Aonar anns gach triùir de dhaoine LCD a’ fulang burraidheachd ann an sgoil agus san àite-obrach

Tha aonar anns gach triùir de dhaoine leasbach, co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a dh’fhulaing burraidheachd nuair a bha iad ann an sgoil cuideachd a’ fulaing burraidheachd san àite-obrach a-rèir sgrùdadh ùr bho Oilthigh Anglia Ruskin. Leugh an-còrr “Aonar anns gach triùir de dhaoine LCD a’ fulang burraidheachd ann an sgoil agus san àite-obrach”

Apple a’ beachdachadh air oifis ùr fhosgladh ann an Carolina a Tuath a dh’aindeoin laghan san stàit a leigeas lethbhreith an aghaidh luchd-LGDTE

Tha dithis oifigearan riaghaltais à Carolina a Tuath air a ràdh gu bheil Apple a’ beachdachadh air oifis corporra mòr fhosgladh anns an stàit – a dh’aindeoin laghan san stàit a leigeas lethbhreith an aghaidh coimhearsnachd LGDTE na stàite. Leugh an-còrr “Apple a’ beachdachadh air oifis ùr fhosgladh ann an Carolina a Tuath a dh’aindeoin laghan san stàit a leigeas lethbhreith an aghaidh luchd-LGDTE”

Làrach-lìn air a chàineadh airson faighneachd dhan luchd-cleachdaidh mun gnèitheachd aca

Chaidh bacadh a chur air làrach-lìn, a tha a’ toirt seachad seirbheis gus companaich flat a lorg, le cùirt anns na Stàitean Aonaichte air sgàth ’s gun robh an làrach-lìn a’ cur ceistean air na buill mu dheidhinn an gnèitheachd aca. Leugh an-còrr “Làrach-lìn air a chàineadh airson faighneachd dhan luchd-cleachdaidh mun gnèitheachd aca”