• Cuairt-litir #30

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Alba

    Tha Seirbheis Chùirte na h-Alba air ràdh gun tèid cùis-lagha Riaghaltas na h-Alba an-aghaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mu a’ chasg a chur iad air ath-leasachaidhean aithneachadh gnè an Alba a chraoladh beò air loidhne.

    Tha dùil ris a’ chiad èisteachd 16mh den Lùnastal ’s faodar barrachd fhiosrachaidh mun chraoladh a lorg an-seo.

    An Rìoghachd Aonaichte

    Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air taighean-beaga neodrach a-thaobh gnè a thoirmeasg ann an toglaichean neo-chòmhnaidheach ùra.

    Fon phoileasaidh ùr a chaidh ainmeachadh Didòmhnaich bi e riantanach taighean-beaga fa leth a thogail do bhoireannaich agus fireannaich gus àiteachan aon-sheòrsach a dhìon.

    Lunnainn

    Tha Poileas a’ Mhet a’ rannsachadh ionnsaigh homafòbach air dithis fhireannach ann an Clapham Didòmhnaich.

    Thathar ag aithris gun robh an dithis taobh a-muigh an taigh-seinnse LGDTC+ fèillmhor, Two Brewers, nuair a dhlùthaich fireannach iad.

    Thuirt na Poilis gun d’thug e ionnsaigh orra le sgian mus theich e.

    Chaidh an toirt a dh’ospadal mus deach an saorachadh.

    Dhearbh na Poilis gu bheil iad dhen bheachd gur e ionnsaigh homafòbach a bh’ ann is iad ag iarraidh air neach sam bith aig a bheil fiosrachadh mun chùis fios a chur thuca air 101 is an àireamh CAD 7198/12Aug a thoirt seachad.

    No faodar fios gun urra a chur gu Crimestoppers air 0800 555 111.

    Guatamala

    Tha Sandra Torres, a tha a’ seasamh a bhith na Ceann-suidhe Ghuatamala, air ràdh gun cùm i casgan air pòsaidhean aon-sheòrsach agus casgaidhean-breith ma shoirbhicheas i san taghadh.

  • Cuairt-litir #29

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Mhàiri Black

    Thuirt BP an SNP, Mhàiri Black, air an àrd-ùrlar aig Iomall Fèis Dhùn Èideann, gu bheil luchd tar-ghnèitheach airidh air a bhith beò le urram agus toileachas agus gum bu chòir dhan phàipearan-naidheachd agus luchd-poilitigs leigeil leotha.

    Badmantan

    Tha stiùirichean Badmantan Shasainn air tar-bhoireannaich a thoirmeasg bho fharpaisean nam ban.

    Dh’ainmich iad cuideachd gun stèidhich iad farpais fhosgailte an àite farpais nam fear agus gun dèan iad ath-sgrùdadh air a’ phoileasaidh gach bliadhna.

    Seann-ghaisgich LGDTC+

    Tha seann-ghaisgich LGDTC+ air cùis-lagha feadarail a chur air chòis an-aghaidh Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte airson leth-breith a dhèanamh orra.

    Thathar ag aithris gun deach mu 35,000 seann-ghaisgeach a shaorachadh gun urram eadar 1980 agus 2011 air sgàth ’s gun robh iad LGDTC+.

    Tha luchd-agairt a’ chùis ag iarraidh air Roinn an Dìon na clàraidhean aca atharrachadh gus iomraidhean air an taobhadh feise aca a thoirt às, agus clàradh gun deach an saorachadh le urram.

    Obair-lannsa bràigh na bodhaige

    Tha luchd-rannsachaidh ag ràdh gu bheil a’ mhòr-chuid de dh’euslaintich nas toilichte as dèidh dhaibh obair-lannsa bràigh na bodhaige (top-surgery) fhaighinn.

    Rinn luchd-rannsachadh aig Oilthigh Mhichigan sgrùdadh air 235 neach a tha air obair-lannsa bràigh na bodhaige fhaighinn thar nam 30 bliadhna a dh’fhalbh agus cha d’thuirt neach sam bith gun robh duilichinnean orra.

    Malaidhsea

    Dh’fhaodadh binn phrìosain 3 bliadhna agus/no peanas-airgid luach 20,000 ringgit (mu £3,400) a chur air neach sam bith a thèid a dhìteadh fon lagh ùr a thoirmisgeas uaireadair Pròis Swatch ann an Malaidhsea.

  • Cuairt-litir #28

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Dublin Lesbian Line

    Tha Dublin Lesbian Line (DLL) air ainmeachadh gum bi iad ag ath-fhosgladh an loidhne-chuideachaidh aca.

    Chaidh DLL a stèidheachadh bho thùs ann an 1979, ach bha aca ri dùnadh sìos ri linn COVID-19.

    Dh’ainmich iad Dimàirt ge-tà gum bi iad a’ ruith loidhne-chuideachaidh ùr ann an com-pàirteachas leis The Switchboard gus seirbheis shònraichte a thoirt do leasbaich, luchd neo-bhìnearaidh agus tar-bhoireannaich.

    Bidh an loidhne-chuideachaidh ùr fosgailte gach oidhche Mhàirt eadar 6:30f agus 9f.

    Dòmhnall Trump

    Tha Dòmhnall Trump air ràdh gun cuireadh e casg air luchd tar-ghnèitheach san airm a-rithist nan tilleadh e dhan White House ann an 2024.

    Florida

    Tha an t-ùghdarras foghlaim ann an Siorrachd Orange, Florida, air stiùireadh ùr fhoillseachadh Diluain a dh’iarras air luchd-teagaisg riochdairean agus tiotalan a chleachdadh a co-fhreagaireas ris an gnè bith-eòlasach a chaidh a bhuileachadh orra nuair a rugadh iad.

    Tha an stiùireadh cuideachd ag ràdh nach fhaod luchd-teagaisg iomradh a thoirt air oileanach ach leis an ainm laghail aca agus gum bi feum aca air cead sgrìobhte fhaighinn bho phàrantan an oileanaich ma bhios iad airson ainm eile, fiù ’s far-ainm, a chleachdadh.

    A bharrachd air sin, tha an stiùireadh ag ràdh gum feum oileanaich tar-ghnèitheach taighean-beaga agus seòmraichean-locair aon-neach a chleachdadh agus gum tèid am peanasachadh ma chleachdas iad taigh-beag no seòmar-locair eile.

    Ohio

    Tha britheamh feadarail air riaghladh nach eil còir aig pàrantan ann an Ohio dùbhlan a dhèanamh an-aghaidh poileasaidh sgoile a cheadaicheas oileanaich tar-ghnèitheach taigh-beag a co-fhreagaireas ris an dearbh-aithne gnè aca a chleachdadh.

    Rinn phàrantan argamaid leis nach deach coinneamh phoblach a chumail air a’ chùis mus deach am poileasaidh a chur an gnìomh gun deach na còraichean aca mar phàrantan a briseadh.

    Riaghal am Britheamh Michael Newman ge-tà nach robh cùis dhligheach aca agus thuirt e nach eil a h-uile cuspair connspaideach feumach air cùis-lagha feadarail.

    Uganda

    Tha Banca an t-Saoghail air ainmeachadh gun sguir iad maoineachadh a thoirt gu Uganda mar thoradh air laghan a tha an dùthaich air a chur an-gnìomh an-aghaidh na coimhearsnachd LGDTC+ bho chionn ghoirid.

    Ioràc

    Tha riaghladair meadhanan Ioràic air am facal “co-sheòrsachd” a thoirmeasg ’s iad air na meadhanan òrdachadh “claonadh feiseil” no sexual deviance a chleachdadh na àite.

    Tha am facal “gnè” cuideachd toirmisgte fon stiùireadh ùr aca.

  • Cuairt-litir #27

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Eabhraig Nuadh

    Tha an NYPD air dearbhadh gu bheil iad air neach-amharais a chur an grèim an co-cheangail ri murt O’Shea Sibley Disathairne seo chaidh.

    Thathar ag aithris gun do ghèill am fireannach, 17, nach deach ainmeachadh leis a’ Phoilis fhathast, e fhèin Dihaoine.

    Ohio

    Tha britheamh feadarail air cùis-lagha a bha a’ feuchainn ri poileasaidhean a bheireas dìon do luchd tar-ghnèitheach bho bhurraidheachd às-ghairm a dhiùltadh.

    Chur am buidheann Parents Defending Education cùis-lagha air chòis an-aghaidh Sgìre-sgoile Ionadail Olentangy ’s iad a’ creidsinn gu bheil poileasaidh na sgìre-sgoile ro fharsaing agus e a’ briseadh còraichean saor-labhairt nan sgoilearan.

    Tha am poileasaidh a’ toirmeasg burraidheachd air sgàth “cinnidh, datha, tùs-àite, gnè – a’ toirt a-steach taobhadh feise agus dearbh aithne gnè – ciorraim, aoise, creideimh, sinnsridh no fiosrachaidh ginteil”.

    Thuirt am Britheamh Algenon Marbley gu bheil am poileasaidh riatanach leis gum bi òigridh thar-ghnèitheach a’ fulang sàrachaidh agus burraidheachd aig ìrean nas àirde na tha oileanaich eile agus gum feuch “còrr air aon às gach còignear a chur làmh nam beathannan fhèin”.

    Indiana

    Tha Cùirt Ath-thagraidhean nan Stàitean Aonaichte airson an t-Seachdamh Cuairt air seasamh le riaghladh cùirt nas ìsle gu bheil còir aig oileanaich tar-ghnèitheach ann an Indiana air an taigh-beag a co-fhreagras ris an dearbh-aithne gnè aca a chleachdadh.

  • Cuairt-litir #26

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Madainn Mhath! / Oidhche Mhath!

    Tha Tippermuir Books air leabhar-cloinne LGDTC+ fhoillseachadh anns a’ Ghàidhlig agus Albais.

    Chaidh an leabhar, “Madainn Mhath! / Oidhche Mhath!”, eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig le Marcas Mac an Tuairneir agus gu Albais le Matthew Mackie.

    Anns an sgeulachd “Madainn Mhath!”, tha balach òg agus a chat a’ gabhail spòrs tràth sa mhadainn mus dùisg a mhàthraichean agus ann an “Oidhche Mhath!”, tha nighean òg agus a athraichean a’ feuchainn ris a teadaidh a shàbhalachadh bho chuilean nach eil airson a dhol na chadal.

    Eadair-theangair Marcas Mac an Tuairneir a' cumail leth-bhreac den leabhar Madainn Mhath! / Oidhche Mhath!
    Dealbh le Lawrence Schimel air Twitter.

    Iomradh

    Tha buidheann-riaghlaidh farpaisean iomradh Bhreatainn air ainmeachadh nach fhaod tar-bhoireannaich farpais ann an roinn nam ban tuilleadh agus gum bi aca ri farpais ann an roinn fhosgailte ùr.

    Thèid an riaghailt ùr a chur an gnìomh 11d den t-Sultain.

    Eabhraig Nuadh

    Tha an NYPD a’ sireadh fireannaich an co-cheangail ri murt O’Shea Sibley Disathairne. Tha e 17 bliadhna a dh’ aois le falt dorcha ’s bha lèine dhubh agus briogais-ghoirid dhearg air.

    Arkansas

    Tha britheamh feadarail air casg sealach a chur air lagh a dhèanadh e mì-laghail do leabhar-lannaichean agus reiceadairean-leabhair leabhraichean “cronail” a thoirt do mhion-aoisich.

    Tha luchd-taic Achd 372 ag argamaid nach bu chòir cothrom a bhith aig neach sam bith fo aois 18 air leabhraichean mu chuspairean LGDTC+.

    Chuir am Britheamh Timothy L. Brooks casg sealach air an lagh as dèidh do bhuidheann de leabhar-lannaichean agus reiceadairean-leabhair cùis-lagha a chuir air chois na aghaidh.

    Thuirt am Britheamh Brooks gu bheil earrannan de Achd 372 neo-chunbhalach agus neo-shoilleir agus mar sin nach gabh a chur an gnìomh gus an riaghal a’ chùirt air a’ chùis-lagha.

    Kentucky

    Tha Cùirt Ath-thagraidhean nan Stàitean Aonaichte airson an t-Siathamh Cuairte air riaghladh gum faod Stàit Kentucky a dhol air adhart le cur an gnìomh lagh a thoirmisgeas cùram-slàinte daingneachadh gnè do luchd òga san stàite.

    Tha an lagh cuideachd ag iarraidh air doctairean tòiseachadh air a bhith a’ cur euslaintich òga bhàrr leigheasan a leithid casgan inbhidheachd no brodagan sa bhad.

  • Cuairt-litir #25

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Eabhraig Nuadh

    Chaidh fireannach dubh gèidh, 28, a mhurt ann an Nuadh Eabhrac Disathairne.

    Thathar ag aithris gun robh O’Shae Sibley taobh a-muigh stèisean-peatrail oidhche Shathairne ’s esan agus na càirdean aige a’ dannsadh nuair a thòisich argamaid eatarra agus buidheann de dh’fhireannaich eile.

    Thilg iad tàthagan homafòbach air mus do shàth fear dhiubh e mun a bhodhaig.

    Chaidh a thoirt a dh’ospadal ach cha do mhàir beò e.

    Thathar ag aithris gu bheil an NYPD ga rannsachadh mar eucoir gràin.

    O'Shae Sibley
    Dealbh le Kemar Jewel air Facebook.

    Montana

    Tha britheamh ann am Montana air casg sealach a chur air lagh a chuireas casg air tachartasan drag san stàid.

    Chaidh bile HB359 a shoidhnigeadh ’na lagh le Riaghladair Grey Gianforte 22na den Chèitean, ach riaghail am britheamh Brian Morris Diciadain nach eil am mìneachadh a tha an lagh a’ cur air drag soilleir gu leòr agus mar sin dh’fhaodadh e a bhith air a chleachdadh gus casg a chur air iomadh seòrsa tachartais eile.

    Mairidh an casg sealach gu 6mh den Lùnastal, ach tha dùil gun ro-shuidhich am Britheamh Morris èisteachd eile mun a’ chùis.

    Mike Pence

    Tha Mike Pence, a tha a’ seasamh airson a bhith na Cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, air ràdh gu bheil e airson luchd tar-ghnèitheach a thoirmeasg bho bhith a’ frithealachadh anns na feachdan armaichte.

    Bha luchd tar-ghnèitheach toirmisgte bho seirbheis san airm rè linn Dhòmhnaill Trump ach thog Joe Biden an casg nuair a chaidh e na Cheann-suidhe san Fhaoilleach 2021.

    Astràilia

    Tha na Poilis ann an Sydney a’ sireadh fireannaich as dèidh dha dithis fhireannach a sàthadh le sgian-choille taobh a-muigh club-oidhche ann an sgìre LGDTC+ a’ bhaile Disathairne.

    Chaidh fireannach, 25, a thoirt a dh’ospadal as dèidh dha bhith air a sàthadh iomadh turas, ach thathar ag aithris nach eil e ann an cunnart a bheatha.

    Chaidh fireannach eile, 34, an-sàs agus chaidh a leòn mun a ghàirdean clì agus a làmh dheas.

    Theich an neach-amharais as dèidh na h-ionnsaighe ’s tha na Poilis ag iarraidh air neach sam bith aig a bheil fiosrachadh fònadh thuca air an àireamh fòn 1800 333 000.