brighton, Sasainn

IW Pride – 21 Iuchar anns an t‑Eilean Wight, Sasan

Pink Dot Singapore – 21 Iuchar ann an Singeapòr

CSD – Berlin – 28 Iuchar ann am Berlin, a’ Ghearmailt

Liverpool Pride – 28‑29 Iuchar ann an Liverpool, Sasainn

Stockholm Pride – 27 Iuchar – 5 Lùnastal ann an Stockholm, an t‑Suain

Belfast Pride – 27 Iuchar – 5 Lùnastal ann am Beul Feirste, Èirinn a Tuath

An Lùnastal

Brighton and Hove Pride – 3‑5 Lùnastal ann am Brighton, Sasainn

Leeds Pride – 5 Lùnastal ann an Leeds, Sasainn

Reykjavík Pride – 7‑12 Lùnastal ann an Reykjavík, Innis Tìle

West Pride – 14‑19 Lùnastal ann an Gothenburg, an t‑Suain

Pride Cymru – 24‑26 Lùnastal ann an Caerdydd, a’ Chuimrigh

Manchester Pride – 24‑27 Lùnastal ann am Manchester, Sasainn

An t‑Sultain

Malta Pride – 15 Sultain ann an Valletta, Malta

Dallas Pride – 15‑16 Sultain ann an Dallas, Texas, Na Stàitean Aonaichte

Curaçoa Pride – 27‑30 Sultain ann an Curaçoa, Curaçoa

An Dàmhair

Pink Dot Hong Kong – Dàmhair ann an Hong Kong

Atlanta Pride – 13‑14 Dàmhair ann an Atlanta, Georgia, Na Stàitean Aonaichte

Montego Bay Pride – 8‑14 Dàmhair ann am Montego Bay, Jamaica

An Samhain

Trans Pride South West – 24 Samhain ann am Bristol, Sasainn

Iomairt “ex‑gay” gu bhith stèidheachadh anns a’ Chuimrigh

Tha an Crìosdaidh Bun‑chreidmheach (Fundamentalist Christian) chonnspaideach Stephen Green air ràdh gum faodadh iomairt ex‑gay a bhith a stèidheachadh anns a’ Chuimrigh.

Tha an iomairt ainmeil airson daoine a bhrosnachadh gus “ùrnaigh air falbh nan gèidh” gus am biodh iad eile‑sheòrsach.

Bha Mgr Green, a tha ainmeil airson a’ togail fianais an‑aghaidh tachartasan pròise, a’ bruidhinn air a’ phrògram aithriseach Week In Week Out air BBC Wales.

Thuirt e ri Ian ‘H’ Watkins, neach‑taisbeanaidh co‑sheòrsach a’ phrògram, gun urrainn dha “coiseachd air falbh” bho co‑sheòrsachd.

“Tha an teachdaireachd bhon a’ Bhìoball ag ràdh nach eil e gu diofar ciamar a chaidh thu gu bhith co‑sheòrsach, chan fheum thu fuireach co‑sheòrsach,” ars an searmonaiche.”

“Faodaidh tu coiseachd air falbh… tha ministrealachdan leigheis ann.”

“Tha sinn a’ beachdachadh air ministrealachd fhosgladh anns a’ Chuimrigh.”

“Chan eil mi a’ creidsinn gu bheil daoine co‑sheòrsach air am breith co‑sheòrsach,” ars esan.

“Cha leig Dia do dhaoine co‑sheòrsach a bhith gam breith agus an uairsin can nach eil e ceadaichte.”

A bharrachd air seo rinn Mgr Green coimeas eadar Mgr Watkins agus marbhaiche Jeffery Dahmer:

“Tha an dithis agaibh a’ dol an‑aghaidh facal Dhè – ’s peacadh a th’ ann an peacadh, ’s e peacadh a th’ ann an peacadh ann an sùilean Dhè.”

NHS anns a’ Chuimrigh airson seirbheisean co‑ionann a thoirt ris a’ choimhearsnachd LGDT+

Tha Edwina Hart, Ministear Slàinte na Cuimrigh air stiùireadh ùr a thoirt ris an NHS anns an dùthaich.

Thuirt i gun deach an stiùireadh a chur ri chèile le Cynulliad Cenedleathol Cymru (Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh) ann an co‑obrachadh le Stonewall Cymru air sgàth ’s gun robh ceisteachan aig Stonewall a’ sealltainn gu bheil daoine LGDT+ anns a’ Chuimrigh an còmhnaidh an dùil ri leth‑bhreith nuair a tha iad a’ cleachdadh na seirbheisean slàinte.

Tha an stiùireadh ùr seo ag amas air fiosrachadh a thoirt ri luchd‑obrach mu dheidhinn cùisean LGDT+, air dèanamh cinnteach gu bheil daoine LGDT+ comasach air an aon sheirbheis fhaighinn ’s a tha daoine eile agus air dèanamh cinnteach gu bheil na seirbheisean slàinte a’ smaointinn air a h‑uile duine nuair a tha iad a’ beachdachadh air seirbheis ùr a thoirt seachad.

Thuirt Edwina Hart, Ministear na Slàinte:

“Tha mi toilichte gu bheil an NHS anns a’ Chuimrigh a’ strì airson a h‑uile duine a thoirt a‑steach agus bu toigh leam luchd‑obrach a bhrosnachadh an stiùireadh ùr a leughadh.”

Thuirt Jenny Porter, Oifigear‑ceangail Stonewall Cymru:

“Tha sinn a’ cur fàilte chridheil air an stiùireadh ùr seo.”

“Tha fios againn nach eil tòrr daoine LGD deònach air innse ri doctairean neo nursaichean mun gnèitheachd aca air sgàth ’s leth‑bhreith agus tha seo a’ ciallachadh gu bheil cuid a’ faighinn comhairle slàinte mì‑fhreagarrach.”

“Bidh an stiùireadh seo a’ ciallachadh gum bi luchd‑obrach an NHS nas eòlaiche air cùisean nan euslaintich LGD agus a’ toirt fios gu bheil còir aig a h‑uile euslainteach air cùram fhaighinn a tha freagarrach dhaibh.”

Cardiff an dùil ri fèis‑pròise a chumail am bliadhna

Thèid coinneamh a chumail an seachdain seo gus deasbad a dhèanamh air fèis‑pròise a chumail ann an Cardiff.

Thathar an dòchas gum bi an fhèis seo a’ tachairt an àite Mardi Gras a chaidh a chur dheth am‑bliadhna air sgàth ’s trioblaidean ionmhais

Bidh fàilte mhòr air taighean‑seinnse, clubaichean, gnìomhaichean LGDT, buidhnean LGDT agus a’ choimhearsnachd LGDT san fharsaingeachd a tha airson tighinn ris a’ choinneamh ann an Talla a’ Bhaile Diciadain 9mh den Ghiblean 7.30f.

Thèid barrachd fiosrachadh mu dheidhinn an fhèis fhoillseachadh air an làrach‑lìn http://www.pridecardiff.org/ a dh’aithghearr.

Maighstir lagha air a rannsachadh as dèidh ceangal a dhèanamh eadar daoine co‑sheòrsach agus spùinneadairean‑cloinne

Chaidh rannsachadh a thòiseachadh air sgàth ’s gun do rinn maighstir lagha ceangal eadar daoine co‑sheòrsach agus spùinneadairean‑cloinne air prògram aithriseach anns a’ Chuimrigh.

Bha Mgr Byron Butler a’ bruidhinn air am prògram aithriseach Week In Week Out air BBC Wales nuair a thuirt e:

“Tha mi a’ smaointinn gu bheil a’ mhòr‑chuid dhen a’ phoblach a’ smaointinn gum bi iad a’ gabhail gnothach ri daoine òga ’s mar sin air adhart agus tha seo air a bhith fìor ann an eachdraidh.”

Thuirt Ian ‘H’ Watkins, neach‑taisbeanaidh a’ phrògram, a tha co‑sheòrsach:

“Chuir na barailean aige mòr‑iongnadh orm gu h‑àraidh nuair a dh’ionnsaich mi gur e maighstir lagha a th’ ann.”

“Chan urrainn dhomh creidsinn gu bheil e comasach air co‑dhùnaidhean cothromach gun leth‑bhreith a dhèanamh nuair a tha e dhen bheachd gur e daoine co‑sheòrsach nan spùinneadairean‑cloinne.”