Cuairt-litir #54

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

JK Rowling

Chaidh càineadh a dhèanamh air JK Rowling an dèidh dhi fanaid a dhèanamh air tar-ghnèithich a-rithist.

Ann am post Twitter gus Là nam Màthraichean a chomharrachadh, sgrìobh Rowling, “Happy Birthing Parent Day to all whose large gametes were fertilised resulting in small humans whose sex was assigned by doctors making mostly lucky guesses”.

Thuirt an cleasaiche, George Takei, gun do “chuir e bròn air” faclan den leithid a leughadh.

Thuirt an craoladair Narinder Kaur gu bheil e brònach gun do thagh Rowling burraidheachd a dhèanamh air buidheann de dhaoine a tha air am màbadh mar-thà.

Keir Starmer

Tha Keir Starmer air a thaic a nochdadh do chasg air tar-bhoireannaich a’ farpais ann an spòrs nam ban.

Tha iomadh bhuidheann-riaghlaidh spòrs, leithid Aonadh Rugbaidh na h-Alba, air casgan a chur air tar-bhoireannaich o chionn ghoirid.

Thuirt Starmer ris The Telegraph na bu tràithe air an t-seachdain seo gu bheil e a’ cur taic ri co-dhùnaidhean nam buidhnean-riaghlaidh.

Stoke-on-Trent

Chaidh binn 10 bliadhna sa phrìosain air fireannach a dh’èignich fireannach ann an Stoke-on-Trent anns an Fhaoilleach 2022.

Chaidh Pawel Flak, 39, a dhìteadh san Dùbhlachd. Chaidh cuideachd a chur air clàr nan eucoireach feise fad a bheatha.

Casgan-inbhidheachd

Dh’ainmich NHS Shasainn Dimàirt nach tèid casgan-inbhidheachd a thabhann tro òrdugh-cungaidh do dh’euslaintich thar-ghnèitheach òga ùra.

Tha casgan-inbhidheachd air an cleachdadh gus dàil a chur air atharrachaidhean gun iarraidh nam feartan gnè.

Thuirt a’ charthannas, Mermaids, gur e briseadh-dùil mòr a th’ anns an naidheachd agus gun toir e buaidh mhòr air a’ choimhearsnachd.

An Fhraing

Bhòt Buill-phàrlamaid na Frainge airson bile a tha ag amas air airgead-dìolaidh a thoirt don fheadhainn a chaidh a dhìteadh de cho-sheòrsachd eadar 1942 agus 1982.

Thèid am bile a-nis air adhart don t-Seanadh airson sgrùdadh.

Nirribhidh

Tha fear, 44, a tha fo chasaid cheannairceachd air dol as àicheadh na casaid.

Chaidh dithis fhear a mharbhadh agus grunn neach a bharrachd a leòn ann am mòr-losgadh taobh a-muigh club-oidhche LGDTC+ ann an Oslo rè Mìos na Pròise 2022.

Chaidh Zaniar Mataport a chur an grèim fo goirid an dèidh na h-ionnsaighe.

Chuir an neach-casaid, Sturla Henriksbø, às leth Mataport gun do loisg e 10 peilear o bheart-ghunna agus 8 a bharrachd o ghunna-làimhe mus deach a bhacadh le luchd-amhairc.

Thuirt Henriksbø cuideachd gun robh Matapour, a rugadh ann an Ioràn, air ùmhlachd a nochdadh don Stàit Ioslamach ron ionnsaigh.

Tha a’ chùis-lagha fhathast a’ dol is dùil gun tig e gu crìoch sa Chèitean.

Nex Benedict

Tha Àrd-sgrùdaiche Meadaigeach Oklahoma air ràdh gun do chur an deugaire tar-ghnèitheach, Nex Benedict, làmh na bheatha fhèin.

A-rèir aithisg a chaidh sgaoileadh Diciadain, b’ e tar-dhòs de dhrogaichean fochann bàis dha.

Bhàsaich Benedict, a bha dà-sprioradach agus a chleachd na riochdairean e/iad, 8mh An Gearran.

Bha e air a bhith san ospadal an latha roimhe an-dèidh gun tug trì chaileagan ionnsaigh air ann an taigh-beag sgoile.

Highland Pride 2024 air ainmeachadh

Tha eagraichean Highland Pride air ainmeachadh gum bi iad a’ comharrachadh Pròis 2024 anns an Ògmhios / an Iuchar le sreath de thachartasan air feadh na Gàidhealtachd.

Nam measg thèid caismeachd-pròise na bliadhna seo a chumail 22na An t-Ògmhios ann an Inbhir Nis.

Cumaibh sùil air nam meadhan-sòisealta aca air Instagram no Facebook no Twitter airson barrachd fhiosrachaidh.

Hebridean Pride ann an cunnart dùnadh

Tha Hebridean Pride air ainmeachadh gun tèid an cur mu sgaoil an ceann cola-deug mura lorg iad co-dhiù 5-7 neach a bhios deònach smachd a thoirt air stiùireadh an tachartais.

Bidh a’ chomataidh-stiùiridh làithreach a’ fàgail an dreuchdan aig a’ choinneamh bhliadhna 18mh Am Màrt.

Bidh iad a’ coinneachadh 11m anns An Leòdhas Ùr ann an Steòrnabhagh agus bidh fàilte air neach sam bith aig a bheil ùidh ann a bhith a’ gabhail anns a’ chomataidh a fhrithealadh no fios a chur gu hebpride@gmail.com.

Riaghaltas na RA a’ sireadh £150,000 bho Riaghaltas na h-Alba

Dhearbh Rùnaire Stàite na h-Alba, Alister Jack, Diciadain gum bi Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a’ sireadh airgid-dìolaidh airson na cosgaisean laghail aca rè na cùise-lagha a thog Riaghaltas na h-Alba nan aghaidh airson bacadh a chur air Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè Phàrlamaid na h-Alba.

Riaghail Cùirt an t-Seisein san Dùbhlachd gun robh an ordugh earrainn 35 a chleachd Jack gus bacadh a chur air a’ bhile laghail.

Thathar ag aithris gu bheil iad airson mu £150,000 fhaighinn air ais.

Tha luchd-pàighidh cise air £230,000 a phàidheadh mar-thà airson cosgaisean Riaghaltas na h-Alba.

Dealbh air fhoillseachadh an dèidh eucoir gràin

Dh’fhoillsich na poilis ann an Sheffield dealbh de dh’fhireannach a tha iad airson bruidhinn ri ann an co-cheangal ri eucoir gràin homafòbach a thachair mu 3:50m air an 30mh latha den Dùbhlachd taobh a-muigh Dempseys, bàr gèidh air Sràid Hereford.

‘S urrainnear fios a chur dhaibh air 101 is an àireamh 14/227336/23 a thoirt seachad.

‘S urrainnear cuideachd fios a chur, gun a bhith a’ fàgail ainm, gu Crimestoppers air 0800 555 111.

Stiùireadh ùr do sgoiltean ann an Sasainn mu sgoilearan tar-ghnèitheach agus neo-bhìnearaidh

Tha stiùireadh ùr bhon riaghaltas ag ràdh nach fheum sgoiltean ann an Sasainn dearbh-aithne gnè sgoilear aithneachadh.

Tha an stiùireadh neo-reachdail cuideachd ag ràdh;

  • gum bu chòir do sgoiltean fios a leigeil do phàrantan ma bhios sgoilear airson na riochdairean pearsanta aca no an ainm atharrachadh aig an sgoil;

  • nach bu chòir sgoilearan eadar 4 agus 11 bliadhna a dh’aois a bhith comasach air na riochdairean pearsanta aca atharrachadh;

  • gum faod sgoiltean iarrtasan bho sgoilearan nas sìne a tha airson na riochdairean pearsanta atharrachadh a dhiùltadh;

  • gum bu chòir do sgoilearan a tha air eadar-ghluasad sòisealta a dhèanamh àiteachan aon-sheòrsach, a leithid taighean-beaga no seòmraichean-èididh, a cho-fhreagaireas ris an gnè laghail aca a chleachdadh. Faodaidh sgoiltean roghainn eile a leithid seòmraichean aon-neach a thabhann do sgoilearan air a bheil mòr-dhragh mu seo.

Chaidh an stiùireadh a dhubh-chàineadh le buidhnean LGDTCEN+.

Thuirt an carthannas Galop gum bi dithis anns gach còignear daoine tar-ghnèitheach is neo-bhìnearaidh a’ fulaing droch-dhìol aig an taigh agus gum faodadh sgoiltean sgoilearan a chur an cunnart le bhith a’ leigeil fios do phàrantan.

Rinn Stonewall coimeas eadar an stiùireadh ùr agus Section 28, reachdas 1988 a chur casg air sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail eile bho bhith “a’ brosnachadh” co-sheòrsachd.

Bidh co-chomhairle air an stiùireadh a’ ruith dhan 12na latha den Mhàrt.

Bile na h-Aithne Gnè

Tha Riaghaltas na h-Alba air dearbhadh nach dèan iad tagradh an-aghaidh co-dhùnadh Cùirt an t-Seisein gun robh an casg a chur air reachdas aithne gnè Pàrlamaid na h-Alba laghail.

Thuirt Rùnaire a’ Chaibineit airson Ceartas Sòisealta, Shirley-Anne Somerville, gur e poileasaidh an Riaghaltais a th’ anns an reachdas fhathast, gun do bhòt mòr-chuid de bhuill a’ Phàrlamaid air a shon, agus nach tèid a tharraing air ais.

Tha riaghladh Cùirt an t-Seisein a’ ciallachadh, ge-tà, nach faigh am bile aonta bhon Rìgh agus mar sin cha ghabh a chur an gnìomh.

Thuirt an Leas-phrìomh-mhinistear, Shona Robison, gun coimheadaidh an Riaghaltas a-nise ri cùram is seirbheisean shlàinte do luchd tar-ghnèitheach ath-leasachadh.

Dithis air am faighinn ciontach de mhurt Bhrianna Ghey

Chaidh dithis dheugairean fhaighinn ciontach de mhurt an deugaire thar-ghnèithich, Bhrianna Ghey.

Chaidh Ghey, 16, a fhaighinn marbh ann am pàirc ann an Warrington sa Ghearran as dèidh dhi a bhith air a sàthadh 28 tursan.

Cha ghabhadh Caileag X agus Balach Y ainmeachadh o chionn ‘s gu bheil iad 16 bliadhna a dh’ aois.

Thèid binn a chur orra gu foirmeil an ath-mhìos, ach thuirt am britheamh gun tèid binn beatha a chur orra.