• Cuairt-litir #36

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Alba

    Tha Poileas Alba air dearbhadh gun tèid aithisg a chur gu Neach-casaid a’ Chrùin an dèidh dhaibh casaid a chur às leth fhireannaich, 59, a dh’èigh “deviant” air Patrick Harvie grunn thursan fhad ’s a bha Mgr Harvie a’ dèanamh agallamh beò ris a’ BhBC.

    Canada

    Tha Riaghaltas Chanada air rabhadh a thoirt do Chanadaich 2SLGBTQI+1 a bhith faiceallach air laghan is poileasaidhean a dh’fhaodadh buaidh a thoirt orra nam biodh iad a’ siubhal gu cuid de stàitean anns na SA.

    1. 2S = Two-spirit (dà-spioradach – facal Tùsanach Aimeireaganach a tha a’ toirt iomradh air neach nach eil boireann no fireann. ↩︎

    Indeed

    Tha Indeed air ainmeachadh gun toir iad maoineachadh luach $10,000 do luchd-obrach tar-ghnèitheach nam biodh feum aca gluasad gu stàit eile gus cothrom fhaighinn air cùram-slàinte daingneachadh gnè.

    Astràilia

    Tha buidheann-riaghlaidh lùth-chleasachd Astràilia air stiùireadh ùr fhoillseachadh a cheadaicheas lùth-chleasaichean tar-ghnèitheach pàirt a ghabhail ann am farpaisean a co-fhreagaireas ris an dearbh-aithne gnè aca.

    Tha an stiùireadh ùr cuideachd a’ leigeil leotha seòmraichean-locair agus taighean-beaga a cho-fhreagaireas ris an dearbh-aithne gnè aca a chleachdadh.

    Uganda

    Tha na Poilis ann an Uganda air fireannach, 20, a chur an grèim fo chasaid “aggravated homosexuality”.

    Fo laghan ùra a chaidh a chur an gnìomh san dùthaich na bu tràithe air am bliadhna, dh’fhaodadh binn-bhàis a chur air neach sam bith a thèid a dhìteadh airson “aggravated homosexuality”.

    Fo na laghan ùra, dh’fhaodadh casaid “aggravated homosexuality” a chur air neach: nan rachadh an dìteadh grunn thursan airson a bhith ri feise cho-sheòrsach; nan sgaoileadh iad galaran gabhaltach feiseil; no nam biodh iad ri feise cho-sheòrsach le mion-aoisich, sean dhaoine, no daoine le ciorraim.

    Tha Reuters ag aithris gu bheil iad air an siota-casaid fhaicinn, gun robh am fireannach ri feise le fireannach eile, 41, ach chan eil fios aca carson a chaidh am fireannach a chur an grèim fo chasaid “aggravated homosexuality”.

    Nigeria

    Tha na Poilis ann an Nigeria air 67 neach a chur an grèim airson banais cho-sheòrsach a fhrithealadh.

    Chaidh pòsaidhean is aonaidhean-catharra co-sheòrsach a thoirmeasg san dùthaich ann an 2014 agus fon lagh dh’fhaodadh binn-phrìosain 14 bliadhna a chur air co-sheòrsaich, no 10 bliadhna air luchd-comainn.

  • Cuairt-litir #35

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Patrick Harvie

    Tha Poileas Alba air dearbhadh gu bheil iad a’ rannsachadh tachartais anns an deach beachdan homafòbach a dh’èigh air Patrick Harvie rè agallamh beò leis a’ BhBC.

    Pròis Mhoireibh

    Cuimhnichibh gun tèid Pròis Mhoireibh a’ cumail Disathairne 2na den Lùnastal aig Pàirc nan Granndach ann am Farrais.

    Faodar tiocaidean a cheannach an-seo no barrachd fhiosrachaidh mun tachartas fhaighinn air an làrach-lìn Pride in Moray.

    A’ Ghearmailt

    Tha Caibineat Feadarail na Gearmailte air reachdas a dhèanadh e nas fhasa do luchd tar-ghnèitheach, neo-bhìnearaidh agus eadar-sheòrsach an gnè aca atharrachadh ainmeachadh.

    Feumaidh pàrlamaid bhòtadh air fhathast, ach leigeadh an reachdas ùr inbheach a’ chiad ainm agus an gnè aca atharrachadh aig oifis chlàraidh às aonais pàipearachd sam bith a bharrachd.

    Bhiodh mion-aoisich nas sìne na 14 comasach air iarrtasan a chur a-steach nam biodh iad air cead fhaighinn bho na pàrantan aca no bho chùirt.

    Cuideachd, bhiodh pàrantan chloinne a tha nas òige na 14 comasach air tagraidhean a chur a-steach às an leth.

    Thuirt am buidheann-iomairt TGEU (Transgender Europe) gu bheil grunn phuingean san lagh fhathast a tha a’ cur dragh orra is iad air liosta de dh’atharrachaidhean fhoillseachadh air an làrach-lìn aca.

    Am measg nam molaidhean aca, tha iad airson:

    • cur às dhan riatanas airson ùine feitheimh 3 mìos as dèidh do thagraichean iarrtasan a chur a-steach;
    • cur às dhan riatanas a bhiodh air cloinne nas sìne na 14 air cead fhaighinn bho na pàrantan aca;
    • cur às dhan riatanas airson ùine feitheimh co-dhiù 1 bhliadhna mus ghabhadh atharrachadh a bharrachd a dhèanamh;
    • agus cur às dhan chlàs a bhiodh a’ leigeil le oifigich iarrtasan bho fhògarraich a dhiùltadh.

    A bharrachd air sin, tha an reachdas ag ràdh:

    • nach fhaod fireannaich an gnè aca atharrachadh gus seirbheis san arm a sheachnadh;
    • gum biodh saunathan bhoireannach comasach air tar-bhoireannaich a dhiùltadh;
    • agus gum biodh tar-fhireannaich fhathast air an cunntadh mar bhoireannaich gus cuòtathan cosnaidh boireannaich a choileanadh.

    Ionnsaigh ann an Leabanon

    Thug am buidheann fada deas Crìosdaidheachd, Jnoud El-Rab (Saighdearan Dhè), ionnsaigh air taisbeanadh draga anns an taigh-seinnse Madame Om ann an sgìre Mar Mikhael de Bheirut Diciadain.

    Thathar ag aithris gun deach ionnsaigh a thoirt air grunn phearsachan rè an tachartais a mhair mu uair a thìde mus do ruig na poilis.

    Thuirt sealbhadair a’ bhàr do dh’Amnesty International ge-tà nach do chur na Poilis stad air an ionnsaigh agus nach deach na h-ionnsaighearan a chur an grèim.

    Geama-bùird toirmisgte ann an Leabanon

    Tha Abbas Al-Halabi, Ministear Foghlaim Leabanon, air a’ gheama Snakes and Ladders a thoirmeasg air sgàth ’s gu bheil e a’ cleachdadh dàthan na brataich pròise.

  • Cuairt-litir #34

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Patrick Harvie

    Tha Co-cheannard Pàrtaidh Uaine na h-Alba, Patrick Harvie, air rabhadh gu bheil gràin co-sheòrsachd a’ dol an àirde an Alba as dèidh dha droch-bheul a fhulang

    Bha Harvie, a tha dà-sheòrsach, a’ dèanamh agallamh beò air naidheachdan BBC Scotland nuair a dh’èigh fireannach “deviant” air grunn thursan.

    Thuirt neach-labhairt nan Uaineach gun cuireadh iad fios mu na thachair do Phoileas Alba.

    Foghlam ion-ghabhalach

    Thathar ag aithris gur e Bun-sgoil Bhaile a’ Chaisteil ann an Caisteal Mheilc, Glaschu a’ chiad bun-sgoil san dùthaich gus curraicealam a tha ion-ghabhalach air cuspairean LGDTC+ a chur an-gnìomh.

    Dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba pacaid shònraichte de ghoireasan-teagaisg ann an 2019 gus cuspairean do chloinn de gach aois a dhèanamh nas ion-ghabhalaiche air dearbhan-aithne, cùisean agus eachdraidh LGDTC+.

    Georgia

    Tha britheamh feadarail ann an Georgia air casg sealach a chur air lagh a dhèanadh e mì-laghail cùram-slàinte daingneachadh gnè a-leithid casgan inbhidheachd a thabhann do mhion-aoisich san stàit.

    Uganda

    Tha neach-labhairt Poilis ann an Uganda air dearbhadh ris an Associated Free Press (AFP) gu bheil iad air ceathrar neach a chur an grèim fo amharas gun robh iad ri gnìomhachd feise co-sheòrsaich.

    Thathar ag aithris gun d’thug neach-fiosrachaidh fios dhan a’ Phoileas gun gnìomhachd feise co-sheòrsach a’ dol ann an salon suathaidh ann am Buikwe Disathairne.

    Chaidh co-sheòrsachd a dhèanamh mì-laghail san dùthaich sa Chèitean ’s dh’fhaodadh binn-bheatha, no fiù ’s peanas-bàis ann an cuid de chùisean, a chur air neach sam bith a thèid a dhìteadh.

    Ioràc

    Tha neach-poileataigs neo-eisimeileach air atharrachadh air an lagh a chur air adhart a dhèanadh co-sheòrsachd mì-laghail ann an Ioràc.

    Fo mholaidhean Raad Al-Maliki, dh’fhaodadh binn-bheatha, no peanas-bàis a chur air neach sam bith a thèid a dhìteadh airson a bhith ri feise cho-sheòrsach.

    A bharrachd air sin, dh’fhaodadh binn-phrìosain 7 bliadhna agus peanas-airgid mòr a chur air neach sam bith a bhrosnaicheas co-sheòrsachd.

  • Cuairt-litir #33

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    California

    Chaidh neach-bùtha fhaighinn marbh aig a’ bhùth aice, Mag Pi, ann an Cedar Glen, California Dihaoine.

    Thathar ag aithris gun deach Laura Ann Carleton, 66, a losgadh an dèidh argamaid mu bhratach pròise taobh a-muigh a’ bhùth aice.

    Theich an neach-amharais, ach chaidh a mharbhadh leis a’ Phoileas as dèidh dhaibh a lorg le gunna faisg air an làrach.

    Lurgan

    Tha na Poilis ann an Èirinn a Tuath air ràdh gu bheil iad a’ rannsachadh graffiti a tha air nochdadh ann an Lurgan mar eucoir-gràin.

    Thathar ag aithris gu bheil an graffiti, a leughas “No Irish, No Gay”, air a bhith a’ nochdadh ann an diofar àiteachan sa bhaile bho chionn 2021, agus gun deach bratach leis an aon shluagh-ghairm a chrocadh bho dhrochaid faisg air a’ bhaile air am M1 ann an 2018.

    Chaidh an graffiti a dhìteadh leis a’ Chomhairliche ionadail Peter Lavery, a sgrìobh air X (Twitter) gur e baile fàilteach in-ghabhalach a th’ ann an Lurgan agus gu bheil e air iarraidh gun tèid an graffiti a ghlanadh cho luath ’s a ghabhas.

    Dèarsaidh

    Chaidh binn phrìosain còrr ’s aon bhliadhna a chur air fireannach as dèidh dha fireannach eile a bhualadh agus a bhagairt le isneach AK-47 agus bèigneid.

    Thug Marcin Skalimowski, 41, ionnsaigh air an fhireannach neo-ainmichte 20mh den Mhàrt aig Bàr-fiona Naomh Sheumais ann an St. Helier o chionn ’s gun robh e dhen bheachd gun robh am fireannach gèidh.

    Chaidh Skalimowski a thilgeil a-mach às a’ bhar as dèidh dha am fireannach a bhualadh, ach thill e an dèidh 10 mionaid leis an airm.

    Chur am Bàillidh Sir Timothy Le Cocq binn phrìosain bliadhna air o chionn ’s gun robh arm aige agus binn cho-ruitheach trì mìos airson an ionnsaigh fhèin. Cuideachd fhuair e binn phrìosain trì mìos a bharrachd airson binn roimhe a bhriseadh.

    Tàileasg

    Tha Caidreachas Tàileasg Shasainn, Caidreachas Tàileasg na Fionnlainn Caidreachas Tàileasg na Gearmailte agus Caidreachas Tàileasg nan Stàitean Aonaichte uile air ràdh nach cuir iad casg air tar-bhoireannaich bho fharpaisean nam ban a dh’aindeoin poileasaidh ùr Caidreachas Eadar-nàiseanta na Tàileisg a tha ag iarraidh air tar-bhoireannaich farpais ann an roinn fhosgailte còmhla ris na fireannaich.

  • Cuairt-litir #32

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Cùis-lagha aithneachadh gnè

    Tha na carthannasan LGDTC+ Stonewall agus Scottish Trans agus an Institiud airson Rannsachadh Bun-reachdail agus Deamocratach air cead fhaighinn fianais sgrìobhte a chur a-steach dhan chùirt a bhios ag èisteachd ris a’ chùis-lagha an-aghaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba) a bhacadh.

    Dùn nan Gall

    Tha Tionscadal Oidhreachta LGBTQ+ Dhùn nan nGall air làrach-lìn ùr a chur air bhog gus eachdraidh LGDTC+ na sgìre a shoillseachadh mar phàirt de Seachtain Náisiúnta na Oidhreachta.

    Thuirt stiùirichean a’ phròiseact gum bu chòir do neach sam bith aig a bheil sgeulachd no rudeigin eile a dh’fhaodadh a bhith freagarrach airson a chur ris an cruinneachadh aca fios a chur thuca aig donegalllgbtqheritage@gmail.com no air an làrach-lìn aca.

    Na Stàitean Aonaichte

    Tha suirbhidh ùr a rinn am buidheann-rannsachaidh Community Marketing & Insights an com-pàirteachas leis an Human Rights Campaign air lorg gu bheil faisg air 80 sa cheud de luchd LGDTC+ sna Stàitean Aonaichte a’ faireachdainn neo-shàbhailte an-dràsta.

    Thuirt 94 sa cheud de luchd tar-ghnèitheach ’s neo-bhìnearaidh gu bheil iadsan a’ faireachdainn neo-shàbhailte mar thoradh air sreath de chasgan air cùram-slàinte daingneachadh gnè bho chionn ghoirid.

    Thuirt 43% den fheadhainn a ghabh pàirt san suirbhidh gu bheil na casgan seo air droch-bhuaidh a thoirt air an slàinte-inntinn aca

    Thuirt 53% gum biodh iad deònach gluasad gu stàit eile airson cùram-slàinte daingneachadh gnè fhaighinn agus thuirt 45% gum biodh iad fiù ’s deònach gluasad gu dùthaich eile.

    Atlanta

    Bhòt bòrd-sgoile ann an an Atlanta, Georgia 4-3 Diardaoin gus neach-teagaisg a chur às a dreuchd as dèidh dhi an leabhar My Shadow is Purple a leughadh ris an oileanaich ìre 5 aice.

    Thathar ag aithris gun deach Katie Rinderle a thoirt às an seòmar-teagaisg aice anns a’ Mhàrt as dèidh dhan sgoil gearan fhaighinn bho phàrant oileanaich gun do leugh Rinderle leabhar mu charactar neo-bhìnearaidh.

  • Cuairt-litir #31

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Lunnainn

    Tha Poileas a’ Mhet air dealbhan CCTV de dh’fhireannach a tha iad a’ sireadh an co-cheangail ri ionnsaigh air dithis fhireannach ann an Clapham Oidhche Shathairne a sgaoileadh.

    Chaidh na dealbhan a thogail bho CCTV air bòrd bus àireamh 50 ann an Thornton Heath aig 8.30f Disathairne – mu 2 uair air thoiseach air an ionnsaigh.

    Bu chòir do neach sam bith aig a bheil fios mun chùis fios a chur dhan Phoileas air 101 ’s àireamh CAD 7198/13Aug a thoirt seachad.

    No faodar fios gun urra a chur gu Crimestoppers air 0800 555 111.

    • Fireannach ga shìreadh leis a' Phoileas
    • Fireannach ga shìreadh leis a' Phoileas
    • Fireannach ga shìreadh leis a' Phoileas

    Carragh-chuimhne an Olocoist

    Tha Seirbheis Tèarainteachd na Gearmailte a’ rannsachadh mar a chaidh carragh-chuimhne do dhaoine co-sheòrsach a dh’fhulaing geur-leanmhainn nan Nàsach air a mhilleadh Disathairne.

    Chaidh an carragh-chuimhne “Denkmal für die im Nationalsozialismus verfogten Homosexuellen” a nochdadh ann an 2008 ann am Pàirc Tiergarten, Berlin.

    Am-broinn an carragh-chuimhne tha fosgladh anns a chìthear bhideo de chàraid co-sheòrsach a’ pògadh.

    Thathar ag aithris gun deach nì lasrachd a thilgeil air a’ charragh-chuimhne, ach nach do las e. An dèidh sin chaidh postairean le às-earrannan Bìoballach a chur suas air a’ charragh-chuimhne mus do theich am milltear.

    Denkmal für die im Nationalsozialismus verfolgten Homosexuellen
    Denkmal für die im Nationalsozialismus verfolgten Homosexuellen. Dealbh le Times air Wikipedia.

    Tàileasg

    Tha Caidreachas Eadar-nàiseanta na Tàileisg air tar-bhoireannaich a thoirmeasg bho fharpaisean nam ban mar thoradh air draghan gum faodadh buannachd mì-chothromach aca.

    Dh’ainmich iad cuideachd gum bi aig tar-fhireannaich air duais sam bith a bhuannaich iad mar bhoireannaich a thoirt air ais.

    Thèid na riaghailtean ùra a chur an gnìomh 21d den Lùnastal.

    Gleann Murrieta, California

    Tha sgìre-sgoile ann an taobh siar-dheas Chalifornia air bhòtadh gus innse do phàrantan oileanach ma thigeas iad a-mach mar thar-ghnèitheach no neo-bhìnearaidh aig an sgoil.

    Bhòt buill bòrd-sgoile Gleann Murrieta 3-2 airson a’ phoileasaidh ùr a chur an-gnìomh.