• Cuairt-litir #7

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Alba

    Chàin Kevin Stewart, Ministear na Còmhdhalach is BPA airson Obar Dheathain Meadhain, an t-amaideas homafòbach a fhauir e air na meadhanan sòisealta as dèidh dha postadh mu Ghrampian Pride air an deireadh-sheachdain.

    Bha Ministear an SNP am-measg nam mìltean a bha an làthair aig an tachartas pròise an Obar Dheathain Disathairne.

    Thuirt e gum feum na lìonraidhean sòisealta barrachd a dhèanamh gus stad a chur air giùlan uabhasach mar seo.

    Uganda

    Tha Ceann-suidhe 𝗠𝘂𝘀𝗲𝘃𝗲𝗻𝗶 air bile an-aghaidh co-sheòrsachd a shoidhnigeadh ‘na lagh ann an Uganda.

    Fon lagh ùr thèid binn-bheatha a chur air duine sam bith a thèid a dhìteadh de cho-sheòrsachd.

    A bharrachd air sin, thèid binn-bhàis a chur air neach sam bith a thèid a dhìteadh airson “aggravated homosexuality” – ionnsaighean dhrabasta air daoine nas òige na 18, no cùisean anns a bheil cuideigin air an galarachadh le HIV.

    A’ Phòlainn

    Thathar ag aithris gun deach boireannach a losgadh na ceann le gunna BB fhad ‘s a bha i a’ gabhail pàirt ann an caismeachd airson co-ionnannachd LGDTC+ anns a’ Phòlainn air an 20mh den Mhàrt.

    Dh’fhuiling i mion-leòntan mu a ceann agus chaidh innse dhan Phoileas.

    Iapan

    Tha cùirt ann an Sgìre Nagoya, Iapan air riaghladh gu bheil an casg a th’ air pòsadh aon-sheòrsach san dùthaich neo-bhun-reachdail.

    Ach ged is e seo an dàrna chùirt Iapanach gus an co-dhùnadh seo a ruighinn, tha dà chùirt eile san dùthaich air riaghladh ann am fàbhar a’ chaisg.

    Tha pòsadhean aon-sheòrsach air an aithneachadh anns a h-uile dùthaich G7 ach Iapan.

  • Cuairt-litir #6

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    LGBT Youth Scotland

    Tha an carthannas LGBT Youth Scotland air Twitter fhàgail is draghan aca mu sàbhailte na coimhearsnachd LGDTC+ bho chionn gabhail-thairis an lìonraidh ann an 2022.

    Thuirt an Dr Mhairi Crawford gu bheil iad a’ faicinn àrdachaidh draghail ann am beachdan anabharrach agus ionnsaighean air buill a’ choimhearsnachd LGDTC+ is air a’ charthannas aca fhèin cuideachd.

    Gabhaidh iad fhathast a lorg air Facebook, Instagram, LinkedIn agus an làrach-lìn aca.

    Rothaireachd

    Tha British Cycling air casg a chur air lùth-chleasaichean tar-ghnèitheach bho farpaisean nam ban.

    Thuirt am buidheann-riaghlaidh gun robh an co-dhùnadh aca stèidhichte air “cothromachd”.

    Fon phoileasaidh ùr aca, feumaidh lùth-chleasaichean tar-ghnèitheach farpais ann an roinn fhosgailte còmhla ris na fireannaich.

    Iowa

    Chaidh lagh a shoidhnigeadh le Riaghladair Iowa, Kim Reynolds, Dihaoine a chuireas casg air teagasg cuspairean co-cheangailte ri dearbh-aithne gnè agus taobhadh feise do chloinne eadar aois 5 agus 12.

    Tha an lagh cuideachd a’ cur air rianairean-sgoile fios a leigeil do phàrantan ma dh’iarras sgoilear ainm no riochdairean pearsanta diofraichte a chleachdadh.

    A bharrachd air sin, tha an lagh a’ leigeil le pàrantan iarraidh leabhraichean is stuthan-teagaisg a thoirt a-mach às an t-seòmar-teagaisg.

    Tha e a’ tighinn as dèidh gun do shoidhnig i dà lagh cheannsachail eile sa Mhàrt – Senate File 538 a chur cas air cùram-slàinte daingneachaidh gnè do dhaoine sam bhith fo aois 18 agus Senate File 482 a chur casg air sgoilearan tar-ghnèitheach bho bhith a’ cleachdadh an taighe-bhig a cho-fhreagaireas ris an dearbh-aithne gnè aca.

    Cìopras

    Bhòt Pàrlamaid Chìopras Diardaoin gus teiripe iompachaidh a dhèanamh ‘na eucoir.

    Bidh daoine sam bith a thèid a dhìteadh air a shon buailteach do binn phrìosan dà bhliadhna agus/no peanas-airgid suas ri €5,000.

  • Cuairt-litir #5

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Ron DeSantis

    Tha Ron DeSantis, Riaghladair Fhlorida, air ainmeachadh gun sheas e airson a bhith na Cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte ann an 2024.

    Chaidh DeSantis na Riaghladair Fhlorida ann an 2019 agus e air a bhith a’ toirt ionnsaigh air còraichean na coimhearsnachd LGDTC+, nam ban agus nam mion-shluaghan cinnidheach bhon uair sin.

    Tha buidhnean a leithid Equality Florida, Human Rights Campaign agus NAACP air rabhadh a thoirt do luchd-tadhail o chionn ghoirid gu bheil an stàit a-nis nàimhdeil do dhaoine LGDTC+ agus dhaoine dhubha.

    Louisiana

    Bhòt Seanadairean ann an Louisiana Diciadain an-aghaidh bile a chuireadh casg air cùram-slàinte daingneachadh gnè do dhaoine fo aois 18.

    Chall am bile le ach .aon bhòt as dèidh gun do bhot aon sheanadair Phoblachdach na h-aghaidh còmhla ris na seanadairean deamocratach gu lèir.

    Thuirt Seanadair Fred Mills gu bheil e a’ cur earbsa ann an dotairean an co-dhùnadh as fheàrr a dhèanamh dha na euslaintich aca.

    Montana

    Tha Riaghladair Mhontana, Greg Gianforte, air bile a shoidhnigeadh a mhìneachas “gnè” gu laghail mar bhìnearaidh eadar boireannach no fireannach ‘s a dhùineas a-mach daoine neo-bhìnearaidh ‘s tar-ghnèitheach.

    A’ Phòlainn

    Tha Mikołaj Pawlak, Coimiseanair airson Còraichean Chloinne Phòlainn, air gairm airson sgrùdadh a dhèanamh air sgoiltean a tha càirdeil ri dhaoine LGDTC+ gus “eucoirich agus spùinneadairean-cloinne” a sireadh.

    Tha e a’ tighinn as dèidh gun deach liosta de na sgoiltean as in-ghabhalaiche air an dùthaich fhoillseachadh na bu tràithe air a’ mhìos ‘s nochd àrd-sgoil Collegium Gedanense ann an Gdańsk aig mullach an liosta.

    Chaidh an liosta, a tha stèidhichte air bhòtaichean nan sgoilearan, a thòiseachadh le Dominik Kuc ann an 2018 gus cothrom a thoirt do dh’oileanaich air sgoil “fosgailte agus ceadach” a lorg.

    Romàinia

    Tha an ECHR (Cùirt Eòrpach nan Còraichean Daonna) air riaghladh gum feum Romàinia càraidean aon-sheòrsach aithneachadh.

    Thàinig an co-dhùnadh as dèidh gun tug aon chàraid air fhichead cùis-lagha an-aghaidh na dùthcha.

    Co-dhùin an EHCR gun robh an dùthaich air Artaigeil 8 de Chunnradh an Aonaidh Eòrpaich a briseadh le bhith a’ diùltadh aithneachadh laghail do dh’aonaidhean-catharra.

    EuroPride 2023

    Chaidh ainmeachadh gum bi Christina Aguilera na prìomh sheinneadair aig EuroPride 2023.

    Thèid EuroPride na bliadhna seo a chomharrachadh ann an Valleta, Malta le sreath de thachartasan eadar 7mh agus 17mh den Sultain ‘s caismeachd pròise agus consairt air an 16mh.

    Dh’ainmich an ILGA Malta na dùthaich as càirdeil do dhaoine LGDTC+ san Roinn Eòrpa airson an ochdamh bliadhna leantainneach na bu tràithe air a’ mhìos seo – thùit An RA gu àireamh 17.

  • Cuairt-litir #4

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Rugbaidh nam Bàn

    Tha cluicheadair rugbaidh tar-ghnèitheach air mìltean a thogail gus cùis laghail a thoirt an-aghaidh an RFU (Aonadh Ball-coise Rugbaidh) airson casg a chur air tar-bhoireannaich bho fharpaisean nam ban.

    Thuirt Julie-Anne Curtiss ri ESPN san t-Sultain 2022 gu bheil an casg a’ toirt buaidh mhòr air an slàinte-inntinn aice agus aig cluicheadairean tar-ghnèitheach eile agus i a-nis air maoineachadh de £6,585 a thogail air an làrach-lìn Crowd Justice gus cùis-lagha a thoirt ‘na aghaidh.

    Florida

    Tha buidheann, a tha air a dhèanamh suas le Penguin Random House, ùghdarran, pàrantan agus buidheann saor-labhairt, air cùis-lagha a thogail an-aghaidh Escambia County School District agus Escambia County School Board ann am Pensacola, Florida mar thoradh air casg air leabhraichean co-cheangailte ri cuspairean cinnidh agus LGDTC+ ann an leabhar-lannan sgoile.

    Siubhal gu Florida

    Tha NAACP (National Association for the Advancement of Colored People) air rabhadh a thoirt do dhaoine a tha a’ planaigeadh siubhail gu Florida ‘s iad ag ràdh gu bheil an stàit nàimhdeil do dhaoine dhubha agus daoine LGDTC+.

    Nebraska

    Bhòt luchd-lagha ann an Nebraska 33-15 Dihaoine gus casg a chur air cùram-slàinte gnè do dh’òigridh thar-ghnèitheach agus casgan-breith as dèidh deich seachdain.

    Meagsago

    Tha Meagsago air a’ chiad cead-siubhail neo-bhìnearaidh a thoirt a-mach.

    Fon phoileasaidh ùr faodaidh do dhaoine neo-bhìnearaidh an gnè a chlàradh mar “X” an àite a bhith taghadh eadar boireannach no fireannach.

    Tha a’ ciallachadh gu bheil Meagsago air tighinn na siathamh dùthaich deug san t-saoghal gus aithneachadh laghail a thoirt do dhaoine neo-bhìnearaidh.

  • Balach-sgoile air a dhroch leòn ann an Èirinn

    Tha na Gardí ann an Navan, Contae na Mí, air dearbhadh gun deach còignear deugaire a chaidh a chur an grèim as dèidh ionnsaigh air balach-sgoile gèidh, 14 bliadhna a dh’aois, an saoradh gun chasaid.

    Chaidh bhideo den ionnsaigh a cho-roinneadh fad is farsaing air Twitter.

    Thathar ag aithris gun deach am balach a dhroch leòn mun aodann ‘s a cheann agus gun deach a cholann a leòn cuideachd.

    Thuirt na Gardí gu bheil iad fhathast a’ rannsachadh na h-ionnsaigh ‘s iad ag iarraidh air neach sam bith aig a bheil fios mu a deidhinn fios a chur gu Stèisean Garda Nevan air 046 9079930 no fios dìomhair a chur thuca air 1800 666 111.

    Tha Bile Eucoirean Gràin a’ dol tro Phàrlamaid na h-Èireann an-dràsta, ach cha deach a dhèanamh na lagh fhathast.